Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1907 » June 1907 » Patric Macbride

Patric Macbride

THUBHAIRT an Salmadair diadhaidh o cheann fada, “Tha m’ aimsir a d’ làimh-sa, a Dhé:” agus is ion dhuinne gu ‘n teagaigsteadh an ni ceudna dhuiinn féin, mar anamaibh fa leth, agus mar choimhthionalaibh, agus mar Eaglais. Bha sinn ri gairdeachas, rè seal, ann an tioclacaibh agus ann an comasaibh ar luchdteagaig, agus ann an cuid dhiubh gu sònruichte, a bha mar chinn-iùil, ann an eud diadhaidh, agus ann an gràdh do anamaibh dhaoine. Tha, air a’ mhios so, naidheachd ro dhubhach, agus ro dheuchainneach, do mhòran d’ ar luchd-leughaidh, r’ a chur an céill. Tha an Tighearn air tighinn a mach ann ar measg; agus eadar gur h-ann ann am breitheanas, chithear fathast. Tha fear do mhinisteiribh na h-Eaglais Saoire, a bha cumhachdach, eudmhor, dìleas, saothrachail, thar, iomadh,—seadh, thar chàch gu mòr, ann an ceàrnaibh fa leth do ‘n Ghàidhealtachh, air a ghairm o a shaothairibh air thalamh, agus ‘ionad air fhàgail falamh ‘n ar n-Eaglais,—Mr. Pàraig MacBhrìde, à baile Bhòid!

Tha fhios againn gu ‘m bheil iomadh d’ ar luchdleughaidh nach ruig a leas gu ‘n cuireadh sinn iomradh an duine chaoimh agus urramaich so an cuimhne dhoibh; agus tha sinn an dòchas gu ‘m bheil iomradh Mhr. MhicBhrìde air a sgriobhadh a cheana, air chlàr an cridhe. Ach, tha beàrn air a deanaich ‘n ar n-Eaglais, a tha farsuing, tiamhaidh; agus tha iomadh do phobull an Tighearn ri bròn, agus fo mhulad, agus cha ‘n iogha dhoibh e! Ach tha iomradh an fhirein beannaichte. Agus muladach mar tha ar sgeul, is taitneach iomradh dheanamh, eadhon ann am meadhon ar bròin, mu chliù na dreama a chunncas ‘n an cinn-iùil, agus ‘n an eisimpliribh. Bhùilich an Tighearn air an duin’ urramach so tioclacan a bha ainneamh r’ am faicinn ‘n ar làithibh-ne. Bha na comasan a bhùilich an Tighearn air, eadhon mar dhuine, os ceann mhòrain do rìreadh—inntinn a bha géur-lèirsinneach, farsuing, agus comasach, agus aignidhean beothail, cumhachdach, dìurachdach, neo-sgìtheil, agus neo-sgàthach. Ach is e gràs a rinn greim air, agus leis an do thaghadh e, agus sin gu moch, ‘g a ulluchadh gu bhi ‘n a fhear-saothraich ann am fion-lios Dhé.

Thogadh Mr. MacBhrìde, agus e na ghill’ òg, ann an cuid mhòr, ann an teaghlach bhrathar, Mr. Nìall MacBhrìde, urramach, diadhaidh, an Arain, far an robh saothairean Mhr. Néill gu mòr agus gu farsuing air an aideachadh agus air am beannachadh leis an Tighearn. An àm dha bhi a’ feitheamh air ‘fhoghluann ann an Oil-thigh Ghlasco, bha e fada fo theagasg Dhr. Love urramaich; agus bha teagasgan, agus comhluadar, agus co-chomunn an duine

dhiadhaidh sin air am beannachadh dha gu mòr. Goird an déigh dha comas searmonachaidh fhaotainn o’n Eaglais, fhuair e gairm o choimhthional Eaglais ris am feudadh Eaglais Shaor a ràdh o a tìs, ann am baile Bhòid. Lean e ris a’ choimhthional sin, agus lean iadsan gu dileas ris-san, gus an d’ thàinig a’ ghairm a b’ àirde, mar tha i a nis air tighinn, e a dhol a stigh, mar tha sinn do rìreadh a’ creidsinn, a dh’ ionnsuidh “aoibhneas a Thighearn,” ‘s an rìoghachd shuas. Bha e beagan tuilleadh agus fichead bliadhna ‘n a mhìnisteir ‘s a’ choimhthional sin. Is coimhthional dubhach, deurach, an diugh iad! agus gu bhi a’ labhairt mar dhaoibh, cha ‘n ioghnadh dhoibh féin sin! Ach is e an Tighearn a tha ‘n a fhear riaghlaidh—is e a Thighearn agus a Mhaighstir féin leis an do ghairmeadh e; agus ged, mar theireadh sinne, gun do ghairmeadh e ann an teis-meadhon a shaothrach agus a neirt, “Is e Iehobhah féin a mhàin is aon ard-Bhreitheamh ann;” agus is e a ghliocas-san a mhàin d’ an aithne na nithe a tha ceart agus cothromach, agus a bhios a chum leas na h-oighreachd, air dhòigh nach ruig sinne fathast bhi ‘g a thuigsinn agus ‘g a aithneachadh. Ach, ‘s a’ cheart àm, tha lot a’ choimhthionail dhileas so trom do rìreadh.

Ged bha Mr. MacBhrìde, o bha e ‘n a fhear-dreuchd agus teagaig ‘s an Eaglais, dileas, cumhachdach, saothrachail, eudmhor; gidheadh, ‘n uair thòisich trioblaidean ar n-Eaglais o chionn bheagan bhlìadhachan, bha e gu mòr agus gu h-anabarrach, air ‘ath-bheothachadh, agus air a neartachadh, ann an eud diadhaidh, —air a lasadh le gràdh do anamaibh dhaoine, agus do aobhar gloire an Tighearn air thalamb, ann an tomhas a bha anabarrach. Fhuair uile chomasan ‘anama dol a mach, agus farsuingeachd, ann an amharc ri cor a luchd-dùthcha, agus e ri bròn, o là gu là, a’ faicinn mar bha marbhalachd agus as-creidimh a’ rìoghachadh a measg dhaoine. Gun sgios, feudar a ràdh, gun sgrù, shearmonaich e an soisgeul, aig a’ bhaile, agus o’n bhaile. Seadh, agus mhisnich an Tighearn e. Cha b’ aithne dhuiinn duine ‘s an là an diugh bu mhò idir leis an do thogadh cainnt an Abstoil Phoil, ‘n uair thubhairt e, “Ach cha ‘n ‘eil sùim agam do ni air bith, ni mò tha mi a’ measadh mo bheatha féin luachmhor dhomh, chum gu ‘n criochnaich mi mo thusur le h-aioibhneas, agus gu ‘n coimhliion mi a’ mhìnisteileachd a fhuair mi o’n Tighearn Iosa, a dheanamh fianuis do shòisgeul gràis Dhé.” Bha a shaothairean eudmhor a’ sior dhòl a’ meud. Chunnaic, agus mhothaich, iomadh d’ a chàirdibh, gu ‘n robh a shaothairean tuilleadh agus trom air a phearsa; agus nach b’ urrainn, a réir coslais, feoil agus fuil seasamh ris na bha e a’ gabhail os làimh. Ach b’ e a fhregradh-san ann an cleachdadh,—”Agus is ro thogarrach a ni mise caitheadh, agus a chaithear mi, air son bhur n-anam-sa,” an uair a bheireadh a chàirdean, ann an gràdh d’ a phearsa comhairle air. Chunnaic e feum aig daoinibh, do rìreadh, bhi air an dùsgadh. Bha ‘anam féin a’ lasadh suas le gràdh, agus le h-eud diadhaidh: dian, cumhachdach, drùidhteach ann an labhairt, ‘s ann an teagasg, soilleir

ann an comhairle Dhé,—gu dlùth agus gu dûrachdach a’ feitheamh air an Tighearn an uaigneas, o là gu là; chunncas agus chualas e, fo aithne ‘n a anam féin air “uamhasaibh an Tighearn, a cur impidh air daoinibh.” Do rìreadh, dh’ fheudadh a ràdh mu a theagasg,—”mar gu ‘n cuireadh Dia impidh leinne, tha sinne a’ guidheadh oirbh à uchd Chriosd, bithibh réidh ri Dia.”

Chaidh an duin ‘urramach, dileas so air ‘aghaidh; agus ann an coimhthionalaibh fa leth, bha anama, tha sinn an dòchas, eadhon gu lionmhor, air an dùsgadh ‘s air am beothachadh tre mheadhon a theagaig a bha cumhachdach,—chaidh e air ‘aghaidh, gus an do thoilich an Tighearn, ann am teis-meadhon a shaothairean, a choinneachadh le trom euslaint, agus an ceann chùig là deug, chriochnaich e a thusus. Bha an duine prìseil, mar theireadh sinne, ann an tréine a neirt, ‘s ann am meadhon a làithean, ach gann aois lethcheud bliadhna. Eadhon ann am pearsa, cha ‘n fhaicteadh dùine a b’ fhoghainteiche, ‘s bu riochdaile a meag mhòrain. Chaochail e air maduinn Di-h-aoiné, an dara là do ‘n mhios so, ann an Eilean Shaoil, far an robh e air thusus a’ sear-monachadh,—an t-seirbhís d’ an d’ thug e gràdh; agus ann am meadhon a sheirbhís, thàinig an Tighearn ‘n a àrd-uachdaranachd féin,—ag ràdh ris, cha ‘n ‘eil sinn an teagamh,—”Is maith, a deagh sheirbhisich fhìrinnich,—imich a steach do aoibhneas do Thighearn.”

Ann an àm ‘s am bith, no ann an Eaglais dhileas ‘s am bith, bhiodh bàs an duin’ urramaich so, ‘n a bèarna mhòr, fharsuing, mhuladaich. Ach aig a leithid so do àm, ‘n ar Eaglais-ne, agus air feadh na Gàidhealtachd gu sònruichte, agus gainnead luchd-teagaig, cheana, ‘n a ni co gòirt d’ ar n-Eaglais agus do ar coimhthionalaibh, tha guth, ann an sgeul-bàis Mhr. Mhic-Bhrìde, a tha a’ labhairt gu geur, agus gu cumhachdach ruinn. O! an ann am breitheanas,—an ann an diombadh, tha an Tighearn, mar so, a’ gairm a sheirbhisich air falbh,—’g a thoirt dhachaidh o mheasg dhaoiné agus choimhthionalan, a tha ag aideachadh an t-soisgeil o ‘n leth muigh, agus a’ chuid mhòr dhiubh, tha aobhar eagail, eadhon a meag luchd-aideachaidh, ‘g a dhìültadh? Ambhair-ceamaid ruiun féin! O, dlùthaichibh, a Chàirdean ionmhuinn, ris an Tighearn; agus gairmibh air; ag iarruidh gràis leis am biodh sinn air ar toirt gu fìor mhothachadh d’ ar cor féin ann an làthair Dhé, fhad ‘s a ghoirear an diugh fathast dheth! Is eagalach an ni, luchd-seirbhís Dhé, bhi mar so air an gairm air falbh gu h-obann! O, guidheamaid air an Tighearn, nach cuir-eadh e cùl ruinn; ach gu ‘n tigeadh e, agus gu ‘m pilleadh e ruinn fathast ann an tròcair, agus ann an cumhachd oibreachaidh a ghràis; agus gu ‘n doirteadh e a Spiorad féin a nuas o nèamh ‘n ar meag, mar choimhthionalaibh agus mar anamaibh. Agus O, iarramaid, gu ‘n togadh Esan suas fianuisean dileas dha féin. Tha iarmad an Spioraid maillle ris-san, aig am bheil an uachdarannachd air a ghualainn. Gu ‘n deònaich an Tighearna gràs na foighidinn agus a’ ghliocais do na coimhthionalaibh a tha ‘s an àm air am fàgail fàs, fo ‘n bhaille so.—An Fhianuis.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice