(Continued from Vol. X., page 468.)
-
Tha e na phost no na thaic mhòir do chreideamh a chreidmhich, agus a’ neartachadh an anam ann an aghaidh cagair agus ionnsuidhean an droch spioraid, ’nuair a tha e air a dhòirt-eadh a steach air an anam, agus ’ga dhaigneachadh ann an aghaidh cunnuill reusonachadh, feòlmoir, agus a ghearan ann an aghaidh frithealaidhean an Tighearn’, agus ann an aghaidh eagal peacach agus tràilleil an t-saoghail. ’Nuair a tha’n Criosdudidh coslach ri bhi gu dubhach air a chleachdadh fuidh na chrois, ann an sin tha’n diabhol a’ tòiseachadh ris a chothrom a ghabbail. ’Nis, tha fhios agam nach soirbhicheadh gu bràth leis. ’An sin tòisichidh reuson feòlmoir agus eascreidimh, ann an cùrsa féin, agus their iad, Mo thruaighe, mo thruaighe, ciod a ni mi? ’Se so an ni mu’n robh eagal orm : Agus a nis tha m’eagl cosmhail r’a theachd orm : là-eigin tuitidh mi ann an lamh mo naimhdean. Tha’n saoghal a’ tòiseachadh ri bhi gruaimeach, agus daoine an t-saoghail gu ràdh, gheibh sinn ar rùn air a mis : thainig an là air son an robh sinn a’ feitheamh, agus ris an robh ar dùil. Ann an sin tha creideamh a’ teachd a steach, agus ag radh, Marcaich air t’athais. Ciod a tha agad r’a radh ri mo Mhaighstir Criosd, agus ri a chrannna-ceus-san? Bithidh sibh ’n’ur breugairean, oir bithidh mi ’ar-aon gu maith, agus ni mi gu maith, a dh’aindheoin air an diabhol agus na h-uile a ghabbas a phàirt. Oir tha aig mo Mhaighstir-sa uidheam agus lòn gu thabhairt do sheirbhisich féin, co maith ’sa tha aig neach sam bith anns an t-saoghal, agus mòran na’s fhear. Mar sin ma ta, tha sinn a’ faicinn gu’m bheil buannachdan agus milsead na seilbh na luidhe ann an so, gu’m bheil e a’ dùineadh beul gach uile aobhairghearain.
-
Tha e cumail cridheachan pobull Dhé gun fhailneachadh ann an là na deuchainn, ’nuair a tha iad cosmhail ri géilleadh agus an obair sin a thabhairt thairis. Oir tha turus fada, agus saothar chruaidh gle sgìth, air son diadhachd fhior-ghlan agus neo-shalach ann am fianuis Dhé, eadhon an diadhachd fhior-ghlan chleachdail. Firinn agus cinnteachas an ni so tha e na obair mhòir, agus uime sin tha e air a mheas mar chogadh, gleachd, strìgh, na ruith rèis ; a’ deanamh strì gu dol a’ steach air a’ gheata chumhang, agus glacadh riochachd neamh le ainneart. Ach tha’n dòrlach do dheadh shiol ann ar saic na dheadh thearuinteachd, agus na chungaidh neartachaidh ann an aghaidh fannachaidhean fuidh gach uile mhi-mhiseach. ‘Nuair a gheibh sinn am fagus do laimh Chriosd, agus a gheibh sinn aon trà do dheadh sheann shearmon, agus tràth eile do dheadh sheann sheilbh agus do dh’fhoillseachadh mothachail, agus an treas tràth o sheann chomunn beòthail eigin. An saoil sibhse nach feud so ann an turus fada sinn a chumail o fhannachadh air an t-slighe.
-
Tha e cumail a Chriosduidh do ghà ruilbh fuidh na crois, agus a’ tabhairt air a bhi seinn clù an Tighearna fuidh an troiblaid agus an deuchainn a’s dubhaiche ris an còmhlach e: Bheir e air a chreid’mhach deadh theisteas a thabhairt air uile dhéiligidhean, shlighean, agus oibrbh an Tighearna, agus mòran a labhairt ann a bhi moladh gràdh Dhia. Ciod a thug air Pòl gairdeachas a dheanamh ann an troiblaid? Ciod a thug air Pòl agus Silas seinn anns a phriosan, am feadh a bha’n cosan teann anns na cip? Ciod a thug air Habaccuc seinn thairis air a sgrios? Nach b’e an dòrlach so do dheadh shìol a bh’ ac’ ann an cuid saic? agus an deadh lòn a fhuair iad air an t-slighe o am bràthair Ioseph; oir bheir e do a chàirdean agus do a bràithrean a chuid a’s fhearr do na chruthneachd.
-
Ni e an Criosduidh comasach air briseadh troimh fheadh do dhoilbhbeachdan, agus balla leum le misneach agus dànachd. Tha e a’ deanamh an lag làidir mar thigh Dhaibhidh, a’ toirt orra ruith gun bhi sgìth, imeachd gun fhannachadh. Tha e tabhairt orra na h-uile ni a dheanamh tre Chriosd a neartaicheas iad. Tha an namhad a’ rùnachadh gàraidhean droigheann a chuir ann ar rathad: ach trid neart Iehobhaì, theid sinne trompa uile, leis an lòn a tha ar Maighstir a’ tabhairt dhuinn air an t-slighe. ‘Surrainn e thoirt oirnn balla a leum, agus a dhol troimh fheadh do dhoilbhbeachdan, ‘seadh gach uile ni a sheasas ‘n-ar n-aghaidh. Salm xviii. 29; Salm cxviii. 6-13. Agus nach feud sinn a radh, gu’m bheil an dòrlach do dheadh shìol, agus an lòn air son na slighe, a tha ar bràthair Ioseph a’ cuir ann ar saic, araon milis agus sòlasach, agus de’ bhuannachd mhòr dhuinn air an t-slighe.
-
B’e an treas ni a rùnaich sinn focal rabhadh. Agus Air tìs, Cha b’aill leam gu’n togadh sibh ‘am mearachd ar n-Ioseph glic agus beannaichte, oir bithidh se an trathas ‘sa ris a’ cuir siol ann bhuir saic, ach gabhaidh se a thiom féin gu sin a dheanamh. Air an aobhar sin, cha’n feud sibh crioch a chuir roimhe, ach rùm fhàgail aige gu dhol agus a theachd mar is àill leis féin, no rathad a chuir roimhe, no tiom de do dhealbh féin air son gu’n oibriceadh e obair féin, no a rùn ghloir-mhor a thabhairt mu’n cuairt. Feumaidh tu rùm fhàgail aige, mar-aon air son an tiom agus an rathad, ‘san doigh; agus mar an ceudna do thaobh na meadhanan agus na h-innealan; air-neo ni sibh mòr dhochuinn dhuibh féin, agus suidhidh sibh ann an rathad bhuir solais féin. Oir ma ghabhas sibh beachd cheart air mo cheann teagaig, gheibh sibh na nithe so ann.
-
Gu’m falamaich Chriosd bhuir làmhan mu’n lion se iad. Oir thug iad saic fhalamh do’n Eiphit, agus bha e mar dhorus dòchais ac’, gu’n robh an stiùbhard rompa an sin gu’n lionadh. Co luath ‘sa thainig iad an sin, bha iad air an druideadh am prìosan, agus an sin rinneadh an saic ni b’ fhalamh. M’a dheireadh bhà’n cor air a dheanamh ni bu ro eu dochasaiche, agus ann an coslach na bu mhiosa na bha e roimhe.
(1) ‘Se’n dara mir do dheiligeadh glic Chriosd ri a shluagh féin, mu’n lion e an saic, gu’n d’thoir e dhoibh cridhe goirt. Oir cha robh a bheag ann am measg bràithrean Ioseiph, ach bròn agus tuireadh. Tha sinn ciontach, a deir iadsan. Agus an sin tha e ag òrduchadh an saic a bhi air an lionadh. Tha fhios agam gu’m feum na’s mò do leicheanan fluich a bhi ann bhur measg-sa fathast, mu’m bi ‘ur saic uile air an lionadh. Tha co lion cridhe rag agus slàn a tha ann ar measg ag rath, gu’m bi ar saic ‘ùin fhada gun lionadh.
(2) An treas doigh a tha’n Tighearn a’ gabhail, crois nuadh a chuir oirbh air nach do bhuadraich sibh riamh roimh, mu’n lion e bhur saic. Simeon ceangailte, bu ni sin air son nach d’amhairc na bràithrean so air a shon. Uime sin na togaibh gu mearachd-ach ar Tighearn caoimhneil agus ar Maignstir; oir lionaidh e saic a chàirdean, ach gabhaidh e a thiom féin gu dheanamh, agus tha deadh aobhar air a shon.
-
Na togaibh so ‘am mearachd, gu’m feum sibh aonchuid creidimh fhaotainn gu frithealadh an Tighearn do’r taobh féin ann an là ‘ur n-àmhghar a leughadh, airneò, leigdh sibh le iomadh ceanglachan arbhair do’n deadh shìol so a bhi air a chall, no air a dhiom-buileachadh. Tha mi ‘n dùil, gu’n d’fhuair cuid a nis na’s mò ann an cuid saic na bha iad an dùil; agus gidheadh tha eagal orm nach ‘eil ach beag aire air a thabhairt dà. Ghabh an eaglais mi-chreideamh chum a cor a leughadh. Tuir. iii. 18; Isa. xlix. 14. “Ach thubhairt Sion, thréig an Tighearn mi.” Cha’n ‘eil i a’ faicinn a bheag do thròcair ann a h-uile chrannchuir; ach tha creidimh a’ teachd agus a’ leughadh ni na’s fearr, anns 22, 24. Tha creidimh a’ faicinn nach ‘eil i gu buileach air a caithreamh as gun slioichd: ‘seadh, tha i gu misneachail air teachd gu a còir ann an Dia a dhearbhadh; agus tha so a’ cumail taic rithe gus am bheil i a’ faotainn sealladh air rathad sona dol as dhi féin, agus sgrios d’a cuid naimhde, mar a dh’fhaodas sibh a leughadh anns na h-àitibh a dh’ainmicheadh de na sgriobtuir. Is dana leam a ràdh, gu’m bheil iomadh tròcair mhilis agus thràthail sheult-aichte fuidh ‘ar croisibh, air an cuir ann an di-mheas agus air an di-chuimhneachadh, do bhèigh ‘s gu’m bheil sinn a tabhairt air a mhi-creidimh an leughadh dhuinn fuidh na croisibh so.
-
Bithibh air bhur faicill roimh na mhearachd so, do bhrigh ‘s nach faigh sinn uiread do chreidimh a’s gu buaidh fhaotainn air an t-saoghail; aig aon bhuille, agus uiread do chreidimh gus an ruaig a chuir air an diabhol a mach as a bhlar, agus buaidh iomlain fhaotainn thar ‘ur n-uile naimhde, nach saoil sibh a bheag sam bith de leithid do thomas creidimh ‘sa chumas air ‘ur cosai bh sibh, agus a ghleachd sa’n comhrag a chumail suas. An saoil sibh a bheag sam bith deth uiread do ghràs agus do neart, is gu’r cumail ri ‘r dleasdanas, as-eugmhais a thoirt thairis mar ni gun dòchas ; do bhrigh ‘s nach fhaigh sibh uiread ‘sa chuireas làn-chrioch air bhur dleasdanas, a chum is nach bi sibh na’s mò air ar trioblaideachadh leis. Ach gu deimhin, bu choir dhuinn a shaol-sinn na dhòrlach do dheadh shiòl ann ar saic, ma gheibh sinn uiread do lòn uidheam agus do ghràs, gus a chath a chumail suas ann an aghaidh an diabhoil, an t-saoghail, agus na feòla, agus gu’r cumail aig ar dleasdanais. Tha fhios agam gu maith, nach ‘eil sinn a dh’earbhauidh dòrlach do dheadh shiòl ann ar saic, ma bhitheas sinn air ar còmhnadh gus an òran sin a sheinn, ge nach urrainn sinn an là a chosnadh gu h-iomlan thairis air ar n-an-mhiannaibh agus ar n-iodholaibh aig a cheud làmh : gidheadh, buidheachas do Dhia, cha do choisinn iad eòrlach do ghrunn òirnn’ o na thòisich ar croisean, agus rinn Ceannard beannaichte ar slainte sinn a chòmhnadh gu dol a mach ann am blàr na’n aghaidh. Agus trid a ghràs-san a tha neartachadh a sluagh féin, “leis gach uile ghné ghràs anns an duine an leth a stigh,” tha dòchas againn nach d’thoir sinn gu bràth thairis a chùis, gus am faigh sinn iad uile air an caithreamh as.
-
Na togaibh ‘am mearachd air an doigh so a chùis, do bhrigh ‘s nach faigh sibh comas dol a steach mothachail taitneach ann an urnuigh ri Dia, agus nach ‘eil sinn air ar gabhail agus air ar n-altrom leis air a ghltuinibh agus sinn a bhi air ar tabhairt gu’r còir agus ar daimh ann an Criosd a leughadh, trid solus mothachail a ghùis, uime sin nach saoil sibh a bheag sam bith, ge d’ robh sibh air ‘ur cumail a’ bualadh aig an dorus, a’ tagradh, a’ gleachdadh, gu liosda ‘feitheamh aig an dorus gus am bi e air fhosgladh dhuibh, agus na h-uile h-amaladh air an atharrachadh. Ach tha làn-fhios agam gu’m feud sinn a mheas na dhòrlach do shiòl maith ann ar saic, ma gheibh sinn gràs gu leantuin, agus neart gu feithreamh, agus gun ‘ar muinighinn a thilgeadh air falbh agus tarail as, do bhrigh nach ‘eil sinne a’ faotainn comas dol a steach aig a cheud làmh. Feumaidh sinn do ghàth a ghabhail mar dhorus dòchas, ‘nuair a gheibh sinn gràs gu fantuin aig dleasdanas sam bith. Air an doigh so thainig Daibhidh gu a choir ann an Dia a chumail suas, Salm xxii. 12 ; agus Heman, Salm lxxviii. 12, 13. Cha robh an duine diadhaidh so cho luath air a chosnadh gu fhàgail, agus gu ruith air falbh.
-
Cha’n fheud sibh am mir do dheadh lòn so air an t-slighe a thogail am mearachd, agus dorlach do dheadh shiòl anns an t-sac, a tha ach gu beag air a chomharrachadh no air a mheas, agus cho beag air fhoghlm, no air iarraidh as a dheigh ; agus ‘se sin, fàs sios ann an iroslachd, agus ann am féin-àicheadh : Ge nach bi sibh gu mothachail a’ fàs suas ann an seilbhean, ann an teachd air aghairt ann an gràsaibh eile agus coimhlonachd ‘dhléasdanais. Tha sinn ullamh na’s leòir gu ar dol suas a mheas na thròcair, agus gu uaill a dheanamh ann, ach a bhi ‘saol-sinn beag dheth, ma tha sinn a’ fàs sios, mar gu’m b’eadh, fuidh an talamh. Ach tha làn fhios agam, gu’m bheil iomadh dorlach do shìol na’s miosa anns an tir na irioslachd agus féin-àicheadh. Cha’n ann is lugha air Criosd sibh idir, nach dean ‘ur casan ach beag fuaim air sràidibh Ierusaleim. Gu bràth cha’n ann is lugha a ghràdhaicheas e sibh, nach bi ‘ur n-aidmheil na’s mò ann am meud na bhios ‘ur féin-àicheadh, agus ‘ur diadhachd chleachdail.
Tha sinn a nis air teachd gu focal cleachdaidh. Tha mi a’ saoil-sinn nach urrainn e bhi air àicheadh, nach ‘eil croisean gle thròm an diugh air Alba. Ach am bheil sibh a’ foitainn dorlach do’n t-siol mhaith so, agus mir do lòn gu’r còmhnadh gu’r cumail suas fuidh? Tha dà fhocal dubhach a tha agam ri innseadh dhuibh. Agus
- Gu’m bheil e, agus gu’n robh e mar-aon, na-mhàir de phlèigh agus de’ bhreitheanas na h-Alba, gu’m bheil ar croisean ‘g ar faotainn ‘n ar codal, agus lomnochd, le beag ann ar saic. Tha saic fhalmh agus urrais pheacach a ghna’ a’ dol maille ri cheile. Do bhrigh ‘s gur e làmh an duine dhichiollach a tha deanamh saibhir, agus codal ag éideadh duine le luideagan, ge do tha aig ‘ar Maighstir saibhreas na’s leòir agus r’a sheachnadach, gidheadh, tha mi a’ saoil-sinn gu’m bheil aig iomadh agaibh-se tighean falamh aig a bhaile. Tha trì tighean taisgidh gus am bheil Criosd a’ tabhairt a phobull féin, agus ann an sin a’ lionadh an saic. ‘Se
(1.) Sin a tha anns Colos. ii. 3, “Anns am bheil uile ionmhais a ghliocais agus an eolas folaichte.” Tha e na ionmhas do shàbhaladh anam, irioslachadh cridhe, naomhachadh nàduir, agus do ghliocas is eolas toil athnuadhaichte. O nach b’athnne dhuibh a bheag sam bith dheth na so, ‘ar saic a bhi air an lionadh leis an t-stol mhaith so. ‘Se an
(2) Tigh-ionmhais gus am bheil e ‘gan tabhairt, sin a tha ann an Eoin i. 16, 17, “Agus as a lànachd-san fhuair sinn uile, agus gràs air son gràs. Oir thugadh an lagh le Maois, ach thaing an gràs agus an fhirinn le Iosa Criosd.” O’mhuinntir ionmhuinn, an aithne dhuibh ciod e sin, a bhi air bhrur deanamh suas as an lànachd a ta ann an Criosd, tobair a gràis neartachaidh.
(3.) Tha e ga’n tabhairt a dh’ionnsuidh tigh-ionmhais a mhaithis, le toil-inntinn làn fhreagaireach. Salm xxxi. 19. “Cia mòr do mhaiteas, a thaisg thu dhoibhsan d’an eagal thu.” Agus tha làn fhios agam, ma fhuair sibh na trì tighean-taisgidh so, gu’n d’fhuair sibh dorlach do shìol maith ann bhrur saic. Se’n
2 Focal dubhach a th’ agam r’a innseadh dhuibh, agus cha’n ‘eil mi ‘g iarraidh mòr fhàistneachd a dheanamh ‘an so; ach bheiream-sa cinnte dhuibh, gu’n tuit iomadh air an t-slighe mu’n croichnaichear an t-iomlan. Bithidh iomadh luchd aidmheil marbh ‘san raon ann an Alba, mu’m faigh sinne a mach as an Eiphit, trid na fàsaich, agus gu crich air n-uile thrioblaidean. Tha mi ‘ga radh, agus seasaidh mi ris, gu’n tionndaidh mòran an cùl fathast air an Eaglais, agus rachadh osag-storm a seachad.— ‘Seadh ma ta, tha na’s leòir aig Ioseph, ma ghabhas sibhse e, agus ma ni sibh feum dheth. Ach mo thraighe! tha mi a’ smuain-eachadh gu’m bheil bhrur saic air brothadh, agus bhrur soithichean a’ sealltainn mar nach cumadh iad uisgè sam bith. Cridheachan air an ullachadh gu gabhail ri tròcair Dhia, tha e toileach a thoirt seachad, agus a’ ceadachadh do a shluagh féin; ach tha iad cosmhail ri bhi gle ghann ann an Alba. ‘Seadh ma ta, ullaichibh bhuir saic, agus leasaichibh iad, oir tha na’s leoir aig ‘ur n-Ioseph a chum an lionadh. The ceithir reubaidheanannt a ni am milleadh, mur dean sibh an càradh.
-
Is e a h-aon diubh, Neo-chaomhalachd a thaobh na firinn, agus aobhairean gloir-mhoir rioghachd Chriosd. Tha eagal orm gu’m bi so na aon de na reubaidhean ann an saic iomadh.
-
Is e an dara h-aon, Easbhuidh cridhe air a lionadh le iarrtais neamhaidh ann an geall air Criosd, agus air a lànachd-san.
-
An treas reubadh, Easbhuidh cridhe, air a bhlàthachadh agus a’ losgadh le gràdh do Dhia, agus eud cheart air son aobhairean a ghloir.
-
Easbhuidh cridhe air a ghlanadh trid creidimh ann an Criosd, air a chumail ann an cleachdadh, gus an sgùm a thilgeadh suas, agus uile ghriud na truailidheachd oibreachadh a mach le fior aithreachas agus claoidheadh. O feuchaibh ris na reubaidhean so ann bhuir saic a charadh, air doigh sam bith eile cha dean sibh ach droch thurus do’n Eiphit. Tha iarrtais naomh agus neamhaidh air dol air falbh. Tha’n fheòil naomha air imeachd air falbh, agus tha sin na reubadh mòr ann bhuir saic. Air son gràdh, cha robh e riamh na’s fuaire na tha e nis. Tha mòran coslach ri bàsachadh, aig éigheach a mach agus cosmhail ri toirt thairis, agus tha ‘ar n-Ioseph beannaichte ag ràdh, co is urrainn a leasachadh? Oir tha ‘choire aig bhuir dorus féin. Na’n iarradh sibh le na’s mò do chreidimh, gheibheadh sibh na bu mhò. Na’n gràdhaicheadh sibh na bu mhò, bhiadh na bu mhò do chothrom agaibh air a bhi air bhuir gràdhachadh. Cia math a ta briathran Chriosd a nis air an coimhionadh, gu’n rachadh peacadh am meud, agus gu’m fuaireachadh gaol mòran. Cha’n ‘eil a bheag a’ deanamh an talamh so na’s cosmhail ri ifinn na’m peacadh, agus a luchd aiteachaidh na’s cosmhail ri spioradaibh damnaite na bhi as eugmhais fior ghràdh Criosduidh: oir cha’n ‘eil a bheag ann an ifinn ach peacadh; agus cha’n ‘eil a bheag ann an cridhe a mhuintir dhamnaite, ach fior ghamlas agus fuath ann an aghaidh Dhia agus a cheile.
(R. leantuin.)
Ralph Erskine’s “Believer’s Riddle” in Gaelic.
In the October number of the Celtic Review, the Rev. A. MacLean Sinclair has an interesting article on the late Rev. Dr. Blair, who died at Barney’s River (the Abhainn Bharnaidh of John MacLean, the Gaelic bard), Prince Edward Island, in 1893. Dr. Blair was a poet of no mean ability, and among other efforts of his muse he left a Gaelic translation of Ralph Erskine’s rich gospel poem, the “Believer’s Riddle.” Rev. A. MacLean Sinclair is willing to give a copy of the translation to any one who promises to publish it in pamphlet form.