-
Ge do chuireadh an saoghal uile agus uile dhiabhlan na h-ifrinn’ an céill a chaochla’, cumaidh sin bhur cosan ‘o shleamh-nachadh a tha agaibh anns Taïsb. iii. 10. “A chionn gu’n do ghleidh thu focal m’fhoighidin-sa, gleidhidh mise thusa o uair a’ bhuaireadh a thig air an t-saoghal uile, a’ dhearbhadh na muinntir sin a tha na’n comhnuidh air an talamh.” Gleidheadh cinnteach gu dearbh. Bithidh sibh air bhur gleidheadh na’s fearr na b’urrainn uile reachdan no laghan na tire bhur gleidheadh. Bithidh esan a tha na fhear imeachd gu riaghailteach air a ghleidheadh o uair a bhuaireadh a thig air an t-saoghal uile a dhearbhadh na dream a tha na’n comhnuidh air an talamh. Air doigh ‘s nach bi fios aig a h-aon c’ait am folaich e a cheann, ‘nuair a bhitheas tusa air do ghleidheadh fo’ sgail a sgè. An
-
Nì a chumas suas sibh, abradh na aghaidh a neach leis an àill, gu’n dean e féin suas bhur n-uile chall. Agus nach ‘eil e sin na dheadh fhear-féich? Am fear-feich is fearr a bh’ againn riamh, ‘se sin Chriosd. O nach fheud a gheallaidhean bhur toileachadh, a muinntir ionmhuinn, a dhearbhais a bhi cinnteach do luchd call’. Mata. xix. 29. “Ceud fillte agus a bheatha-bhith-bhuan mar oighreachd.” Cha d’thoirinn so air son an t-saoghail gu léir. Mar so cuiribh bhur lamh ri bhur cridhe, sibhse nach caill a bheag sam bith air son Chriosd. Feudaidh e bhi, a dhuiine, no bhean bhochd, gu’m bheil do mhaighstir a’ teachd teann aig do dhorus, agus gu’m feum thu an dara cuid básachadh, no na ‘bheil agad anns an t-saoghal a chall. Ach, tha mise ‘g radh, gu’m bi ceud fillte anns a bheatha so, agus a bheath-shiorruidh na bhuanachd dhuit, ma bhios tu ad’ fhear calla air son Chriosd. B’fhear leam gu’m biodh ‘ar n-uile stoc air an tabhairt air ocair, aig deich, no h-ochd anns a cheud, Ni-h-eadh seà ‘sa cheud, ge do tha e ro-chus gu ghabhail do reir laghanna na tir’, agus ceud do dh’aon, co riamh aig an robh an leithid do bhuanachdaibh. Ach tha mise ag innseadh dhuibh, a mhaighstirean, gu’m bi aig luchd call air son Chriosd ceud air son aon ‘sa bhiadhna air son an call’. Ach, am bheil sibh ag radh, Ciod a thig ris an stoc? Ach mur dean a bheatha-bhith-bhuan gnothach air son sin, cha bhi sibh gu bràth air bhur paigheadh. Nach feud sibhse a bheag sam bith a chall air son Chriosd, no air son na firinn? Nach dàna leibh earbsa ris ‘ur cuid fiachan a phaigheadh, mar-aon stoc agus anamhal? Mar dàna leibh earbsa, an sin cha’n fhiach le Criosd bhur leithid-sa do luchd creideas tàireil bhi aige; ach bithidh aige luchd creideas a bhios na’s urramaich’, agus na’s mo chosmhail ris féin: agus air bhur sonsa, thig, laom-eigin a dh’ionnsuidh bhur maoin uile, a sgriosas an nì sin a bha ro-luachmhor dhuibh. Cha bhi a bheag agaibh gu ‘ur mál a phaigheadh, oir cha tabhair an talamh a mach a thoradh, do bhrigh gur sibhse an dream a shaoil na’s mò do na nithe so na do Chriosd luachmhor, agus do shoiseil, agus a ghabh na’s mo do thlachd anns na nithe so na ann an imeachd gu riaghailteach maille ri Dia. Tha mi ‘guidh’ oirbh, na’m b’ail leibh dol as o bhreitheanas, an sin imichibh gu riaghailteach. An
-
Nì a chumas sibh air bhur casaibh, abradh na aghaidh an dream leis an àill, Ge air bith co mòr ‘sa bheir naimhde oirbh a chall air son Dhia, bheir esan orra cunntas a thort as gus an fheoirling dheireanach; eadhon air son a mhearchd a’s lugha a rinn iad riamh, no eadhon a rùnaich iad a dheanamh air sluagh Dhé. Tha sin na chunntadh iongantach anns an treas caibidil do leabhar Iòel. Cha do bhuadaraich Righ Asiria riamh uime gus an d’thainig e, agus ann an sin cunntas is eigin da dheanamh, rann 5. “Do bhrigh gu’n d’thug sibh air falbh m’airgiod, agus m’òr, agus gu’n do ghiùlain sibh gu’r teampuill mo nithe luachmhor taitneach.” Ach, nach feudadh iad a radh, Thighearna, cha’n fhaca sinne riamh aon fheoirling de do chuid airiod agus òr. Cha’n ‘eil e ag radh a bheag, do thaobh a’s gu’m buineadh e do mo phobull, buinidh e dhomh-sa, agus do mo sheirbhis; agus air an aobhar sin tha e toirt orra cunntas a thabbhàirt as gus an fheoirling dheireanach. “Reic sibh mo chlann-sa ris na Greugaich, a chum ‘s gu’n atharraicheadh sibh iad fada o’n crich fein,” rann 6. Feumaidh sibh cunntas a thabbhàirt air a shon. Gabhaidh e féin a shluagh a dh’ionnsuidh a lamh féin, agus ni e suas an uile chall a fhuair iad o naimhde, agus gabhaidh e an cuid naimhde ann a lamhan mar an ceudna, agus paighidh se e féin. Ma tha an uiread sin aca, bithidh e aige, agus mur a h-eil, cuiridh e ann an lamh iad, agus ni e an cuir a dh’ionnsuidh peanas siorruidh, agus an sin bithidh iad gu siorruidh air an sgiùrsadh, leis an fhocal suaicheantais so air a sgriobhadh orra, Breitheanas Dhia, do bhrigh ‘s gu’n d’rinn iad féin suas a nis, le bhi sgrios eaglais Chriosd.
‘Nis ‘siad na briathran mu dheireadh anns a bhonntheagaig, na biodh aig peacadh uachdaranachd os mo chionn. Ach orra so labhraidh mi a mhàin teirc do bhriathraibh, agus dùnaidh mi suas an t-iomlan. Agus
-
Bu roghnaich le Criosduidh beothail ann an cleachdadh beothail a bhi na phriosanach do ni sam bith na peacachadh. Bu roghnaich leam a bhi am phriosanach do dhuine re uile laithean mo bheath’, na a bhi am thràill do’n pheacadh. Their daoine an t-saoghail air son so, gheibh thu tigh na’s fearr na thog t-aithriche riamh. ‘Seadh, tha mi ‘g radh, ma bheir sibh fa’near e, bu roghnaich leam a bhi a’m phriosanach do dhuine uile laithean mo bheath’, na a bhi a’m thràill do’n pheacadh air son aon là. Cha’n ‘eil e ag radh, na biodh aig an duine so na’n duine ud eile uachdaranachd os mo chionn; ach pa biodh aig a pheacadh uachdaranachd os mo chionn. Ro-mhaith! Tha dòchas air son staid a leithid sin do dhuine, co fad’ sa tha chùis mar sin. An
-
Nì d’am b’àill leam sibh aire ‘thabbhairt, ‘se so e; nach dean an stoc uile do ghràs a tha ann an uchd a Chriosduidh am peacadh a chumail o uachdaranachd a bhi aige os a chionn, mur dean Dia a chumail le cuideachadh neamhaidh; oir ann an so tha e tabhairt obair do Dhia gu a dheanamh air a shon. Bha aig Daibhidh na h-uiread do ghràs ri aon neach againn uile, agus gidheadh cha bu dàna leis oidhearbachadh na neart féin, air son a dhion ann an aghaidh aingidheadh agus buairidhean. Ni-h-eadh, feumaidh e an Tighearn fhaotainn eadar e féin agus a chuid aingidheadh. O ach bu mhaith dhuinn na’m faigheadh sinn an Tighearn eadar sinn féin agus ar n-aingidheadh.
-
Feudaidh sibh a thabbhairt fai’near, gu’m bheil e neo-fhreagarrach do dh’fhear imeachd gu riaghailteach uachdaranachd a bhi aig a pheacadh os a chionn, gu’m bheil imeachd gu riaghailteach agus gun uachdaranachd a bhi aig a pheacadh freagarrach do a chèile. Uime sin, sibhse a tha ‘n’ur tràillean do’n pheacadh, na bruadaraichibh gu bràth gu’n ruig sibh air imeachd deadh riaghailteach, co fhad ‘sa dh’fhuilingeas sibh do’n pheacadh uachdaranachd a bhi aige os bhu rionn. Tha gun teagamh, àireamh agaibh, ‘gam’ èisdeachd an diugh, aig am bheil peacadh agus truailidheadh agaibh mur mhaighstir oirbh. Agus tha mise cinnteach gur e am peacadh am maighstir a’s miosa. Bhiodh e na b’fhearr a bhi fo chasaibh ain-tighearna air son bliadhna, na bhi fo chasaibh a pheacadh air son aon là.
Air son Feum, ramnsaichibh co-dhiubh ‘sann aig a pheacadh no aig gràs a tha’n t-uachdaranachd os bhu rionn. Am bheil a bheag sam bith anns an t-saoghal air son am mò am bheil a dh’eagal oirbh na’m peacadh? ‘Bheil a bheag sam bith a’ cuir na’s mo do ghaireachas oirbh na uachdaranachd a bhi agaibh os a chionn? Anns a chor so, feudaidh an Criosduidh a sheinn, ge do bheireadh sibh uam na h-uile ni a ta agam, fathas thà mise am fhear buannachd, ‘seadh, am fhear buaidh, co fhad ‘sa chumas mi imeachd riaghailteach; bithidh mi am fhear buaidh thar a pheacadh agus truailidheadh; agus tha mi a’ smuaineachadh gu’m bheil so co maith ri buannachd a h-aon sam bith de’n luchd co-aontachaidh ann an là sam bith do na bhlidhna. Tha cuid agaibh a’ smuaineachadh buaidh fhaotainn thar a pheacadh air bheag suim. Tha mòran agaibh air bhu rarruing aig sàilean a pheacadh air a leithid do dhoigh ‘s nach ‘eil so a’ cuir trioblaid idir oirbh. Ach bheir e oirbh eìgheadh agus glaothaich a mach ‘nuair a thig Criosd ann an teine lasrach, a ghabhail diòghaltais air an leithid sin do luchd imeachd mhi-riaghailteach. Tha daoine an t-saoghal so ag radh, ciod is ciall duibh? Tha againn anam gu bhi air a thearnadh co maith ‘sa tha agaibh-se. Gu deimhin tha sin agaibh, agus is truagh gu’m biodh sibh co neo-chaoimhneil uime. Tha iadsan ag rádh, gu’m bheil aca-san coguis ri ghleidheadh co maith ruinne. Tha sin fior; ach is olc a tha i air a faicsinn le’r cleachdamh.
Se’n nì a b’aill leam a rádh ribhse nach ‘eil a’ gabhail cùram mu na pheacadh a bhacadh o uachdaranachd a bhi aige os bhur cionn, so, bithibh air bhur faicill o aintighearnas a pheacaoidh sin dha’n usa bhur cuairteachadh. Ma gheibh am peacadh ceann a bhuidh air son aon uair, feudaoidh e fichead uair a chosd mu’m faigh sibh bhàn a ris e. Mu chuireas e sibh ach dheth ‘ur cosan air son là, feudaoidh e bliadhna do dh’obair a chosd dhuibh mu’m faigh sibh a dh’ionnsuidh an àite an robh sibh a ris, agus feudaoidh e bhi nach coisinn sibh a dh’ionnsuidh an àite an robh sibh roimhe rè uile laithibh bhur beatha. Leubhaibh 2 Chron. xvii. Leubhaidh e le grabh: “An sin ghluais Iehosaphat ann an ceud shlighibh Dhaibhidh athair,” rann 3. Agus guidheam oirbh, a chairde, ciod an t’eadar-dhealachadh a bh’eadar ceud slighean Dhaibhidh agus a dhara shlighean? An deachaidh e aon slighe ann an laithibh oige, agus slighe eile ann a shean aois? Ciod is ciall do’n sgriobtuir a bhi ‘g rádh mar so? Innsidh mi dhuibh ciod is ciall dà: ‘nuair a fhuair Daibhidh droch urchair leis a pheacadh, cha robh aige a leithid do mhaise riamh tuille fad a bheatha, ni mo a sheall e cosmhail ris mar a rinn e roimhe sin. O ma ta, bithibh air bhur faire roimh na pheacadh anns na h-aman cul-sleamhnach so; oir feudaoidh sibh urchair fhaotainn a nis nach faigh sibh gu bràth os a chionn a ris. Tha eagal orm gu’m bheil mòran ann a chuir a mach an làmhan gu aingidheadh aig an àm so, nach faigh gu bràth air ais a mhais a bha aca roimhe sin, agus cha bhi iad gu bràth ann an dara slighe mar a bha iad ann an ceud slighe. Bithidh e leo mar dhream a dh’òlas cupan puinsean, ge d’ fhaigh iad leigheas, agus ge do thig iad gu leasachadh, gidheadh cha’n fhaigh iad gu bràth an coslas a bha aca roimhe. Tha iad do ghnàth a’ cumail ni-eigin a leanas riu, nach faigh iad saor is e gu bràth tuille. Cha’n urrainn iad gu bràth a bhi cho feumail anns an dùthaich anns an robh iad beò. Agus sin chi sibh agus cluinnidh sibh; agus uime sin tha mi a’ cuir so mar fhiachaibh oirbh, gu’n giùlain sibh creidimh an nì so maillle ribh, ma gheibh peacadh lamh-an-uachdar oirbh, gu’n d’thoir e urchair dhuibh a mach o imeachd deadh-riaghailteach air son iomadh là.
Agus uime sin, foghluamaibh agus saothraichibh a chum sibh féin a choimhid o aingidheadh, gu h-àraidh o pheacanna na’n ama cùl-sleamhnach so. Cuiribh air Dia féin gu’n stiùireadh e bhur ceumana a réir fhocail; agus de ainm-san gu’n robh glòir.—Amen.
Acknowledgments.—Rev. Neil Cameron acknowledges, with thanks, 7s. from a Friend in Skye, for St. Jude’s Building Fund. A collection of £1 5s. 6d. has been sent from Staffin, Skye, to the Foreign Mission Fund. The Treasurer acknowledges a donation of 10s. from a Free Presbyterian to the Magazine Fund.