AIR do’n fhaidh Isaiah labhairt gu farsuing mu fhulangais Chriosd, agus eifeachd fhulangais, agus an toraidhean beannaichte ’am measg am bheil a h-aon, ’se sin, gu’m biodh aige slioichd lionmhor gu creidsinn ann; agus ’nuair a dhiúltadh na h-Iudhaich e, gu’n gabhadh na Geintealaich ris gu subhach; agus mar so a’ faicinn roimh laimh, le Spiorad na faidheadaireachd, staid ghloirmhor Eaglais na’n Geintealaich, tha e’ briseadh a’ mach ann an òran caithream ann an tùs a chaibideil so; far am bheil am faidh a’ stiuradh a chomh-labhairt a dh’ionnsuidh céile agus Eaglais Dhé anns na briathra’ so—“Seinn a bhean aimrid nach d’rug clann; seinn gu luadhghaireach, agus dean iolach árd, thusa nach robh ri saothair-chloinne; oir is lionmhoir clann na mna aonaranach no clann na mna pòsda, deir an Tighearna.” Far am bheil againn gealladh urramach air soirbheachadh Eaglais’ na’n Geintealaich; gus a chuígeadh rann, a tha gabhail a steach briathran ar steigh-theagaig, anns am bheil againn aobhar a sonais agus a torraicheadais a bha roimh sin na banntrach aimrid, oir, “Se t-fhear-posda do Chruithfhear.” Esan a rinn thu o neo-ni, agus uime sin dh’an urrainn na geallaidhean so gu furas a choimh-lionadh gu léir, ciod sam bith cho mi-choslaich ’sa dh’fheudas iad a bhi: Esan a rinn thu ad’ shluagh, ’seadh, a tha na’s mò na sin, a rinn thu ad’ shluagh dha féin, gabhaidh e riut mar a chéile féin, agus ni e dlighe fear-pòsda riut.
Cha lean mi aig an àm air na’s mò do roimh-radhd, no do mhineachadh air na briathra’, no air ciod sam bith a dh’fheudadh a bhi air a ràdh mu thimchioll an dàimh o’n leth a mach eadar Criosd agus an Eaglais fhaicsinneach. ’Se mo rùn àraidh, a mhàin, beagan a labhairt air an dàimh pòsaidh spioradail o’n leth a stigh, eadar Criosd agus an Eaglais neo-fhaicsinneach, no Criosd agus an creid’each, mar a tha e air a chumail a mach fo’ shamhlaidh pòsaidh: agus na b’aill leam a labhairt air an steigh-theagaig so, tha mi ’ga chuir fo ’r combair ann an tairgse an teagaig. ’Se sin, gu’m bheil dàimh-pòsaidh eadar Criosd agus creid’ich, anns am bheil e deanamh suas àite fear-pòsd’ dhoibh, agus iadsan àite céile dha-san.
Ann an leantainn an teagaig, bheirinn oidheirp air na nithe so a leanas.
* I.—Bhi dearbhadh gu’m bheil a leithid sin do dhàimh pòsaidh eadar Criosd agus creidmhich.
* II.—Bhi labhairt air nàdur a phòsaidh.
* III.—A bhi tabhaint na h-aobhairean air son am bheil Criosd a’ teachd fuidh a leithid sin do dhàimh d’a phobull féin.
* IV.—A bhi deanamh ni-eigin do cho-chuir de’ an steigh-theagaig.
I.—A chum an teagasg a dhaingneachadh, gu’m bheil dàimh pòsaidh eadar Criosd agus creidmich.
Tha sin soilleir o’n dà bheachd so. Air tús, o na comh-eignichidhean a tha air an tabhaint do Chriosd le dàimh do chreidmich. Cia tric a tha a chéile ‘ga ghairem a fear-pòsda ann an leabhar Dàin-Sholaimh? “Mar chrannubhal ‘am measg chranna na coille, is amhuil mo rùn-sa ‘am measg na’n òganach.” “Is leam-sa m’aon-ghaoil, agus ‘s leis-san mise.” Dàn. ii. 3, 16. Agus a deir an t-Abstol, 2 Cor. xi. 2, “Oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibhse agus aon-fhear, chum bhur cuir mar òigh fhior-ghlan an làthair Chriosd.”
Tha an dàimh pòsaidh eadar Criosd agus creid’ich air fhoillseachadh, o na comh-eignichidhean a tha air an tabhaint do chreidmich ‘san Sgriobtuir do thaobh Chriosd. Cia minig ‘sa tha Esan ‘ga gairm-se a ghràdh, a chéile, ann an leabhar an Dàin? “Dh’éignich thu mo chridhe, mo phiuthar, mo chéile.” Dàin-Sholaimh iv. 9, 10. Ann an leabhar an Taisbeanaidh, xix. 7, tha’n Eaglais air a gairm bean-nuadh-phòsda, bean an Uain. “Thainig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i féin.” Cha ruig sinne a leas a bhi leantainn ni ‘s fhaide gu dearbhadh sin a tha cho soilleir, no ni ‘s mò a ràdh gu a dhaingneachadh, ach briathran an steigh-theagaig aithris, “Se t-fhear-pòsda do Chruithfhear.” Uime sin tha mi air teachd ‘san.
II.—Gu labhaint air nàdur a phòsaidh so:
agus ann an so bheir sinn gu h-aithghearr fainear—(1) Na pàirtidhean-pòsda. (2) Teirmean a phòsaidh. (3) Còirichean a phòsaidh. (4) A thoraidhean. (5) Cia mar a tha an t-séise air a toirt air a h-aghaidh. (6) Cia mar a tha e air a chomh-dhunadh?
Na pàirtidhean pòsda:
-
- Is e am Fear-nuadh-pòsda Gliocas Dhia; agus tha uile ionnhas a ghliocais agus an eòlas air fhaotainn ann-san. Is aithne dha uile uireasbhuidhean a chéile féin, agus tha e do ghnà ullamh gu’n deanamh suas.—Air an làimh eile, mus h’eil a chéile air a ceangal ris, is i an òiseach is mò a tha ‘muigh a ifrinn; tha a h-amaideas air fhoillseachadh le i a bhi buanachadh ann an diùltadh bhi air a pòsadh ris; ann i bhi diùltadh aontachadh leis an Fhear-nuadh-phòsda neamhaidh so.
-
- “Se am Fear-nuadh-pòsda Mac Siorruidh Dhé; aon Mhac an Righ: “Rinn an Righ banais phòsaidh air son a Mhic féin.” ‘Sann de’ fhuil rioghail na flaithenaids e.—Air an làimh eile, Ciod e sinnireachd na mna-nuadh-phòsda? Cha ruig i a leas uail a dheanamh á a ginealach: “B’ Amorach t-athair, agus bu bhan-Hiteach do mhathair.” Esec. xvi. 3. Tha eadar-dhealachadh ro-mhor ann an so.
-
- Tha ‘m Fear-nuadh-pòsda na oighre air na h-uile nithe: tha aige gach uile shaibhreas; “Saibhreas do-rannsaichte Chriosd.”—Ach ciod is fhiach a bhean-nuadh-phòsda mus h’eil i air a pòsadh ris? Tha i na’s miosa na bhi na neo-ni, na a bhi na bochdainn féin; agus cha’n e mhain i a bhi na deirceach, ach ann am fachan; agus tha Criosd toileach a cuid fachan a phaidheadh.
-
- Tha’m Fear-nuadh-pòsda maiseach agus gloir-mhor. Cha’n ‘eil uile sheraphimich agus cherubimich o’s aird; ‘seadh, cha’n ‘eil uile mhic na’n daoine ‘san t-soaghal, uile righre na talmhainn ‘nan uile ghloir, ach mar mhirean dubh dhe’n talmh ann an coimheas ris an Fhear-nuadh-phòsda ghloir-mhor so.—Air an lamh eile, Ciod a tha a chéile mus ‘eil i air a pòsadh ris? Tha i eadhon cho dubh ‘sa ‘s urrainn an diabhol an deanamh; cha’n e mhain na leopard, air a spotadh an sud agus an so, ach na h-Etiopianach, gu h-iomlan dubh agus salah. ‘Nuair a ta i air a tilgeadh am mach anns an achadh fhosgailt, le gràin do h-anam, tha i na cuspair grabh agus truais? gidheadh ann an sin, is là pòsaidh e agus àm graidh.
Teirmean a phòsaidh:
(2) Ciod iad teirmean a phòsaidh, na ceanglaichean air a thaobh féin, agus air a taobh-se? Na teirmean air a thaobh-se, ge do bhuneas an t-iomlan do Chriosd, gidheadh, gu labhairt air teirmean ann an seadh eile, tha e aig iarraidh oirre-san an ni tha e féin aig oibreachadh innte: ‘Se sin,
* 1. Gu’m bi i air a dealachadh ris gach fear-pòsd eile, agus gu’n tréig i na h-uile luchd gaoil agus iodholan eile; air doigh àraidh, gu’m bi i air a dealachadh o’n lagh, a chum ‘s gu’m bi i air a pòsadh ri Criosd: cha’n fheud i umhlachd a thabbhairt do’n lagh ann a neart féin, no mar chumhnant oibre, a chum le a h-umhlachd gu’n ceannaich i còir air flaithenas; no a chum coguis nadurrach a thoileachadh, no a mhain gu dol as o ifrinn, agus gu fireantachd a dheanamh dheth a h-umhlachd féin: feumaidh i a bhi air a dealachadh ris an fhear-phòsd’ sin.
* 2. Air a taobh-se bha e air iarraidh, gu’m biodh i toilichte leis an Fhear-phòsd’ so a mhain, mar chuibrinn mhor an anam, ‘s nach bi aige-san comh-leannan no comh-shuiridheach ann a h-aignidhean, nach bi a h-aon gu suidhe air a chaitheir maille ris; feumaidh i an rùm is fhearr a ghleidheadh air son Mac Dhé. A ris air a thaobh-sa, tha e a’ cuir fa’ cheangal—
* [1] Gu’n d’thoir e seachad e féin dhi; na h-uile a ta e, agus na h-uile a ta aige; na h-uile cheannaich e, na h-uile a gheall e: gu’n toir e seachad dhi uile bheannachdan a chumhnaint shiorruidh. O tha so na chumhnain milis! agus na chòir mhoir gu cinnteach!
* [2] Tha e gealltann a bhi coimh-lionadh uile dhlighean gloir-mhor fear-pòsd’ dhi; gu ullachadh air a son, a dion, a seòladh, truas a ghabhail dhi, a h-éideadh, a misneachadh, agus a sólas-achadh; agus na h-uile nithe dheanamh air a son air am bheil feum aice. ‘Se so suim a bhargain; oir, gu labhairt air doigh iomchuidh, ‘se Criosd na h-uile, agus a tha ‘deanamh na h-uile anns a chuis so; agus tha ar taobh-ne, no ar dleasdanais, air a dheanamh leis-san annainn. Hose ii. 19, 20, “Pòsaidh mi thu rium féin gu bràth; ‘seadh, pòsaidh mi rium féin thu ann am fireantachd, agus ann an ceartas, agus ann an caoimhneas, agus ann an caomh-ghràdh. ‘Seadh, ni mi ceangal pòsaidh riut ann am firinn, agus gabhaidh tu eòlas air an Tighearn.” Tha Criosd a’ cuir a lamh-sgriobhaidh ris a chumhnant, mar-aon air a shon féin agus air a sonsa. “Ni mi ceangal pòsaidh riut ann am fireantachd;” coimhlionadh mi an lagh air do shon, agus bheir mi dioladh do cheartas Dhé air do shon. “Pòsaidh mi rium féin thu ann an caoimhneas gràidh:” ged’ nach ‘eil a bheag annad-sa gu mo ghràdh a chosnadh, ach mòran gu m’fhuath a thoilltinn, gidheadh bheir mi buaidh air d’ùile neo-iomlaineachd, agus suidhichidh mi mo ghràdh ort. “Pòsaidh mi rium féin thu ann an tròcairibh;” ann an tròcair mhaitheanais, tròcair naomhachaidh, tròcair chumail-suas, tròcair shòlasachaidh. Ach air eagal ‘s gu smuainicheadh a chéile, cho luath ‘sa pheacaicheadh i gu’m bitheadh dealachadh ann, feudaidh ise cumhnant a bhriseadh agus a dhòl air falbh, uime sin tha e air a chuir ris, “Pòsaidh mi rium féin thu ann am fireantachd.” Tha e ‘cuir fhireantachd féin an geall, air son coimhlionadh na’n cumhachan mar-aon air a thaobh féin agus air a taobh-se. Ach a ris—
Buaidhean a phòsaidh so:
(3) Ciod iad buaidhean a phòsaidh so?
* 1. Tha e na pòsadha gle dhionmar, gu’n gabhadh an Cruithfhear obair a làmha féin air son céile, cha’n ann a mhàin ann an tìs iomlaineachd a h-òigheachd, mar a thainig i a mach a làmhan a Cruithfhear, ach ‘nuair a bha i air a truailleadh le salachar an diabhoil, le nimh na nathrach, gu’n gabhadh e i air son céile dha féin. “‘Se t-fhear-posd’ do Cruithfhear.” Tha so na aontachd iongantach. Na’m biodh aingear ghloir-mhor air a pòsadha ri cnuimh mhàgranach, no righ ri baigear, cha bhitheadh e na leithid do dh’iongantas; ach an Cruithfhear e féin a cheangal ri obair a làmhan féin, cha’n urrainn eadar-dhealachadh na’s mò a bhi air a smuaineachadh, eadar ni air bith, na tha eadar Cruithfhear agus sin a tha air a thoirt a mach o bhroinn aimrid na neo-ni, sin ri radh creutair, agus gidheadh tha iad ann an dàimh pòsaidh. “‘Se t-fhear-posd’ do Cruithfhear.”
* 2. Tha ‘m pòsadha so gle chruaidh agus dhoilbh. Tha e fior, nach ‘eil ni sam bith cruaidh air son Uile-chumhachd, gidheadh bha aig nàdur daoineachd Criosd mòran ri dheanamh leis: ged’ a bha e air a chumail suas le nàdur a dhiadheadh; gidheadh dh’fheumadh e snàmh troimh abhainn deth fhuil féin mus b’urrainn da a chéile fhaotainn. Riaraich e ceartas Dhé, shuidhich e cumhnant nuadh. Feumaidh so uile a bhi deante do thaobh a phòsaidh so.
* 3. Tha ‘m pòsadha so na phòsadha do-sgaolte: tha ‘m bàs a’ sgaoladh dàimhean eile, ach ‘sann a mheudaicheas e an t-aonadh ionmhuinneach so: Cha dean ni sam bith Criosd agus an creid’each a dhealachadh. “Oir a ta dearbhachd agam,” a deir Pòl, “nach bi bàs, no beatha, no aingear, no uachdaranaichda, no cumbachda, no nithe a ta làthair, no nithe a ta ri teachd, no airde, no doimbne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghradh Dhé a ta ann an Iosa Criosd ar Tighearna.” Rom. viii. 38, 39.
Toraidhean a phòsaidh so:
(4) Ciod iad toraidhean a phòsaidh so?
* 1. Is e a cheud toradh fagus, aonachd ro dhlùth eadar Criosd agus an creid’mhach. An t-aonachd so, ge do tha e na’s lugha na aonachd phearsonta, ann an cuid do chuisibh, gidheadh tha e nì’s mò na aonachd rioghachdail, nì’s mò na aonachd mhodhanna; tha e na aonachd ro-dhlùth. Tha am fear-nuadh-pòsda Criosd a’ tabhairt d’a bhean-nuadh-phòsd’ a Spiorad féin; a’ compairteachadh feartan beothachaidh o’ na cheann ghloir-mhor rithe: agus tha ise dlùth-leantainn ris-san le creideamh agus gràdh; agus tha Dia a’ gealltainn gu’n toir e air tigh Israeil dlùth-leantainn ris, mar a dhlùth-leanas crios ri leasraidh duine. Jeremiah xiii. 11. Bheir e air a chéile féin, a dh’aindheoin air a h-uile amaideas, a dh’aindheoin air a h-uile naimhdean agus bhuaireidhean, dlùth-leantainn ris.
* 2. Is e toradh eile an aonachd so, comb-chomuinn mh lis, aontachail. Tha Esan air chuilm maile riu-san, agus iadsan maile ris-san: tha Esan a’ seideadh air a lios, a’ beothachadh agus a’ neartachadh a cuid gràsan; agus an sin tha e a’ teachd agus aig itheadh do thoradh taitneach.
* 3. ‘Se toradh eile, caidreamh no companas, ni a tha comb-chòrdadh ris a cheud nì. Cha’n ‘eil e ‘gan gnàthachadh mar choigrich, ach mar chàirdean, agus cha’n ann a mhàin mar chàirdean, ach mur a chéile féin; tha e a’ cumail co-chomuinn rithe, agus a’ labhairt gu solasach agus gu dàimheil rithe. Tha e na iongantas an t-irioslachadh a ni an Tighearn air féin aig cuid do dh’amaibh: agus a ris is urrainn an creid’mhach a bhi nì’s mò ann an comb-chomuinn ri Dia no ris an t-saoghal uile; agus is urrainn dha innseadh do Dhia an ni nach urrainn e innseadh do neach air bith eile.
Mar so chi sibh cuid de’ thoraidhean a phòsaidh so.
Cia mar a bha am pòsadh air a thabhairt air aghaidh?
(5) Cia mar a bha am pòsadh air a thabhairt air aghaidh? Freagram ann an aon fhocal, air a thaobh-sa bha e air a thabhairt air aghaidh mar so:
* 1. Thug e a làmh do’n Athair, agus cheangail se e féindhà ann an cumhnant an t-saoraiddh o’n uile-bhith-bhuantachd, gu’n deanadh e na h-uile ni bha freagaireach, air-son tabhairt air aghaidh a phòsaidh.
* 2. Do bhrigh ‘s gu feum aonachd nàduirean a bhi eadar Criosd agus a chéile féin (nis, cha robh e sodheanta gu’m b’urrainn sinn a bhi air a pòsadh ri nàdur na diadhachd); air an aobhar sin thainig e gu bhi na dhuine, agus ghabh e air ar nàdur, a chum ‘s gu’m biodh aonachd nàduir ann.
* 3. Do thaobh ‘s gu’m bheil a chéile na tràill, tha e a’ paigheadh a h-éiric, ‘ga chuir féin ann a h-àite, a’ gabhail air féin a cuid fìachan, agus a’ dìoladh na h-uile bha aig ceartas ri agairt oirre, agus mar so a’ dol air aghairt leatha. Ach air ar taobh-ne, direach gun a bheag sam bith: cha robh againn làmh ann an coimh-cheangal an t-saoraidh; cha robh againn làmh sam bith ann am plana na slàinte; cha b’aithne dhuiinn a bheag mu thimchioll na gnothaich; cha robh againn smuain mu thimchioll Fear-saoraidh; cha do thoill sinn a bheag ach dian-chorruich; bha sinn ‘nar luidhe le lan-thoileachas ann am fearann an diabhoil, ‘nuair a bha Criosd a’ tabhairt air aghairt a phòsaidh.
Cia mar a tha am pòsadh air a chomh-dhunadh air a thaobh-sa?
(6) Cia mar a tha am pòsadh air a chomh-dhunadh air a thaobh-sa?
* 1. Tha e cuir a mach a theachdairean gu suiridheadh air a shon, mar a chuir Abraham a sheirbhiseach air son Isaac; agus tha obair mhòr d’a rireadh, ann a bhi tabhairt oirre aontachadh. Ge d’ dh’aonadh ainglean air neamh ‘an cuisibh co’èigneachaidh cuideachd, cha b’urrainn iad buadhachadh air aon anam, mur biodh là iompachaidh air teachd: ach feumaidh iad do ghnàth labhairt gu cothromach rithe. Cia cho deas-bhriathrach ‘sa bha seirbhiseach Abraham air son a mhaighstir? Cha’n ‘eil aige ach aon mhac, agus tha aig a mhac sin mòr shaibhreas; cha’n ‘eil e ‘g iarradh cuibhrionn air bith le Rebecca ach a mbàin gu’n tugadh i seachd a h-aont. Mar so tha e moladh a mhaighstir gu mòr, agus a’ cuir impidh leis na h-aobhairean is mò. Ach fathasd, tha aig teachdairean Criosd ùghdarras nì’s farsuing, na’m biodh ‘ur suilean air am fosgladh gu fhaicinn; tha iad air an cuir a mach ann a ainm féin gu bhi moladh Criosd, a chum gràdh a bhi air oibreachadh anns a bhean-nuadh-phòsda.
* 2. Tha e comh-dhunadh a phòsaidh mar so. Air do na bhean-nuadh-phòsda a bhi aineolach air a fior shonas féin, uime sin, tha Athair ‘ga sàrachadh leis na fiachan a th’aig oirre, agus tha’n creutair truagh air a tabhairt a dh’aindheoin, air son ùine àraidh, gu beinn Shinai, agus ann an sin tha Dia a’ teachd a nuas ann an uile inbhe a Mhòireachd uamhasach. Tha e tairneanaich am mach mallachadh na h-aghaidh—”Is mallaichte na h-uile neach nach buanaich anns na h-uile ni a tha sgrìobhte ann an leabhair an lagh a chum a dheanamh.” Gal. iii. 10. Tha Dia ag agairt na fiachean uile a phaigheadh, tha a choguis a’ beuchdaich ann an aghaidh a pheacaich, agus tha na diabhlann air an leagail fuasgailt’; tha i fuidh eagal na h-ifrinn agus na feirge; agus tha Dia a’ cuir an céill, anns an t-soisgeil, gu’n teid an truaghan brist ann an creideas a chuir do’n phriosan, agus gu’n luidh i gu siorruidh ann an ifrinn, mur gabh i ri a Mhac, mur pòs i e, agus mur creid i ann. Mar so tha a bhean-nuadh-phòsd air a comh-eigneachadh gu ro-anabarrach. Tha aig cuid na’s mò, agus aig cuid eile na’s lugha de’n obair lagha so, ach tha na h-uile air an irioslachadh, agus air am briseadh ann an tomhas-eigin, a tha air am pòsadh ri Criosd. Tha e cuir a mach a Spiorad agus a’ dearbhadh an t-saoghail mu pheacadh. Ach, ni mò a dheanadh so an gnothach, agus uime sin,
* 3. Tha ‘m Fear-nuadh-pòsd’ a’ faicinn nach dean an dad sam bith an gnothach ach striochdadh; agus uime sin tha e ‘ga fhoillseachadh féin ‘na uile ghloir; ‘nuair a tha a chéile làn do dh’eagal, do dh’imcheist, agus do chùram; ‘nuair a tha uamhasan an Tighearn ‘ga cuartachadh, agus saighdean an Uile-chumhachd-aich ag òl suas a spiorad, agus ‘nuair a tha i aig éigheachd a’ mach, ciod a nì mi? co dh’ionnsuidh an teid mi? Ann an sin tha ‘m Fear-nuadh-pòsd ‘ga fhoillseachadh féin, ann a uile Mhòrdhalachd agus ghloir, ag radh, “Feuch mise, feuch mise”; agus tha ise a’ faotainn sealladh air a tha comh-eigneachadh a cridhe agus a tha ‘cuir a h-anam am farsuingeachd; ‘sann an sin a tha’n Spiorad air a chuir a chum rùn a chuir oirre gu aontachadh. Tha foillsichdhean a ghloir a’ soillseachadh a h-inntinn agus a spiorad; agus air ball tha gràs anns an toil a’ tarruing a’ mach a chridhe gu h-iomlan na dheigh, air a leithid do dhoigh, a’s nam b’urrainn a bhean-nuadh-phòsd a bhi air a cràdh, no air a pianadh air là a pòsaidh, ‘sann a mhàin a bhiodh e air son a h-amaideas, air son a diùltadh air co fada.
Ach ciod a tha deante air taobh na mna-nuadh-pòsda, air son comh-dhunadh a pòsaidh? Cha’n ‘eil a bheag sam bith; ach gu’m bheil an t-anam air a dheanamh gu h-iomlan comasach, comh-aontachadh ann an gabhail ri Criosd mar Fhear-saoraidh: agus tha’n creid’mhach ullamh, aig a leithid sin do àm, gu a radh, is Esan mo Thighearn, mo Dhia, mo neart, agus m’uilè shlainte, agus bithidh e mar sin gu siorruidh.—Mar so tha agaibh dealbh aith-gearr air nàdur agus doigh a phòsaidh so.
(Ri leantuin.)