Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1905 » January 1905 » Searmon leis an Urr. ARCHD. COOK, A BHA ‘N DEIMHIDH: Salm cxxvii. 1. An dara searmon

Searmon leis an Urr. ARCHD. COOK, A BHA ‘N DEIMHIDH: Salm cxxvii. 1. An dara searmon

CHA-N e a h-uile ni a ghearras an creutair a mach a dochas; agus tha ceart cho duilich sin an creutair a thoirt gu bhi ‘g earbsa as an Tighearn. Mar sin feudaidh sinn a rachd gur e slainte an anama dara iongantas na siorruidheachd. ‘Se iongantas na siorruidheachd Dia air ‘fhoillseachadh anns an fheoil; ‘s e slainte an anama an ath-iongantas. Is bochd an t-anam a theid tre’n t-saoghal gun churam. Bidh e tre’n t-siorruidheachd a’ mallachadh an la a fhuair e bith.

Tha an Salmadair anns an t-sailm roimh so a’ labhairt air saoradh na h-eaglais o dhaorsa gus am bheil e tighinn gus an earrainn, “mur tog an Tighearn an tigh gu diomhain saothraic-hidh an luchd-togail.” Ciod air bith saothair a ni iad cha bhuannaich iad leud na roine gus an cuir an Cruithear a lamh ris an obair. ‘S iomadh creutair bochd a tha fad an la a’ frithealadh nam meadhanan agus nach do bhuannaich leud na roine agus cha bhuannaich gus an cuir an Cruithear a lamh ris. Eachdon an deigh sin feudaidh peacadh a h-uile ni a rinn an creutair a mhilleadh air chor ‘s gu bheil feum air caithris agus biodh suil a’ chreutair air an Tighearn fein airson gu’n gleidheadh E ‘obair fein. ‘Oir mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.”

‘Nuair a bha sinn a’ labhairt o na briathraibh so roimh, bha sinn a’ nochdadh,

I. Gur e dleasdanas nan uile bhi ri faire,

II. Mur gleidh an Tighearn am baile gur diomhain a ni am fear-coimhid faire.

Bha sinn a’ foillseachadh gur e dleasdanas nan uile bhi ri faire faire air an t-saoghal uile, gu’m bheil curam an anama ghrasmhoir a’ dol a mach timchioll na cruitheachd uile. Tha an creutair gun ghras cho cumhann, cha teid a churam ni’s fhaide na a fein. Bha sinn ag radh gur e dleasdanas a’ chreutair a bhi caithreiseach nach biodh e a’ neartachadh chreutairean eile ann am pheacadh. Is uamhasach sin gu’m biodh creutair air bith tre’n t-siorruidheachd a’ coireachadh aoin airson call anama. An t-anam a tha faicinn sin bidh e ri faire.

Tha aig creutairean a’ Chruthiheir creidimh air anam a bhi aca ‘s gu’m feud iad bhi ciontach dhe sgrios an anama sin. Ma dh’ fhosgail an Spiorad Naomh sin do chreutair air bith bidh an creutair sin ri faire. Tha sinn a’ leughadh air Ierooboam mac Nebait a thug air Israel peacachadh agus am peacadh sin a’ ruith anns na ginealaichean ‘na dheigh air chor ‘s gu’m bi na miltean ghinealach a’ fagail am fuil air. Bha naimhdeas Esau do Iacob a’ leantunn a ghinealach gu ginealach; mar sin bidh iad u’ fagail am fuil air. Thusa a tha faicinn sin bidh tu ri faire; ach “mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.”

‘Nuair a thig aon gu bhi ri faire mar so bidh iomadh suil air; agus is beag an ni dh ‘an toir iad an aire; agus ‘nuair a tha creutair ‘na ghairm ‘s iongantach mur bi e air a ghlacadh ann am peacadh agus gu’m faigh an t-anam a mach ‘theum air caithris. Ach “mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.” Tha Satan air toir an anama sin. B’fhearr leis aon de’n luchd-faire a ghlacadh ann am peacadh ma mile eile. ‘Nuair a sheallas sinn air na bheil anns an anam a’ brosnuchadh an Tighearna ‘s iongantach nach ‘eil E a’ fagail a’ chreutair gu tuiteam ann am peacadh a bheir cnamhan briste dha fein uile lathean a bheatha. Tha feum air faire, ach “mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.”

Tha curam aig a’ Chruthhear mu ‘eaglais mar na creutairean a cheannaich E le ‘fhuil fein agus tha e soilleir ma tha drap sam bith de ghaol Chriosd anns an anam gu bheil anns an anam sin curam mu eaglais Chriosd; agus ‘s ann an sin a tha an t-aonadh a tha eadar cuspairean a ghaoil a’ tighinn am fradharc. ‘Se an t-aonadh sin neart agus gloir na h-eaglais. Nis ‘se iarrtus Shatain gu’m biodh an t-aonadh so air a bhriseadh. O mar a tha aige ladhar sgoilte nan roinnean, air chor ‘s nach ‘eil an creutair a mach a cunnart gus am bheil e stigh ann an gloir. Mar sin tha feum air faire. Cha-n ‘eil iad ach tearc a tha ‘toirt an aire dha so; ach tha e cunnartach. Thusa, a bhios a’ briseadh an aonaidh so eadar clann Chriosd, ged a b’ anam grasmhor thu cha chuir Dia uiread de dh’ onoir ort ‘s gu’n toir E dhuit fianuis a thort air a shon air leabaidh do bhais. Co fhad ‘s a tha aon air a chumail critheannach le eagal gu’m bi e ‘na Achan cha bhi e ‘na mheadhon toirt a stigh roinnean am measg clann Chriosd. Ach ‘nuair a chi thusa neach a’ fas bruidhneach agus foirmeal tha feum air caithris o’n aon sin. Tha cuid agus cha-n ‘eil aca ach seann notachan : tha feum aeadsa air caithris maillé rin sin.

‘Nuair a chi an t-anam grasmhor, ged a tha an Tighearn a’ deiligeadh ris gu sabhailte, ‘nuair a chi e anmhuinneachd am measg pobull Dhe agus gu bheil bochdan Chriosd fosgailte dha sin, ‘nuair a labhras e air tha e ullamh air fuachd a thoirt ‘nam measg agus tha e an cunnart a bhi ciontach de pheacadh Ham. Cha-n ‘eil e ‘na chomharrta air an Tighearn bhi tighinn dluth do’n anam creutair a bhi ‘labhairt air anmhuinneachd pobull Dhe. ‘Nuair a tha an Cruithear a’ tighinn dluth do’n anam tha an creutair a’ faicinn de thruaillidheachd ann fein ‘s gu’m faigh e fein air dheireadh air a h-uile neach. Gheibh e freumh a h-uile peacaidh a-tha anns an t-saoghal ann fein agus mar sin tha feum air caithris. Gabh beachd air ceilig a’ chridhe. “Tha an cridhe cealgach thar na h-uile nithe.” ‘S iomadh aon a thug an cridhe a stigh do na lasraichean. “Leis gach uile dhichioll gleidh do chridhe oir as a sin tha sruthanna na beatha.” Ma tha beatha nan gras anns an anam tha sruthanna na beatha a’ sruthadh as, ach, mur ‘eil, tha sruthanna a’ bhais a’ sruthadh as a’ chridhe. Ma bhios thusa a’ gleidheadh do chridhe gheibh thu mach ciod a tha annad. Ciod a rinne Phairisich dhe muinntir? Nach e nach robh iad a’ toirt an aire d’ an cridhe? Feudaidh sinn a radh nach ‘eil aon air an talamh a bu chomasach a bhi ann an sith airson na siorruidheachd nan toireadh e an aire d’ a oibreachtadh inntinn ann am meadhonan nan gras ; ach gun a bhi toirt an aire eudaidh e buanachadh ‘na fhoirmealach bochd fad a la.

Co luath ‘s a tha Spiorad Naomh nan gras a’ gin smuain air siorruidheachd anns an anam bidh an creutair a’ toirt an aire do chleachdadh ‘inntinn. Tha an Spiorad Naomh a’ tionndadh suil an anam air a’ chridhe agus buanaichidh an t-anam grasmhor mar sin gus an teid e null air Iordan. Mar is geire a tha aire an anama air cleachdadh ‘inntinn tha e faotainn truaillidheachd a’ fas ni’s beo ‘na fhaireachadh. Leigidh tusa an diabhlul tre do chridhe mar is toil leis agus cha bhi e ‘na thrioblaid sam bith dhuit. Ach cuir stad air le srad de nadur na caithris agus mar is geire a bhios ‘s ann is beotháile a bhios an truaillidheachd a’ fas ann am faireachadh an anama. Ged a dh’ fheudadh an creutair a bhi cho glan o’n leth muigh ‘s nach bu chomasach ni a chur as a leth, gidheadh tha nithe a’ tighinn beo ann am faireachadh an anama air am bheil an lagh naomh a’ deanamh greim agus tha iad a’ fagail a’ chreutair cho ciontach an lathair Dhe ‘s ged a bhiodh e fosgailte do’n t-saoghal. Mar sin feudaidh an creutair e fein fhaotainn anns an aon staid ris an neach a tha dol dh’ ionnsuidh na croiche agus nach comasach e a bheul fhosgladh no clach a thilgeadh air aon air bith. Bu chomasach Peadar aon uair air labhairt an aghaidh nan “ard-shagart agus ar n-uachdaran” a thug shairis gu diteadh bais E, agus “le lamhaibh dhroch dhaoinne cheus agus mharbh sibh E.” Ach ‘nuair a chunnaic e an lamh dhearg a bh’ aige fein ann ‘s e a thubhairt e, “Neach a ghiulain ar peacanna E fein ‘na chorp fein air a’ chrann.”

Feudaidh an t-anam tighinn gu faireachadh air gu bheil glusad a chuirp a’ togail truaillidheachd an taobh a stigh. Tha cuid ann agus tha an suilean ‘nan sgios dhoibh. Tha cuid agus tha an cluasan. ‘S ann mar sin a tha an t-anam air a chaiteamh mach as an t-seann chumhnant. Feudaidh neach a bhi ‘cumail aoraiddh agus an sin a’ neartachadh ‘fhein-fhireantachd, ach aig a’ bhas tuigidh e gu’n robh e togail air gaineamh. Fhuair clann a’ chumhnaint a mach nach deanadh maithenas a mhain nì’s leor dhoibh nach bu lugha na cruthachadh nuadh a dheanadh sona iad. Dheanadh am foirmealach an gnothuch le maithenas. Tha maithenas priseil ach ‘s e cruthachadh nuadh a chuireadh stad air an dortadh fola-sa. Is iongantach aon a’ tighinn ann an eisimeil an Tighearn. Tha sinn a’ leughadh anns na Corintianaich air an fholach a tha air a’ chridhe ach ‘nuair a phillear chum an Tighearn togar am folach dheth. ‘Nuair a thig thusa an eisimeil Chriosd togar am folach dhe do chridhe ach co fhad’sa tha thu ag amharc ri nithibh eile mairidh am folach. Chaidd an eaglais beagan seachd air nithibh eile ‘nuair a thubhairt i, “fhuair mi esan d’am bheil gradh aig m’anam.” ‘S iongantach sin, creutair a’ tighinn gu bhi feumach air an Tighearn. Nis ciod a bheir a dh’ ionnsuidh an Tighearna e? Bheir gairmean saor an t-soisgeil. Cha d’ thug truaillidheachd riamh aon a dh’ ionnsuidh an Tighearna, ‘s ann a chuireadh sin air falbh. Tha Esan naomh ach mise mi-naomh, Esan ‘na sholus ach mise a’m’ dhorchadas. Nis an tig naimhdeas a dh’ ionnsuidh graidh? no dorchadas a dh’ ionnsuidh solus? Cha tig. ‘S e gairmean an t-soisgeil agus na gairmean sin a’ gabhail greim air an anama “le cordaibh duine, le ceanglaichibh graidh,” a thairngeas an t-anam. “Bha mi dhoibh mar neach a thogas dhiubh a’ chuing air an gialaibh agus chuir mi sios biadh dhoibh.” Agus tha E a’ labhairt briathran iongantach ann an aite eile, “Agus bidh duine mar ionad-fasgaidh o’n ghaoth agus mar dhidean o’n doinnn, mar shruthaibh uisge ann an aite tioram, mar sgaile creige moire ann an tir airsnealach.” Faic, ‘s e bhi fosgladh Chriosd ann an nadur na daonnachd do’n anam a tha ‘ga thoirt a dh’ ionnsuidh an Tighearna ann an cumhachd an t-soisgeil.

(Ri leantuin.)

Communions.—Inverness, fifth Sabbath of this month ; Dingwall, first Sabbath of February.

Errata.—We regret that the following errata occur in the Rev. Mr. Macrae’s report of visit to Canadian Mission printed last month:—P. 298, “Cape Rose” should be “Cape Race,” and “northern,” “southern”; p. 300, “1873,” “1875”; p. 354, “wet,” “good.”

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice