THA nadur na fianuis anns an anam ghrasmhor a tha ‘g iarruidh nach biodh e le focal no gniomh a’ neartachadh an t-saoghail ‘nan staid. ‘Suamhasach sin, anam ann an ifrinn a’ fagail ‘fhuil air neach tre’n t-siorruidheachd airson gu’n robh e le focal no gniomh ‘ga neartachadh an slighean peacach. ‘Se sin a bh’ aig an duine shaoibhir ‘nuair a bha e ag urnuigh, bha eagal air gu’m biodh iad tre ‘n t-siorruidheachd ‘ga choireachadh airson an call. Nis tha drap de chaithris anns an anam ghrasmhor nach bi e a’ neartachadh an t-saoghail ‘nam michuram mu shiorruidheachd. Ach mur gleidh an Tighearn am baile gu diombain ni am fear-coimhid faire.
Tha a h-uile anam a tha air a thoirt beo gu spioradail faireachail air anmhuinneachdan timchioll air fhein. An creutair a’s naoimhe tha anns an t-saoghail tha anmhuinneachd ann a’ sgriosadh e mur bi e air a thoirt dhe air toillteanas Chriosd. Cha-n iongantach ged a bhiodh iomadh ann an ifrinn le ‘n lamhan dearg le fuil anaman eile. Bidh iomadh ann an ifrinn a’ mallachadh an la a chunnaic iad a cheile anns an t-saoghail, an duine a’ mallachadh an la a chunnaic e a’ bhean agus a’ bhean an la a chunnaic i an duine. Nis an t-anam ghrasmhor a tha ‘faicinn sinn nach bi feum aig air caithris? Bidh a h-uile neach a tha air a thoirt beo gu spioradail ag amharc air ais air na peacaidhean anns an robh e beo. Bha cuid anns a’ mhisg, bha cuid agus dheanadh iad breug, cuid mionnan agus bha cuid a’ fochaid air diadhachd agus orrasan a’ bha beo airson siorruidheachd. Nis ‘nuair a tha an Cruithhear a’ tighinn gu h-eifeachdach a dh’ionnsuidh an anam tha an creutair a’ faotainn neirt gu bhi treigsinn nam peacanna sin ged a bhiodh iad mar lamh dheas no suil dheas. Gidheadh tha anmhuinneachdan aca, agus cha-n aithne do aon an anmhuinneachd mar is aithne dhoibh fhein—’s ann ann an gloir a tha foirfeachd—an t-anam a tha tighinn gu aithne air anmhuinneachd bidh drap de chaitris ann, eagal gu’m bi e ‘neartachadh nuintir eile ‘nam peacaidhean. Bidh iomadh fathasd a’ moladh an Tighearna tre ‘n t-siorruidheachd airson gu’m faca iad drap dhe mosthalachd na naomhachd agus thusa, anns nach ‘eil sin cha n eil do staid sabhailte.
Co luath ‘s a tha aon air a thoirt beo gu spioradail chi e na suilean a tha air. Cha bhi iongantas air an t-saoghal gu’m faic iad aon fo’n mhisg, ach aon air a thoirt beo gu spioradail tha sin a’ dusgadh iongantais anns an t-saoghal. Nis ‘nuair a tha an creutair ag amharc air a laigsean fhein agus na suilean a tha air nach bi e ri caithris air eagal gu’m bi e ‘neartachadh an t-saoghal ‘nam peacaidhean. ‘S iongantach creutair bochd lan de laigsean a’ dol a luidhe m’ oidhche is e coguiseach nach do rinn e ni sam bith a neartaicheadh an saoghal ‘nam eacaidhean. Ach mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fearcoimhid faire. A chum gu’m faigh e aithne air sin feudaidh gu’m faigh e tuiteam. Feudaidh gu’m faigh e ni’s mo dh’ fheum de’n tuiteam sin na gheibh an cealgair dhe mile urnuigh.
Tha an t-anam grasmhor anns an t-saoghal fosgailte do ribeachan an t-saoghal. Tha an saoghal lan ribeachan agus cha-n fhaigh na h-aindiadhaich greim ni’s millse na anam grasmhor a ghlacadh ann an ríbe. Cha-n ‘eil ni a thoilicheadh am misgear na bu mho gu’m faiceadh e creutair anns am bheil drap de spiorad na caithris a’ tuiteam anns a’ pheacadh sin. Tha sinn a’ leughadh air cuid a tha mar lìontan, “lion an eunadair” a’ glacadh anama, air chor ‘s nach ‘eil aon anns an t-saoghal nach ‘eil ann an cunnart a bhi air a ribeadh. Nis nach uamhasach sin gu’m biodh creutair ‘na mheadhon air toirt anaman eile do dh’ ifrinn le bhi ‘gan neartachadh ‘nan tlighibh? Tha feum air caithris ach mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fearcoimhid faire.
Seall mar a tha Satan an deigh a h uile anam. Ma tha toileachas sam bith aig Satan, ‘s ann ann an sgrios anaman a tha sin aige. Cha-n ‘eil anam a tha e ‘toirt do ifrinn nach ‘eil e ‘g amharc air mar bhuaidh a thug e air Dia; agus ‘s iomadh aon anns am bheil a’ bhuaidh sin aige ann an sgrios an amana. ‘S fhada o thoisich e air an obair agus ‘s aithne dha cionnus a bheir e mu ‘n cuairt i. Cha-n ‘eil miann anns a’ chridhe nach aithne dha; agus b’ fhearr leis aon anam grasmhor a ghlacadh ann am peacachd na mile eile. ‘S aithne dha mar a bhiodh sin a’ neartachadh an t-saoghal ‘nam peacaidhean, agus a’ lot Chriosd agus ‘aobhair. Leigidh e leatsa bhi ‘gad aoirneagan ann am peacachd mar a’ mhue ‘san lathaich. Ged a tha e ag radh riut a nis gu bheil an Cruithear trocaireach agus nach eagal duit ifrinn, s’ e their e mu dheireadh gu’m bi thu air do dhamnad. ‘S iongantach an naimhdeas a tha anns an diabhul. Ged a bheireadh tu buaidh air an diugh feuchaidh e riut a ris am maireach; seadh ged a sheasadh tu fichead bliadhna cha sguir e air chor ‘s gur iongantach sin aon a bhi air a thearnadh. Mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.
Tha anns an anam ghrasmhor fhein de bhrosnuchadh air Dia ‘s nach iongantach ged a bhiodh an creutair a’ dol critheannach tre’n t-saoghail. ‘S iongantach gu’m biodh an creutair aon la gun an Tighearn ‘ga fhagail da fein. Tha de mhi-thaingéalachd anns a’ chreutair airson mar a bha e air a ghleidheadh o iomadh ni o’n la a fhuair e aithne gu’m bheil anam aige, mar sin tha e a’ brosnuchadh an Tighearna. Tha ann an altrum smuain pheacach olc nach aithne do na h-ainglibh, nach aithne do aon ach Dia. Càite am faic thu creutair a’ gul airson a smuaintean peacach? Tha e cunnartach ‘nuair a thig duine gu dochas air trocair a bhi ‘g altrum smuaine peacach. Tha thu ann an sin agus mu’n do rainig thu air dochas trocair tha fhios agad mar a bhiodh smuain pheacach mar ghath teine a’ dol tre d’ anam, ma ta nach ‘eil Dia co naomh a nis ‘sa bha E an uair sin? ‘S cunnartach sin, aon an deigh dha dochas ann an trocair fhaotainn a bhi luidhe fo pheacadh. Ann an sin feudaiddh aon a bhi ciontach de ni airson am bi anaman eile a’ fagail am fuil air tre’n t-siorruidheadhd. Cha-n ‘eil iad ach tearc a tha ‘toirt an aire dha sin. Ach tha cuid, agus tha iad a’ tuigsinn, mur gleidh an Tighearn am baile gur diomhain a ni am fear-coimhid faire.
Se dleasdanas chreutairean bhi caithriseach mu eaglais Dhe. An neach a tha beantuin ri aon diubh tha e beantuin ri cloich a shula. Nis tha clach na sula iongantach anmhunn agus ‘se dleasdanas a h-uile aoin bhi caithriseach nach bean e ri sin. Ach mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire. ‘Se eaglais Dhe an t-aon chuspair de’m bheil curam air leth aig Criosd. Tha gleidheadh diomhair an Tighearna mu’n chrui-theachd uile nach rachadh i ‘na smal. ‘S uamhasach an staid sin ‘nuair a bhios na miannan uile a tha anns a’ chreutair air an leigeil fuasgailte. Ciod an ifrinn a bhios an sin? Faic creutairean a’ sabaid, ciod an naimhdeas uamhasach a tha ‘n sin? ‘S ann mar sin a bhios iad ann an ifrinn, a h-uile miann air a leigeil fuasgailte, O anam bochd, ged nach biodh ni bu mho ann an slainte an anama ach tearnadh o’n staid sin, cha bu bheag e.
Tha caithris-freasdail an Tighearna air an t-saoghail ach tha curam air leth aige dhe cuspairean a ghaoil a tha anns an eadar-ghuidhe. An ni a th’ anns an eadarghuidhe feumaidh e bhi air cridhe Criosd. Tha E fein ag radh, “Feuch air dearnaibh molamh ghearr thu,” agus a ris, “An dichuimhnich mathair a leanabh ciche gun iochd a dheanamh air mac a cuim? Feudaidh eadhon iadsan dichuimhneachadh ach cha dichuimhnich mise thusa.” Tha iad sgrìobhta air a chridhe, ‘se an eaglais fior-churam Criosd. Thusa tha ann an staid naduir tha E ‘gad ghleidheadh ann an arduachdaranachd a fhreasdail. Ach ‘s iad so seudan an Tighearna agus tha iad iongantach faisg air. Do bhrigh gu bheil iad ag earbsa as tha gloir a Dhiadhachd ceangailte riu. Thainig e ‘na urras orra, nis ‘s ann air an urras a tha ant -Athair ag amharc agus tha E fein a’ labhairt air E bhi air a ghlorachadh annta; agus co fhad sin tha Crioad air a ghlorachadh annta tha curam aige dhiubh. Anam bhochd, ma fhuair thu aithne air d’ eucomas air thu fein a ghleidheadh agus gu’n do thilg thu do ghleidheadh air fhein ann an sin thainig thusa agus an Run siorruidh gu cordadh agus bheir Criod dhuit d’anam tearuinte aig an la ud. ‘S ann an sin a chithear E air a chrunadh leis a’ chrun leis an do chrun a mhathair E agus crunaidh iad E le iomadh crun. Crunaidh iad E le’n slainte shiorruidh agus ann an sin dealraidh airidheachd air an ainm.—Fear-saoraidh.