Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1905 » February 1905 » Searmon: Salm cxxvii. 1. An dara searmon. (Andaracuid.)

Searmon: Salm cxxvii. 1. An dara searmon. (Andaracuid.)

LEIS AN URR. ARCHD. COOK, A BHA ‘N DEIMHIDH.

THA amannan araidh ann anns an bheil feum air caithris. ‘Nuair a tha drap dhe aonta an anama air a chosnadh do Chriosd, mar a chi sinn a thaobh Rebecah, tha feum air. “An teid thu leis an duine? Agus thubhairt i, ‘Theid.'” Cha b’e a shaoibhreas ach e fein a choisinn i. Cha-n e gloir shiorruidh ach Criosd fein a tha cosnadh aonta an anama. Agus ged nach bu mho sin na ceud charuchadh an naoidhein anns a’ bhroinn cha-n fheidh sinn o fhocal Dhe a radh gu’m bi an drap sinn caillte. Ach far nach ‘eil ni’s mo na sin cha chomasach sinn o fhocal Dhe a radh nach bi an t-anam ann an ifrinn. Cha-n ‘eil teagamh nach robh an uiread sin anns an talamh chreagach. Ach far am bheil an t-srad sin o ghras anns an anam buanaichidh e gus a’ chrich. ‘S iongantach na briathran sin ann an Hosea, “Thigibh, pilleamaid ris an Tighearn, oir is esan a reub agus ‘s e a ni ar leigheas, ‘s e a bhuaile agus ceanglaidh e suas sinn; an ceann da la ni e ar n-athbheothachadh, air an treas la duisgidh e suas sinn agus bidh sinn beo ‘na shealladh. Agus bidh eolas againn; theid sinn air ar n-aghaidh a ghabhail eolais air an Tighearn.” Cionnus? “Tha a dhol a mach air ‘ulluchadh mar a’ mhaduinn agus thig e d’ar n-ionnsuidh mar an t-uisege air an talamh.” Nis far am bheil drap de aonta so an anama ri sin tha feum air caithris. Agus thusa, a fhuair sin, feuch nach eirich thu dhe do ghluinean gun ni eigin ‘ga bheathachadh, agus biodh da shuil agad a’ caithris, suil a’ sealltuinn ri Dia agus suil ag amharc am bheil aonta d’ anama air a chosnadh. “Thubhairt in’ anam, is tu mo chuibhrionn.” Theid am foirmealach bochd troimh an aoradh gun smuain air Dia no air anam.

‘S iongantach sin, ‘nuair a gheibh an t-anam sealladh soilleir air nadur a’ pheacaidh, dearbhshoilleireachd. Chi mise peacadh ann am urnuigh, peacadh ‘nam shearmon, peacadh anns a h-uile ni a tha mi ‘deanamh agus gidheadh feudaidh mi bhi aineolach air nadur a’ pheacaidh. Thusa, a tha gun ghras cha-n ‘eil thu ‘ga fhaicinn ni’s mo na am focal beag sin ‘sin.’ Cha-n ‘eil ann an sud ach focal beag th ri litrichean s-i-n, agus tha am peacadh cho beag sin ‘nad shealladh gus am minich Spiorad Naomh nan gras e. Ged a dheanadh tu breug bidh sin cho beag ‘nad shealladh ris na tri litrichean sin s-i-n no o-l-c. ‘S ann an ifrinn a chi iomadh ni air bith ann am peacadh. A bhi fosgladh nadur a’ pheacaidh, ‘s e sin toradh bas Chriosd, agus ‘nuair a tha sin air a thoirt do’n anam agus drap de nadur an aithreachais bidh aige mar a bha aig Iob. “Le eisdeachd na cluaise chuala mi thu ach a nis chunnaic mo’ shuil thu; uirre sin gabhaidh mi grain diom fein, agus ni mi aithreachas ann an duslach agus an luaith.” Nis tha drap de’n bhruiteachd sin anns an anam iongantach milis a’ tighinn dluth do Dhia. Oh, cha-n ’eil suibean tioram agus cridhe cruaidh ’nan comhfhurtachd do’n anam ghrasmhor ach is maith leis a bhruiteachd so. Ach cha chomasach e ’oibreachadh an fein agus tha sin a’ foillseachadh dha gur ann o Dhia a tha e. Agus thusa, a chuireas sin air falbh le peacadh feudaidh gu’m feum thu tighinn tre na lasrachan mu’m faigh thu air ais e, air chor’s gu bheil feum air caithris. Ach, “mur gleidh an Tighearn am baile, gu diomhain ni am fear-coimhid faire.” Tha mi ’smuaineachadh gur e direach sealladh de nadur a chul-sleamhnachaidh a bha aig Ephraim agus e ’ga chaoidh fein; “gu deimhin an deigh dhomh bhi air mo philleadh, ghabh mi aithreachas, agus an deigh dhomh bhi air mo theagasg, bhuail mi air mo leis; bha naire orm—seadh geur amhluadh a chionn gu’n do ghiulain mi masladh m’ oige.” ’S e am peacadh masladh na h-oige, agus nan dealraicheadh solus Dhia air chitheadh tu e ’na aobhair naire.

’Nuair a tha an t-anam a’ faicinn cho cruaidh ’s a bha e air Dia peacadh a mhaitheadh—(Thusa, a tha aineolach air luachmhor-achd agus farsuinneachd bas Chriosd agus a’ saoilisinn maitheanas a bhi ’na ni furasda, thoir an aire, ’se an diabhul a tha ’searmon-achadh trocair dhuit)—chi e gur e maitheanas peacaidh an ni a b’ fhaisge a thainig riamh air cumhachd Dhe. Chuir e uile bhuadhan na Morachd air obair. ’S ann a gloir a thainig a’ cheisd sin, “cionnus a chuireas mi thu am measg na cloinne.” Tha an Spiorad Naomh a’ toirt seallaidh dhe sin, ach nach ’eil e eucomasach, gu’n d’ fhuair E ann am bàs Chriosd na thug saorsa dha peacadh a mhaitheadh. ’Se ceartas a tha ’maithean peacaidh, ’s e ceartas a fhuair an rathad. ’S e a th’ ann—Dia ceart agus Fear-saoraidh. Thusa, a fhuair sin, tha feum agad air caithris. Ach “mur gleidh an Tighearn am baile, gu diomhain ni am fear-coimhid faire.” Cha-n ’eil ni a tha Satan ni’s mo an deigh air na gu’m faigheadh e sin air a thoirt o’n anam, oir nam faigheadh dh’ fhasadh an creutar dan ann am peacadh agus bhiadh e fathast ann am ifrinn. Mar sin tha feum air caithris, ach “mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.” Cionnus a tha cridhe an t-saoighail air a ghleidheadh agus an ni air am bheil iad a’ sealltuinn fad an la?

’Nuair a tha drap de Spiorad na h-urnuigh air a dhortadh air an anam—’s iongantach drap de Spiorad na h-urnuigh nach gabh diultadh, “cha leig mi air falbh thu mur beannaich thu mi,” cha leig mi air falbh thu gus am maith thu mo pheacadh, cha leig mi air falbh thu gus an caith thu mach am bith mallaichte so,—ma gheibh thusa Spiorad na h-urnuigh tha feum agad air caithris. ’S iongantach anam bochd aig casan na Morachd nach comasach Dia a chur air falbh. Thoir thusa an aire air sin. Tha e priseil. Ann an so a nis tha iarrtus gu’m biodh am peacadh air a chaitheamh a mach agus ann an sin tha an t-anam agus an run siorruidh a’ cordadh. Tha am peacadh uamharr a grathail—sgeith a’ mhadaidh —puinnsean na nathrach. ‘Nuair a gheibh thusa gaol a’ pheacaidh air a bhriseadh ‘nad anam agus drap de ghaol na naomhachd a’ tighinn a stigh, tha feum air caithris, oir is iomadh doigh a tha aig Satan gu sin a chaitheamh mach as an anam agus tha feum air faire.

Ann an so feudaidh mi radh gu’m bheil ni-eigin de nadur nan coigreach a’ tighinn a stigh, agus mar a bhios an creutair an sin, dealraicheadh an Tighearn air luibhean feoir agus chi thu mar a tha sin ceangailte ri cuan siorruidh de iordheirceas is bidh e duilich leat saltairt air. Nis thig an t-anam gu sin, gu’n toir smuain air siorruidheadch comhfhurtachd agus sith a stigh anns an anam. Ann an sin tha e a’ faicinn gu’m bheil anns an t-siorruidheadch na bheir lan saorsa do uile bhuadhan an anama. Tha buadhan an anama iongantach farsuinn ach lionaidh siorruidheadch iad. Cha sasuich an saoghal an t-anam agus cha chaisg e a phathadh. Ach lionaidh siorruidheadch e. Nis tha dearrsaidhean de sin iongantach. Cha-n ‘eil iad ach gle thearc anns an t-saoghal a tha ‘gabhail a steach nadur na gloire. Ach o! smuainich air sin, anama air a chumail cruaidh cumhann tre’n t-siorruidheadch ann an slabhraidhean dorchadais.

“Mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.” Bha sinn ag radh gur e dleasdanas an anama ghrasmhoir a bhi ri faire air an t-saoghal agus cha bhi an t-anam grasmhior sona ‘nuair nach teid a churam ni’s fhaide na e fein. B’aithne do Chriosd ‘iordheirceas fein agus bha lan shonas aig ann fein. Ach cha d’ fhan a ghradh ann fein, chaidh e mach gu cuspairean eile. Nis tha e ag radh, “mur ‘eil Spiorad Chriosd aig neach cha bhuin e dha.” Ach airson an t-saoghail feudaidh mi radh, ged a bhiodh na tha de naoimh air an talamh ri faire, “mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire,” mar a dh’ fheudas sinn fhaicinn ged a bha an duine ‘na cheud staid naomh cha b’fhad gus an do rinn e smàl dhe fhein. Agus thusa, nach ‘eil fo churam an Tighearn cha-n iongantach ged bhiodh tu ann an ifrinn. Tha thusa ni’s thusa sgrios na bha Adhamh. Mar sin ged bhiodh naoimh agus aingil ri faire, nam fagadh an Tighearn iad rachadh a’ chruitheachd ‘na smàl.

Tha de ardan anns an t-saoghal na dheanadh smàl dhe’n chruitheachd. Faic, labhradh aon rioghachd focal an aghaidh rioghachd eile agus cha iaruch ni ach dioghaltas. Tha bith ardan anns an duine a dheanadh smàl dhe’n chruitheachd mur bhi gu’m bheil Dia a’ riaghladh air chor ‘s gu’m feudar a radh, “mur gleidh an Tighearn am baile gur diomhain a ni am fear-coimhid faire.” Tha de naimhdeas ann an nadur an duine anns an t-saoghal na mhilleadh a’ chruitheachd mur b’e ceannsachd dhiomhair na Morachd a tha bacadh sin o bhi briseadh a mach. Ann an ifrinn bidh a h-uile ceannsachd air a togail diubh agus an naimhdeas air a leigeadh fuasgailte. O mar a bhios iad ann an sin a’ coireachadh agus a’ reubadh a cheile tre’n t-siorruidheadch. B’aithne dha Daibhidh ciod a bh’ anns an t-saoghal ‘nuair a thubhairt e, “Tuitem a nis ann an laimh an Tighearna, oir is lionmhor a throcairean, ach ann an laimh duine na tuitem.”

Tha spiorad uamharra sanntach anns an t-saoghail. Faic righ, cha bhi e riaruichte le aon rioghachd, dh’ iarradh e rioghachd eile. Cha-n ‘eil an duine toilichte le a staid, am fear aig am bheil baile, cha-n ‘eil e riaruichte, feumaidh e baile eile. Tha da urnuigh anns an t-saoghail agus tha’n Tighearn ‘g am freagairt. ‘S e urnuigh an t-seann duine, “tuilleadh talamh, tuilleadh talamh;” agus ‘s e urnuigh an duine oig, “bàs m’ athar, bàs m’ athar, gus am faigh mi fein am fearann.” Faic na dhoirt an spiorad sannt sin a ghiulaineadh leis ach an Dia Siorruidh a tha cumail bacadh air? Airson caithris an anama ghrasmhoir air an t-saoghail agus gu h-araidh air a chloinn feudaidh e radh, “Mur gleidh an Tighearn am baile gu diomhain ni am fear-coimhid faire.”

Cha bhi an t-anam grasmhorfad ann an cuideachd an t-saoghail gun ‘urram do Dhia a chall, agus caillidh e speis an t-saoghail dha fein. Aon uair bhiodh eagal orra roimhe ach nis ni iad gaire foichaid air, agus mar is fhaide tha e ‘n an comunn ‘s ann is mo a tha e ‘call ‘urraim.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice