(Concluded from page 391.)
Am bu pheacadh dhi gul? Cha b’ eadh. Tha cuimhn’ agaibh, a chlann, co e a ghuil aig uaigh Lasaruis. Agus nach feud a luchd-leanmhuinn gul, ‘n uair tha a’ bhuidheann d’ an d’ thug iad gràdh air an toirt air falbh uatha? Ach cha robh aice bhi ri bròn eadhon mar dhaoibh eile aig nach ‘eil dòchas. Bha fios aice gu ‘n d’ fhuair a fear-pòsda am bàs, air son focail Dhé. Agus bha fios aice nach treig Dia am feasd, a h-aon dhiubh-san a tha a’ cur an dòchais,ann féin. Tha mi a’ creidsinn gu ‘n tigeadh an gealladh prìseil sin a leugh iad cuideachd ‘s a’ mhaduinn, d’ a h-ionnsuidh. “Na nithe so labhair mi ribh, chum gu ‘m biodh sìth agaibh annam-sa. Anns an t-saoghal bithidh àmhghair agaibh: ach biodh deadh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t-saoghal.” Agus an uair a sheall i air a leanabaibh, agus a smuainich i gu ‘n robh iad a nis gun athair, agus gu ‘n robh i féin a nis ‘n a bantraich, chuimhnich i air an earrann, anns an dúbhàirt Dia;—”Fàg do dhilleachdain, gleidhidh mise beò iad; agus cuireadh do bhan-tràichean an dòchas annam-sa.”
Sgaoil an naigeachd gu luath air feadh na dùthcha, gu ‘n deachaidh Iain Mac-‘Ille-Dhuinn a mhortadh le Cleahars. Ann a’ uine aithghearr thàinig Daibhidh agus Uilleam Steel, dà charaid dìleas a bha tric ‘n am companaich do Iain ann am fulangasaibh, do Chnoc-an-t-sagairt; thàinig iad ann fuidh chunnart am beatha féin. Ghiùlain iad an corp a stigh, nighe iad air falbh an fhuil o a cheann, agus rinn iad gach uidheamachadh a bha feumail, chum gu ‘m biodh an corp air a chàramh ‘s an ùir. Ghabh Daibhidh Steel, an sin, an Leabhar, am Bioball teaghlach a bha aig Iain; agus thòisich e ri aoradh an Tighearn, ann an tigh a’ bhròin. Sheinn iad tri rainn anns an t-seachdamh Salm thar fichead, a’ tòiseachadh aig a’ chùigeamh rann:—
“Oir ni e m’ fholach ‘n àm na h-airc,” &c.
Chi sibh gu ‘m bheil na rainn so a’ tòiseachadh direach far an do sguir an t-seinn a bh’ aig an teaghlaich ‘s a’ mhaduinn; agus O, cia co sòlasach ‘s a bha na briathran beannaichte, ann an uair na deuchainn’ cruaidhe ud. Agus leugh iad an seachdamh caibidil deug do ‘n t-soisgeul a réir Eoin; agus tha an caibidil sin, mar tha an Salm, làn do chomhfurtachd mhlis do ‘n chreidmheach a tha air a chlaoichd agus e fuidh bhròn.
Mar thachair do Stephan o shean, ghiùlain daoine diadhaidh Iain Mac-‘Ille-Dhuinn chum ‘adhlaic. Rinn iad uaigh dha ‘s an dearbh bhall far an do thuit e marbh; agus ‘s a’ bhall cheudna, gus an là an diugh, tha leac ghlàs ag innseadh an ionaid far am bheil duslach Iain Mhic-‘Ille-Dhuinn, Chnuic-an-t-sagairt, ‘n a luidhe; aon do Fhianuisibh na Firinn ann an Eaglais na h-Alba.
Feudaidh cuid do mo luchd-leughaidh òga bhi a’ cur na ceiste so,—ach cionnus is ann air sgàth Chriosd a bha Iain Mac-Ille-Dhuinn mar sud air a chur gu bàs? A nis, a Chàirdean òga, caomha,—oidhirpichidh mi a mhineachadh dhuibh, cia mar bha so, cho soilleir, agus co aithghearr ‘s a dh’ fheudas mi. Tha fios agaibh gu ‘m bheil, còir aig righribh, agus aig breitheamhnaibh, agus aig luchd-riaghlaidh, a chur an cèill do shluagh, cia mar is còir dhoibh iad féin a ghiùlan a thaobh a chéile, agus cò d’ am buin an t-airgiod, agus na tighean, agus am fearann, ann an tìr ‘s am bith fa leth. Ach anns gach tìr far am bheil an Soisgeul air a shearmonachadh, tha Rìoghachd eile, a thilleadh air an uachdarañachd a bhuneas do ‘n Righ aimsireil; rioghachd eile, nach ‘eil do ‘n t-saoghail so. Tha mi a’ ciallachadh, Eaglais Chriosd, a tha air a deanamh suas do na daoinibh, do na mnàibh, agus do ‘n òigridh uile, a tha a’ cur an dòchais ann an Crìost mar am Fear-saoraidh féin. A nis, tha Crìost air cur an cèill d’ a shluagh féin, anns a’ Bioball; cia mar is cubhaidh dhoibh-san a bhi a’ tighinn beò, chum gu ‘m bi iad ullamh air son na slorruidheachd. Tha Crìosd air innseadh do na minsteiribh ciod e is còir dhoibh a dheanamh, a chum agus gu ‘m biodh anama air an tèarnadh; agus cia mar a dh’ fheumas iad na h-uile ni a dhèanamh, a bhuneas d’ a Eaglais féin air an talamh. Agus tha sibh a’ faicinn, ma tha gràdh aig na minsteiribh agus aig an t-sluagh do Chriosd; agus iad a’ toirt urraim dha-san, ni iad na nithe so gu lèir, air an dòigh a tha am Bioball ag innseadh dhoibh, cia b’ e air bith a chosdas sin dhoibh no ge b’ e ni a dh’ fheudas muinntir eile a dheanamh. Cha ‘n ann a réir nan laghanna a nithear le daoinibh, ach a mhàin a réir nan laghanna a tha Crìosd air toirt dhuinn anns a’ Bioball, a bheirear breth oirnn ‘s an là dheireannach. O, ma ta, cuimhnicheamaid, a thaobh éisdeachd an t-soisgeil, agus ann an ulluchadh air son a’ bhàis agus na slorruidheachd, gu ‘m feum sinn bhi air ar treòrachadh dreach mar tha focal agus Spiorad Dhé ag innseadh dhuinn, ge b’ e a dh’ fheudas daoiné an t-saoghail so a ràdh ‘n a aghaidh.
Anns na h-aimsiribh dorcha, fùilteach mu ‘m bheil mi ag innseadh dhuibh, bha luchd-riaghlaidh aingidh ‘s an Tìr so; agus ‘s e dh’ iarr iad, a thoirt air pobull Chriosd, olc air mhaith leo, gu ‘m briseadh iad lagh Chriosd, agus gu ‘n géilleadh iad do ‘n Lagh a rinn iad féin, ann an nithibh a bhuneas do ghloir Chriosd, agus do shlàinte shiorruidh an anama. Is ann do bhrigh agus gu ‘n do dhiùlt e géilleadh do Lagh dhaoine, chaidh Iain Mac-Ille-Dhuinn a mhortadh aig dorus a thighe féin; agus a chaidh na ceudan eile do luchd-leanmhuinn an Uain a chur gu bàs ann ar Tir, gu h-ain-iochdmhor, borb.
Agus is ann air son an dearbh ni cheudna, tha, a nis, a ris, ‘s an là an diugh, aig minsteiribh dìleas Eaglais na h-Alba bhi a’ fulang. Feudaidh gu ‘m bheil cuid dhibh-se, a chàirdean òga fuidh iongantas, c’ ar son a b’ éigin doibh na h-Eaglaisean fhàghail, far an robh ar n-aithrichean, ar seanairean, agus ar sinn-seanairean a’ toirt aoraidh do Dhia; agus c’ ar son a thug iad leo as an Eaglais an cuid Bioball agus an leabhraichean Salm, a bha aca ‘n an àitibh suidhe féin ‘s an Eaglais, ùine co fhad: agus c’ ar son nach urrainn do ar minsteiribh dìleas a nis, bhi a’ searmonachadh ‘s na h-Eaglaisibh ud? Tha mi ag iarruidh bhi a’ mineachadh so dhuibh. Is ann, do bhrigh, ma shearmonaicheas iad a nis anns na h-Eaglaisibh ud, gu ‘m feumadh iad a leigeil le breitheamhnaibh agus le luchd-riaghlaidh na Tire a chur rompa cia mar a riaghas iad an Eaglais agus na nithe a bhuneas do anamaibh neo-bhàsmhor. O na ‘n dèanadh iad sin, comhairle agus riaghailtean air an deanamh le daoinibh a chur ann an àite lagh agus riaghailtean Chriosd, agus gu ‘m bitheadh anama dhaoine air an call gu sìorruidh, cionnus a fhreagrath iad do Chriosd aig là mòr a’ bhreitheanais. Cha ‘n fheud iad so a dhèanamh;—cha ‘n fheud, —ge b’ e call no àmhghar a thig orra air son gu ‘n diùlt iad gèilleadh do riaghailtibh dhaoine;—cha ‘n fheud iad am peacadh mòr sin a dhèanamh. Agus, mar so, feumaidh sinn Eaglaisean ùra a thogail, far am feud ar minsteirean bhi a’ searmonachadh an t-soisgeil dhuinn, agus slàinte ar n-anama a shireadh ‘s an rathad a tha am Bioball a’ cur romhainn, gun luchd-riaghlaidh aimsireil ar Tire bhi a’ cur dragha oirnn, no am breitheamhnaibh, le an riaghailtibh féin.
Agus, mo chàirdean òga, nach fulangas so? Cha ‘n ‘eil e, gun teagamh ‘n a fhulangas co goirt ris na nithibh a bha aig minsteiribh agus aig sluagh Chriosd r’ a fhulang anns na làithibh ud. Ach, gidheadh, nach fulangas so, air sgàth Chriosd, agus airsghàth na còire sin a tha aige-san, agus aige-san a mhain, bhi ‘n a Righ agus ‘n a Cheann os ceann na h-Eaglais? ‘Se an dearbh ni ceudna e, air son an d’ fhuair iad sud am bàs, a bha ‘n am fianuisibh do Chriosd ‘n am bàs, agus ‘n am beatha.
Nach bu chòir dhuinn gràdh bhi againn do na minsteiribh dìleas ud;—agus iad air fàgail an Eaglaisean, agus an tighean còmhnuidh taitneach, a’ toirt leotha am mnathan ‘s an clann bheaga o an dachaidh far an d’rugadh iad:—agus so uile air sgàth Chriosd, agus air sgàth an t-sluaigh, d’ am bheil iad a’ toirt gràidh. Agus O, cia mar a thigeadh e dhuinn bhi ri h-ùrnuigh, ge b’ e ni a dh’ fheudas tighinn,—gu ‘m faigheadh na minsteirean ud, mar fhuair Pòl, gràs gu bhi ‘g an deanamh dìleas do Chriosd agus gu ‘n tigeadh an Spiorad Naomh a nuas, ‘n uair a shearmonaichear an Soisgeul leo, anns gach céarna an Alba; a chum gu ‘m bitheadh dùsgadh mòr anns gach aon Sgìreachd, agus anns gach coimhthional, agus gu ‘m bitheadh glòir aig Dia, ann an anamaibh bhi air an iompachadh agus air an ath-ghineamhuinn.
A leughadair òig, chaoimh,—am bheil Chriosd priseil dhuitse? Am bheil thu ‘g a ghràdhachadh, air dhòigh agus gu ‘m biodh tu toileach, mar bha na minsteirean dìleas ud, na h-uile ni fhàgail,—cùl a chur riutha gu léir, agus Chriosd a leantuinn? O, feuch gu ‘m bheil thu a leantuinn an Uain, ge b’ e taobh a thèid e. Cuimh-nich an ni a thubhairt e ris an dà fhear dheug,—“An ti nach glac a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, cha ‘n airidh orm e.”