Tha fhios againn gu ’m bheil iomadh d’ ar luchdleughaidh nach ruig a leas gu ’n cuireadh sinn iomradh an duine choaimh agus urramach so an cuimhne dhoibh; agus tha sinn an dòchas gu ’m bheil iomradh Mhr. MhicBhrìde air a sgriobhadh a cheana, air chlàr an cridhe. Ach, tha beàrn air a deanamh ’n ar n-Eaglais, a tha farsuing, tiamhaidh; agus tha iomadh do phobull an Tighearn ri bròn, agus fo mhulaad, agus cha ’n ioghnadh dhoibh e! Ach tha iomradh an fhirinn beannaichte. Agus muladach mar tha ar sgeul, is taitneach iomradh dheanamh, eadhon ann am meadhon ar bròn, mu chliù na dreama a chunncas ’n an cinn-iùil, agus ’n an eisimpliribh. Bhuilich an Tighearn air an duin’ urramach so tiodhlacan a bha ainneamh r’ am faicinn ’n ar làithibh-ne. Bha na comasan a bhuilich an Tighearn air, eadhon mar dhuine, os ceann mhòrain do rìreadh—intinn a bha géur-lèirsinneach, farsuing, agus comasach, agus aignidhean beothail, cumhachdach, dùrachdach, neo-sgìtheil, agus neo-sgàthach. Ach is e gràs a rinn greim air, agus leis an do thaghadh e, agus sin gu moch, ’g a ulluchadh gu bhi ’n a fhear-saothrach ann am fion-rios Dhé.
Thogadh Mr. MacBhrìde, agus e na ghill’ òg, ann an cuid mhòr, ann an teaghlach bhrathar, Mr. Niall MacBhrìde, urramach, diadhaidh, an Arain, far an robh saothairean Mhr. Néill gu mòr agus gu farsuing air an aideachadh agus air am beannachadh leis an Tighearn. An àm dha bhi a’ feitheadh air ’fhoghlum ann an Oil-thigh Ghlasco, bha e fada fo theagasc Dhr. Love urramach; agus bha teagasgan, agus comhluadar, agus co-chomunn an duine dhiadhaidh sin air am beannachadh dha gu mòr. Goird an déigh dha comas searmonachaidh fhaotainn o ‘n Eaglais, fhuair e gairm o choimhthional Eaglais ris am feudtadh Eaglais Shaor a rádh o a tús, ann am baile Bhòid. Lean e ris a’ choimhthional sin, agus lean iadsan gu díleas ris-san, gus an d’ thàinig a’ ghairm a b’ airdé, mar tha i a nis air tighinn, e a dhol a stigh, mar tha sinn do rìreadh a’ creidsinn, a dh’ ionnsuidh “aoibhneas a Thighearn,” ‘s an rioghachd shuas. Bha e beagan tuilleadh agus fichead bliadhna ‘n a mhiniteir ‘s a’ choimhthional sin. Is coimhthional dubhach, deurach, an diugh iad! agus gu bhi a’ labhairt mar dhaoinibh, cha ‘n ioghnadh dhoibh féin sin! Ach is e an Tighearn a tha ‘n a fhear riaghlaidh—is e a Thighearn agus a Mhaighstir féin leis an do ghaireadh e; agus ged, mar thuireadh sinne, gun do ghaireadh e ann an teis-meadhon a shaothrach agus a neirt, “Is e Iehobhah féin a mhàin is aon ard-Bhreithamh ann;” agus is e a ghliocas-san a mhàin d’ an aithne na nithe a tha ceart agus cothromach, agus a bhios a chum leas na h-oighreachd, air dhòigh nach ruig sinne fathast bhi ‘g a thuigsinn agus ‘g a aithneachadh. Ach, ‘s a’ cheart àm, tha lot a’ choimhthionail dhíleas so trom do rìreadh.
Ged bha Mr. MacBhrìde, o bha e ‘n a fhear-dreuchd agus teagaisg ‘s an Eaglais, díleas, cumbachdach, saothrachail, eudmhor; gidheadh, ‘n uair thòisich trioblaidean ar n-Eaglais o chionn bheagan bhliadhachan, bha e gu mòr agus gu h-anabarrach, air ‘ath-bheothachadh, agus air a neartachadh, ann an eud diadhaidh, —air a lasadh le gràdh do anamaibh daoinibh, agus do aobhar gloire an Tighearn air thalamh, ann an tomhas a bha anabarrach. Fhuair uile chomasan ‘anama dol a mach, agus farsuingeachd, ann an amharc ri cor a luchd-dùthcha, agus e ri bròn, o là gu là, a’ faicinn mar bha marbhalachd agus as-creidimh a’ rioghachadh a measg dhaoinne. Gun sgìos, feudar a rádh, gun sgur, shearmonaich e an soisgeul, aig a’ bhaile, agus o ‘n bhaile. Seadh, agus mhisich an Tighearn e. Cha b’ aithne dhuinn duine ‘s an là an diugh bu mhò idir leis an do thogadh cainnt an Abstoil Phoill, ‘n uair thubhairt e, “Ach cha ‘n ‘eil sùim agam do ni air bith, ni mò tha mi a’ measadh mo bheatha féin luachmhor dhomh, chum gu ‘n croichnaich mi mo thurus le h-aobhneas, agus gu ‘n coimhionn mi a’ mhinitreileachd a fhuair mi o ‘n Tighearn Iosa, a dheanamh fianuis do shòisgeul gràis Dhé.” Bha a shaothairean eudmhor a’ sior dhol a’ meud. Chunnaic, agus mhothaich, iomadh d’ a chàirdibh, gu ‘n robh a shaothairean tuilleadh agus trom air a phearsa; agus nach b’ urrainn, a réir coslais, feòil agus fuil seasamh ris na bha e a’ gabhail os làimh. Ach b’ e a fhregradh-san ann an cleachdamh,—“Agus is ro thogarrach a ni mise caithadh, agus a chaithear mi, air son bhur n-anam-sa,” an uair a bheireadh a chàirdean, ann an gràdh d’ a phearsa comhairle air. Chunnaic e feum aig daoinibh, do rìreadh, bhi air an dùsgadh. Bha ‘anam féin a’ lasadh suas le gràdh, agus le h-eud diadhaidh: dian, cumbachdach, drùidhteach ann an labhairt, ‘s ann an teagasg, soilleir ann an comhairle Dhé,—gu dlùth agus gu dûrachdach a’ feitheadh air an Tighearn an uaigneas, o là gu là ; chunncas agus chualas e, fo aithne ‘n a anam féin air “uamhasaibh an Tighearn, a cur impidh air daoinibh.” Do rìreadh, dh’ fheudadh a ràdh mu a’ theagasg,—”mar gu ‘n cuireadh Dia impidh leinne, tha sinne a’ guidheadh oirbh á uchd Chriosd, bithibh réidh ri Dia.”
Chaidh an duine urramach, dìleas so air ‘aghaidh ; agus ann an coimhthionalaibh fa leth, bha anama, tha sinn an dòchas, eadhon gu lionmhor, air an dùsgadh ‘s air am beothachadh tre mheadhon a theagasg a bha cumhachdach,—chaidh e air ‘aghaidh, gus an do thoilich an Tighearn, ann am teis-meadhon a shaothairean, a choinneachadh le trom euslaint, agus an ceann chùig là deug, chriochnaich e a thurus. Bha an duine prìseil, mar theireadh sinne, ann an tréine a neirt, ‘s ann am meadhon a làithean, ach gann aois lethcheud bliadhna. Eadhon ann am pearsa, cha ‘n fhaicteadh duine a b’ fhoghainteiche, ‘s bu riochdaile a measg mhòrain. Chaochail e air maduinn Di-h-aoine, an dara là do ‘n mhios so, ann an Eilean Shaoil, far an robh e air thurus a’ searmonachadh,—an t-seirbhís d’ an d’ thug e gràdh ; agus ann am meadhon a sheirbhís, thàinig an Tighearn ‘n a àrd-uchdaranachd féin,—ag ràdh ris, cha ‘n ‘eil sinn an teagamh,—”Is maith, a deagh sheirbhísich dhìlís fhirinnich,—imich a steach do aoibhneas do Thighearn.”
Ann an àm ‘s am bith, no ann an Eaglais dhìleas ‘s am bith, bhiodh bàs an duin’ urramaich so, ‘n a bèarna mhòr, fharsuing, mhuladaich. Ach aig a leithid so do àm, ‘n ar Eaglais-ne, agus air feadh na Gàidhealtachd gu sònraichte, agus gainnead luchd-teagasg, cheana, ‘n a ni co goirt d’ ar n-Eaglais agus do ar coimhthionalaibh, tha guth, ann an sgeul-bàs Mhr. MhicBhrìde, a tha a’ labhairt gu geur, agus gu cumhachdach ruinn. O ! an ann am breitheanas,—an ann an diombadh, tha an Tighearn, mar so, a’ gairm a sheirbhísich air falbh,—’g a thoirt dhachaoidh o mheasg dhaoine agus choimhthionalan, a tha ag aideachadh an t-soisgeil o ‘n leth muigh, agus a’ chuid mhòr dhiubh, tha aobhar eagail, eadhon a measg luchd-aideachaidh, ‘g a dhiùltadh ? Amhairc-eamaid ruinn féin ! O, dlùthaichibh, a Chàirdean ionmhuinn, ris an Tighearn ; agus gairmibh air ; ag iarruidh gràis leis am biodh sinn air ar toirt gu fìor mhothachadh d’ ar cor féin ann an làthair Dhé, fhad ‘s a ghoirear an diugh fathast dheth ! Is eagalach an nì, luchd-seirbhís Dhé, bhi mar so air an gairm air falbh gu h-obann ! O, guidheamaid air an Tighearn, nach cuireadh e cùl ruinn ; ach gu ‘n tigeadh e, agus gu ‘m pilleadh e ruinn fathast ann an tròcair, agus ann an cumhachd oibreachaidh a ghràis ; agus gu ‘n doiteadh e a Spiorad féin a nuas o nèamh ‘n ar measg, mar choimhthionalaibh agus mar anamaibh. Agus O, iarramaid, gu ‘n togadh Esan suas fianuisean dìleas dha féin. Tha iarmad an Spioraid maille ris-san, aig am bheil an uachdaranachd air a ghualainn. Gu ‘n deònaich an Tighearna gràs na foighidinn agus a’ ghliocais do na coimhthionalaibh a tha ‘s an àm air am fàgail fàs, fo ‘n bhuille so.—An Fhianuis.