THA gnothuichean cho iongantach a’ gabhail aite aig an am so anns an Fhraing agus anns a Spàin, co-cheangailte ris air Eaglais Phapanach, agus gu bheil e iomchuidh gu’n abramaid focal mu’n deighinn. Anns a bhlìadhna 1701 sgrìobh an t-Urr. R. Fleming, briathran a dh’fhaddar eadar theangachadh mar so: “Tha mi a’ saoilsinn thaobh a choigeanmh soitheadh (Taisb. xvi. 10), a tha gu bhi air a’ thaomadh air righ-chaithir an fhiadh bheathaich, no air na rioghachdan ‘tha ‘an ceangal ris a Chaithir-Easbuig Romanach, gu’r docha gu’n toisich a’ bhreitheanas so mu’n bhlìadna 1794, agus gun criochnaich e mu’n bhlìadhna, 1848.” ‘Nis ciod e am bonn a bha aig an duine dhiadhaidh so gu bhi aig an am ud a’tighinn gu’n bithidean sud de chodhunaidean a thaobh nithean ‘bha gu tighinn gu crich uine cho fada an deigh a latha fhein? Gheibh sinn ann an leabhar an Taisbeanaidh (xi. 2, 3; xii. 14), gu’n robh e air innseadh O shean, gu’n “saltradh na Cinnich am baile naomh re dhà mhios, agus dhà fhichead;” agus gu’n “deanamh dithis fhiannisean Dhe faidheadaireachd re mile agus dà cheud agus tri fichead là, eudaichte ann an saic eudach;” agus mar an ceudna gu’n “d’thugadh do’n mhnaoi dà sgéithiolaire moire, chum gu’n rachadh i air itealaich leo do’n fhasach, chum a h-ionaid fein; far am bheil i air a h-altrum re aimsir, agus aimsirean agus leth-aimsir, o aghaidh na nathrach.” ‘Nis ma ghabhas sinn “aimsir agus aimsir ean agus leth-aimsir,” mar bhlìadhna, agus dà bhlìadhna agus leth-bhlìadhna, no mar thri bliadhna gu leth, tha e soilleir gu’r h-e an t-aon aimsir a tha ann an tri bliadhna gu leth, agus ann an dà fhichead agus dà mhios, agus ann an mile agus dà cheud agus tri fichead là. ‘Nis ann am faidhdearachd tha là a’ seasmh air son bliadhna, ionnus agus gu bheil e ri thuigsinn gu’n robh na Cinnich, a reir leabhar an Taisbeanaidh, gus am baile naomh a shaltradh fo’n cosaibh, re mìle agus dà cheud agus tri fichead bliadhna. Leis na Cinnich, thuig Mr. Fleming, mar thuig moran ‘roimh, an eaglais Phapanach, agus thainig e mar sin gu co-dhunadh gu’m bitheadh mìle agus dà cheud agus tri fichead bliadhna o’n àm anns an do dheirich an Pàp gus an àm anns an toisichead an Tighearn air ‘dòirteadh dhe soithichean ‘fheirge air a righ-chaithir. Bha e ‘na cheisd uime sin ciod b’i a bliadhna o’m feumtadh toiseachadh air cunntadh. Bha ceisd eile a thaobh an aireimh de lathaichean a tha ann am bliadhna, ann an leabhar na faidhdeireachd so. An e tri cheud agus tri fichead, no, an e tri cheud agus tri fichead agus cuig, mar as cunnanta dhùinn bliadha a mheas? ‘Nis tha e ri an aire a thoirt dha, gu bheil e air fhaicinn ann an geallaidhean no bagraidhean air Tighearna, a thaobh am bheil aimsir àraidh air ainmeachadh mar so, gu’m bheil gu tric air gealladh no am bagradh air a sgaoleadh a mach ionnus agus gu’m bheil cordadh iongantach eadar focal na faidheadaireachd agus a choimh-lionadh eadar an cunnta sinn bliadhna mar thri cheud and tri fichead la, no mar a tha a’ bliadhna ‘nar measg fhein ‘na tri cheud agus tri fichead agus cuig là. Toisicheamaid mar sin air aireamh o’n bliadhna 552, bliadhna anns an d’thainig, mar tha Mr. Fleming a’ nochdadh, am Pàp gu airde mhor, agus ma chuireas sinn 1260 bliadhna ris a bliadhna 552, agus gu’m meas sinn tri cheud agus tri fichead là gu gach bliadhna, bheir sin sinn sios a dh’ionnsuidh na bliadhna 1794, a cheud bliadhna mu’n robh Mr. Fleming a’ labhairt. A ris, ma thoisicheas sinn air aireamh o’n bliadhna 606, bliadhna anns do ghabh a Phàpanai ceum mar eile air a h-aghaidh, d’ur ‘thuair am Pàp àn t-ainn sin, ‘an ‘t-Easbuig ‘s mo ‘th ‘ann’, agus ma chuireas sinn 1260 bliadhna ris a sin, tha sin g’ar toirt a dh’ionnsuidh na bhiadhna 1848, an dara bliadhna mu’n do labhair Mr. Fleming. Faodaidh sinn ann an so an aire ‘thoirt dha, mar an ceudna, ma ghabhas sinn bliadhna mar 365 lathaichean, agus ma chuireas sinn 1260 bliadhna, anns an t-seadh sin, ris a bliadhna 606 gu bheil sin g’ar toirt gus a bliadhna 1868 no faisge air a bliadhna 1870.
‘Nis cha’n fhaca Mr. Fleming a bliadhna 1794. Ach ciamar a dh’eirich dha’n Phàp anns a bliadhna sin? Gu nadur a ni sin a thuigsinn feumar ‘chuimhneachadh aig àm an Ath-leasachaidh gu’n d’ thug an Fhraing a neart gu mor gu cumail suas na Papanas, agus gu cur sios an Ath-leasachaidh. Mar a’dhearbbhadh air sin, faodar ainmeachadh an so, gu’n mharbbhadh air là Bhartolomì (Aug. 24, 1572) deich ar fheichead mìle Protestanach, leosdugh rioghachd na Frainge aig an aon àm, agus a ré na ceud bliadhna a lean an deigh an là sin, gu’n d’fhag deich ceud mìle Protestanach an Fhraing le foirneart nam Papanach. Ach anns a bliadhna 1794 thachair ni uamhasach anns an Fhraing, ni ‘bha gu’n amharus ‘na thaomadh a mach air soithichean feirge Dhe an righchaithir an fhiadh-bheathaich. Anns a bliadhna 1794 ghabh an Caochladh Mor, ris an abrar anns a’ bhuir la French Revolution, aite, no mar is fearr a dh’fhaodar a radh thainig an Revolution gu ceann air a bhlíadhna so, oir thoisich e dhà no thri de bhlíadhnaich roimh so, agus lean e air aghaidh dhà no thri de bhlíadhnaich an deigh so. Tha e air a mheas gu’r docha nach robh leithid de thuill aingidheadh air a leigeal fuasgailte air sluagh o thoseach an t-saoghail agus a bha anns an Fhraing aig an am so. Bha an ceann air a chur dheth araon Righ agus Banrigh na Frainge. Cha’n e mhain gu’n robh an Eaglais Phapanach air a tilgeadh bun os ceann, ach cha’n fhaodadh aoradh ‘dheanamh gu foillseachadh do Dhia idir, anns an rioghachd through sin, re moran mhidsan. Tha e air a radh gu’n do mharbh iad na’m measg fhein fichead ceud mile anns na lathaichean ud. Bha aimhuichean na Frainge dearg le fuil, bha sraidean am bailtean ruith le fuil. Mheasadh gu’n do theich da fichead mile sagart Papanach a mach as an rioghachd, agus gu’n do chuirteadh ceithir ar fichead mile sagart gu bas. ‘Se ni smaointeachail a tha ann, gu’m b’e an dearbh rioghachd, dheth an d’ rinn am Pàp feum gus na Protestanaich a chur gu bas, dheth an d’ rinn an Tighearn, ann am breitheanas, meadhon gus a chumhachd Phapanach a’ ghluasad gus na bunaitean. Oir cha’n e mhain gu’n robh an t-aireamh, a dh’ainmich sinn de na sagartan air an cur gu bas, agus gu foireigneadh, agus gu robh na bha de shaoibhreas a bhuneadh do’n eaglais Phapanach air a toirt uath anns an Fhraing, ach chaidh na saighdearan Frangach air an aghaidh do’n Eadailte, agus ghlac iad greim air a bhaill mhor anns an robh am Pàp ‘na chomhnuidh mar righ, agus rinn iad priosanach dhe’n Phàp fhein (Pius VI.), agus thug iad leo do’n Fhraing far an do fhasaich e. ‘Sann as an troimh-cheile ‘bha ‘an so dh’eirich Napoleon Bonaparte, agus ged thug esan tomhas de chothrom dha’n eaglais Phapanach, ionnus agus gu’n d’thug e cead dna’n ath-Phàp pilltinn do’n Roimh, gidheadh bha na h-uile cumhachd ‘bh’ann aige, na laimh fhein, agus a ris anns a bhlíadhna 1809 dh’orduich Napoleon gu’n tigeadh uachdaranachd aimsireil a Phàip gu ceann o’n am sin.
Seadh, cha robh ach greim gle las aig a Phàp dhe’n uachdaranachd sin o’n bhlíadhna 1794 gus an la an diugh. Faodaidh sinn, ann an so, a mhineachadh gu’m bheil am Pap—agogair còir air uachdarachdan dhe tri seorsan. . . . An toiseach tha e ag agair uachdaranachd spioradail os ceann na h-uile, a tha ag aideachadh a chreidimh Chriosduidh. Tha an uachdaranachd ‘so ag eiridh o na còirichean ‘tha e ag agair mar cheann na h-eaglais. I. R. M.
(Ri leantuinm.)
Indo-Chinese Opium Traffic.—We expect to resume this subject in next issue. Meantime, we observe that the Chinese Government has now issued the various regulations whereby the traffic is to be gradually reduced within ten years. They are considered the most drastic that have ever been issued in China.