THA dà cheist a b’aill leam a chuir ribh; ris gach neach agaibh air an latha so. ‘Sa cheud aite, Am bheil a bheag sam bith do dheadh imeachd riaghailteach ‘n’ur meag anns an taobh duthcha so? Tha eagal orm gu’m bheil mòran agaibh aig am bheil imeachd mhi-riaghailteach. Ach teirr aig am bheil cois-imeachd do réir an t-soisgeil anns a ghinealach so. Is e truaighe mhòran ann ar là, gu’m bheil iad ag imeachd, mar a their sinn, le tuairmislamh, agus do reir cleachdadh na tìr anns am bheil iad beò; ach cha’n ‘eil an ceumanna air an stiùireadh do réir focal Dhé. ‘Se’n dara ceist a chuirinn ribh, Co-dhuibh is mo a tha aig aingidheachd no aig gràs do’ uachdaranachd o’s bhur cionn? Tha eagal orm gu’m feud e bhi na aobhar bròin do mhòran agaibh, gu’m bheil aig euceart an làmh as àirde; agus am feadh ‘sa ta e mar sin leibh, cha soirbhich gu bràth leibh. An innis sibh dhomh, an urrainn sibh freagradh a thabhairt dhomh anns na ceistean so, oir ‘se ‘ni a tha mi a rùnachadh an diugh, gu’m biodh agaibh deadh imeachd riaghailteach ann bhur meag. Ach cha’n fheadh mi fantuinn aig an roimh-radh.
Annas na briathra’ so a leubhadh ‘n’ur n-eisdeachd, tha agaibh suim dà athchuinge, maille ri’n gnèthibh. Se a cheud athchuinge, “Stiùr mo cheumanna a réir t-fhocail.” Cha’n urrainn dhomhsa mo cheumanna a stiùireadh; ach feumaidh tus’, a Thighearn, mo cheumanna a stiùireadh, agus m’imeachd a stiùireadh air mo shon. Feumaidh imeachd Criosduidh a bhi air a stiùireadh gu ceart cosmhail ri cois-imeachd armait. Feumaidh gach aon diubh imeachd do réir riaghailt; ach ‘se mo bharail gu’m bheil iomadh ceum farsuing ann an cuid do’r n-imeachd-se; agus as amhuil a tharlas, mu’n croichnaichear an gnothuch.
‘Se’n dara h-athchuinge, Na biodh aig eu-ceart sam bith uachdaranachd orm. Tha iad so na’n athchuinean àraidh, agus a tha aon diubh a’ deanamh rathad air son an aon eile; oir an duine a ruigeas a dh’ionnsuidh deadh imeachd riaghailteach, gheibh e gu h-ullamh uachdaranachd os-ceann a pheacaidh: agus ann an ceart aghaidh sin, an duine nach ruig a dh’ionnsuidh deadh imeachd riaghailteach, cha bhi e gu bràth aige air son a thròcair gu’m faigh e uachdaranachd o’s ceann a pheacaidh. Ach cha sheas sinn na’s fhaide air roinn na’m briathra’; ach bheir sinn dhuibh teirc do bheachdan o’n aonachd, agus an deigh sin thig sinn a dh’ionnsuidh na’m briathra’ na’s mò shònruiichte.
Teag. 1.
Gu’m bheil iomadh cleachdadh gràs a dh’fheumas Criosduidhean a bhi ‘sireadh. Am b’aill leibh a ni-eigin do cleachdadh beothail gràis fhaicinn ann an Criosduidh? O thig an so ma ta fhir-aidich, agus faic agus amhairc orra. Ann an so tha cleachdadh beothail a Chriosduidh. An d’rainig sibhse fathasd orra anns a cheann dutchca so? Anns an earrann so feudaidh sibh am faicinn uile ann an cleachdadh Dhaibhidh. ‘Se a
-
Cleachdadh so, Do bhrigh’s gu’m bheil iongantasan ann an lagh Dhé, tha’n Criosduidh do ghnà a’ sireadh a mach na’n iongantasan so. Tha do theisteas iongantach; uime sìa tha m’anam a’ tabhairt gràdh dhoibh. Tha mi ‘m beachd, gu’m feud sin a bhi na aobhar bhròin do mhòran agaibh, air son na h-uile h-iongantas a tha ann an lagh agus ann an teisteas Dhé. Gidheadh cha’n fhac sibh riamh a h-aon diubh.
-
Cleachdadh, ‘nì’se so, Tha e gu bràth tuille fo fhadaidh agus fo thairt an geall air an Dia bheò. Ach tha mi ‘m beachd, gu’m bheil beag tairt no fadail ann bhur measg, agus do bhrigh sin cha’n ‘eil agaibh ach beò bochd dheth.
-
Se’n treas cleachdadh beothail ann an Criosduidh beothail, cùram a bhi aige mu ‘rùintibh, agus a chleachdadh a bhi co-fhreagarach ri sin. Tha mòran ann anns na laithibh so, a tha ‘gabhail orra deadh rùntean a bhi aca, agus na ròidean a’s fearr gu’n leantuin; ach tha aca do ghnàth droch chleachdaidhean gu’n deadh rùntean a thruailleadh. Ach tha na cleachdaidhean so na’n leithid, is nach d’thainig riamh o rùn suidheachaidh Dhia. Ach feumaidh an Criosduidh beothail an cleachdadh beothail so a bhi aig a chridhe; ‘se sin cùram a bhi aige mu rùintibh, gu’m bi iad air an suidheachadh le Dia. Stiùir thus’ mo cheumanna a reir t-fhocail. Ann an so tha iarrtas an duine g’um biodh imeachd air a cho-chumadh ri a rùintibh. Tha an nì comharrachte so anns an Chriosduidh bheothail, bitheadh a bheatha mar ‘s àill anns an t-saoighal, a chleachdadh, agus an nì a tha e a mhàin ag iarraidh, ‘siad an dà ni so.
- Deadh chòrdadh eadar Dia agus e féin. Uaith so ann an deireadh an earrainn so, tha Daibhidh ag radh, thoir air do ghnùis dealrachadh air t-òglach. Uaith so, mar an ceudna, b’ail leis bròn a dheanamh air son uile eu-ceartaibh; an ni mur deanadh se e, nach buannaicheadh e dealradh gnùis an Tighearna a bhi air.
- Maitheanas eucepta’ mhuinntir eile, agus a’ deanamh bròn air an son, do bhrigh ‘s gun d’thug iad eus-urram do Dhia. A deir esan, “Ruith srutha’ dheur sios o m’ shùilibh, a chionn nach do choimhid iad do lagh.” B’ail leam g’um foghluamadh sibh an cleachdadh so fhaotainn air bhur lamh. Tha sios agam g’um feud e bhi na aobhar bhròin duibh, nach ‘eil agaibh, nach ‘eil agaibh a bheag do cleachdadh a Chriosduidh air bhur lamh; agus ma tha e mar sin, ciod a shaoileas sibh a thachaireas dhuibh? Uime sin tha mi a’ sparradh oirbh, ann an ainm an Dia mhor, gu’n saoth-raich sibh a chum a leithid do chaitheamh beatha a bhi agaibh, is nach e a mhàin a dhearbhas sibh a bhi ‘n’ur luchd aidmheil do thaobh ainm, ach ann am firinn.
Teag. 2.
Gu’m bu chòir do gach neach fhoghllum e féin a stiùireadh gu ceart ann an latha na trioblaid.
B’ail leam fhios a bhi agaibh cia mar a stiùireas sibh bhur ceumaibh ann an latha na deuchainn. Tha’m beachd so a ciallachadh—
-
Gu’m bu chòir do Chriosduidh, am feadh ‘sa tha e anns an t-saoghal so, a bhi do ghnath aig imeachd. Tha cuid aig radh, gur Croisduidhean sibh; ach cha’n ‘eil sibh aig imeachd, ach do ghnath ‘n’ur suidhe. Ach feumaidh Chriosduidh, gus an d’thig e a dh’ionnsuidh tigh Athair, a bhi do ghnath ag imeachd air aghairt.
-
Tha e ag radh, gu’m feum uile imeachd a Chriosduidh a bhi air a stiùireadh. Cha’n fhaod e imeachd a thaobh tuairmeas, no barail, ach do reir riaghailt.
-
Tha e ‘g radh, gu’m bu chòir do Chriosduidh a bhi gu mòr air a cleachdadh a chum a chaitheadh-beatha fhaotainn air a stiùireadh gu ceart. Agus,
-
Tha e a’ ciallachadh, gu’m bu chòir do Chriosduidh leis am b’ail a cheumanna stiùireadh gu ceart, an earbsadh gu leir ri a mhaighstir. “Stiùir mo cheumanna a reir t-fhocail; agus na biodh aig eu-ceart sam bith uachdaranachd orm.” Chum ‘s gu’n labhair mi beagan ri so:
I. Nochdaidh mi dhuibh, ciod a th’ann an imeachd deadh riaghailteach.
II. Nochdaidh mi dhuibh, ciod anns am bheil oirdheirceas imeachd deadh riaghailteach a luidhe ann an là na trioblaid.
III. Bheir mi dhuibh focal goirid rabhaidh.
IV. Focal goirid Feum, agus theid mi air m’aghaidh.
- Ciod e sin, imeachd deadh òrdail ann an là na troiblaid. Tha na nithe so ann an imeachd deadh òrdail a bhuneas do’n Chriosduidh. Ach tha eagal orm, gu’m bheil mòran agaibh, ann an sgireachd Challadar an Iar, na’n coigrich dhoibh uile.
- An duine sin aig am bheil imeachd air a riaghailteachadh gu maith, suidhichidh e ceud agus dara nithe mar à shuidhich Dia iad. Faic Mata. vi. 32, “Ach iarraibhse air tús rioghachd Dhé, agus fhireantachd-san;” ‘Se sin a cheud nì. “Agus cuirear na nithe so uile ribh.” ‘Se sin an dara nì. An do chum sibh an t-ordugh agus an doigh sin ann bhr n-imeachd. Sibhse a tha ga’m éisdeachd, nach feud e a bhi air a radh umaibhse, agus mu thimchioll iomadh luchd aidmheil’ eile ann an Alba, gu’m bheil sibh a’ toirt a steach an t-saoghail anns a cheud àite, agus rioghachd neamh agus an fhirinneachd anns an àite mu dheireadh, an ni a tha cuir bun os cionn òrdugh Dhia? Air an aobhar sin, ‘se mo chomhairl do gach neach agaibh, gu’n imicheadh sibh gu riaghailteach anns na h-uile nithe, mar a shuidhich Dia iad.
- Tha aig imeachd deadh riaghailteach an nì so ann; gu’m bi sibh cinnteach á barrantas o fhocal Dhé air son bhr n-imeachd. Agus an deigh sin, bibh cinnteach nach dean sibh e ann bhr neart fein; agus ‘nuair a ruigèas sibh air a so, thugaibh do ghnath a ghloir do Dhia. Tha aig imeachd deadh riaghailteach do ghnàth na trì uidheamaichidhean so ann.
- Nach d’theid sibh mu thimchioll a bheag fo fhomr dleasdanais, gus am bi fios agaibh gu’m bheil e air àithneadh le Dia, a chum ‘s gu’n d’theid sibh mu thimchioll a mhàin ann an ùmhlachd do dh’àithn-san.
- ‘Nuair a ni sibh e, deanaibh e ann an neart Dhé.
- Gu’n dean sibh na h-uile le sùile ri a ghloir-san.
‘Nis a mhuinntir ionmhuinn, Ciod a tha sibhse a’ smuaineachadh mu na trì nithe so? Tha eagal orm gu’m bheil mòran agaibh a’ deanamh iomadh ni as eugmhais barrant o fhocal Dhia. Tha’n lagh ‘g’ur ceangal ris an àithn so fo’ aon pheanas, agus ris an aithn ud fo’ pheanas eile. Tha lagh Dhia a’ toirmeasg fuidh pheanas toilltinn fhearg agus a choruich; gidheadh cunnartaichidh sibh ann an deanamh iomadh ni a tha lagh dhuine aig iarraidh, agus a tha lagh Dhia a toirmeasg. Ach tha am fear imeachd gu riaghailteach aig iarraidh barrantas’ o Dhia air son na h-uile nithe a ni e, agus ni se e ann an neart an Tighearn, mar thoil a mhaighstir. Agus ‘an sin tha e deanamh na h-uile chum gloir Dhé. ‘Se so obair-san.
-
Ceum de dh’imeachd deadh òrdail, is e so e, gu’m bi agaibh ann bhr cleachdadh, agus ann bhr n-uile imeachd, na trì nithe so gu caithreadach air bhr lamhan. (1.) An co-sheirm eadar ceud agus dara clàr an lagh’, ann a bhi tabhairt air gach aon do na h-àitheanta’ a bhi ‘g oibreachadh air lamhan a cheile ann bhr n-imeachd ‘s ann bhr cleachdadh. Tha’n (2.) Co-sheirm eadar solus bhr coguisibh agus bhr cleachdadh, gun a bhi a leigeil le h-aon diubh a dhòl tarsuing air an aon eile. Tha an (3.) Eadar an duine o’n leth muigh agus an duine o’n leth a stigh, gun a cheadachadh do dh’aon diubh dochunn a dheanamh air an aon eile. Agus O tha e ro thaitneach imeachd a bhi ann leis na trì nithe so.
-
Mir do dh’imeachd deadh òrdail, bu choir diubh a bhi agaibh, is e, buanachadh agus meudachadh ann an deadh oibre. Ach tha mi a’ smuaineachadh, gur h-e plaigh mòran dibh, gu’m bheil sibh ag imeachd le tuairmis-lamh air riaghailt cunnairt, no dì-cunnairt; le riaghailt call’ agus buannachd. Ach ma ni so deadh Chriosd-uidhean dibh, tha beag eòlas agamsa air; oir le bhi deanamh mar sin, tha sibh a’ dearbhadh a bhi neo-sheasmhach ann an slighe an Tighearna, agus gun bhi meudachadh anns gach uile dheadh oibir. O mhuinntir ionmhuinn, an aithne dhuibh a bheag sam bith dheth na so ann an là bhrur trioblaid? Tha fios agam, gu’m bheil cuid agaibh toilichte ma gheibh sibh a bhi soirbheachadh anns an t-saoghal, agus pailteas do nithe an t-saoghail so dhuibh féin. Ach a bhi meudachadh ann an obair an Tighearn, cha’n ‘eil so idir a’ cuir trioblaid oirbh, ma gheibh sibh crodh, caoraich, agus bhrur mál air a phaigheadh gu maith, agus ni-eigin mu seach; ma shoirbhicheas sibh anns na nithe so, cha chuir sibh a bheag do thrioblaid oirbh féin-air son tuille: ach air son soirbheachadh ann an obair an Tighearna, tha e na ni ainmig ann an Calladar an Iar.
-
Mir do dh’imeachd deadh òrdail agaibh ann Ephe. iv. 15. “Ach a’ labhairt na firinn ann an gradh, gu’m fàs sinn suas anns na h-uile nithe chuiige-san, a’s e an ceann, eadhon Criosd.” Ach feuchaibh dhomh an duine, no a bhean, anns na laithibh so, a rainig air a so. Ach gus am fàs sibh suas ann-san anns na h-uile nithe, cha bhi imeachd riaghailteach gu bràth na throcair dhuibh.
-
Mir do imeachd riaghailteach, faicibh ann Ephe. v. 15, 16. “Feuchaibh uime sin gu’n gluais sibh gu faicilleach, cha’n ann mar amadainean, ach mar dhaoine glic, ag ath-cheannach na h-aimsir’, do bhrigh gu’m bheil na laithean olc.” Tha eagal orm gu’m bheil mòran luchd di-mheas air tiom, ach beag do luchd ath-cheannach air anns an àite so. Ach am fear gluasad gu riaghailteach, mar a’s ro dhubhach agus dhoilbh a bhios an aimsir, ‘sann is ro fhaicillich’ a ghluaiseas esan. Ach tha mis’ a’ saoilsinn, gur h-e plaigh mòran agaibhse, nach ‘eil sibh a’ foghluim a bhi saoradh an tiom.
-
Mir do ghluaasad riaghailteach, is e, ‘Nuair a tha daoine agus mnathan fuidh smachdachaidhean, a’ toirt a mach toradh na fireantachd agus na naomhachd fuidh an cuid trioblaidean. Ach tha e na bhuaidh ainmig anns na laithibh ‘sam bheil sinne bed.
-
Feudaidh sibh an Criosduidh a tha ‘g imeachd gu riaghailteach aithneachadh leis a chunntas sin annsa Salm cxix. 59, 60. “Chnuasaich mi mo shlighean, agus phill mi mo chasan ri d’ theistesaibh. Rinn mi deifir, agus cha robh mi mairnealach, a chum t’aitheantain a choimhead.” Tha e a’ deanamh cabhaig, agus cha’n ‘eil e a cuir dàil. Tha am fear gluasad gu riaghailteach do ghnath a’ leasachadh a cheumanna, agus mar sin tha e a’ deanamh cabhaig, agus cha’n ‘eil e ri maille ann an coimhead àithnte Dhé. Ach iinsidh mi naigheachd dhuibh. Anns a mhaduinn tha’n sobhal a’ gairm oirbh; tha’n crann a’ gairm oirbh; tha na cliathan a’ gairm oirbh; tha iomadh bargain a’ gairm oirbh. Tha na feilltean mar an ceudna ag radh, deanaibh cabhaig. Tha sibh air bhr bodhradh le fuaim na’n gairmean so; air doigh’s nach ‘eil sibh idir a’ cluinntinn no a’ cuimhneachadh na gairmean a thug aithntean Dhé, air doigh’s gu’n coimhdeadh no gu’n d’thugadh sibh umhlachd dhoibh. Cha’n ‘eil sibh idir ann am fonn air son sin, agus gidheadh cha’n ‘eil sibh aig am sam bith a’ deanamh bròn air a shon. Tha e na thiom brònach air son cuid agaibh, a mhaignstirean; oir do gnath, ‘nuair a ghairmeas Dia air son seirbhis sam bith air bhr lamh, tha agaibhse gnothach eigin eile r’a dheanamh. ‘Se so bhr treabhadh dubhach, agus ‘ur n-àm brònach; agus is brònach a bhios àm bhr foghair, mur gabh sibh aithreachas.
-
Mir de’ dh’imeachd riaghailteach, is imeachd e leis na cuig buaidhean so ann. ‘Se
- Cheud aon diubh so, glusad gu h-iriosal maillle ri Dia; “Trocair a ghradhachadh, agus imeachd gu h-iriosal maillle ri d’ Dhia,” Mica vi. 8. ‘O ach tha irioslachd fuidh aideachadh na nì a tha gann ann ‘ar ginealach.
- Buaidh de’ dh’imeachd dheadh riaghailteach, is e spioradal-achd inntinn. Romh. viii. 1, “Nach ‘eil ag imeachd de réir na feòla, ach do reir an Spioraid.” Tha iomadh fear imeachd gu feòlmhor ann bhr meag; ach tha fear glusad gu spioradail a nis air teachd gu bhi ainmig anns na laithibh so.
- Buaidh glusad gu truacanta. Gluais gu caoimhneil am fianuis an Tighearna ann do latha agus ann do ghinealach. Ach tha mise a’ smuaineachadh, a muinntir ionnhuinn, na’m biodh ar Maighstir a teachd gu ar rannsachadh, gu’m faigheadh e mòran do luchd imeachd gu neo-caoimhneil ann ar meag. Faiceam an duine no a bhean ann ‘ur meag, a tha truacanta ann bhr glusad agus ann bhr giulan. Cha ni beag e a bheir air bhr cridhe crith agus criothnachadh. Ach ni nì beag cridhe fear imeachd gu truacanta a bhualadh ann an latha na croise. Ach tha mòran agaibh-se, ma gheibh sibh sibh féin tearuinte o na chunnart ‘san àm a ta lathair, cha’n ‘eil suim agaibh air son oilbheum a thabbhàirt do’n taobh duthaich mu’r tiomchioll. Na’m faigheadh sibh bhr n-argumaidean féin ar bhonn, cha’n ‘eil spéis agaibh air son oilbheum a thoirt do uile ghinealach na’m fìrean.
- Buaidh a ta air an fhear imeachd gu riaghailteach, is e, ‘nuair a tha daoine agus mnathan ‘ga dheanamh na chleachdadh dhoibh féin co-fhreagaireachd fhaotainn eadar an imeachd agus bòidean Dhia a ta orra. Ach ‘se plaigh mòran agaibh-se, ciod sam bith a tha sibh ag aideachadh, gidheadh tha bhr cleachdadh-ean agus bhr gniomhairean a’ cuir an céill gu’n do dhi-chuimhnic sibh gu buileach, gu’m bheil bòidean an Dia as ro àirde oirbh. Ach cuimhnicibh gu’n d’innis mi dhuibh, dichuimhnicibh-se e mar is àill leibh, cha leig Dia air di-chuimhn’ e. Cuimhnicibh so, gu’m bheil e tabhàirt fainear mar-aon an t-àm agus an t-àite, c’uin agus c’aite a thog sibh suas bhr lamhan, agus a bhoidich sibh do’n Ti a’s Ro-Airde, gu bhi air a thaobh. Irioslaichidh se e féin a chum aontachadh leis a mhínteoir a leugh thairis teirmean a chumhnant, agus na h-uile ni a labhair e, agus na h-uile a smuainich sibh-se, ann a bhi ‘g radh Amen ris an ni ceudna, a chum ‘s gu’n tabhair na h-uile fianuis ‘n’ur n-aghaidh, do bhrigh ‘s gu’n robh bhr n-imeachd agus ‘ur deanadais o’n àm sin ann an ceart aghaidh criochan a chumhnant sin.
- Buaidh eile do dh’imeachd deadh riaghailteach, is e, gu’n giúlan daoiné agus mnathan iad féin ‘nan uile imeachd, air a leithid do dhoigh ‘s nach bi iad nan nàire agus nam masladh do’n aobhar agus do na chumhnant. Oir cunntaibh bhr seasaidean eadar dha bharail, eadar Dia agus Baal; nach ‘eil iad so ag radh, nach ‘eil sibh ach ‘n’ur masladh do dh’obair cumhnant an ath-leasachaidh?
-
Mír do imeachd deadh òrdail a b’aill leam a bhi ‘n’ur meag, is e, sin a ta agaibh anns an t-Salm so féin, cxix., “Tha do bhreitheanais gu leir am fhanuis, agus ghleidh mi mi féin o’m aingidheachd.” O urramach! Tha sin na mhír do dh’imeachd dhead òrdail. Am fear imeachd riaghailteach anns na laithibh so, cha bu chòir da a bhi gu bràth as eugmhais na riaghailt a bhi ann a lamh, a chum a bheath’ a riaghailteachadh leis. ‘Se a mhòr chùram imeachd gu h-ionraic ann an lathair Dhé; tha e ro chùramach gu e féin a ghleidheadh o’ na pheacadh sin, leis an ‘usa ‘chuaarteachadh. Tha mi saoilisinn, gu’n do thilg a mhor-chuid agaibh riaghailt stàitean Dhé as ‘ur lamhan. Agus air son treibhdhireas cridhe, agus sibh féin a choimhead o na pheacadh dha’n ‘usa bhr cuairteachadh, cha’n ‘eil e na mhor chùram oirbh; is buannachd e anns nach ‘eil spèis agaibh. Tha sibh a’ rùnachadh beath’ a bhi agaibh dheth anns an t-saoghail so.
-
Se’n t-aon mhír deug do dh’imeachd gu deadh riaghailteach, ‘nuair a tha an Criosduidh ann a uile dhèuchainnibh, a’ comhar-rachadh gu mion agus a’ deanamh bròn thairis air a theachd gearr ann an dleasdanais. Tha e a’ comharrachadh cia mar a ta e a teachd air aghaidh ann an eòlas an Tighearna, agus ann an slighe a Dhia, agus tha e a’ gabhail argumaid uatha mar-aon, a chum a dhichioll a mheudachadh anns gach dleasdanais a tha air àithneadh. Tha so soilleir, Phil. iii. 11, 12. “Dh’fheuchainn am feudainn air aon chor a theachd a chum aiseiridh na mairbh. Cha’n e gu’n d’raining mi a cheana, no gu’m bheil mi a cheana foirfe: ach tha mi a’ leantuin, a dh’fheuchainn am faigh mi greim do’n ni sin féin, air son an do ghabhadh greim dhiom le Iosa Criosd.” “Tha mi a’ dian-ruith a dh’ionnsuidh a chomharraidh, chum duais àrd ghairm Dhé ann an Iosa Criosd.” Ann an sin chi sibh mar-aon an teachd gearr agus an soirbheachadh air a chomharrachadh, agus argumaid air a tharruing uath mar-aon a chum dichioll a leantuin ann an leanamhuinn an deigh Iosa Criosd.
-
Tha mír do dh’imeachd deadh riaghailteach do’m b’aill leam sibh aire thoirt (oir a tha mi a’ saoilisinn gur h-e mi-riaghailt bhur plaigh anns an aite so), Phil. iii. 20. “Oir a ta ar caithe-beath’ne air neamh, an t-ionad as am bheil duil againn fòs ris an t-Slanuighear, an Tighearn Iosa Criosd.” Sin fear imeachd riaghailteach, ciod sam bith a tha e a’ deanamh, no ciod sam bith cabhaig gnothaichean anns am bi e, tha aige do ghnàth a smuaint-ean o’s àirde, air na toil-inntinnibh a tha aig deas lamh Dhé. Tha chridhe anns na neamha. Tha amharc a dh’ionnsuidh neamh; oir b’aoibhinn a b’ail leis a bhi an sin.
-
Am mir mu dheireadh do dh’imeachd dheadh riaghailteach a dh’ainnicheas mi, is e, gu’m bheil e na chùram air an duine, no air a bhean, aig am bheil imeachd dheadh-riaghailteach, àite féin a thoirt do Dhia, agus gun ach an àite féin a ghabhail anns na h-uile h-earrainn dleasdanais a tha air àithneadh. Tha esan na fhear imeachd riaghailteach gu dearbh, anns gach uile dleasdanasaibh, a tha tabhart do Chriosd àite féin, agus a ghleidheas dha e, agus nach gabh na’s mò dhà féin na sin a tha dligheach dha. Ach ‘se so plaigh mòran agaibh ann bhur dleasdanais, gu’m bheil ro bheag àite aig Iosa beannaichte ann bhur measg, ‘nuair a theid sibh mu thiomchioll dleasdanais, dreach mur nach biodh agaibh feum air-san. Imichidh sibh air bhur cosaibh féin, agus cha bhi sibh ann an comain Chriosd. Ach tha’n Criosduidh a tha ‘g imeachd gu deadh-riaghailteach a’ tabhart do Chriosd àite féin anns na h-uile dleasdanais mu thimchioll an teid e, agus gabhaidh e a mhàin àite féin dha féin. ‘Nis tha iad so na’n tri-mirean-deug do dh’imeachd deadh riaghailteach ann an leithid do dh’àm ‘sa tha’n so.
(Ri leantuin.)