Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1904 » March 1904 » Searmon leis an Urr. Arch. Cook, a Bha’n Deimhidh (Iosua vii. 12)

Searmon leis an Urr. Arch. Cook, a Bha’n Deimhidh (Iosua vii. 12)

FEUDAIDH an Tighearn an eaglais fhagail. ‘S aithne do ‘n Chruithear cho beag eagal ‘s a tha eadhon anns an anam ghrasmhor, agus gu h-araidh anns an eaglais fhaicsinnich, a so, cho beag trioblaid ‘s a bheir smuain pheacach dhoibh.

Cha-n’eil ceangal no coir aig an eaglais fhaicsinnich air Dia, gu’m fanadh E maillle riu. Cha d’fhuirich am Fear-saoraidh riadh o thoiseach an t-saoghailfad ann an aon aite. ‘S e eaglais nan Iudhach an t-aite anns am b’fhaide a ghabh Dia comhnuidh air an talamh, agus ‘s iomadh fiosrachadh agus sgiursadh goirt a thug E dhoibh mu’n d’ thug E thairis iad ach mu dheireadh dh’fhag E iad. Ghabh E comhnuidh fhad ann an eaglais na h-Alba, ach thugamaid an aire do no briathraibh sin, “Cha bhi mise maillle ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as bhrur measg.” Bha an Cruithear air amannaibh a’ toirt foillsichidhean iongantach soilleir dheth fein ann an cuid a sgireachdaibh agus ann an cuid de theaghlaichibh ach ann an cumantas bha iad gle goirid. Thubhairt aon de na naoimh nach cual’ e riadh iomradh air cumhachd lathaireachd Dhe a’ fantuinn ni b’fhaide na sea bliadhna deug ‘ar fhichead ann an aon aite. Bha an Cruith’ear air uairibh a’ toirt foillsichidhean iongantach dheth fein agus na h-anaman nach do bhlais air anns na tiomaibh sin bha E ann an cumantas ‘g am fagail gu la am bais. Tha ni eigin anns na briathraibh sin, “chaidh am fogharadh seachad, tha an samhradh thairis, ach cha-n ‘eil sinn air ar saoradh”—samhradh nan cothrom anns an robh Dia a’ toirt foillsichidhean iongantach soilleir dheth fein, agus ciod a leanas? “Cha bhi Mise maille ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mallaichte as bhrur measg.” Oibrichidh ni mallaichte ann an cumantas, agus thusa, a tha ann an teaghlach diadhaidh togaidh tu fuirm agus cuiridh sin cnamh ann am beul do choguis gu la do bhais agus bi e mar fhaileadh breoite a’ cumail Dhia air falbh o d’ anam. Ach ma chì thusa drap de’n Chruithear ann an aite air bith iarr nach rachadh sin seachad ort.

Bha an Tighearn a’ bagradh so air ‘eaglais, “gabh foghlum, o Ierusalem, air eagal gu’n dealaich m’ anam riut, air eagal gu’n dean mi fasach dhiot, fearann neo-aitichte.” Nis feudaidh bagradh luidhe fada fa chomhair a’ Chruithear mu’n cuirear an gniomh e; ach cuirear an gniomh e. Ris, focal eile, “Imichidh mi agus pillidh mi gu m’ aite gus an aidich iad an cionta agus an iarr iad m’aghaidh, ‘nan amhghar iarraidh iad mi gu moch.” Thug E thairis aon ghaol ‘anama do laimh ‘naimhdean.

Tha Dia aig cuspairean a ghraidh ann an cumhnant. “Deal-aichidh na sleibhtean ri am bunaitibh agus atharraichear na beanntan as an aite ach cha dealaich mo chaoimhneas riutsa agus cha-n atharraichear coimhcheangal mo shith, deir an Tighearn.” Tha Dia aca ann an cumhnant ach feudaidh E a lathaireachd spioradail a tharruing air falbh agus am fagail gle thruagh. Ach cha-n ‘eil Dia aig an eaglais fhaicsinnich ann an cumhnant. ‘S ann dhe ‘fhad fhoighidin a tha e gu bheil an aite aca. “Tha an Tighearn maille ribh an feadh a tha sibhse maille ris-san;” agus “ma dh’ iarras sibh E gheibhear leibh E; ach ma threigeas sibhse Esan, treigidh Esan sibhse.” Cha-n ‘eil coir aca air, agus feudaidh mi radh gu’m feud E leigeil leo a pheacachadh air falbh uatha. Cha bhi E air a chur air falbh o ‘chuid fein, ach ciod e d’ fhios nach falbh E uaitsa? Tha sinn a’ leughadh anns a’ chomhsamh-lachd air cuireadh a bhi aig moran, ach bha ‘fhearann aig fear, a chuing-dhamh aig fear eile agus a bhean aig fear eile, agus ciod a leanas? “Tha mi ag radh ribh, nach blais aon de na daoinibh ud a fhuair cuireadh dem’ shuipir-sa.” Tha thu ann an sin a fhuair cuireadh agus a dhiult e agus math dh’ fheudta nach blais thu air a ghaol gu la do bhais. Ach tachraidh so dhuit, fasaidh tu sgith dhe na meadhanan, sgith dhe’n urnuigh agus ciod a leanas? “Cha bhi mise maille ribh tuilleadh mur sgrios sibh an ni mall-aichte as bhrur measg.”

AN DARA SEARMON AIR A’ CHEANN CHEUDNA.

‘S e beannachd co mor ‘s a tha an Tighearn a’ buileachadh air creutair bhi ‘feuchainn da, nan nithe a chuireas dealachadh sior-ruidh, eadar e’s an Tighearn agus ‘bhi ‘deanamh a’ chreutair toileach dealachadh ris na nithibh sin, agus builichidh E sin air a h-uile aon a chuir E air leth airson sonas siorruidh. Ged is ann ri clann Israeil a chaidh na briathran a radh an toiseach gidheadh tha iad a’ labhairt ris an eaglais gu croich tím, Tha an t-aon fhuath aige do pheacadh an diugh a bh’ aige ann an sud agus bidh tre’n t-siorruidheachd.

Ann an labhairt o na briathraibh so bha sinn a’ nochdadh

I. Gu’m feud an Tighearn falbh o’n eaglais fhaicsinnich;

II. Cuid de na h aobharan no na brosnuichidhean airson am bheil an Tighearn a’ falbh o’n eaglais no o’n anam;

III. Cionnus a ta na h-aobharan gu bhi air am faotainn a mach.

Tha sinn a’ faicinn ann an so an geur rannsachadh a bha ann gus an d’ fhuair iad an t-Achan mor agus an sin mar a bha e air a sgrios. An t-anam a thig gu so gheibh e lathaireachd an Tighearn ann an tiom agus anns an t siorruidheadh. Bha sinn a’ nochdadh gur e gniomh arduachdaranail ann an Dia gu’n cuireadh E peacaich air leth mar eaglais fhaicsinnich anns an t-saoghal tre’n comhpaarticheadh E ris an t-saoghal aithne air fein. Bha sinn ag radh gur e an Tighearn a dhol air falbh o’n eaglais fhaicsinnich truaighe nan truaighean, cha-n ‘eil ni cosmhuil ris. Mo chairdean, cha-n ‘eil ni cosmhuil ri gort a dhith eisdeachd focal an Tighearna. Feudaidh moran de’n fhocal a bhi ann gidheadh muinntir a’ fan-nachadh foidhe, mar a deir an sgiobtur, “siubhlaidh iad o fhairge gu fairge agus o’n airde tuath eadhon gus an aird an ear; ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh a dh’ iarraidh focal an Tighearn agus cha-n fhaigh iad e.” Ciod am focal? Focal a bheothaicheas an anam. Agus anns an la sin fannaichidh na h-oighean maiseach agus na h-oganaich le toirt. Ciod na fannaichidhean? Direach, a’ tuiteam ann an ainearbsa. Feudaidh ni’s leor de’n fhocal bhi ann gidheadh fannachadh foidhe do bhrigh gu bheil Dia air falbh. Cha-n ‘eil ann an ni ach plaoisg ‘nuair a tha an Tighearn air falbh. ‘S e an Tighearn anam an anama agus ‘s e neart an anama a’ toirt aghaidh air a bhàs.

Bha sinn ag radh gu’m feudadh an Tighearn ‘eaglais fhaicsinneach fhagail do bhrigh nach d’ fhuirich E riabh fad ann an aon aite. Feudaidh E dearrsadh dheth fein a thoirt ach cha d’ fhuirich E riabh fad ann an aon aite air chor ‘s gu’m feudar a radh “chaidh am fogharadh seachad, tha an samhradh thairis, ach cha-n ‘eil sinn air ar saoradh.” Bha sinn ag radh gu’n robh E bagradh gu’m fagadh E ‘eaglais agus gu’m feudadh am bagradh luidhe fada fa chomhair, ach nach do labhair E focal riabh nach robh ‘na fhirinn. Ach a nis, gu bhi ‘dol ni’s fhaide, feudaidh E ‘eaglais fhaicsinneach fhagail, ‘nuair a bheir E air falbh a phobull ionmhuinn fein. Ged a ghradhaich an Tighearn a shluagh uile gidheadh bha air an talamh cuid ni b’ fhaigse air na muinntir eile. Tha e air a radh gu’n do ghradhaich E Eoin agus gu’n do luidh Eoin air ‘uchd, nis ‘nuair a tha an Tighearn a’ toirt nan creutairean araidh sin air falbh feudar a radh gu’m bheil E a’ fagail ‘eaglais.

Co fhad ‘s a tha cuid air am fagail anns an eaglais tha buaidh iongantach aig an urnuighean maille ris an Tighearn. ‘Nuair a bha am Fear-saoraiddh ‘s an t-slighe gu Emaus, tha e sgriobhta, gu’n do chomh-eignich iadsan E, ag radh, “fan maille ruinne,” agus gu’n d’ fhuirich E maille riu. Agus seall air Maois ‘s a’ bhuaiddh a bh’ aige maille ri Dia. “Leig leam, agus lasaidh mo chorruich ‘nan aghaidh agus claoidhidh mi iad.” Ach ghuiddh Maois. Agus Elijah, le urnuigh dhuin e na neamhan, nach robh uisge ann re thri bliadhna agus le urnuigh dh’ fhosgail e na neamhan. ‘S e an la mor a nochdas a’ bhuaiddh a bha aig urnuighean cuid maille ris an Tighearn. Tha am Fear-saoraiddh dhe a leithid de nadur ‘s nach comasach E air cuspairean a ghaoil aicheadh ann an ni a tha chum a ghloir fein. Nis an comasach ni air a bhi ni’s mò chum a ghloir ‘na orduighean na a lathaireachd spioradail fein? Co fhad ‘s a tha iad sin anns an eaglais fanaiddh an Tighearn innte agus bidh a lathaireachd maille rithe. Tha ni eigin anns an anam ghrasmhor nach deanadh na flaitheanais fhein a chomhfhurtachadh. Far am bheil an drap gaoil so tha an nadur sin anns an anam nach comasach e bhi beo as easbhuidh an Tighearna. ‘Nuair a tha a leithid sin ann feudar a radh gu bheil a lathaireachd anns an eaglais.

Bha ni anns an Tighearn o shiorruidheachd a ghradhaich a bhi maille riu. Cha-n fhios duinn co dhiubh bu mo a thlachd annta anns an t-saoghal so no ann an gloir. ‘S e an ni ceudna a ghaol dhoibh o shiorruidheachd agus rachadh e tre chuan na feirge air an son agus am feadh a bhios tearc dhiubh sin anns an eaglais nach fheud sinn dùil a bhi againn ri a lathaireachd? Ach O! c’áite am bheil aon le anam a’ gal an deigh an Tighearna?

Tha sinn a’ toirt fanear, gu’n robh cuid aig an Tighearn nach biodh riaraichte leis na meadhanan as ‘easbhuidh fhein annta. Bha cuid aig an Tighearn anns a h-uile linn a bha ‘cur eadar-dhealachaidh eadar na meadhanan agus an Tighearn anns na meadhanan, agus ge b’e air bith cho priseil ‘s a bhiodh na meadhanan bhiodh iad falamh dhoibh as ‘easbhuidh fhein annta. Cha riaraicheadh eadhon saoradh o ifrinn an t-anam as easbhuidh an Tighearn. Chà dheanadh na flaitheanais fhein sona iad as easbhuidh lathaireachd an Tighearn. Tha mi cinnteach gu’m b’ fhearr le Muire a bhi ‘gal ‘na h aonar na comunn nan aingéal as easbhuidh an Tighearna. Am feadh a ta drapan de sin anns an eaglais nach fheud sinn a bhi ‘g amharc airson lathaireachd an Tighearn anns an t-saoghal? Tha sinn a’ faicinn mar a bha na h-Abstoil, cha bu chomasach iad bhi beo ‘nuair a bha E gu’m fagail. Ach ciod a thuirt E riu? “Cha-n fhag mi sibh ‘nur dilleachdain, thig mi do ‘ur n-ionnsuidh.” “Guuidhidh mise an t-Athair agus bheir E dhuibh Comhfurtair eile.” Tha mi cinnteach nach b’ urrainn duine a ghabhail a stigh mar a bha an osnaich a’ beantuin ris an Tighearn. Tha sinn a’ leughadh gu’n do ghuil Iacob. Ciod a ghuil? Ghuil gras anns an anam, agus bhean sin ris na h-innigh neo-chriochnaichte ann an doigh nach aithne do aon ach E fein; oir tha innigh comhfhulangais anns an Tighearn.
(Ri leantuinn.)

Notes and Comments.

War at Last.

The quarrel between Russia and Japan over their rights in Manchuria and Korea has at last issued in warfare. On Monday, February 8, Japan struck the first blow by attacking the Russian war ships in Port Arthur. Several of these were disabled or destroyed, and Russia is for the present smitten back. The attack by Japan has found Russia very unprepared both on land and sea. The Russians are a religious people after their own manner and supplications, prayers, and intercessions are now being made against the heathen enemy in all the churches with the help of incense and candles. The situation is one of painful interest to all the civilised powers, as the possibilities of complications are not slight. We know that whatever be the passions or purposes actuating the hostile kings and peoples there is a hidden purpose of the most High God which all these upheavals and commotions are effectually serving. In the 16th chapter of Revelations we read of the river Euphrates being dried up that “the way of the kings of the east might be prepared.” Commentators have debated much who are intended by these “kings of the east.” It may be that the turn of those Eastern peoples, China and her neighbours, who have for ages been mere ciphers in the scheme of human history, is now about to come, and that this ascendancy of Japan is the signal for a new departure in human affairs. However the influence of such a Power, civilised but not Christianised, and armed with weapons of precision, is not very likely to be beneficent or pacific. It may be we are nearing the period of those universal shakings which are to usher in the righteousness and peace of the latter day. In the 9th chapter of Zechariah there is a vivid prophecy of the devastating march of Alexander the Great from north to south of Palestine, with a promise of the protection to be afforded to Jerusalem while the indignation is overpassing. But there is a contrast drawn between the Macedonian conqueror and another Victor whose weapons of war and triumphs are of a different order. For “I will cut off the chariot from Ephraim and the horse from Jerusalem, and the battle bow shall be cut off; and He shall speak peace to the heathen, and His dominion shall be from sea to sea, and from the river to the ends of the earth.”

Dr. Kennedy’s Sermon

(p. 405).—We cannot resist calling the special attention of our readers to the notes of Dr. Kennedy’s sermon in the present issue. They are among the best we have ever seen taken down by a hearer, while the glow and freedom and heavenliness, that generally characterised his preaching, are conspicuously manifest in these notes.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice