Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » December 1903 » Searmon leis an Urr. Archd. Cook a Bha ‘n Deimhidh (An dara cuid de’n t-searmon.)

Searmon leis an Urr. Archd. Cook a Bha ‘n Deimhidh (An dara cuid de’n t-searmon.)

II. ‘S E an dara ceann, cuid de nithibh a tha milis do’n anam agus ag aobharachadh gu’m b fhearr leis “bhi dorsaireachd” ann an tigh a Dhe na bhi chomhnuidh ann am pailliunaibh nan aingidh.

Thusa, anam bhochd, ma tha an Tighearn a’ glanadh do chail gu sin, togaidd E fathasd thu gu àite’s airde na dorsair. ‘Nuair a chi sinn aon a’ tighinn gu bhi ‘gradhachadh comunn pobull Dhe agus meadhonan nan gras bidh duil againn gu’m faic sinn e a’ tighinn gu dearbhachd air tearuinteachd a staid. ‘Nuair a chi sinn aon a’ tighinn fo churam agus gun a chàil air a glanadh cha bhi duil againn gu’n tig e gu ni air bith. Tilgidh e dheth an curam- Cha-n e am beachd a bha aig duine air ‘anam a bhios aige ‘nuair a dh’ fhosglas an Spiorad Naomh dha a’ cheisd, “Ciod an tairbhe a ta ann do dhuine ged chosnadh e an saoghal uile, agus ‘anam fein a chall?” Tha mi a’ smuaineachadh, ‘nuair a thainig an Tighearn dh’ ionnsuidh an duine gu’n do chuir E an saoghal agus a h-uile ni mar ann an sligean agus gu’n robb an t-anam na bu truime na sin uile. Thusa, dh’ ionnsuidh an tig E mar sin, cha bhi mor ghaol agad do phailliunaibh nan aingidh. Ciod e an ni a’s truime a fhuair thu riamh? Ma mhinich an Spiorad Naomh anam dhuit ‘s e sin e. Tha e cho trom’s nach cumadh na bha dh’ ainglibh ann an gloir suas e. Tha thu ‘n sin agus thug E curam saoghalta dhuit, ach an d’ thug E curam anama dhuit? ‘Sann do chuspairean a ghaoil a tha E a’ toirt sin agus’s iadsan a tha ‘gradhachadh a bhi mu dhorus tigh Dhe. Ach ciod e sin, tigh Dhe? ‘Ne clach is aol? Cha-n e ach meadhanan. Dhe agus comunn pobull Dhe. Nis ‘n ann am pailliunaibh nan aingidh a gheibh e sin? Feudaidd biadh is aodach bhi aige an sin, gidheadh falamhachd. Ciod e a ni na nithe sin da. Cha dean ni. B’ fhearr leis bhi ‘dorsairsachd ann an tigh a Dhe. Dh’ fheudadh tu ‘fhaicinn a’ tighinn e shearmon o’ gul. C’airson? Cha d’ fhuair e Dia. Bidh eagal air na creutairean sin gu’n tig am bas orra agus iad aineolach air Dia. Tha fhios aca gu’n toireadh foillseachadh spioradail de Chriosd an gath as a’ bhas. Tha eagal orra, agus fios aca mur fhaigh iad san agus blasad air maitheanas peacaidd anns an t-saoghal nach fhaigh gu siorruidh. Tha thu ann an sin a b’ abhaist a bhi ‘cunntadh co fhad ‘s a bh’ agad gu bhi beo. math dh’ fheudta tri fichead bliadhna’s a deich. Ach ciod a thainig ort o’n uair sin? Thainig, nach robb agad ach an anail a bha thu ‘tarruing. ‘S ann an sin a thuig thusa na briathan, “B’ fhearr leam bhi ‘dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhuidh ann am pailliunaibh aingidheadh.” O pheacaich bhochd, tha am peacadh gle shocrach dhuit an diugh. Ach thoir an aire. Gheibh thu sealladh eile dhe anns a’ bhith-bhuantachd. Tha aon pheacadh uamhasach ‘nuair a bhios e air ‘fhosgladh, ach ciod e sin ‘nuair a gheibh an creutair iad cho lionmhor mar fheur na macharach? Ann an sin sguiridh an creutair dhe peacadh ged a bhiodh e dha mar laimh dheis no mar shuil dheis. Tha an diugh doighean ùr aca air peacaidhean a threigisinn. Gabhaidh iad pledge, ach cha-n ‘eil sin ach bhi ‘cur fainne ann an sròin muice. Ach na creutairean so ged a bhios iad a’ sgrur dhe’n pheacadh o’n leth mach, gidheadh gheibh iad e ‘san leth stigh; tha so ‘g am fagail ‘nam peacaich mhor a’ feitheadh an Tighearn a tha comasach air cruthachadh nuadh a dheanamh annta. Cha dean ni ‘is lugha feum dhoibh. Tha cuid de chreutairean bochd ‘nam faireachadh cho ciontach ris an neach ‘tha ‘dol dh’ ionnsuidh na croiche. Cha-n e creutairean breagh geal le’m bu mhath bhi ‘nan dorsairean. Ach an so sguiridh an creutair bhi ‘g iarruidh nithe mora dha fein. Caillidh e a dhanachd nam biodh neach dhuibh aig an ordugh an so tha mise cinnteach nach biodh e dulich a leabaidh dheanamh, bhiodh e toilichte ann an cùil na moine. Ach cha-n ‘eil na h-uile mar sin. Chunnaic sinn seann daoine is seana mhnathan agus nam foighnicheadh tu, co an tigh agus ciod am biadh a bh’ aca, dh’ innseadh iad. Ach foighnich an text agus ‘s e their iad, “Gu dearbh cha-n ‘eil cuimhne agam.” ‘S e sin madraidh de luchd-aideachaidh, cuimhnichidh iad am bru ach cha chuimhnich iad an text.

Bidh na creutairean bochd so a’ call an danachd. Agus an so thig beachdan ùr air trocair a stigh, ‘nuair a tha an Spiorad Naomh a’ toirt soluis air morachd Dhe agus a chomhfhulangas, ach sin fad as. Gu sin ni urnuigh bheag air maduinn ‘s air feasgar an gnothuch agus bidh iad diadhaidh gu leor, ach an so bidh foillseachadh air a thoirt dhe sin agus mar sin bidh an creutair a’ basachadh do’n t-seann chumhnant. Leagaidh cionta air a choguis an creutair gle iosal, agus an sin tuigidh e nadur briathran a’ chismhaoir, “A Dhia, dean trocair ormsa a ta ‘m pheacach,” agus a’ bhean leis am bu mhaith an spruileach a bha ‘tuiteam o bhord na cloinne. Thusa a ta mar sin tuigidh tu na briathran so, “B ‘fhearr leam bhi ri dorsaireachd an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd. Chuala sinn luchd-aidich ag radh, nam faigheadh iad trocair aig a bhàs gu’m biodh iad sona. Tha sin ‘na dhearbhadh nach d’ thainig an anam riamh gu bhi ‘na churam dhoibh. Cha-n e an aon bheachd a bha aca air trocair a bhios aig an anam air dha bhi air a thoirt beo gu spioradail. Chi an t-anam so nach e ‘urnuigh no a dheoir o’m bheil trocair, gur e th’ ann gniomh saor ard-uachdranachd ann an Dia. ‘Sann an sin a bhios an creutarr toileach bhi mar chiu fo bhord a mhaighstir agus “b fhearr leis bhi ri dorsaireachd ann an tigh a Dhe na bhi ‘na chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd.”

(Tha searmon eile air a’ cheann so.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice