Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1907 » February 1907 » Bas Jain ‘Ic-ille-Dhuinn

Bas Jain ‘Ic-ille-Dhuinn

CHNUIC-AN-T-SAGAIRT,
AIR SON A’ CHREIDIMH.

CHA ‘n ‘eil ach mu Ochd fichead bliadhna (written in 1845) o bha amannaibh fuitheach ann an Alba. Bha ministeirean agus pobull Chriosd air an geur-leanmhuiinn gu goirt le daoinibh ain-diadhaidh, ain-iodhdmhor. Chaidh mòran a mharbhadh ‘s a mhortadh air na monaidhibh farsuing, loma, air son focail Dhé, agus na fianuis a thog iad. Tha sinn a’ dol a thoirt sgeula beag, romhuladach do ‘n òigridh leis an leughar e, mu dhuine diadhaidh ‘s na làithibh ud, a fhuair am bàs air son a’ chreidimh; agus a tha a nis a meag na Cuideachd glòrmhoire sin, a tha ag imeachd ‘n an culaidhibh geala air sràidibh an Ierusalem Nuaidh, a’ seinn “òrain Mhaois agus an Uain.” Is’ e a b’ ainm do ‘n duine so, IAIN BRUN—no gu a’ Ghaelig a chur air a shloinneadh—IAIN MAC’ILLE-DHUINN. Bha a chòmhnuidh aige ann an àite d’ an ainm Cnoc-an-t-Sagairt, ann an Siormachd Ara, mu dheas o bhaile mòr Ghlasco. B’ i a chèaird, e bhi ri giùlan ghoireasan o ‘n bhaile mhòr do ‘n dùthaich, agus as an dùthaich do ‘n bhaile mhòr. Cha robh, an uair ud, na ròidean mòra ach garbh; agus cha robh eich is cairtean ach ainneamh r’ am faicinn air feadh na dùthcha. ‘S ann a bha na h-eich le clèibh is srathair, a’ giùlan gach bathar agus goireas as na bailtibh mòra do ‘n dùthaich. Is ann mar so a bha Iain Mac’Ille-Dhuinn a’ deanamh, le a chuid each. Bu duine Iain anns an robh eagal an Tighearn. Bha fhios so aig an t-sluagh timchioll far an robh e, agus fhuair iad e co dìleas, ionraic ‘n an gnothuichibh a b’ àbhaist dhoibh earbsadh ris, ann an rathad reic is ceannach, ‘s gur h-e an “Carrier” Criosduidh a b’ àbhaist dhoibh a ràdh ris.

Beagan bhliadhnaich roimh ‘n àm ud, bha ministeirean dìleas Eaglais na h-Alba air am fògradh a mach as an Eaglaisibh tre fhòirneart an Righ ain-iodhdmhoir bha an uair sin air an righ-chaithir. Cha cheadaicheadh an Righ ud dhoibh aoradh a dheanamh do Dhia ‘s an dòigh a theagaig am Bioball doibh. Bha na ministeirean ud chaidh a chur a mach, air an sgapadh thall ‘s a bhos air feadh na dùthcha; agus b’ àbhaist doibh bhi a’ searmonachadh do ‘n t-sluagh air slios nam beann agus air a’ mhonadh lom. Agus is ann o am bilibh-san a chuala Iain Mac’Ille-Dhuinn, air tìs, na briathran a chaidh a bheannachadh dha leis an Spiorad Naomh, gus an robh e air ‘iompachadh. Agus mar thachras dhoibh-san uile a dh’ fhairich am feum féin air Fear-Saoraidh, bha Iain Mac’Ille-Dhuinn gu h-eudmhor ag iarruidh maith a dheanamh do anamaibh eile. B’ àbhaist da gach balachan agus niònag bheag timchioll, a chruinneachadh a stigh d’ a thigh féin ann an Cnoc-an-t-sagairt air feasgaraibh geamhraidh: shuidheadh iad timchioll an teine, agus theagaigeadh Iain as a’ Bhioball iad, ag iarruidh gu dûrachdach gu ‘m biodh iad air an tarruing a dh’ ionnsuidh Chriosd. Agus air feasgaraibh blâth, grianach, an t-samhraidh, bhiodh iad a’ coinneachadh ann am mainnir chaorach, a bha air an t-sliabh am fagus do ‘n tigh. Tha mi a’ creidsinn, ‘n uair chitheadh Iain diadhaidh an treud bheag so ‘n an suidhe air an fhraoch timchioll air, gur tric a chuimhnicheadh so dha am Buachaille maith, a thug a bheatha féin air son nan caorach, a thionaileas na h-uain ‘n a ghàirdeanaibh agus a ghiùlaineas iad ‘n a uchd. Agus ‘s i so a cheud Sgoil Shàbaid an Alba mu ‘m bheil iomradh againn. Agus O, dh’ iarrainn féin bhi an dòchas gu ‘m bheil a nis, gach sgoilear beag, agus gach ban-sgoilear bheag bha an sud, direach far am bheil Iain féin,—ann an glòir!

An déigh do Iain Mac-‘Ille-Dhuinn, bhi ceithir bliadhna ‘n a fhear pòsda, thug am bàs bean a ghràidh air falbh uaithe. Bha nigheanag bheag aca, Seònaid, a bha mu thri bliadhna a dh’ aois, ‘n uair a chaochail a m’athair. Bha Seònaid bheag ro-mhùirneach aig a h-athair; agus cha bu lugha, tha mi cinnteach a ghràdh dhi a nis, agus i gun mhàthair.

Mu dhà bhliadhna an déigh do Sheònaid bheag à bhi gun mhàthair aice, phòs a h-athair Iseabal ‘Nican-Aoidheir, boirionnach òg á Sgireachd Shoruinn, dlùth dhoibh. Bha Iseabal so ‘n a boirionnach aoidheil, caoimhneil; ach bha ni eile bu mhò maise na sin, agus bu luachmhoire le Iain caomh,—bu leanabh le Dia i—bha i ‘n a boirionnach diadhaidh; bha a gràdh do mhinisteiribh dìleas Chriosd, bha air an geur-leanmhuinn ‘s na làithibh fùilteach ud. Mu ‘n àm sin, bha iomadh duine diadhaidh araon a meag mhinisteirean agus phobuill aig an deachaidh am fuil a dhòrtadh, air son nach tréigeadh iad Crìosd. Bu tric a labhair Iain agus Iseabal mu ‘n ghnothuch chruaidh, mhuladach sin; agus bhiodh iad le chéile ri caoidh air son fhulangasan Eaglais na h-Alba. Mar bha na h-Iùdhaich o chian, ‘n uair shuidh iad “aig sruthaibh coimheach Bhabiloin,” ghuil iad ‘n uair chuimhniche iad air Sion. Bha iad aon là, roimh dhoibh bhi pòsda, agus ars Iain ri Iseabal. —Tha ni-eigin ag innseadh dhomh, ‘n am inntinn, gu ‘m bi agam-sa uair-eigin, agus sin gun e bhi fad as, mo bheatha a leigeil sios anns an aobhar naomha so. “Na smuainich ormsa,” ars am boirionnach dìleas, “ni mise m’ oidhirp bhi ‘n am chomh-fhurtachd dhuit, eadar gur h-ann ann am beatha no ann am bàs. Gheall an Tighearn gu ‘n tugadh e gràs dhomh-sa; agus bheir e duitse oighreachd na glòire.”

A’ mhaduinn an déigh do Iseabal tighinn dachaidh do Chnoc-an-t-sagairt, bha i ‘n a suidhe leatha féin an ceann shuas an tighe; agus ‘s ann a chual i neach-eigin a’ togail clàimhean an doruis, agus cò bha an sud, ach Seònaid bheag, a’ cur a cinn gu sgàthach a stigh, agus i ag radh—”Tha iad ag innseadh dhomh gu ‘m bheil sibhse gu bi ‘n ur m’athair dhomh.” “Mo ghràdh ort féin” ars Iseabal gu caoimhneil rithe; “agus ciod na ‘m bithinn do rìreadh ‘n am mhàthair dhuit.” “O, cha ‘n ‘eil, ni ‘s am bith,” ars Seònaid bheag,—“ach ’s ann an smuainich mi, ma tha sibh gu bhi ’n ur māthair dhomh, gu ’m bu mhaith leam tighinn a stigh làimh ribh, tiota beag.” “Tha mi ’n dùil, mo leanabh,” ars Iseabal, “gu ’m bi mi ’n am mbàthair dhuit; agus gu ’n toir an Tighearn gràs dhomh gu d’ stiùireadh mar bu chòir dhomh; agus gu ’m bhi thu ’n ad shòlas do t’ athair agus dhomh-sa.”

Fad na bliadhna an déigh sin bha an teaghlaich an Cnoc-an-tsagairt a’ tighinn beò gu sona, soitheamh, an comunn a chéile. Bha Iain agus Iseabal ’n am beannachd d’ a chéile; agus bha Seònaid bheag ’n a comh-fhurtachd nach bù bheag dhoibh. Ma dhùbhradh an fheasgair, rachadh Seònaid bheag a mach mu ’n dorus, ’n uair bhiodh a h-athair o ’n bhaile, a dh’ fhaicinn an robh e a’ tighinn; agus ’n uair chitheadh i e féin agus an t-each a’ tighinn thar an uchdaich, ruitheadh i a stigh a dh’ innseadh do Iseabail gu ’n robh e a’ tighinn; agus chuidicheadh i gus am faigheadh iad a dhinneir a bhi deas air chionn da tighinn a stigh: sguabadh i an t-ur-lu gu bòidheach, glan; agus bhiodh uisge blàth aice deas, leis an ionnlaideadh i casan a h-athar, ’n uair thigeadh e a stigh agus e sgìth le a thurus. Ach O, bu bheag fios aca, an uair sin, cia co goird an t-àm gus an robh a’ chòmhnuidh shona sin gu bhi air a deanamh fàs dhoibh: cia co goird an ùine—an t-ionad a dh’ aithnich Iain co fhada, nach biodh tuilleadh aithne aig’ air am feasd!—co cia goird an ùine, gus am biodh a chuid cloinne (oir a nis bha bràthair beag aig Seònaid) air am fàgail ’n an dilleachdain, agus a bhean-phòsda ’n a bantraich!

Thàinig a’ gheur-leanmhuinn gu bhi ni bu truime, agus ni bu truime. Bha saighdearan fuitteach, a’ marcachd air eachaibh, a’ siubhal na dùthcha sios agus a suas, gun sguir. Agus ge b’ e àit anns an tachradh iad air neach ’s am bith do threud sgapta Chriosd, bha iad a’ cur na h-urchair annta, ’s ’g am fàgail marbh; mur h-aicheadhadh iad Criosd, agus mur tréigeadh iad ’aobhar-san. B’ éigin a nis do Iain a chèaird àbhaiseach a thoirt thairis; cha robh an rathad mòr tèaruinnte dha; agus is iomadh uair a b’ éigin da teicheadh, agus am monadh a thoirt air maille ri a luchd-eòlais diadhaidh, gu faotainn as o choruich agus o naimbdeas nan daoinne brùideil, a bha air thart air son an cuid fola. Agus is iomadh oidhche gheamhraidh, fuidh ’n fhuachd reòite, dh’fheudadh tu guth na h-ùrnuigh agus nan salm a chluinntinn a measg nam beann, o na diobar-aichibh bochda sin, air an sealg, agus iad sgith, leònta; ach, gidheadh bha iad a’ cur suas an gearan ri Dia an slàinte, agus a’ toirt molaidh dha, eadhon ’n am fulangasaibh cruaidhe. Mar bha an dream mu ’m bheil sinn a’ leughadh ’s an litir a chum nan Eabhruidheach, ’s ’a cheud chaibidil deug, “Chaidh iad mu ’n cuairt ’n am fògaraich, ann an uireasbhuidh, ann an trioblaidibh, ann an cràdh;—a’ dol air seacharan ann am fàsaichibh, agus air sleibbtibh, agus ann an uamhaibh agus ann an slochdaibh na talmhainn.” Ach ann am meadhon an trioblaidean bu ghéire, bha fios aig an treud bheag ud, gu ’m b’ e an Tighearn am buachaille; agus is iomadh uair, bha a leithid do mhothachadh aca air gràdh Chriosd, ‘n an cridhibh;—dh’ aithnich iad air mhodh co soilleir, Dia bhi ann an sith riutha tre fhuil an Tighearn Iosa, gu ‘n robh na h-ionadan aonaranach ud far an robh iad cruinn, a measg nam beann, mar Bheteil agus iad comasach a ràdh, mar thubhàirt Iacob. “Is e so geata nan nèamh.”

A measg nan daoine bha aig an àm ud gnìomhach ann an geur-leanmhuinn luchd-aideachaidh Chriosd, agus g’ an cur gu bàs, cha robh duine bu bhuirbe, ‘s bu mhi-thlusaile, na ‘n Greumach dubh, fuitreach, Cleabhars. Anmoch ‘s an fheasgar, air an là mu dheireadh do mhios deireannach an earraich ‘s a’ bhlìadhna 1685, ràinig Cleabhars agus a chuid marc-shluagh cogaidh baile Liosmaheugamh. Cha robh sò ach astar goird o Chnoc-an-t-Sagairt. Dh’ innis neach-éigin do Cleabhars an sin, mu ‘n duine dhiadhaidh agus dhileas, Iain Mac-‘Ille-Dhuinn; agus mu shèa uairibh air an ath mhaduinn, bha Cleabhars air an each dhubb, agus cuideachd d’ a shaghdearaibh maillè ris, air an cuid each, dlùth air Tigh Chnuic-an-t-Sagairt.

B’ i a’ cheud mhaduinn i do ‘n mhios Mhàidh. Bha a’ ghrian air éirigh gu dealrach: bha am feur ‘s am fraoch, agus na sobhragan buidhe, cùbhraidh fuidh dhruichd an òg-shamhraidh. Bha na h-eòin bheaga ri dùr’dan gu h-aobhinn a measg nam preas; agus an uiseag le a ceileirean a’ direadh na h-iarmailt. Bha na h-uile ni timchioll mu thigh Chnuic-an-t-sagairt, sìothchail, sàmhach, gun ghlùasad; agus an cruthachadh nàdurrà, mar ri h-aobhneas gu ‘n robh an samhraidh air tighinn a ris. Bha Iain air éirigh, mar b’ àbhaist dha, mu ‘n chamhanaich; agus chrùinnich an teaghlaich a chum aoraidh Dhé. Sheinn iad na cùig rainn aig toiseach an t-seachdaimh Sailm thar fichead;—salm d’ an d’ thug Iain mòran gràidh; oir b’ iomadh uair a thug na briathran ud comhfhurtachd d’ a anamsa, agus d’ a sho-luchd-fulangais, agus iad air faontradh rè na h-oidhche duirche a measg nam beann. Leugh iad an Sèathamh Caibidil deug do ‘n t-Soisgeul a réir Eoin, a tha co làn do gheallannaibh priseil do chloinn Dhé, ann an amannaibh mulaid. An déigh do ‘n aoradh teaghlaich bhi seachad, dh’ fhalbh Iain a mach, agus e a’ dol a bhuain mòine. Bha e a’ buain na mòine, agus e leis féin: ‘n uair a bhuail Cleabhars agus a chuid trùpairean, agus an cuid each ‘n an deann, aca sios am bruthach: dhùin iad a stigh timchioll an duine: cha robh dòigh teasairginn dha: agus ghiùlain iad leo chum an tighe e.

Bha Sèonaid bheag ri a sùgradh beag féin timchioll nan dorsan: ruith i a stigh, agus ghlao dh i ri a màthair, gu ‘n robh buidheann mhòr shaghdear a’ tighinn a nuas chum an tighe, agus a h-athair aca, ‘g a tharruing leotha. Air a’ cheud bheum, ‘s ann a mheath-aich cridhe Iseabail ‘n a h-uchd! Ach ghlac i misneach; agus ghlao dh i, “An ni roimh an robh eagal orm, tha e air tighinn orm a nis,—O Thighearna, thoir gràs dhomh mu choinneamh na h-uaire so.” An sin, rug i air a leanaban, as a’ chreathail far an robh e; phaig i ‘n a breacan e; ghlac i Sèonaid bheag air làimh, agus ruith i a mach, a cridhe trom-bhuailte, ach i ri h-ùrnuigh. Dh’fhalbh i an coinneamh nan saighdear; ach, mu ‘n d’ fhuair i ach dol a mach, bha iad timchioll an tighe, agus a fear-pòsda gràidh aca an sàs.

An sin, chuir Cleabhars a’ cheist ri Iain,—An tréig thu do choimh-cheangal ri Criosd, agus an téid thu do ‘n Eaglais, a dh’ éisdeachd a’ mhinsteir Shasunnaich, an duine tha an Righ air cur a stigh?

Fhreagair Iain gu ciùin, gu ‘m bitheadh e dileas do Criosd: gu ‘m b’ e Criosd a mhàin Ceann agus Righ na h-Eaglais: nach d’thug am Bioball còir ‘s am bith do ‘n mhinsteir Shasunnach ud bhi ‘n a mhinsteir; nach d’ rinneadh ‘n a mhinsteir e a réir riaghailtean Criosd d’ a Eaglais féin; *ach a mhàin le Righ Papanach, ain-diadhaidh; agus nach b’ urrainn dha-san, uime sin, dol d’ a éisdeachd; agus nach b’ urrainn da beannachd an Tighearn a thagradh air slighibh peacach an Righ. An sin, ghlaodh Cleabhars a mach, le guth mar fhiadh-bheathach ‘n a chean—“Gu t’ ùrnuigh thu, ma ta; oir bàsaichidh tu air a’ cheart mhionaid so!” Ghlaoth Cleabhars so, le a leithid do ghuth borb, ‘s gu ‘n d’ thug e crith, eadhon air na saighdearaibh féin.

Bha Iain Mac-Ille-Dhuinn “a nis gu bhi air ‘Iobradh, agus bha àm a shiubhail am fagus.” Chaidh e sios air a ghluinibh, gu làr, agus dhòirt e a mach athchuingean ‘anama ri Dia; a’ guidheadh gu ‘m faigheadh e gràs a chum na h-uaire eagalaich so; agus thiomain e a bhean, agus a chlann gun chòmhnadh air a chùram-san a ‘s e Athair nan dilleachdan agus Breitheimh na bantraich. Cha b’ urrainn do Cleabhars dubh giùlan leis an ùrnuigh a bha aig Iain: a ris agus a ris, bhris e a stigh air Iain le a theangaidh thoibheumaich. Dh’èirich Iain o a ghluinibh, agus a’ tionndadh gu muladach an rathad a bha a bhean,—ars esan,—“Iseabal, is e an diugh an latha mu ‘n d’ innis mi dhuit roimh dhuinn a bhi pòsda. Tha mise e nis air mo ghairm chum làthaireachd na cùirte a tha air nèamh, mar fhianuis ann an aobhar m’ Fhirsaoaidh, an aghaidh Fhir-riaghlaidh na h-Alba. O, a bhean, am bheil thu toileach gu ‘m fagainn thu?” B’ am uamhasach so do Iseabal,—ach bha gràs an Tighearn foghainteach air a son. Bu mhòr a gràdh d’ a fear-pòsda; ach bha am barrachd gràidh aice, gidheadh do Criosd; agus fhreagair i, le guth ciùin, min, daingean,—“Tha!—le m’ uile chridhe, tha mi réidh ris,—ri a thoil-san.” “Ma ta,” ars Iain, “is e sin na tha uam; O! a bhàis, c’ àit am bheil do ghat? O! uaigh, c’ àit am bheil do bhuaidh?” Chuir e a ghàirdeana mu muineal a mhnà, agus phòg e gu caomh i féin agus maotharan a cìche, a bha aice ‘n a h-uchd. Thionndaidh e an sin ri Seònaid bheag, agus i ‘n a seasamh làimh ris, agus a h-anail ri ospagaich ‘n a h-uchd. Ghabh e a stigh i ‘n a ghàirdeinibh, dh’ fhàisg e gu fòil an leanabh r’ a uchd, phòg e i; agus ars esan, “Mo leanabh gràdhach! thoir do làmh do ‘n Tighearn mar t’ fhear-iuil; agus bi ‘n ad chomhfhurtachd do d’ mhàthair bhochd.” Lìon a chridhe; thàinig na deòir ‘n a shùilbhi: cha b’ urrainn da tuilleadh a labhairt. Ach bha Dia maille ris chum na criche: agus mu dheireadh, thubhairt e,—“Gu ma beannaicht’ thusa, a Spioraid Naoimh, a tha a’ labhairt am barrachd sòlais ri mo chridhe, na is urrainn guth mo nainmheadan a labhairt do eagal ri m’ chluasaibh!” Agus mu ’n robh na briathran mu dheireadh ach gann as a bheul, thug Cleabhars am focal do na saighdearaibh,—Loisgibh! ’S ann a stad na saighdearan tiota, agus an cridheachan air leaghadh leis na chunnaic iad. Bhuaill oillt air Cleabhars, gu ’n diùltadh iad; agus gur h-ann a dh’ fheudadh iad tionndadh ’n a aghaidh féin: theum e air daga a bha ri a chrios, agus loisg e, le a làimh féin. Thuit corp an duine dhiadhaidh ud marbh air an fhraoch; agus chaidh ’anam thairis gu glòir.

Thionndaidh na saighdearan le gràin’air falbh o ’n t-sealladh uamhasach. Ach ’s ann a thionndaidh an Ceannard, Cleabhars, ris a’ mhnaoi, a bha a nis ’n a bantraich, agus le gaire mi-thalmhaidh, ifrinneil—ars esan—“A bhean, ciod i do bharail a nis air t’ fhear-pòsda? O! ars ise, “Bu mhòr mò bharail riabh air: agus is ann is mò a nis mo bharail dheth na riabh roimhe!” “Cha bu mhò na ’n ceartas,” ars Cleabhars, “gu ’n leagainn thu féin a sios ri a thaobh!” “Na ’n ceadaicheadh Dia sin dhuit,” ars ise; “tha mi a’ creidsinn, gu ’n ruigeadh do chruas féin air a’ ghniomh; ach cionnus a fhreagrás tu air son gnìomh’ an là an diugh?” Is e am freagairt a thug am fear-toibheim borb ud,—“Is urrainn domh freagrath a thoirt do dhuine,”—“agus, air son Dhé—gabhaidh mi Dia, ’n am làmhaibh féin.” Chuir e na spuirean ris an each dhubh; agus mharcaich e ’n a dheann-ruith, air falbh as an t-sealladh. Thionndaidh Iseabal bhochd a nis, ri corp marbh a companaich, agus e a’ sileadh na fola, sìnte ’s an fhraoch. Chaidh am peileir troimh theis meadhon a chinn, agus a mach air an taobh thall. Cheangail i a nèapaicin féin mu a cheann; shìn i a mach an corp agus e a nis a’ ragachadh, agus chòmhdaich i e le a breacan. Agus a’ tarruing nan dilleachdan bochda ri a taobh, shuidh i sios, agus ghuil i gu goirt.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice