IS priseil staid an anama ‘nuair a tha am bas agus siorruidheachd a’ tighinn gu bhi ‘nan comhfhurtachd do’n chreutair. An t-anam a thainig gu sin cha-n ann ‘na chodal a rainig e air. Tha am bulc mor ag iarruidh a bhi beo fada gu bhi ní’s fhaide mach a ifrinn. Ach, a chreutair, ged a bhiodh tu beo mile bliadhna cha bhi siorruidheachd ní’s giorra dhuit. Agus ma tha thu glic, dean spairn gu ruigheachd air a’ staid sin anns am bi am bas agus siorruidheachd ‘nan comhfhurtachd dhuit. Agus gu cinnteach ‘se sin an ni airson am bu mhath le cuid a bhi beo. Agus an t-aideachadh anns nach ‘eil a bheag de sin cha mhor is fhiu e. Thusa a tha leantuinn nam meadhonan gun a bheag de sin cha do thoisich thu ceart. Tha na naoimh air an samhlachadh anns an sgriobtur ri solus, “a dhealraicheas ní’s mo agus ní’s mo gu ruig an la iomlan.” Ach thusa, nach do thoisich ceart buanaichidh tu a’d’ mheall laidir gu la do bhàis co fhad o Dhia ‘s a bha thu an la a thoisich thu. Agus tha aobhar agad a bhi rannsachadh ciud e am bunait air am bheil thu seasamh.
Tha an t-Abstol an so a labhairt air an uachdaranachd thimeil, agus bhiodh an saoghal so uamhasach a dh’ easbhuidh air sin agus co fhad ‘sa tha an riaghladh a reir aithne Dhe ‘se combarrachadh Dhe e, mar a chi sinn anns a’ 4mh earrainn. Agus tha e ‘dol air aghaidh mar sin a’ misneachadh clann Chriosd. B’ iad na creutairean ‘bu neochiontaich, gidheadh ‘s iad a bu mho a bha fulang anns an t-saoghal. Agus tha an t-Abstol ‘g am misneachadh leis na briathraibh so. “A ta ar slainte nis ní’s fhaigse na ‘nuair a chreid sinn.”
‘S iongantach aon bhi air a ghleidheadh cho beo ‘s a bha e ‘n uair a thainig an Cruithear an toiseach d’a ionnsuidh. Tha sinn a’ faicin gu’n do thuit clo codail air na h-oighean glic mar air na h-oighean amaideach, ‘S iongantach sin aon bhi air a thoirt beo mu ‘bhith-bhuantachd; ach ‘s e iongantas nan iongantas aon a bhi air a chumail beo. Oir cha-n ‘eil ni ann an nadur ach ni a chuireadh siorruidheachd as an t-sealladh agus a chuireadh anam a cuimhne. C’aite an cluinn thu focal ach focal a chuireadh siorruidheachd as an t-sealladh? Agus ‘s e sin cuid de innleachdan an droch spioraid, air chor ‘s gur iongantach aon a bhi air a chumail beo. “Agus air dhuibh fios na h-aimsir a bhi agaibh gur r.i.thich dhuinn a nis mosgladh o chodal.” Am bheil gaoisteanan liath a fás ‘nad cheann? Is mithich dhuit a nis mosgladh o chodal. Agus eadhon thusa, anam ghrasmhoir, “is mithich” dhuit “a nis mosgladh o chodal. Oir a ta ar slainte nis ni’s fhaigse na ‘n uair a chreid sinn,” croich a h-uile trioblaid, croich a h-uile buairidh nis ni’s fhaigse na ‘n uair a chreid sinn.
Ann an labhairt o na briathraibh so bidh sinn,
I. A’ fosgladh ni-eigin de’n t-slainte so a tha nis ni’s fhaigse na ‘nuair a chreid sinn;
II. Ag ainmeachadh cuid de na nithibh a ta ann an suil an anama ‘nuair a tha e toiseachadh an toiseach air a bhi ‘g amharc ri Criosd airson slainte;
III. A’ cur na ceisd cia mar a dh’ fheudar a radh gu’m bheil an slainte nis ni’s fhaigse na ‘nuair a chreid iad;
ni’s fhaigse na ‘nuair a thoisich iad an toiseach air a bhi ‘g amharc ri Iosa Criosd airson slainte;
IV. A’ sealltuinn ris a’ bhuaidh a tha aig sin air cloinn Chriosd, gur-mithich dhoibh a nis mosgladh o chodal;
‘se sin a’ bhuaidh a tha aig air an am ghrasmhor. Agus ‘s iongantach sin, mar a tha anam grasmhor a’ tighinn gu crich a thuruis gu’m bheil e fas ni’s beothail an aite a bhi ‘fas meadh-bhlath. Agus nach priseil e bhi mar sin? Ach ciod air bith aite am bidh thusa tre ‘n t-siorruidheachd bidh tu fas ni’s cosmhuile ris an aite sin mar an t-arbhar ag abuchadh airson an fhoghair. Ach
I Ciod a tha air ‘fhilleadh anns an t-slainte so?
Tha slainte anns a’ sgiobtur a’ gabhail a stigh tearnadh a cunnart no a trioblaid mar a bha Israël aig a’ Mhuir Ruaidh, ‘muair a thubhairt Maois ris an t-sluagh, “na biodh eagal oirbh, seasaibh agus faicibh slainte an Tighearna a dh’ oibricheas E dhuibh an diugh.” Bha a h-uile dorus eile dúinte ‘nan aghaidh agus cha robh fosgladh air bith mur dearnadh an Tighearn e, air chor ‘s gu’m feudar a radh ris an fhuasgladh, slainte an Tighearna. Agus cha-n eil saoradh air bith ris nach fheudar slainte an Tighearna radh, ach tha sinne cho dall is nach fhaic sinn e. Faic Ionatan a ris. Bhlaís e air mil agus thubhairt Saul, “gu cinnteach gheibh thu bas a Ionatain. Ach fhreagair an sluagh, am faigh Ionatan bas a dh’ oibrich an t-saorsa mhor so? Na leigeadh Dia; oir maillle ri Dia dh’ oibrich e an diugh.” Faic, ‘s ann o Dhia bha an t-saorsa. Ach ‘s e slainte spioradail a tha gu h-raidh againn anns an t-slainte so, slainte o eucailean spioradail agus tearnadh a cunnartan spioradail a reir an sgiobtur, “a’ faotainn croich bhr creidimh eadhon slainte bhr n-anam,” agus ann an aite eile, “Cionnus a theid sinn as ma ni sinn dimeas air slainte co mor?” Cionnus a theid sinn as o fhearg Dhe? Tha Simeon a ris ag radh, “a nis, a Thighearn, a ta thu leigeadh do do sheirbhiseach siubhal ann an sith a reir d’ fhocail, oir chunnaic mo shuilean do shlainte”—sin an aon mheadhon a chomharrach Dia airson tearnadh an anama, air chor ‘s gu’m feudar a radh ris an t-slainte so’ foirfeachd na slainte, agus sin a’ tighinn ni’s fhaigse air a’ chrunadh na ‘nuair a chreid sinn. An la a chreid an creutair an toiseach shaoil e a shlainte gle fhad as, ach a nis tha i tighinn ni’s fhaigse agus sin ann an iomadh doigh.
Tha i tighinn ni’s fhaigse ann an seadh litireil; agus a’ tighinn ni’s fhaigse ‘na smuaintean. Agus ‘s iongantach sin creutair a’ faireachadh a shlainte a’ tighinn ni’s fhaigse gu’s nach fhad a’ gus am bi a’ chlach mhullaich oirre, a’ glaothaich, “gras, gras.” Tha slainte an anama a’ toiseachadh ann am maitheanas peacaidh. Gus am bi am peacadh air a mhaithheadh cha bhi slainte anns an anam. Bidh e euslainteach. ‘S e maitheanas peacaidh a’ cheud cheum de ‘n t-slainte. Ach fhad ‘s a tha an creutair marbh gu spioradail cha-n’eil faireachadh aig air cionta. Ach co luath ‘s a tha creutair air a thoirt beo gu spioradail, tha aithne air cionta tighinn a stigh agus tha sin a’ toirt a stigh eagal farg Dhe. Agus co fhad ‘sa ‘se sin cor a’ chreutair tha e eucomasach gu’m bi an t-anam sin slan, no gu’m bi sonas aige ann an itheadh no ann an ol no ann an codal. Fagaidh so e mi-chomhfhurtail ann an staid sam bith anns an t-saoghal. Rinn sin an crun falamh do Dhaibhidh bhi faireachail air farg Dhe. An do chuir sin thusa riamh a mach a comunn diomhain? Thusa a fhuair e chuir e mach a comunn diomhain thu. Dh’ fhad cionta lomnochd thu agus tha binn an damnaidh uamhasach a bhi mach air aon.
Bha righ ann aon uair a bha air a thoirt beo mu churam anama agus a bha fo throm mhulad. Thainig a bhrathair ‘ga fhaicinn agus bha e feoraich, c’arson a bha esan cho bronach ‘s an rioghachd uile fuidh, gu’m feudadh e an neach a b’aill leis a chur gu bas agus an neach a b’aill leis a ghleidheadh beo. Cha do fhreagair an righ. Ach b’e lagh na rioghachd, ‘nuair a b’e toil an righ aon a chur gu bas, ordugh a thoirt an trompaid bhais bhi air a seirm aig a dhorus an oidhche sin. Air an oidhche sin fein dh’ orduch an righ an trompaid bhais a sheideadh aig dorus a bhrathar. Ghrad leum am brathair as a leabaiddh agus ann an tiota bha e a’ gul agus a’ bron aig cosan an righ. An sin dh’ fheoraich an righ ris, “C’arson a tha thu ‘gul? C’arson a tha thu ri bron marsin?” Fhreagair e air chrith, “O, nach d’orduch thu an trompaid bhais a sheideadh aig mo dhorus?” Thubhairt an righ, “tha sin a’ cur crith ort. Agus am bheil iongantas ort ged tha mise bronach ‘nuair a sheirm an Dia uile-chumhachd trompaid an damnaidh shiorruidh aig mo dhorus?”
O! a pheacaich gun churam, tha an la a’ tighinn anns an seirm an Dia siorruidh trompaid an damnaidh shiorruidh aig do dhorus agus cuiridh e crith ort nach fhad thu tre ‘n t-siorruidheadh. Ma chroaich E peacadh dhuit-se dh’ fheuch E dhuit cionta ann am peacadh a bha toillteanach air farg Dhe. ‘S iongantach sin, anam a’ faicinn ann am peacadh ni a tha toilltinn farg Dhe. An t-anam a chunnaic sin fhuair e sealladh nach comasach e a chrathadh dheth gus an tog an Tighearn fein dheth e, agus sin ann an rathad co-sheasmhach ri a ghloir fein. Tha am peacadh uamhasach ‘nuair a bhios e air ‘fhoillseachadh.
Ach gun dol ni’s fhaide air so, cha do chomhbarraich an Cruith-ear peacadh a mhaithheadh ann an doigh no air chumha air bith eile ach creidsinn ann an Iosa Criost. “Dhasan tha na faidhean uile toirt fianuis gu’m faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacadh tre ‘ainm-san.” Agus “air dhuinne fios a bhi againn nach ‘eil duine air ‘fhireanachadh o oibríbh an lagha ach tre chreidimh Iosa Criosd, chreid sinne fein ann an Iosa Criosd chum gu’m biomaidh air ar fireanachadh o chreidimh Criosd agus cha-n ann o oibríbh an lagha, oir o oibríbh an lagha cha bhi feoil sam bith air a fireanachadh.” ‘S e so comharrachadh Dhe agus tha e co-sheasmhach ri a ghloir agus thusa a dhiultas Criosd cha-n fhaigh thu maitheanas peacaidh.
‘S e bhi maitheadh peacaidh cuid de’n aoibhneas a chuireadh roimh Criosd air a’ chram-cheusaidh. Bhi faicinn an aireimh mhoir a gheibheadh maitheanas d’a thrid bha sin mar chordial milis da. Tha e sgríobhta, “de shaothair anama chi E agus bidh E toilichte.” C’uine a chi E sin? Direach ‘nuair a chi E Dia a’ maitheadh peacaidh. ‘Sann air a’ chumha so a thainig E do’n t-saoghal, a choimhlion E an lagh agus a bhasaich E, gu’m faig-headh a h-uile aon a chreideadh ann maitheanas peacaidh. Fhuair E an gealladh so agus ‘s e obair an Spioraid Naomh bhi toirt beo an anama agus a bhi foillseachadh obair Criosd da. B’ aithne do Dha o shiorruidheachd euomas an anama air creidsinn. ‘S e gras a thoisich an obair agus ‘se gras a chrunas i. Cha robh aon air a thoirt beo air mhodh eifeachdach slainteil mu a shiorruidh-eachd nach d’ thainig am Biobull gu bhi mar lasraichean teine eadar e is Dia. Agus ‘nuair a tha am Biobull marsin do’n anam cha bha e cho furasda dha bhi ‘faicinn trocair, ‘nuair a tha bagradh Dha mar lasair theine ‘na aghaidh. ‘Se obair an Spioraid N’eoimh bhi ‘foillseachadh Criosd do’n anam. ‘S ann mar sin a dh’ fheudas pobull Dhe bhi iomadh la ann am meadhonan nan gras le fair-eachadh air ferg Dhe. ‘S e an Spiorad Naomh mar thoradh anns an fhocal a tha ‘tionndadh aghaidh an anama air Criosd airson gu’m biodh E ‘na Fhear-saoraiddh dha, gu’n cleachdadh E oifgean Fear-saoraiddh dha. Agus ann an sin feudaiddh an Cruithear ann an doimhneachd a throcair faireachadh air maitheanas a thoirt do’n chreutair. ‘S e ni naomh ard-uachdaranachd ann an Dia bhi ‘foillseachadh do’n chreutair gu’m bheil a pheacaidhean air am maitheadh. Cha bhiodh e ‘na ifrinn mhoir ged bhiodh an creutair air ‘fhagail a’ bron airson na rinn e gu la a bhais.
(Ri leantuinn.)
“GRAVE, SWEET MELODY.”—We meet to worship God. We worship God by offering up to Him the oblation of holy affections. In singing, we offer up this oblation in unison. It is then a service in which every believer is expected to unite. Hence the airs should obviously be simple. They should be emphatically expressive of solemn, tender, and devout emotion. However well adapted music may be to the expression of other emotions, if it fail here, it is at best an impertinence. Unless it fan the flame of devotion, it were better to omit it entirely, and lift up our souls to God in silence.—Casket of Odds and Ends.