‘S E pearsa Chriosd gu h-iomlan, mar Dhia agus mar dhuine, cuspair neo-mheadhonach air creidimh (anns an ni so). Is e nadur na Diadhachd reuson a’ chreidimh; ach is e a phearsa diadhaidh a chuspair. Ann a bhi cleachdadh creidimh air, tha sinn ‘ga bheachdachadh mar Dhia agus mar dhuine anns an aon phearsa. Tha sinn a’ creidsinn ann do bhrigh gur Dia e; ach tha sinn a’ creidsinn ann mar Dhia agus mar dhuine anns an aon phearsa.
Chan’eil ni sam bith a tha ‘gar fagail cho cosmhuil ri Dia ri ar gradh do Iosa Criosd, oir is esan priomh chuspair a ghraidd fein—annsan tha ‘anam a’ gabhail a shuaimhneis—annsan tha e a ghnath lan toilichte. Far am bheil an gradh so air chall, cia b’ e air bith eile a dh’fheudas a bhi ann, chan’eil ni sam bith do iomhaigh Dhe ann. An ti nach gradhaich an Tighearn Iosa Criosd, bitheadh e ‘na Anatema Maranata; oir tha e eu-cosmhuil ri Dia.
An t-anam sin a rinneadh treibhdhreach air mhodh spioradail, cha ghabhadh e ri tearnadh ann an rathad sam bith anns nach bitheadh Dia air a ghloireachadh. Seadh, chan’eil tearnadh idir ann ach sin a tha coimh-cheangailte ri gloir Dhe; oir tha tearnadh ‘coimhsheasamh ann an sonas siorruidh ann an lan-mhealtuinn a ghloire.
Chan’eil ni sam bith a’s mo a tha luidh aig bunait theagasgan an t-soisgeil, na gu’n robh an Tighearn Criosd, ‘na phearsa dhiadhaidh fein, os ceann an lagha, gun a bhi fo fhiachaibh sam bith umhlachd dha air a shon fein; an uair a dh’rioslaich se e fein, agus a “ghineadh e o mhnaoi” air ar son, an sin rinneadh e fo’n lagh air ar son mar an ceudna. Agus air an aobhar sin, an dream a tha ‘gaicheadh pearsa dhiadhaidh Chriosd, tha iad uile a’ tagradh gu’n d’thug e umblachd do Dhia air a shon fein, agus nach b’ann air ar son-ne. Ach ann an deanamh sin tha iad a’ toirt dubhlain do phriomh thoradh a’ ghliocais dhiadhaidh, anns am bi Dia gu siorruidh air a ghlorachadh.
Far am bheil aon Chriosduidh a tha macanta, iriosal, caoimh-neil, foighidneach, agus tarbhach do na h-uile; a dh’islicheas e fein ri aineolas agus ri anmhuinneachdibh muinntir eile; a ghiulaineas le brosnachadh agus tarcuis gu samhach, foighidneach, ma’s e’s nach ‘eil gloir agus firinn Dhe ag agairt a bhi air an dion aig a lamhaibh; aig am bheil truas ris na h-uile seorsa dhaoine ‘nan tuislibhidh agus ‘nam mi-bheusaibh, agus a tha saor o dhroch amharusan, tha e so, tha sinn a gradh ‘a taisbeanadh dirdheirceas agus feartan Chriosd ni’s soilleire na dh’fheudas miltean eile a dheanamh leis na h-oibribh cràbhaidh agus oircheis a’s mor-chuisiche, far nach ‘eil an suidheachadhrichdhe agus inntinn so r’a fhaotainn.
(EADAR-THEANGACHADH MHICDHUGHAILL.)