THA feum air caithris. ‘S e a th’ anns an aonachd spioradail a tha’s an eaglais ni a tha dluth do bhochdán an Tighearna. Ach tha fhios aig an anam ghrasmhor gu bheil ni’s leor anns an eaglais gu sin a bhriseadh. Cha-n iongantach ged a bhiódh a chaithris a’ dol a mach timchioll eaglais Dhe agus ‘s e an eaglais a bhiódh miseach nam biodh a riaghladh innte. Ma ta, tha sin anns a h-uile aon de chloinn Chriosd ach tha fhios aca mur gleidh an Tighearn an t-aonadh sin gur diomhain a ni am fear-coimhid faire. An la a rinn an Tighearn e fein aithnichte do’n anam bhris E uachdaranachd an ardain spioradail ann. Ach tha nà freumhan ann fhathas agus fein-fhireantachd agus spiorad talmhaidh an deigh an t-saoghail a chuireadh o cheile clann Chriosd. “Brathair a’ dol gu lagh le’ brathair,” c’arson nach fhearr leibh eucoir fhu lang? c’arson nach fhearr leibh calldach a ghabhail? ‘S iomadh uair a rinn an saoghal briseadh eadar clann Chriosd nach bi air a shlanachadh gu lá a’ bhreitheanais. ‘Nuair a tha an t-anam bochd a’ toirt an aire dha sin nach drap de’n chaithris sin? Agus an t-anam bochd anns am bi fior-churam mu eaglais Dhe gu cinnteach cha bhi an Cruithhear ‘na fhasach dha. Nam biodh an t-anam ceart ‘nuair a dhuisgeadh e san oidhche ‘s ann a mach comhla ri cloinn Chriosd a bhiódh e. Thùsa aig nach ‘eil ni dhe so cha-n iongantach ged nach ‘eil agad ach druim is bru.
Tha an t-anam grasmhor a’ faicinn gur e an aonachd so neart eaglais Dhe. Tha cuid an air am bi fadal ma bhios iad seachduin gun bhi faicinn clann Chriosd agus ‘s e sin neart na h-eaglais, mar armailt chogaidh ‘nuair a tha a sreathan slan tha iad laidir ach brisear an sreathan agus tha iad lag agus fosgailte do’n námhaid. Mar sin tha an eaglais. Faic air lá na Cuingis bha iad gu leir a dh’ aon inntinn ann an aon aite agus ‘nuair a bha Peadar air a chur am priosan fa run a chur gu bas thá sinn a leughadh gun deachaidh bith-urnuigh a dhéanamh leis an eaglais ri Dia’ air a shon gus an do chuireadh aingeal a gloir a dh’ fhosgadh a’ priosain. Tha cumhachd iongantach aig aon ann an gloir; ach ‘nuair a tha an eaglais aonaichte ‘s iongantach a’ bhuaidh a th’ aca ann an gloir. “Tha mi ag radh ribh, ma chordsas dithis agaibh air thalombh mu timchioll aoin ni a dh’ iarras iad nithear só dhoibh le m’ Athair-sa a ta air neamh.” Tha iad caithriseach air sin, mar a tha an t-Abstol a’ labhairt, “B’ aill leam fios a bhi agaibh ciod e meud mo chomhraig air bhur sonsa’ agus airson a’ mhend ‘s nach fhaca m’ aghaidh anns an fheoil ionnus gu’m faigh an cridhe solas; ciod a leanas? air dhoibh a bhi air an dluth cheugal ri cheile ann an gradh.” Ris tha e ag radh, “a’ deanamh dichill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sithe,” “le aon inntinn a’ gleacadh le cheile airson creidimh an t-soisgeil.”
Nis, cha-n’eil ni a tha an diabhul ni’s mo ag iarruidh na gu’m briseadh e an t-aonadh so agus tha teachdairean dubh Shatain a’ feuchainn ri dealachadh a chur eadar clann Chriosd. Ach tha urnuighean an anama ghrasmhoir a’ dol a mach am measg eaglais Dhe airson gu’m biodh an t-aonadh so air a ghleidheadh. Agus tha sin iongantach maiseach ann an saoghal peacach gu’m biodh iadsan, a bhios tre’n t-siorruidheachd cuideachd, aonaichte anns an t-saoghal. Bidh an t-anam grasmhor a’ caithis nach bi e le gniomh no focal a’ toirt a steach roinnean no fuachd eadar aon air b’th a bhuineas do Dha. Ach tuigidh e an sin, mur gleidh an Tighearn am baile gur diomhain a ni am faar-coimhid faire.
Faic an saoghal—that na misgearan a’ cordadh agus a’ feusdadh acheile agus bidh iad fthatasd anns an loch theine cuideachd.
‘S e aonadh ri clann Chriosd a’ cheud rathad anns am bheil drap grais air a thoirt gu solus. “Tha fhios againn gu’n deachaidh sinn thairis o bhas gu beatha do bhrigh gu bheil gradh againn do na braithribh.” Co luath ‘s a tha drap de churam mu shiorruidheachd anns an anam ma tha gras aig a fhreimh ‘sann ann an treigsinn a sheann chompanach a tha a’ cheud fhoillseachadh dheth. Their thusa nach ‘eil comunn salach air bith agadsa. Ach, anam bhochd, nam biodh tusa air do thoirt beo chitheadh tu co salach ‘sa tha do chomunn gun fhocal mu shiorruidheachd o mhaduinn gu feasgar. Ach co luath ‘s a tha drap grais anns an anam ‘se a’ cheud rathad anns am foillsichear e, bhi dluthachadh ri pobull Dhe. Thainig toradh urnuigh Chriosd a stigh anns an anam “gu’m bi iad ‘nam aon mar a tha sinne ‘nar n-aon.” Thusa nach ‘eil ag aonadh riu tha ni’s leor a dhearbhachd agadsa nach ‘eil annad ach mir de shean nadur. Feudaidh an t-anam a bhi iomadh la anns a’ chor sin, gur e clann Chriosd aon chusparean a ghraidh, gidheadh fo eagal gu’m bi e ‘na Achan ‘nam measg agus gu’n toir ‘fhocal tiormachd ‘nam measg agus co fhad ‘s a tha creutair mar sin cha toir e roinn a stigh eadar pobull Dhe. Cha-n ‘eil iad ach tearc air am bheil eagal gu’n toir am focal tiormachd am measg clann Dhe ach far am bheil e bidh an creutair a’ mian-nachadh nan cuiltean ‘uaigheach. Ma tha am foirméalach air a chumail anns an fhollais ni e rudeigin ach chaidh an t-uaigneas a dheanamh milis do na creutairean so. (Dh’fholaich Elisabet i fein mu’n do rug i Eoin. Ach thusa anns nach ‘eil gin nan gras cha chaith thu ach beag tim anns an uaigneas.) Cha-n’eil tlachd agad ann ach na creutairean so ged tha tlachd aca ann an comunn pobull Dhe bidh eagal orra gu’n toir am focal daorsa ‘nam measg agus cha bhi mor-bhriathran aca. ‘S ann anns an uaigneas a tha an tlachd agus co fhad ‘sa tha an spiorad sin aca cha toir iad roinnean am measg clann Chriosd.
Cha-n’eil aon de chloinn Chriosd anns an t-saoghal so a dh’ easbhuiddh anmhuinneachdan. Tha cuid dhuibh ni’s naoimhe na cuid eile ach ‘s iad uille buill an aona chuirp; agus air na buill is lugha maise tha an tuilleadh maise. Tha nadur a’ teagasg dhuinn curigeadh a chur air na buill sin. ‘S e na creutairean is maisiche na creutairean a fhuair tumadh iongantach ann an tobar na naomhachd. Tha buill anns a’ bhroilleach ‘s ma bheirear aon diubh as basaichidh an corp. Tha buill uaigneach anns an eaglais nach tog an suil ach anns an uaigneas. Thoir iad sin air falbh agus cha bhi ann an eaglais ach fuirm na diadhachd agus aincolas air a’ chumhachd. Tha cuid de luchd-aidh ann agus ma chì iad ni ann an anam grasmhor cha-n innis iad e do’n chreutair fein ach ‘nuair a gheibh iad am measg chreutairean bruidhneach cosmhuil riu fein labhraidh iad air. O na cealgairean, mar sin bheir iad roinnean a steach.
Cluinnidh creutair a bhios a’ dol am measg eaglais Dhe nithe a bhios da rireadh a’ cradh anama; agus feudaidd mi radh nach ‘eil nì’s cunnartach na seann stob gun ghras. Bidh e a’ labhairt agus ‘s iomadh uair a chuir e dealachadh eadar clann Dhe nach bi air a leigheas gu la a’ bhreitheanais. ‘Nuair a bhios mise ag eisdeachd aoin diubh bidh mi ‘g amharc orra mar theachdairean Shatain, gidheadh cha chomasach nach lean ni eigin rium a bhios ag radh, ciod e fios nach ‘eil sud fior? Agus bheir sin fuachd a stigh. Mar sin tha feum air caithris eadhon ‘nuair a tha aon ‘a fosgladh a bhroillich do aon air bith de phobull Dhe air eagal gu’n innis e ni a bheir ciurradh d’a anam ach mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.
Ach gu co dhunadh aig an am so, tha e cunnartach bhi labhairt air amhuiinneachd pobull Dhe. Thig mallachd Ham ortsa a bhios a’ dheanamh sin, agus caillidh tu d’athne air d’amhuiinneachd fein. ‘S iongantach an ni caithris air an anam. Tha curam air iomadh mu na h-uile ni ach an anam. Ach thusa, a chreutair, a tha caithriseach air d’anam, bheir e combfhurtachd dhuit-sa ‘nuair nach toir fuil no feoil. ‘S e sin a ni socair dhuit air leabaiddh do bhais. Cha-n iongantach an saoghal a bhi salach cho tearc ‘s a th’ ann a tha caithris orra fein no air an caraidd. Nach ‘eil an spiorad sin air tighinn gu airde mhor ann an teaghlachean, am mise fear-glcdhidh mo bhrathar? Mar sin chi sibh peacadh a’ briseadh a mach an so ‘s an sud ann an teaghlachean. Agus tha an spiorad so a’ deanamh an t-saoghal gle mhor. Tha iad gle thearc am measg nabaidhean a chronuichean aon a cheile agus tha iad nì’s tearc a bheir taing airson cronachaidh. Thusa nach do chronuich Dia thu airson peacaiddh cha ghabh thu cronachadh o nabaidh ach duisgidh spiorad ardanach annad gu’m b’ fhear leat leum a dh’ ifrinn na bhi air do cronachadh. Ach anam bhochd, ‘s ann a bu choir dhuit taing a thoirt do Dhia gu’n cron-aicheadh aon thu. Bha am ann anns an robh an gaol sin d’a cheile anns an eaglais.
Treigeadh creutairean a h-uile peacadh is aithne dhoibh, Anam, an gabh thu ri Criosd? Tha mi ann an ainm an Tighearna a’ cur tàirgse dhe Criosd fa do chomhair. Tha mia ann an ainm an Tighearna ag innseadh dhuit gu’n glan fuil Iosa Criosd a Mhic o gach uile pheacadh. Ma dhiultas thusa E gheibh thu na briathan fhathasd sgriobhta air creagan na h-ifrinn agus gu’n robh tairgse agad-sa de Chriosd agus gu’n do dhiult thu E, agus chi thu nach robh lamh aig aon ach thu fein ann do sgrios. Agus cuiridh a h-uile aon a bhios air a thearnadh ‘amen ri do dhol a dh’ ifrinn. O na diult E, mur maith leat a dhol sios do’n ionadh uamhasach mu’n bheil sinn a’ labhairt. O an sgread a bhios aca ann an sin a’ fagail am fuil air aon a cheile. O na diult Chriosd, tha bith-bhuantachd fada. O! bith-bhuantachd, bith-bhuantachd, bith-bhuantachd. Eisd ris an diugh, “an ti a thig am’ ionnsuidh cha tilg mi air chor sam bith a mach e; oir thainig mi a nuas o neamh cha’n ann chum gu’n deanainn mo thoil fein ach toil an ti a chuir uaith mi. Agus ‘si so toil an Athar a chuir uaith mi nach caillin a bheag sam bith de’n uile a thug E dhomh ach gu’n toginn suas e ris air an la dheireannach.” Ma ta, thusa a dhiultas E an diugh freagraidh tu air a shon air la a’ breiththeanais.
Anam bhochd anns am bheil ni-eigin de churam na bith-bhuantachd bi mu chosan Chriosd agus am measg a chloinne agus aon enmhuinneachd a chi thu annta fag sin eadar iad fein agus esan. Mu’m bi E deis dhiubh bidh iad co fofrfe ‘s a bha iad ann an Adhamh mu’n do thuit e. O! na diult E. Chi thu fthasda an saoghal ‘na theine agus cha bhi farmad agad ri aon ach an t-aon a fhuair coir ann an Chriosd.
Tha e iongantach priseil aon a’ tighinn gu leabaidh a’ bhais gun oilbheum a thoirt do aon de phobull Dhe.