Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1904 » June 1904 » Searmon

Searmon

LEIS AN URR. ARCHD. COOK A BHA ‘N DEIMHIDH.
21st July, 1861.

“Saor e o dhol sios do’n t-slochd, fhuair mi eiric.”—Iob xxxiii. 24.

CHA’N ‘eil e ‘na shith do neach air bith bhi faireachail air gu bheil e ‘na pheacach. Ach mur tig neach gu bhi ann a fhaireachadh ‘na pheacach, gu la a bhais cha chluinn e na briathran so ann an rathad comhfhurtachd d’a anam. Theid la nan gras seachad agus ‘s ann anns an t-siorruidheachd a chi e ciod an roghainn a rinn e. ‘Nuair a sheallas sin air cia lionmhor iad anns an t-saoghal a tha gun smuain mu’n anam, ciod an comhdhunadh gus am feum sinn teachd ach gu bheil iad a’ dol sios do’n t-slochd, “mar bhiadh do’n bhas gun iochd?”

‘Nuair a labhair Elihu na briathran so ri Iob bha nithe air tighinn gu airde aig Iob, mar gu’m biodh Dia a’ deilgeadh ro chruaidh ris. Ach labhair Elihu ris mu mhaitheas a’ Chruiteir agus anns an 23 rann tha e ag radh, “ma bhios teachdaire aige, eadartheangair, aon am measg mile a nochdadh ‘ionracais do dhuine—cha-n e ionracas cruthaichte, ach ‘ionracas fein—tha e grasmhor ris, gabhaidh e truas dheth agus their e, Saor e o dhol sios do’n t-slochd, fhuair mi eiris.” Faiceadh neach a pheacadh agus cha bhi iongantas air ciod an smachdachadh a dh’ fheudas coinneachadh ris: ach gus an tig an t anam gu sin cha bhi a bheul duinte. Ach ‘nuair a thig e gu sin, cha bhi e faid o na bhriathraibh so, “Saor e o dhol sios do’n t-slochd, fhuair mi eiric.” Ann a bhi labhairt beagan air na briathraibh tha sinn a’ runachadh, ma bheir an Tighearn comas, bhi nochdadh

I. beagan mu’n t-slochd,
II. gu bheil anns a’ pheacadh na tha toilltinn an creutair, a tha ciontach dheth, a dhol sios do’n t-slochd,
III. beagan mu’n eiric—”fhuair mi eiric,”
IV. ciod a tha air a ghabhail a steach anns an t-saoradh—saor e o dhol sios do’n t-slochd.

’S iad so briathran an Athar shiorruidh mu’n taghadh.

Gu bhi fosgladh a’ bhriathair—slochd, cha-n ‘eil teagamh nach e sin, ifrinn. ‘S iomadh ainm a tha aig ifrinn ann am focal na firinn agus ‘s e aon de na h-ainmean, an slochd—slochd gun ghrunn. ‘S e ifrinn an t-aite a chomharrach Dia anns am biodh peacadh air a pheanasachadh ann am foirfeachd. Tha moran a’ deanamh luaidh air ifrinn anns an t saoghal ach cha-n ‘eil iad ach gle thearc a tha ‘tuigsinn ni air bith dheth. Air mo shon fein cha chomasach mi air samhladh a thoirt air. ‘S e an ni a’s fhaigse air is aithne dhomh, coguis chiontach air a dusgadh agus trocair folaichte o’n anam. ‘S e ifrinn direach an t aite a chomharrach Dia anns am biodh peacadh air a pheanasachadh ann am foirfeachd. Tha iomadh peanas air peacadh anns an t-saoghal ach cha-n ‘eil a h-uile truaighe a thig air peacach ann an so ach mar sgobadh cuileig an coimeas ri ifrinn. ‘S e ifrinn foirfeachd peanais agus cha chomasach sinn ach gle bheag dhe foirfeachd a ghabhail a steach aon chuid de thruaighe no de shonas, ach mar bhoinnean. Nan tuigeamaid a bheag de nadur ifrinn cha bu mhaith leinn na diabhuil fein, mar chreutairean, bhi air an tilgeadh; ach do bhrigh gur peacaich iad gloraichidh sinn Dia airson ifrinn. Feudaidh an saoghal bhi ‘cluich ri ifrinn.

Cha-n ‘eil moran air ‘innseadh san sgiobtur mu chruthachadh ifrinn; ach tha aon aite ann far am bheil e air a radh, gu’n d’ ulluicheadh e airson an diabhuil agus ‘ainglibh. “Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte dh’ ionnsuidh an teine shiorruidh a dh’ ulluicheadh airson an diabhuil agus ‘aingle.” Chunnaic an Cruithear o shiorruidheadh gu’m biodh peacadh ann agus dh’ ulluich E ifrinn gu coinneachadh ris; agus cha-n ‘eil ni ann an ifrinn ach na tha gloir Dhe agagairt. An Ti a bha comasach le focal air neamh agus talamh a chruthachadh nach robh E comasach an cruthachadh le ‘fhocal na bha gloir a bhuaodhan ag agairt an aghaidh peacaidh?

Ifrinn—’s e a th’ ann ni anns am bi uile bhuaodhan Dhe a’ dealradh. Tha iomadh peanas air peacadh anns an t-saoghal, ach gle bheag de Dhia air ‘fhaicinn anns na peanasan sin. Cha-n ‘eil iad ach tearc anns an t-saoghal a tha ‘faicinn ni air bith de Dhia annta. Ach ‘s e a th’ ann an ifrinn aite anns am bi gloir Dhe a’ dealradh, gloir naomhachd a naduir, gloir uile-fhiosrachd, gloir arduachdaranachd. Cha-n ‘eil buaidh ann an Dia nach bi a’ dealradh ann agus ‘s e sin a ni ifrinn. Thubhairt an Salmadair, “ma ni mi mo leabaoidh ann an ifrinn tha thu fein an sin,” seadh, bidh gloir a throcair a’ dealradh an sin mar a bha a throcair agus fhad-fhulangasair an lot leis na h-aindiadhaich. Cha chomasach sinn ach gle bheag de nadur ifrinn a ghabhail a steach. Ciod na tomhasan feirge a dh’ fhuillingeas aon anam ann an cuig mionaidean, cha chomasach aon anns an t-saoghal a ghabhail a steach. Ach ciod ann am bliadhna? Cha chomasach duine a ghabhail a steach do bhrigh nach comasach e an t-Uile-chumhachdach a ghabhail a steach.

Seall mar a tha focal an ‘Tigearn a labhairt air ifrinn, “dorchadas an leth a muigh,” far am bi “gul agus giosgan fhiacal.” Bidh ni’s leor de sholus ann an ifrinn leis am faic suilean an anama truaighe a staide. Ach c’arson a theirear dorchadas ris? Do bhrigh an eudochais, Bi thusa cuig mionaidean ann an eudochas agus gheibh thu sin dorcha nis leor; ach neach a bhi tre ‘n t-siorrudheadh ann an eudochas ciod an dorchadas sin?

“An slochd gun ghrunn.” C’arson? Tha do bhrigh agus nach ruig iad tre’n t-siorrudheadh air iomlanachd am fulangais no sin a riarachneas ceartas; nan ruigeadh iad air sin ruigeadh iad air crich am fulangais. Ach bidh iad tre’n t-siorrudheadh a’ dol fodha, a’ dol fodha. Lean thusa peacadh. Buanaich thusa mar a ta thu agus gheibh thusa an dol fodha so.

“An loch theine,” a tha losgadh le teine agus pronnusc ni a’s e an dara bas. ’S iongantach am focal a thubhairt an Salmadair an sud, “Na tilg mi a do shealladh agus na toir do Spiorad Naomh uam.” Nach ’eil ifrinn fosgailte do shuil Dhe? Ach tha anam air a tilgeadh a mach o’n chomh-fhulangas shiorruidh mar gu’n tilgeadh tu cairbh shalach a mach as do shealladh. O nach uamhasach an sealladh a gheibh creutair dhe’n pheacadh ’nuair nach comasach e a radh gur e Dia a chuir an sin e ach a dhroch ghniomhara fein? Nach uamhasach an sealladh a gheibh e de’n pheacadh ’nuair nach comasach e tre’n t-siorruidheadh a radh nach e ceartas a tha e ’faotainn?

Is eagalach mar a bhios peacaidhean an t-saoghail air an toirt gu solus. Tha e air a radh gu’m bi deatach am peine-san ag eirigh suas gu saoghal nan saoghal agus cha bhi fois aca a la no dh’ oidhche. O nach sguir thu dheth? Tha eag radh gu bheil aoibhneas an lathair aingle Dhe os cionn aoin pheacaich a ni aithreachas. O sheann diabhuil, buanaich thusa ann ad shlighibh agus gheibh thu deoch theth mu dheireadh.

Cha mhaith leam dol air aghaidh air so. Ach tha ann am broilleach a’ chreutair fein na ni truagh ni’s leor e. Cha-n ’eil buaidh anns an anam nach bi ’ga chruidhneadh. Tha a’chuimhne iongantach mar a chumas i nithe anns an robh an creutair ciontach, na cothroman a mhi-bhuilich agus na taigsean a dhiult e. Tha an tuigse iongantach farsuinn. ’S mor a ghabhas i a stigh de nadur na siorruidheadh. O air sgath d’ anama neobhasmhoir cuimhnich siorruidheadh.

II. Gu bheil anns a’ pheacadh na tha toilltinn an creutair, a tha ciontach dheth, a dhol sios do’n t-slochd.

Gu’n gleidheadh an Tighearn mise o bhi lot aon anam bochd ann an so an diugh. Ach tha mi cinnteach mur lot Dia thusa airson peacaidh gu’m bi an loch theine agad mu dheireadh. ’S iomadh anam bochd a bhios tre’n t-siorruidheadh a toirt taing do Dhia agus ag radh mur biodh gu’n do lot Dia mise le faireachadh air mo pheacaidhean bhithinn ann an sud tre’n t-siorruidheadh. Ach gu bhi ’fosgladh so.

Tha ann an dol air falbh aigne an anama o Dhia agus an socruchadh air cuspair cruthaichte olc nach comasach duine air a ghabhail a stigh. Oir tha ann an Dia na tha airidh air aigne nan creutairean a’s airde air neamh agus talamh; agus ’nuair a tha aigne gaoil an anama a’ falbh o Dhia agus a’ socrachadh air cuspair cruthaichte tha Dia a’ faicinn an dímeas a tha air a dheanamh air fein airson an ni sin—agus O! na tomhasan feirge a tha gloir Dhe ag agairt an aghaidh sin. “Is Dia eudmhor mise.”

Tha anns a’ smuain is lugha de shuarachas air Dia no air Criosd olc nach aithne do aon ach Dia. Tha e ’na aobhar eagail mar a tha eadhon clann Chriosd a’ teachd gearr ann an so. Cha-n e a h-uile smuain a riaraicheas an lagh. Ach tha thusa ann an sin agus thu, math dh ’fheudta, tri fichead bliadhna agus nach d’thainig smuain airidh air Dia tre d’anam; nis ciod an fhearg a tha sin a’ toilltinn? ‘S ann o’n t-suarachas so a tha e nach fiu le moran an glun a lubadh no beannachd iarraidh air am biadh. Nis ciod na tomhasan feirge tha gloir Dhe ag agairt an aghaidh sin? “Threig iad mise tobar nan uisgeachan beo.”

Tha smuain mhonmhon an aghaidh bith na Morachd a’ toilltinn feirge nach aithne do aon ach Dia. Co fhad ‘s a tha ‘bhith aig duine o Dhia agus e an crochadh air Dia airson a bhith tha ann am monmhon ‘na aghaidh na tha dusgadh feirge a loisgeas gus an ifrinn is iochdaraich. Nach e monmhon a rinn na diabhuil ‘nan diabhuil. Tha sinn a’ leughadh air “luchd monmhon” fa chomhair am bheil duibhre an dorchadais air a thasgadh gu siorruidh.

Tha ann am peacadh na tha ‘g aicheadh uile-fhiosrachd Dhe. ‘S iongantach ‘nuair a tha an uile-fhiosrachd a’ leanmhuiinn a’ chreutair anns a h-uile ceum mar a tha e air a lot le daoine. ‘S ann mar sin a tha iad a lot Dhia. Nach ‘eil e ag radh, gu’m b’ aithreach leis gu’n do rinn e an duine air an talamh agus gu’n d’ thug e cradh dha ‘na chridhe.

Tha anns a h-uile anam miann an aghaidh uile aitheanta Dhe; seadh, cha n’eil anam neo-iompaichte anns an t-saoghal anns nach ‘eil miann airson an cailleadh e Dia agus gloir agus am biodh e tre’n t-siorruidheadh fo fheirg Dhe. Tha iomad aig a’ bheil sin ‘nam broilleach airson an cailleadh iad Dia agus gloir agus mheantradh iad air ifrinn.

(Ri leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice