(Concluded from page 316.)
‘THA e rithist ag again uachdaranachd os ceann na talmhainn uile, mar gu’m b’e righ nan righrean. ‘Si an treas uachdaranachd mu’n robb sinn a’ labhairt mar tha, da’n goirear an uachdaranachd aimsireil.
Anns an t-seadh so, bha e rè iomadh linn na righ os ceann rioghachd bheag dha’n robb baile mòr na Roimh ‘na phriomh-bhaile.
Nis, anns gu’n do chaill é an uachdaranachd thimeil so mu àm an Revolution tha sinn a’ faicinn ann an so, mar anns na h-uamhasan eile a dh’ainmich sinn, bagraidhean an Tighearna air an coimhlionadh dha thaobh. An deigh Waterloo (1815) b’eigin do Napoleon teicheadh, agus bha e gu brath tuilleadh na phrios-anach gu là a bhais. Agus thugamaid an aire, ged bha an Fhraing rè uine ri a latha-san ‘na cuis-uamhais do’n Rinn-Eorpa, gidheadh air a cheann mu dheireadh cha d’fhuair i dheth, ach ‘na bha aice de dhortadh fola anns na cogaidhean a rinn e, ionnus agus rè ‘nan tearc de bhliadhnachan anns an robb e air a’ ceann nach mor nach deachaidh a cheart uiread a ris de Fhrangaich a mharbh-adh agus a mharbhadh anns an Revolution fhein. Agus faodaidh sinn beachdachadh air sin mar an ceudna mar chuid de thaomadh a chuigeamh soitheich (Tais. xvi. 10.)
D’ur ‘thainig an t-sith aig àm tuiteam Napoleon, fhuair am Pap, air son uine, air ais an rioghachd bheag a bhuneadh dha fhein. Ach a rithist anns a bliadhna 1848, an dara bliadhna mu’n robb Mr. Fleming a’ labhairt, ghabh an dara Revolution mar a theirear aite. Ghabh an Revolution so greim gu luath air an Eadailte fhein, agus leis a so thilgeadh am Pàp bun os ceann thaobh na h-uachdaranachd aimsireil a ris. Aig an àm so, thainig na Frangaich a stigh dh’a’n Eadailte, agus, a’n aghaidh toil nan Eadailteach, chuir iad suas am Pàp a ris ‘na Righ, ach b’eigin do na Frangaich arm cogaidh nach robh beag fhagail as an deigh anns an Roimh air son dion a’chur air a Phàp ann an aghaidh nan Eadailteach. Dh’fhan cuisean mar sin gus a bhlidhna 1870. B’i sin a bhlidhna anns an robh e, air son a cheud uair, air a’chur sios anns a chreud Phapanach, mar ni a dh’fheumadh na h-uile Papanach a’ chreidsinn, gu’n robh am Pàp dhe fhein neo-mhearchachdach. Ach, air an dearbh là anns an robh an ni ain-diadhaidh so air ordachadh le reachd, thoisich cogadh eadar a Ghermailté agus an Fhraing, agus mu’n deachaidh moran uine seachad bha feum aig na Frangaich air na h-uile saighdear a bha aca, ionnus agus gu’m b’fheudar an t-armailt ‘bha anns an Roimh a’ dion a Phàp, ‘thabhairt dhachaidh do’n Fhraing. Dh’fhosgail sin dorus do’n armailt Eadailteach gu dhol a stigh do phriomh bhaile na H-Eadailte, ‘se sin an Roimh, agus, aig an àm sin, chaill am Pàp an riogachd aimsireil, nach robh aige ach ann an doigh cho neo-chinnteach o’n bhlidhna 1794, agus tha e ri a chreid-sinn nach faigh e air a h-ais i gu brath tuilleadh. Mu dheireadh thall, d’ur chaidh an cogadh thairis, dh’fhas na Frangaich a ris sgith dhe’n an Eaglais Phapanach, agus mar sin o cheann dhà no thri de bhlidhnachan air ais rinn iad lagh a thaobh nan tighean anns an robh na manaich agus na cailleacha dubha a chomhnuidh, troimh am feumadh na tighean ud cunntas a thoirt asda fein, agus an cuid fhein a phaigheadh air son ‘cumail suas na rioghachd. Dh’fhas na tighean ud, ann an uine nach robh fada, anabarrach lionmhor anns an Fhraing, agus bha moran maoin aca, agus ‘sann nach robh iad idir air son cunntas a thoirt uimpe fein, no a bhi fo lagh do’n rioghachd Fhrangach, ach a mhain ag iarraidh gu’m bitheadh iad fo lagh do’n Phàp ‘na aonar, agus bha am Pàp fhein ‘gan cuideachadh anns an rag-mhuinealas so. D’ur chunnaic na Frangaich so, ‘sann chaidh iad air àn aghaidh, air a bhlidhna ‘chaidh seachad, gus an Eaglais a dhi-steidheachadh anns an Fhraing—agus ‘sann mar sin a tha i, air an là an diugh. D’ur bha an lagh gus an Eaglais a dhi-steidheachadh air a daingeachadh, thugadh cothrom dha’n na comh-thionalan, na ‘m bitheadh iad gu tur fo riaghladh n Fhraing, gu’m faodadh iad na h-eaglais-ean agus na mansaichean a bha aca fein a chumail mar luchd aoraidh. Gidheadh ‘sann a thug am Pàp comhairle orra gun geileadh idir, agus aig an àm anns an bheil sinn a’ sgrìobhadh tha e gle chosmhuil gu’n caill a chuid is mo de na Papanach Fhrangach na h-eaglaisean agus na mansaichean, agus mar an ceudna gu’r th’ann a theid na sagartan a mheas mar muinntir nach buin do’n rioghachd Fhrangach idir, agus bitheas e gu math mar bi doirteadh fola anns an Fhraing gu h-aithghearr a ris air son nan nithean so. Tha an Spain a ‘nochdadh gu bheil iad air son tighean nam manaich agus nan cailleacha dubha a ‘chur fo lagh cosmhuil ris mar a rinneadh anns an Fhraing, agus cha bhitheadh e idir mi-chosmhuil ged ann an uine ghearr ‘rachadh an Eaglais Phapanach a sos anns a Spain.mar a rinn i anns an Fhraing. ‘Se aobhar broin Bhreatuinn a thaobh nan nithean so, gu’m bheil an t-ana barr dhe na manaich agus dhe na cailleacha dubha a’ taomadh stigh do’n rioghachd so, mar tha iad air an cur a mach as aitean eile. Ach, co dhiubh, thigeadh e dhuinne a bhi toirt fainear ciamar ‘tha an sgiobtuir a’ gabhail coimhlionamh fa chomhair air sula a thubhairt:—”Agus na deich adhaircean a chuinnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath do’n striopaich, agus ni iad fas i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feoil, agus loisgidh iad i le teine” (Taisb. xvii. 16). I. R. M.
F.S.—O’n àm anns an do sgiobh sinn an t-iomradh ghoirid a leugh sibh air thoiseach air a so, thainig cuisean gu airde mhor co-cheangailte ris an Eaglais Phapanach anns an Fhraing. D’ur chaidh an eaglais a dhi-steidheachadh anns an Fhraing, mu dheireadh na bliadhna 1905, chaidh bliadhna air fada a thoirt dha na comh-thionalan a dh’fheuchainn an tuiteadh iad a stigh ri lagh na tire. Thuit na h-eaglaisean ath-leasaichte—oir bha iadsan ‘cuideachd a’ faotainn beagan cuideachaidh o’n stàid roimh 1905—gu luath a stigh ri lagh na tire, agus mar sin gleidhidh iadsan na h-eaglaisean agus na man-saichean aca. Ach, air comhairle a Phàip, dhiult na sagartan Papanach anns an Fhraing geill a thabbhairt; ged nach robh air agair orra ach gu’n iarradh iad gu modhail, aon uair anns a bhliadhna, cead o’n stàid gu feum a dheanamh airson aoraidh dhe na h-eaglaisean agus dhe na mansaichean. B’e Di-mairt (11 Dec., 1906) an là mu dheireadh gu feum a dheanamh dhe ‘na chothrom so, agus o’n nach d’rinn iadsan sin, tha mu thiomcholl air sè mile deug ar fhichead sagart Papanach anns an Fhraing a tha air am meas leis an rioghachd Fhrangach a nis mar muinntir ‘tha ‘cogadh ann an aghaidh lagha agus maith na tire. Ach tha an Government Fhrangach a deanamh gle shoilleir ma ‘se cogadh a tha o na sagartan gu’m faigh iad an leoir dheth. Tha na Frangaich a’ toiseachadh le gnothuich a dheanamh ris na cinn-feadhna. Air feasgair an Di-mairt a dh’ainnich sinn rinn iad, gun duil a ris, greim air an neach ‘b’e fearionaid a Phàip ann am Paris, agus, air doibh fhògradh a mach as an tire, ghabh iad seilbh air an tigh mhor anns an robh e a chomhnuidh, agus air ‘na ‘bha de sgiobhaidhean aige ‘san tigh. Tha iad mar an dara ceum a’ gabhail gnothuich ris na Priomh-fhir-cleire, agus ris na h-aird-easpuigean, agus ged nach’eil e furas gnothuich a dheanamh ri aireamh cho mor, agus iad sin a’ faotainn cuideachaidh o na comh-thionalan aca, gidheadh tha cuisean ag amharc mar gu’n tigeadh aig a Government air. Cha bhitheadh e iongantach ged a bhitheadh lamhan nam Frangach a rithist dearg ann am fuil gach a cheile.