Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1904 » February 1904 » Searmon: “Cha bhi mise maille ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as ‘ur measg.”—Ios. vii. 12

Searmon: “Cha bhi mise maille ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as ‘ur measg.”—Ios. vii. 12

LEIS AN URR. ARCHD. COOK A BHA ‘N DEIMHIDH.
May 26th, 1861.

THUSA anns nach ‘eil eagal gu’n caill thu lathaireachd Dhe bidh siorruidheachd uamhasach agad as easbhuidh. C’airson nach ‘eil eagal anns an t-saoghal gu,n caill iad lathaireachd an Tighearna? Do bhrigh nach do shealbhaich iad ‘fhabhar riabh. Bha an creutair air a ghintinn sgarachte o lathaireachd Dhia agus cha d’ ionndruinn e riabh E. Ach cha-n e so siorruidheachd. ‘Nuair a theid d’anam a sgarachadh o’n chorp agus thusa dealaichte o Dhia gheibh an t.anam siorruidheachd gu smuaineachadh air do chall. Tha d’anam an diugh air a ghnathachadh mu na nithibh a bhuineas do’n chorp. Ach ‘nuair a theid dealachadh eadar an t.anam agus an corp gheibh thu siorruidheachd gu smuaineachadh air do chall.

Bha clann Israel ann an so air dol thar Iordan a shealbhachadh tir a’ gheallaidh. ‘Nuair a thuit Iericho bha buaidh aca air an naimhdibh ‘s cha-n ‘eil teagamh nach d’ fhag sud iad ni-eigin ladarna. Cheadaich an Ard-uachdaranachd do’n chreutair bhochd so (Achan) peacachadh. Thainig iad gu bhi ‘nan sluagh mallaichte agus dh’ fhag E iad dhoibh fein. Thionndaidh iad an cul r’an naimhdibh a chionn gu’n robh iad mallaichte. Nis, ciod an annhuinneachd a dh’ oibrich sin ann an sluagh Dhe?

Ann an eaglais an Tionnaidh Nuaidh tha sinn a’ leughadh air gniomh sanntach Ananais agus Shaphira agus mar a sgrios Dia sin a’eaglais. “Thainig eagal mor air an eaglais uile agus air na h-uile a chuala na nithean so.” Agus ciod a leanas? “Cha robh chridhe aig aon de chach e fein a cheangal riu ach bha mor mheas aig a’ phobull orra,”

Iarraidh sinn a nis bhi ‘nochdadh o na briathriabh so,

I. Gu’m feud an Tighearn an eaglais fhaicsinneach fhagail agus a radh, “Cha bhi mise maille ribh tuilleadh;”

II. Cuid de nithibh airson am bheil an Tighearn a’ treigsinn ‘eaglais fhaicsinneach;

III. Mar a tha na nithe sin gu bhi air am faotainn a mach agus gu bhi air an sgrios, “Cha bhi mise maille ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as ur measg.”

Faic, co luath ‘s a bha an ni mallaichte air a sgrios mar a phill an cumhachd agus a thainig e’g an ionnsuidh. Tha moran ag radh gu bheil iad a’ cleachdadh nam meadhanan agus nach ‘eil iad a’ faireachadh cumhachd no lathaireachd Dhe annta. Thusa, a tha mar sin tha aobhar eagail gu bheil ni mallaichte agad agus co fhad ‘s a dh’ altrumas tu sin gu la do bhàis cha tuig thu cumhachd anns na meadhanan.

Feudaidh an Tighearn ‘eaglais fhaicsinneach fhagail agus a radh, ‘cha bhi mise maille ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as ‘ur measg’. ‘S ann e dhoimhneachd ‘arduachdranachd a bha e gu’n do chuir an Tighearn sluagh air bith air leth dha fein mar eaglais. Tha e air a radh ri Israel, ‘cha do ghradhaich an Tighearn sibh ni mo a thagh E sibh a chionn gu’n robh sibh ni bu lionmhoire na sluagh sam bith eile; oir is sibh bu teirce de gach uile shluagh; ach a chionn gu’n do ghradhaich an Tighearn sibh, agus a chum gu’n gleidheadh E na mionnan a mhionnaich E d’ ur n aithrichibh, thug an Tighearn mach sibh le laimh chumhachdaich agus a shaor E thu a tigh nan trailllean a laimh Pharaoh righ na h-Eiphit.’

B’ aithne dha truaighe na staid dh’ ionnsuidh an do thuit an duine agus ‘s ann o ghaol ann fein a dh’ eirich e gu’m foillsicheadh E a ghaol. “An trà ghabh mise seachad dluth dhuit agus a chunnaic mi thu salach ann ad fhuil fein, thubhairt mi rint agus thu ann ad fhuil, mair beo; seadh, thubhairt mi ruit agus thu ann ad fhuil, mair beo.” Rinn E so ann an rathad do’n eaglais fhaicsinnich agus mur robh ni innte gu sin a tharruing a mach nach ‘eil E cho saor gu a fagail?

Feudaidh mi radh gur ann o dhiomhaireachd saor ghras ann fein a shruth e, oir cha robh sonas Dhe a’ cur feum air an duine, bha E uil’ iomlan ann fein e shiorruidheachd. ‘Nuair a chruthaich E an duine cha robh ann ach foillseachadh dhe ni a bha ann fein mu’n robh an saoghal ann. Dh’ fheudadh E a ghloir fhoillseachadh ann an toirt pheacach a ris air an ais: ach mu’n comasach am peacach aon smuain mhaith a smuaineachadh feumaidh an Cruithear cruthachadh nuadh a dheanamh anns an anam. Mar sin ‘s ann o dhoimhneachd saor ghras a ta e gu bheil an Tighearn a’ cur air leth aon air bith dh’ an deanadh E e fein aithnichte anns an t-saoghal. Thusa, nach do smuainich riamh air sin cha-n iongantach ded a gheibheadh tu ifrinn theth agus gheibh thu sin.

‘S iongantach, mar tha Dia a’ giulan le ‘eaglais fein ‘nan salchar oir tha am peacadh cho fuathach na lathair Dhe ‘s a bha a’ cheud pheacadh a chaidh a ghniomhachadh anns an t-saoghal. Cha-n ‘eil peacadh eile aig nach ‘eil aonadh ris a’ pheacadh ud airson an do chaill an duine naomhachd agus gloir. Their moran gu h-eutrom, “co nach ‘eil a’ peacachadh?” Ach minichidh siorruidheachd peacadh dhoibh fathasd. ‘S e fad fhulangas iongantach ann an Dia a tha ‘giulan le creutair a’ peacachadh. Tha E a’ labhairt air ‘fhad-fhulangas ri ‘eaglais agus mar gu’m biodh E direach a’ togail a laimh gu’n sgrios ach air sgath gloir ‘ainne fein tha E’g an caomhnadh, “Is mise Iehobhah, cha chaochail mi, air an aobhar sin cha-n ‘eil sibhse, o chlann Iacoib air ‘ur sgrios. Eadhon o laithibh ‘ur n.aithrichean chlaon sibh o m’ reachdaibh-sa agus cha do choimhid sibh iad.” “Cionnus a bheir mi thairis thu, o Ephraim? Cionnus a bheir mi seachad thu, o Israel? Cionnus a ni mi thu mar Admah? a chuireas mi thu mar Sheboim? Tha mo chridhe an taobh a sìgh dhiom air tionndadh, tha m’ aithreachais air lasadh le cheile, cha chuir mi ‘n gniomh mo dhianchorruich, cha phill mi a mhilleadh Ephraim, oir is Dia mise agus cha duine.” Tha so direach mar gu’m biodh cogadh ann an Dia os an cionn, a cheartas ag agairt an gearradh as agus ‘fhad-fhulangus agus a throcair ag iarraidh an tearnadh. Ach o! c’áite am bheil iad an diugh a tha ‘gal os cionn mar a tha sin? An iongantach ged a thireadh E, “cha bhi mise maille ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as ‘ur measg?” A ris tha E a’ labhairt mar gu’m biodh E a’ fas sgith dhe ‘eaglais, “Ciod a ni mi ruit o Ephraim? Ciod a ni mi rintsa, o Iudah? oir tha ‘ur maitheas mar neul maidne agus mar an druchd moch a shiubhlas air falbh.” Feudaidh mi radh airson ‘eaglais fhaicsinnich gu’m feud croich tighinn air a mhaitheas agus ‘fhad-fhulangas Thainig croich orra do’n t-seann saoghal, “agus thubhairt an Tighearn, cha bhi mo Spiorad a’ stri ris an duine a gnuàth.”

Bha ‘fhad-fhulangas direach mar gu’m biodh storas ann a bhiodh a’ caitheamh a mach. Ach airson cuspairean a ghaoil shiorruidh cha tig croich air, cha-n e storas a th’ ann doibh ach cuan neo-chrioch-nach. “Oir dealaichidh na sleibhtean ri’m bunaitibh agus athar-raichear na beanntan as an aite, ach cha dealaich mo chaoimhneas riutsa, agus cha-n atharraichear coimhcheangal mo shith, deir an Tighearn aig am bheil truas dhiot.”

Feudaidh mi radh gur ann air a thoillteanas fein a tha e gu bheil Criosd a’ fantuinn anns an eaglais fhaicsinnich agus gu’m bi a ghloir air a h-ardachadh tre’n t-siorruidheachd ann. Bidh iongantas air na h-ainglibh ‘nuair a bheir Dia gu solus mar a bhuiu E ris an dream a bhiòs air an laimh chli. ‘S iomadh brosnuchadh a thug an creutair do Dhia mu’n d’ thug E an gnoc mu dheireadh do’n anam agus gu’n d’ thug E thairis e do chruas cridhe. Ach tha cuid ann do’n tabhair E an gnoc mu dheireadh ‘s ris an abair E, “Cha bhi mise maille ribh tuilleadh.” Nis ‘s e truaighe nan truaighe gu’m fagadh an Tighearn sluagh no creutair air bith. Cha’n ‘eil ni anns an t-saoghal a bu choir a leithid a dh’ eagal a chur air aon ri sin, gu’n treigeadh an Tighearn e.

Ma tha an Tighearn aig neach tha comhfhuetachd aige ann an cor air bith anns am feud e bhi. ‘S e an Cruithear ughdair a h-uile comhfhurtachd a tha creutair a’ sealbhachan. Ma tha Dia aig neach, cionnus is comasach e bhi truagh? Tha sinn a’ leughadh air aon aig nach robh comhfhurtachd ach na madraidh agus leis am bu mhiann a bhi air a shasuchodh leis an spruileach a bha ‘tuiteam a bhord an duine shaoibhir, gidheadh cha-n ‘eil sinn a’ leughadh air aon smuain mhomhor a bhi aige. Tha sinn a’ leughadh air dream a dh’ fhuiling call nan uile nithe agus a ghabh le luathghair ri creachadh am maoin, seadh, a shabhadh as a cheile, a bha ‘nam fogaraich ann am fasaichibh agus ann an slochdaibh na talmhainn, dream air nach b’ airidh an saoghal. Gidheadh cha-n ‘eil sinn a’ leughadh air aon mhomhor. C’airson? Bha fios aca annta fein gu’n robh Dia aca mar an cuibhrionn spioradail. Nam biodh esan uatha ged a biodh an saoghal uile aca ciod a bhiodh ann ach plaosgan agus falamhachd?

‘S e an Tighearn aon didean a’ chreutair. Ged a bhiodh carraig agad co ard ris na neamhan cha-n fholaich sin thu o choguis chiontacich agus a do pheacaidhean a bhi mar ghathaibh teine ann ad anam. Ach bidh an duine so “mar ionad-fasgaidh o’n ghaoith agus mar dhidean o’n doinninn, mar shruthaibh uisge ann an aite tioram, mar sgàile creig moire ann an tir airsnealaich.” Agus “tha amhainn ann le sruthaibh seimh, ‘ni caithir Dhe ro ait,” is “Dia ‘na meadhon innte steach, mar sin cha ghluaisear i.” “Is tur laidir ainm an Tighearna.” Nis nach truagh an creutair no an sluagh ris an abair E, “Cha bhi mise maillle ribh tuilleadh.”

‘S e an Tighearn millseachd a h-uile comhfhurtachd a ta an creutair a’ sealbhachadh air an talamh. Ciod a chuir comhfhurtachd ann? Nach e an Ti a chruithaich e? Agus ma dh’ fhagas esan e c’aithe am bheil a’ chomhfhurtachd no a’ millseachd ann an ni air bith? Am bi ann ach falamhachd ‘mo chairdean? ‘S e Dia millseachd nam flaithneas; fagadh E flaithneas agus fagaidh comhfhurtachd, fagaidh beatha, fagaidh millseachd agus gaol na flaithneas. Thusa, aig nach ‘eil ach an saoghal, cha-n ‘eil agad ach falamhachd, cnamhean tioram, agus plaosig. Thusa, a ta ‘gabhail ni air bith thairis air solus do choguis, cha shealbhaich thu Dia ann an sin gu brath. “Cha bhi mise maillle ribh mur sgrios sibh an ni mallaichte as ‘ur meas.” Cha-n e a mhain gur e Dia millseachd nam flaithneas ach ‘se anam an anama e, “anam do cholmain na toir suas do chuideachd mhoir nan daoir,” do’n fhiadh-bheathach; ‘s e sin siol grais anns an anam agus bha an t-Abstol a’ guidhe gu’n gabhadh Criosd comhnuidh ‘nan cridhe tre chreidimh. Thusa, aig nach ‘eil Criosd, am bheil agad ach falamhachd? Ach c’aithe am bheil an gal airson na falamhachd so? Faic an diugh, airson a h-uile h-aon a gheibh thu a’ gal airson a bhi dh’ easbhuidh lathaireachd Dhe gheibh thu a dha dheug ‘nan codal. ‘Nuair a ta Dia air falbh, cha-n ‘eil ni anns an anam ach smuaintean diomhain agus sruthaidh iad ‘nan tuiltean a mach as an anam. C’airson? Tha an t-anam falamh. Ach feudaidh mi radh gur e lathaireachd an Tighearna neart an anama.

‘Nuair a tha an Tighearn ann a ghras anns an anam, ‘s e sin neart an anama. ‘Nuair a thainig an Tighearn air falbh o’n t-sluagh ann an so, cha b’ urrainn iad seasamh roimh an naimhdibh; bha iad mar am feur rompa. Mar sin bha Samson, ‘nuair a dh’ imich an Tighearn uath bha e cho lag ri daoinibh eile, “Oir sealbh ‘s an tir cha d’ fhuireadh leo, le’n claidheamh no le’n loinn.”

Feudaidh mi radh nach ‘eil ni a dh’ ulluicheas an creutair airson a’ bhais ach so. Ach o! ‘nuair a sheallas mise air creutairean og anns an eaglais so, cho falamh, gun churam mar nach biodh anam aca; leumaidh iad a mach à ‘n leapaichean gun urnuigh mar chuilean r.adaidh agus leumaidh iod a mach as an eaglais mar chu dhe teadhair. Ach o! tha mi ‘gam faicinn a’ crionadh airson a bhàis shiorruidh. Ach ‘s ann mar so a tha bochdan Chriosd a’ seinn buaidh chaithream air a’ bhas, o’ bhais, c’äite am bheil do ghath? O uaigh, c’äite am bheil do bhuaidh? Thusa, aig am bheil Dia, ciod a tha dh’ easbhuidh ort? Nach ‘eil naomhachd agad annsan? Nach ‘eil fuath do pheacadh? Nach ‘eil a h-uile ni a sheasas aig a bhreitheanas annsan? O! ma ta, nach ‘eil e ‘na aobhar eagail gu’m falbh nn Tighearn agus gu’n abair E, “Cha bhi mise maille ribh tuitleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as ‘ur measg.” Ach tha cuid ann agus ‘s fhearr leo bhi dealaichte o Dhia tre’n t-siorroidheachd no dealachadh ri’m miann.

Agus foillsichidh Dia sin fthathas agus their E riu, “Cha bhi mise maille ribh tuilleadh,”

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice