Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1906 » June 1906 » Searmon. Leis an Urramach Michael Bruce. “An sin dh’aithn Ioseph an saic a lionadh le siol, agus airgid gach duine a chuir air ais ’na shac, agus biadh a thoirt doibh air son na slighe : agus is ann mar so a rinn e riu.”—Genesis xlii. 25

Searmon. Leis an Urramach Michael Bruce. “An sin dh’aithn Ioseph an saic a lionadh le siol, agus airgid gach duine a chuir air ais ’na shac, agus biadh a thoirt doibh air son na slighe : agus is ann mar so a rinn e riu.”—Genesis xlii. 25

(Continued from page 32.)

’Se an ath ni a bheir sinn fainear, so,

Teag. 3. Ge do tha Ioseph ann an coslach a’ deiligeadh na’s roghairge r’a bhràthraibh na ri neach sam bith eile anns an t-saoghal so, gidheadh air a cheann fa’ dheireadh, tha e tabhairt doibh am bargan a’s fearr.

Tha e do ghnà tabhart dhoibh leaganach isoal, ach an deigh sin tha e tabhart dhoibh ni-eigin o’s cionn neach sam bith eile anns an t-saoghal. Cha robh neach sam bith eile, co fhad ’sa ’s aithne dhuinne, a fhuair an cuid airgid ann an cuid saic, ach bràithrean Ioseiph : Agus tha mise ag radh, gu’m bi a chuid is fearr aig sluagh Dhé do ghnà, ge do theireadh agus a mhionnaich-eadh ar cuid naimhde ann an ceart aghaidh sin. Ann an labhairt ris a phuing so, ni mi gu h-athghearr,

I. Leigeil fhaicinn dhuibh cia mar a tha e tachairt, gu’m feum bràithrean Ioseiph am barrachd fhaotainn de na bhargan.

II. Feuchaidh mi dhuibh ciod e so a tha bràithrean Ioseiph a’ faotainn a thuille air muinntir eile.

III. Bheir sinn focal goirid rabhaidh dhuibh.

IV. Co-dhùnaidh mi an t-iomlan le focal cleachdaidh.

1. ’Nis mar air son a cheud aon diubh so, sin r’a radh, Cia mar a tha e tachairt, gu’m feum bràithrean Ioseiph am barrachd à bhi aca, ’se sin, mar is gnà leinn a radh, a bhuannachd agus am bargan a’s fhear.

Agus tha sinne ag ràdh, gu’m feum e bhi mar sin, air son na dhà no trì do dh’aobhairean so.

1. Do thaobh an t-seasaidh, agus an daimh faisg a bha eadar iadsan agus Ioseph, cha robh a leithid do dhaimh eadar Ioseph agus daoine eile a thainig do’n Eiphit a cheannach siol ; agus uime sin tha an daimh a tha seasamh eadar esan agus iadsan a’ tabhairt dhoibh còir na’s fearr a dh’ionnsuidh an fhàbhair so.

Feumaidh càrdean agus bràithrean Chriosd am barrachd so a bhi aca, agus a ghiùlain o’n a chuid eile do’n t-saoghal.

2. Feumaidh luchd leanamhuinn Chriosd am barrachd so bhi aca, gu’n cuir se iad aig iomadh àm fuidh na chrois a thuille air muinntir eile.

Is iomadh cridhe trioblaideach a gheibh iad, nach bi aig muinntir eile : is iomadh gruaim a gheibh iad a thuille air muinntir eile, mar chomharradh air a ghaol doibh, agus a bhuntainn gu caoimhneil riu. Mar a tha e cuir eadar-dhealachadh eadar a shluagh féin agus a chuid eile do’n t-saoghal do thaobh na’n nithe so, mar sin cuiridh e dealachadh eadar iad agus iadsan do thaobh tròcairean agus seilbhean.

3. ‘Se’n steigh agus an t-aobhar air son am bheil sluagh Dhé a’ faotainn so agus am bargan is fearr a thuilleadh air muintir eile, a chum is gu’m foillsich Críosd a ghaol agus fhabhar dhoibhsan a tha air an tabhairt a steach agus air an iompachadh, a chum is gu’m bi muintir eile air an cuir fo cheangal leis gu theachd d’a ionnsuidh.

“O blaisibh agus faicibh gur maith an Tighearn,” a deir an Salmaidh, xxxiv. 8. Tha so na chuireadh gu theachd agus cuibhrinn fhaotainn do’n aran a tha e tabhairt do a chloinn féin.

2. Tha mi gu leigeil fhaicinn duibh ciod am barrachd, no’n tiodhlac a tha’n so, a tha bràithrean Ioseiph a’ faotainn a thuilleadh air muintir eile.

Agus tha na ceithir nithe so a tha iad a’ faotainn thairis air muintir sam bith eile.

1. Tha na h-uile seilbh a tha iad a’ faotainn, co-dhiubh a tha iad ann an rathad soirbheis no doirbheis, a’ teachd a mach a làmh bràthair ionmhuinn a rugadh air a shon, agus a chleachdadh ri amhghar.

Tha so a’ deanamh an trioblaidean na’s eutrom, agus an trócairean na’s milse na bhiodh iad air dhoigh eile. O muhuintir ionmhuinn, am b’áill leibh bargan a dheanamh na’s saibhre na sin, Rom. viii. 32, “A thug Críosd dhuinn, agus maillle ris-san gu saor na h-uile nithe.” Agus 1 Cor. iii. 22, 23. “Ma’se Pòl, no Apollos, no Cephas, no’n saoghal, no beatha, no bàs, no nithe ta làthair, na nithe ta ri teachd ; is leibhse iad uile ; agus is le Críosd sibhse ; agus is le Dia Críosd.” Tha daoine an t-saoghail ag radh, cionnas a tha e tachairt g’um bheil sibh cho aobhneach fuidh croisean ? Ann am freagradh d’an so, tha sinn ag radh—

(1.) Tha againn teisteas deadh choguis, ni a tha na ghnà chuilim dhuinn. Agus,
(2.) Tha ‘ar n-amhghairean uile teachd a mach a lamh ar n-Athair neamhaidh, agus o mheuraibh ar bràthair ionmhuinn, agus uime sin cha ruig sinn a leas a bhi fo’ eagal uatha, oir cha dean iad gu bràth dochunn dhuinn.

Ma-dh’fhaodte gu’m bi sibh air ‘ur cuir ann am prìosan ; ach ciod an umhail? Cha bhi Simeon a bheag na’s miosa, ma ‘se Ioseph fear coimhead a phriosain. Cha bhi an deichnear phriomh aithrìchean na’s miosa air son iad a bhi air an cuir ann am prìosan, a chionn gur iad a chuid bràithrean.

2. Cha’n ‘eil a h-aon a gheibh croisean Ioseiph, nach faigh iad a bheannachd maillé riu ; ‘se sin r’a radh, gheibh iad beannachadh Dhé ann am meadhon an cuid amhghairean : agus nach ‘eil an tiodhlac sin na’s leòir ?

Tha daoine an t-saoghail so a’ lionadh ar saic ; ach am bheil fhiros agaibh co leis ? A muhuintir ionmhuinn, bheireamsa cinnt dhuibh, nach ann le deadh shìol. Tha cuid a’ cuir a steach masluidhean agus fochair ; cuid sealg, agus bagraidhean ; cuid prìosanan agus fogradh ; agus cuid crochadh ‘s ar cinn a chuir dhinn. Ann an so feumaidh iad stad, oir cha’n urrainn iad a dhòl na’s fhaide. ‘Seadh, ma ta, ciod a shaol eas sibh de na ghnè shìol so ?—Ach, a deir ‘ar n-Ioseph beannachta, an d’ rinn sibh na’s urrainn duibh, O a naimhde, agus nach urrainn duibh an còrr a dheanamh? ‘Seadh, rinn, deir iadsan ; cha’n urrainn sinn a dhol na’s fhaide. ‘Seadh, deir Criosd, cuiridh mise lán do shiól seirbh ann an saic mo chlann féin ; o’ na fhuair iad crois, bithidh aca mo ghrádh-sa agus mo bheannachd maille ris. Agus ciod a shaol eas sibh dheth na sin? Tha mi a’ tabhairt dubhlan do’n t-saoghail gu léir a choimheas a dheanamh. Ciod a ni thu, a dhuinte, le do bheagan airgid? Na cuir-sa trioblaid ort féin gu bràth le sin, oir ni mi gu maith na’s leòir leis. Innsidh mi dhuibh dà fhoical air son sin.

(1.) A bhi gu mòr air grunn agus ann an eagal Dhé, is fearr e na’n oigreachd is fearr a tha fo’ na ghrian.

Freasdal no grunn Dhe, air am bheil e toirt orra imeachd, ‘se is fearr ; agus fásaidh iad na’s fhear air, na ni daoine an t-saoghail so leis na nithe is fearr a tha aca gu sheilbheachadh.

(2.) An dara focal a tha agam ri innseadh dhuibh, ‘se so e, nach ‘eil aig bantrach bhochd ach beagan oladh ann an còrn, agus lán an dùirn a mhìn ann am baraille, aig nach bi ach mir aran an diugh, agus an deigh sin bàsachadh am màireach : ‘s urrainn Dia a thoirt air an lán dùirn sin féin do mhìn, agus an drop oladh a dhòl fada, agus mairsinn fada ; ‘seadh, cha’n urrainn e bhi air innseadh cia cho fad’ is a theid tròcair no seilbh bheag fuidh na chrois.
3. An treas ni a tha bràithrean Joseph a’ faotainn anns a bhargan, gu’m bheil e ‘g am pagheadh gu maith air son an t-saothair uile aig am bheil iad ann a sheirbhís no ‘na ghnothach.

Nach ‘eil sin na thiodlaic oirdheir, Mata xix. 28, 29, “Gheibh iad a cheud uiread, agus seilbhchidh iad a bheathne shiorruidh.” Ann an so tha ceud fillte do dh’fhiar thoil-inntinn anam anns a bheath so, agus caithrichean ‘us crúinteann anns an t-saoghail a ta ri teachd ; am feadh ‘sa tha daoine an t-saoghail so, mar gu’m b’eadh, a’ brùchdadh a mach dearbh fhallas an anam ann an teine a pheacaidh, a chum seirbhís an diabhoil a dheanamh : an deigh sin bheir e dhoibh ifinn air son an saothair mu dheireadh. Ach tha ar Maighstir-ne a’ tabhairt d’a sheirbhísich féin lán an saic de na chruthneachd is fearr, agus airgid ann am beòil an saic.—Am faigh sinn gu bràth cuntas dheth ar cuid stùpeanan, ar tighean creachte, agus ar fearann caillte? Tha sinn a’ smuaineachadh nach faigh, a deir daoine an t-saoghail so. ‘Seadh, ach cumtaidh ar Maighstir ruinn, agus paighidh e ‘n t-iomlan. Bheir e a cheud uiread, agus anns a chroich a bheatha mhaireanach. Agus nach fheud sinn a bhi gu maith dheth? Cha leig ar n-Ioseph bean-naichte le a chàirdean agus a chuid bràithrean féin call sam bith fhulang ; ach paighidh se iad gu maith air son an saothair. Cha bhi an call uile aig an robh sibh ann ‘ur fulangas air son Chriosd, na aon sgillinn as ‘ur sporanaibh. Bheir e cuntas dhuibh air son an tigh, an spréidh, &c. ; ‘seadh, gus an sgillinn mu dheireadh, agus cha’n àicheadh se a bheag sam bith dheth.

4. An ni a gheibh sluagh Dhé, is e, cuireadh nuadh gu theachd agus tuille fhaotainn, mar leasachadh ris na fhuair iad roimhe, a chúm ‘s gu’m feud iad, mar is cleachdach leinn a radh, an stoc a chumail suas, agus call droch fhéill a bhacadh.

Deanaibh urnuigh, deir ar Tighearn, “Tabhair dhuinn an diugh ar n-aran lathail.” “Beathaich mi le lòn a bhios iomchuidh air mo shon,” deir Agur, Gná. xxx. 8. Nach ‘eil so na nì misneachail nach gabhadh ‘ar Maighstir gu bràth sgìos do bhi tabhairt, mur gabhadh sinne sgìos do bhi ‘g iarraidh, agus le sin obair a thabhairt da? Tha daoine an t-saoghail so ag radh, gu’m bheil a leithid sin do dhùine gle thrioblaideach: tha iad a’ tabhairt da aon ni an diugh, agus ni eile an ath latha, agus gidheadh tha e do ghnà a’ teachd a ris. Ach tha ar Maighstir-ne a’ tabhairt dhuinn tiodhlac as ùir, agus cuireadh as ùir gu theachd a ris agus tuille fhaotainn. O ach tha so na nì misneachail: Bheir e dhuinn seilbh agus crois air uachdar, a dh’fhaodas oibreachadh air ar cridhe, agus a bhi dhuinn na chuir-eadh gu theachd agus tuille uidhean agus leasachadh fhaotainn a mach as a thigh tasgaidh. Tha na h-uile beantuin agus deuchainn a gheibh sinn as ùir, na cheangal air bhur son gu theachd air ‘ur n-ais a ris, agus tuille lòn fhaotainn air son na slighe. Nach ‘eil am barrachd so na’s leòir air son a bhgainn?

Application for Use.

‘Seadh ma ta air son feum cleachdaidh, Ciod a tha sibhse ag radh ri aobhar Chriosd? ‘Nis, a mhuintir ionmhuinn, nach fheud gearan dubhach a bhi ann an Alba an diugh? Ciod a tha cuir air an Tighearn do thaobh a phobuill? oir ma tha muinntir sam bith a dh’fhaodas a bhi air an gairm na’m bràithrean do Ioseph, feumaidh gur iad an dream as ro-ghairge deiligeadh riu; an luchd bròin agus guil, a’s mò ghairge a tha air an laimhseachadh. Ach innsidh mise dhuibh, nach dean na’s lugh’ an gnothach, gu’r seann pheacaidhean agus dhròch gniomharadh anns an àm a chaidh seachd a thoirt a dh’ionnsuidh ar n-aire, a rinn sinn ann an aghaidh ar n-Ioseph neamhaidh Criosd Iosa, agus sinn irioslachadh air an son. Ach an uair a dh’irioslaicheas Dia a shluagh féin leis a chrois, an sin cuiridh se uiread do dh’astair eatorra’ fuidh an cuid seilbhean, is a bha riamh aca fuidh na chrois. Cunntaidh Criosd suas uile chroisean a shluagh féin, a chum am paigheadh air ais le sòlasaibh: ach cunntaidh e suas croisean an t-saoghail a chum an dùblachadh. ‘An sin ma ta, a mhuintir ionmhuinn, tha mi a’ smuaineachadh gu’m bheil luach cumhnant do ghnà na’s fearr air aithneachadh fuidh na chrois; agus aig an àm sin mar an ceudna, gu’m bheil luach tròcair na’s mò air a h-aithneachadh; oir tha do ghnà barrachd eadar ar stoc-ne agus stoc an t-saoghail. Mar a ta ar lòn agus ar seilbhean spioradail a’ teachd o chùram agus ullachadh ar Maighstir beannaichte, mar sin tha ar seilbhean aimsireil mar an ceudna. Ge nach bi ann ach dinneir no suipear, bi’dh cùram air a ghabhail deth. ‘Seadh ma ta, cunntaibh thairis bhur barrachd fuidh na chrois; agus cumaibh suas bhur cridhe, agus seasaibh rì’r dleasdanas, agus leanaibh air aghaidh ann an slighe an Tighearna. Esan aig am bheil lamhan glan, agus cridhe neo-chiontach, fàsaidh e na’s treise agus na’s treise. Bithidh bhur saic fathast air an lionadh, oir is e Ioseph an t-uachdaran. Biodh bhur cor mar is àill, bithidh bhur cuid saic làn co fhad ‘sa tha esan na uachdaran.

Teag. 4, Gu’m bheil so na leasan neamhaidh a theagaig Spiorad Dhé d’a shluagh féin, gu’m b’ail leis iad a bhi cùramach gu foghlum uile cheumana agus uidhe a fhrithéalaidhean agus a dheiligidhean d’an taobh.

Bha sea ceuman’ do dheiligeadh Ioseph do thaobh a bhràithrean.

1. Bha gach focal air son àm àraidh na bu ghaire na cheile.

Ma dh’fhaodte gu’m bheil thu cosmhail ri buaidh a bhi aig an troiblaidean ort, agus gu’m bheil thu a’ teachd a dh’ionnsuidh Dhé le do chroisibh agus le do chor, an dùil ni-eigin do lasachadh fhaotainn; ach an àite sin, gu’m bheil thu a’ faotaonn na’s mò do bhrìathraibh geura na roimhe. Shaoil le bean Chanaan gu’m faigeadh i an tiabhhol air a chuir a mach a h-inghinn aig a ceud theachd; ach ann an àite sin, ‘se fhuair i so, “Cha’n ‘eil e iomchuidh aran na cloinne a thilgeadh a chum na’n con.” Guidheam oirbh, faicibh gu’n gabh sibh creidimh gu’r crois a leughadh. Dh’innis mi dhuibh gu’n do ghabh an Eaglais anns an tritheamh caibidil de Leabhar an Tuiridh, eas-creideamh gu a crois a leughadh; agus an sin cha do leugh i focal gu ceart riamh; ach tha bhean bhochd so a’ gabhail creidimh a chum a crois a leughadh; agus an sin tha chuis a soirbheachadh leatha. Tha mòr ghràdh ann an cridhe Chriosd fuidh a bhrìathra garg agus fo ghruaim a ghntuis, gu labhairt le urram, do ainm naomh. Tha aig Chriosd do ghna’ cridhe leaghta agus inngh truais fuidh na briathra’ is geura. Tha fhios agam gu maith gu’n do labhair e mòran do chainnt gharg ri Alba o na thòisich a chrois; ach cha’n ‘eil fhios agam ma tha cuimhne mhaith agaibhse air.

2. Tha Ioseph a’ dol o bhrìathraibh gu gniomhra’ le a chuid bràithrean, agus tha a ghnìomhara’ cho geur is cho garg ‘sa bha a bhrìathran.

3. Na h-uile meadhon dheth an d’rinn iad feum a chum comh-nadh gu iad féin a shaoradh as na troiblaidean so, ‘sann a dh’fhill iad iad féin na’s mò annta, agus thug iad air an là a theachd gu bhi na’s gruaimich air an làmh.

O am bheil sibh a’ creidsinn gu’m bi croich troiblaidean agus deuchainnean nuadh na’n saic làn? Cha’n ‘eil teagamh agam nach bi e mar sin, na’n tigeadh a chuis aon uair gu so leis, gu’m bithheadh gach aon againn aig éigheach a mach, Tha mise ciontach, tha mise ciontach. Ach mo thruaighe! Cha’n ‘eil sinn fathast aig a so le’r cùis.

4. Bithidh Ioseph mar-aon a’ guil agus a’ ceangal a bhràithrean aig an aon àm.

Ciod a shaol eas sibhse do nàdur caomh-chridheach ‘ar Tighearn, aig an àm cheudna gu’n ceangail e agus gu’n guil e o’s cionn a bhràithrean. Tha uiread do ghaol aig Chriosd d’a shluagh féin, is nach urrainn e a bhi as an eugmhais; agus tha fuath aig d’an cuid peacaidhean co mòr, is nach urrainn e a leigeil da an sgrios ; agus uime sin feumaidh e bhi mar-aon ‘gan ceangal agus a’ bròn os cionn a bhràithrean aig an aon àm. O ach tha mòran do ghliocas spioradail, do sholus, agus do thuigse gu bhi air iarraidh ann an Criosdadh, a chum tabhairt fainear Chriosd a’ guil agus a’ ceangal, a’ lotadh ‘sa ‘leigheas a shluaigh féin ; gu bhi tabhairt fainear a lâthairachd, agus eusbhuidh a lâthairachd, a dhol air falbh agus ath-philltinn a ris. Tha m’anam a’ leantuininn gu dian as do dheighe ; ‘se sin a dhol air falbh ; ach chum do dheas lamh suas mi. Am an so tha e bhi air lâthair air a thoirt fai’near.

5. Bu chòir do mheud agus do fharsuingeachd na’n seilbhean, a tha Ioseph a’ buileachadh air a bhràithrean, a bhi air an cumail air chuimhne, mar-aon an deadh shiol ann an saic, agus an t-airgid ann am beòil an cuid saic ; ‘se sin, am barrachd, no cho maith ris a bhargan.

O ach tha sinne fad air dheireadh, a thaobh fior shòlas ar seilbhean ; agus tha Dia ag iarraidh mòr ghloir uainne, ann am feum ceart a dheanamh de’ na seilbhean so, do bhrigh ‘s gu’m bheil sinne n-ar droch luchd cumail air chuimhne, meudachd agus farsuingeachd cridhe Chriosd, agus na’n tròcairean a tha e a’ buileachadh oirnne.

Final point on Joseph’s dealings.

Ann an àite mu dheireadh, crochan mòr agus maith Ioseiph, agus a rùintean a bha na shealladh, ann a uile bhuntainn agus dheiligidhean r’a bhràithrean, gu’n deanamh uile sona agus urramach, bu chòir dha’n so a bhi air a chumail air chuimhne.—Ciod a tha Criosd a’ deanamh r’a shluagh, ‘nuair a tha e a’ ceangal orra uallach air muin uallach, agus crois air uachdair seilbh : ‘seadh, aon chrois air uachdar crois eile? Ciod a tha e a’ deanamh riu? ‘Seadh, tha e ‘gan snaidheadh, a chum is gu’m bi iad air an deasachadh air son oighreachd na’n naoimh ann an soillse agus ann an glòir, a chum as gu’m bi iad air an deanamh na’n soithichean a thròcair, air an ullachadh le a ghràs a chum glòir.—Agus nach fìu so bhur n-aire agus bhur cuimhneachan?

‘Nis, a mhuintir ionmhuinn, ‘nuair a tha bhur crois air a’ ceangal air ‘ur druim le lamh bhur n-Ioseiph caomh-chridheach, am bheil bhur cuibhrichean spioradail air am fuasgladh, agus bhur cridheachan air an cuir am farsuingeachd? Am bheil sibh a’ faotainn saorsainn gu urnuigh? Am bheil sibh a’ faotainn saorsa gu éigheachd, agus bhur n-anam a dhòrtadh a mach do Dhia? Am bheil sibh a’ faotainn saorsa gu bròn a dheanamh, no gu guil os-cionn an eucoir ‘san dochair a rinneadh air Criosd? Ma ‘se is gu’m bheil a chuis mar sin leibhse, feudaidh e bhi na dheadh uidheamachadh a chum bhur saic a lionadh. Uime sin, aidichibh bhur n-aingidheachd, agus bithibh gu mòr mu lamhan Ioseiph ; oir cha’n urrainn sibh a bhi beò as eugmhais-san. O bithedh faduideachd oirbh air son bhur cuid saic a bhi làn ; agus saothraichibh air son dorlach do dheadh shiol fhaotainn amta, agus a chum lòn fhaotainn air an t-slighe ; agus bithidh agaibh beatha oirdhearc dheth ; agus is saibhir a bhitheas bhur seilbh.—Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice