LEIS AN URRAMACH MICHAEL BRUCE.
“Agus ma bheir do lamh aobhar oiblheum dhuit, gearr dhiot i : is fearr dhuit dol do’n bheatha air leth laimb, na dà lamh a bhi agad, agus dol gu h-ifrinn, do’n teine nach múchar a choidich.”—MARC ix. 43.
T’HA dà ni a dh’fheudas a bhi air a chuir ann an clár-cuimhne le Criosdudichan ann ar là ; agus b’áill leam gu’n cuireadh sibh uile ann an clár-cuimhne iad.
’Se a cheud aon, gu’m bheil mòran anns a chreidimh Chriosdudich, agus gu’m bheil iomadh diomhaireachd anns an diadhachd ; agus tha mi a’ smuaineachadh nach bu chòir dhuibh gu bràth a bhi gun fheum agaibh air eolas fhaotainn orra. Ach do bhrigh’s gu’m bheil iad na’n diomhaireachdan, tha sinn ’gan cuir a thaobh gun iad a bhi air an cleachdadh leinne nì’s mò. Dh’innis sinn duibh anns a mhadtinn mu shea diomhaireachdan* tha aig a chreidimh Chriosdudich ann a uchd. Theid sinn a nis air ar n-aghaidh, agus bheir sinn a dha eile dhuibh. Ach tha mi ’m beachd air son a mhoir chuid gu’m bheil sinn ’nar coigrich dhoibh uile. ’Se
* Do reir a chuid sgriobhaidhean, bha an t-searmon so agus an t-searmon sa mhadtinn air an searmonachadh an deigh cuis Phentland ’sa bhlíadhna 1666. Tha na diomhaireachdan so—1. Gu bheil an creid’mhach na namhaid d’a fein. 2. Gur e ceannach is mo anns an t-saoghal. 3. Gu bheil e mar-aon aoibhneach agus brònach. 4. Tha e a’ cuir na’s mò do luach, agus gidheadh na’s lugha do luach. 5. Tha e do ghna a’ cuir ris, agus fathast a gearrathd dhefh. 6. Tha e do ghnath a’ saothrachadh, agus fathast ag earbsa na h-uile nithe ri Criosd. Anns an t-searmoin chendna roimh-nòinn, an deigh labhairt air gach aon de’ na diomhaireachdan so, tha e air teachd gu labhairt mu sheachd seorsa iodholailbh lamh dheas a dh’fheumas a bhi air an gearrathd air falbh. 1. Iodhol na creideas. 2. Iodhol a ghraidh mhirighbaillich do’n t-saoghal. 3. Iodhol fein-thearruinteachd a ghraidh agus na fois. 4. Iodhol cumhnant na’n oibre, no toilltineas a chreutair. 5. Iodhol na buannachd agus na toilltinnnt ainsireil. 6. Iodhol na baigh ri buaireadh. An deigh sin tha e ruith thairis air ochd miribh oiblheum a th’air an tabhairt do’n Chriosdudich. 1. Connseachadh. 2. Feum an fhocail a bhi air a mhilleadh. 3. Fàilneachadh ann an dleasdanas. 4. Buaireidhean a t-Satain. 5. A bhi air am bacadh ann an dleasdanasaibh. 6. Frionasach ri frithleilidhean Dhé. 7. ’Bhi air a thabhairt ann am braighdeanas le lagh a bhuill. Tha e a’ croichnachadh an ochdamh leis na tri chlasaibh so : ’se sin féin-ghrèidh, litir an lagh o’n leth a mach, agus taitneas agus meas an t-sluagh agus eisimplaír.
-
A cheud diomhaireachd so, gu’m bu choir do’n a Chriosdudich, am feadh ’sa tha e anns a t-saoghal so, a bhi beò air nithe nach ’eil ri ’m faicinn. O deir daoine an t-saoghal so, na’m b’urrainn sinne neamh fhaicinn le’r sùilean corporra, shaolteadh sinn ni-eiginn dheth. Ach do bhrigh ’s nach urrainn sinn a thuigsinn le’r sùilean corporra, tha sinn an dùil gur fearr eun ann ar lamh na dha air an iteag : tha sinn an dùil gu’m feum a mhaoin agus am bathar a tha againn ’san t-saoghal so (air dha bhi nìs’ann ar lamh) a bhi na’s fearr na na neamha nach urrainn sinn aig an àm so fhaicinn. Gidheadh tha creidimh tabhairt air a Chrios-duidh bhi beò air nithe nach ‘eil ri ‘m faicinn ; oir cha’n ‘eil sinn ag amharc air nithe a tha air am faicinn, a tha aimsireil. Tha sin na shealladh iongantach, a bhi ‘sealltainn troimh na h-uile nithe a dh’ionnsuidh na neamha, agus mar sin sealladh fhaotainn air a ghloir a tha’n sin. Gheibh creidimh sealladh air flaitheanas, agus amhaircidh se co fhad as ris a ghloir a tha ann an sin. Se’n
-
Diomhaireachd a tha air a thuigsinn ann an uchd a chreidimh ‘se so e, ‘nuair a their mothachadh, tha e teachd, agus a their reuson, cha tig e, their an Criosduidh le creidimh, thig e agus cha dean e maille. Tha sin na dhiomhaireachd iongantach, a mhuinntir ionmhuinn. An aithne dhuibh a bheag sam bith dhetth na so ? Tha e soilleir, Hab. ii. 3, “Ged’ dhean i maille, feith rithe ; oir gu deimhin thig i, cha bhi i air dheireadh.” Tha mothachadh agus reuson ag radh, tha e a’ deanamh maille ; ach tha creidimh ag radh, thig e, agus cha dean e maille. Tha daoine an t-saoghail ag radh, cha d’thig an Tighearn a dh’ionnsuidh Alba tuille ; ach cha’n ‘eilannt-san ach amadanaibh, oir ‘nuair a thig e, ‘se sealladh is eagalaich’ a chunnaic cuid aca riamb.
‘Se’n dara ni a tha sinn gu sgiobhadh ‘nar n-uchd ann ar latha, ciod sam bith àiteanns am bheil diadhachd da rireadh, gu’m bheil aige do ghnat hòr obair chruaidh a’ dol maille ris. Oir neach a lamh a ghearradh dhetth, tha so na h-obair chruaidh. Feudaidh diadhachd pobull Dhia a chuir air dleasdanasaibh leis na tri nithibh so a bhi ‘gam frithealadh : uime sin na smuainichibh a bhi beò gu diomhan, nam b’aill leibh a bhi beò gu diadhaidh. Gabh-aibh rabhaidh agus thugaibh faineair—
(1) Bhi fágail tighean no fearann, bean agus clann, agus gach uile dhàimhean eile, feudaidh so a bhi an co-chuideachd na diadhachd. Feumaidh tu fhàgail an ni tha cosmhail ri do dheadh fhortan anns an t-saoghail, agus Criosd agus an crann-ceus a ghabhail air son na h-uile. Feumaidh sin a bhi na dleasdanasa gle chruaidh agus dhoilbhe, a tha cuir muinntir gu dealachadh ris na h-uile nithe. Rinn deiscioblaibh Chriosd mar sin. Air eiridh do Pheadar sua, thubhairt e, “Thréig sinne na h-uile nithe, agus lean sinn thusa,” Mata. xix. 27. Bha aig Peadar maoin agus bathar, cairdean agus luchd-dàimh mar-an-ceudna, gun teagamh ; ach thubhairt e, “Dh’fhag sinne na h-uile nithe, agus lean sinn thusa.” Agus an innis sibh dhomh, an d’fhag neach sam bith agaibhse na h-uile nithe, agus an do lean sibh Criosd ? Tha e fior, nach robh e ach do bheag luach na bha aig na deiscioblaibh aig a cheann fa’ dheireadh : oir tha sinn a mhain a leubhadh mu chuid do bhàtaichibh, agus mu theirc do liontaibh leis an robh iad a’ cosnadh an teachd-an-tir, agus bha iad so féin cosmhail ri bhi sean, oir bha iad ‘gan càradh ‘nuair a ghairm Criosd iad. Ciod sam bith mar bha sin, dh’fhag iad na h-uile nithe agus lean iad esan.
(2) Feudaidh diadhachd, no buanachadh ann an dleasdanas, muinntir a chuir a dh’ionnsuidh mòr chall mothachail, le beag do bhuanachd mothachail na cho-chuideachd anns an àm a ta-lèthair. Nach ‘eil e na chall mothachail làmh, no cos, a ghearradh dèth, no sùil a chuir a mach? Tha’n saoghal uile tha ‘gam fhaicinn a’ deanamh so, fiosrach air gu’m bheil mi mothachail air call, agus cha’n ‘eil agam gealladh air buannachd ‘san àm air a shon. Ach tha e ‘gam chuir a dh’ionnsuidh nèamh, agus ifrinn (gu labhairt mar sin), a dh’iarraidh buannachd. Na h-uile buannachd a tha gu bhi agam leis a chluithe, tha mi gu’n tabhairt fainear le beachdachadh mu neamh agus mu ifrinn. ‘Nis tha sin na dleasdanas gle dhoilbh a tha ‘gam chuir gu call mothachail, am feadh ‘s nach ‘eil agam deanamh suas ‘san àm, ach gu’m feum mi slighe fhada shiubhal co fhada as ri flaithneas mus faigh mi deanamh suas na buannachd. Ach tha aig a chreidimh do ghnà a bhuaidh urramach so; bheir e air ùin fhad a bhi air a mheas goirid: oir ciod an umhail, a dhuine, air son d’uile chall? Bheir teirc do bhlíadhna’ ort a bhi mar nach faigheadh tu call idir. Ann an teirc do bhlíadhna feumaidh tu bás fhaotainn agus na h-uile nithe fhàgail, biodh e mar a thoilicheas e; agus tha e na ghnothach dhoilbh, ged’ nach ‘eil agad gabhail deth do mhaoir agus do bhathair, agus ge do chailleas tu iad uile ann an tearc do bhlíadhna co-dhiubh, gidheadh cumaidh tu nis iad ‘nuair a tha Crìosd ga’d’ ghairm gu’n tréigsinn; gidheadh cumaidh tus iad gu mallachd Dhia a thabhairt ort féin, agus leis nach bu roghnaichte an treigsinn aig an àm so air son Chrìosd, an neach trid a cheannach a bheireadh thu a chum flaithneas agus glòir; agus leis nach àill Crìosd a thabhairt gu bhi na fhear féich dhuit (gu labhairt mar sin), air son an ocar gus an d’theid thu do nèamh. Feudaidh beagan do bhlíadhna thabhairt ort an call, co-dhiubh is àill no nach àill leat; agus feudaidh e bhi gu’n caill thu iad mu’m faigh thu bàs, agus sin air son aobhar nach ‘eil cho maith. Bha aig Iob na’s mo do mhiltibh gu uaill a dheanamh as ann an aon latha, na tha aig neach agaibh-se a chum uaill a dheanamh as ann am fichead; agus mu’n d’thainig ceithir uairean fichead mu’n cuairt, cha robh a bheag sam bith aige. Lomnochd, deir esan, thainig mi a broinn mo mhàthar; agus lomnochd pilllich mi an sin. Ciod an umhail, ged’ a theireadh e, gu’n rachainn air son trì bliadhna lomnochd anns an t-saoghal, ma ‘se is gu’n gairm mo mhaighstir gu sin mi? ‘Thainig mi lomnochd a dh’ionnsuidh an t-saoghal, agus racham lomnochd a mach as. Cuiridh ùin bheag croich air mo shaothar uile ann. ‘Nis, a mhuintir ionmuinn, bheir am bàs oirbh gu’n dealaich sibh ris ann an ùin ghoird, biodh a chùis mar ‘s àill. Agus nach feud sibhse creideas a thabhairt do’r maighstir air son riadh a dhà no trì do bhlíadhnaibh, no na h-uiread as a cheud; oir cha bhi dith ort; ma bhios e air son do mhaith, bithidh agad do dhinneir, ‘s do shuipeir, agus iongantas air fhilleadh mu thiomchioll a chinn. O is gasda! Gheibh sinn ar biadh-maduinn, agus ar suipeir, agus iongantas air fhilleadh mu’n cinn. Fhuair sinn iad o chian fhada mar thoradh ar saothar; ach a nis tha sinn ‘gam faotainn mar iongantasibh. Fhuair mi mo lòn o chian fhada; ach a nis tha iongantas air fhilleadh mu thimchioll a chinn. An dream a tha sgiobhte ann a Mata. ii. 15-21. Fhuair iadsan an dinneir le iongantas air fhilleadh timchioll a chinn. An
(3) Dleasdanas dhoilbh a dh’fhaodas diadhachd muinntir a chuir air; agus ‘se so e, feudaidh e sibh a chuir gu dleasdanais a dh’fhaodas a dhol eadar sibh agus na seilbhean a’s mò a tha agaibh anns an t-saoghail. Tha call do shuaimhneas is taghte an co-chuideachd na dleasdanas sin gus am bheil diadhachd ‘ga do chuir a chum a leantuin. Agus nach ‘eil sin na ni doilbh? ‘Smaith a b’urrainn an diabhal a radh, “Craicionn air son craicionn, eadhon gach ni a ta aig duine bheir e air son a bheatha,” Iob. ii. 4. Feudaidh diadhachd call beatha thabhairt leis: tha diadhachd air teachd gu bhi na h-obair gle chruaidh a nis an ar latha, ‘nuair a dh’fheumas muinntir am beatha chal air a son. Air an aobhar sin feumaidh sibh creidimh air a so a gh’ulan maillle ribh, le call ar beatha gu’n tearuinn sibh e. ‘Nis innsidh diadhachd do dhuine an ni nach t-urrainn do nádur innsedh dha; innsidh diadhachd do dhuine an ni nach innis luchd-uail na duthcha gu bràth dha; tha focal an Tighearna ag innsedh dhomb, le call gu’m faigh mi buannachd. Uime sin, deir Pòl, Tha mi toileach a bhi air m’ioibradh. Ach,
(4) Feudaidh diadhachd muinntir a chuir air dleasdanasaibh gle phiantail. Tha e na dhleasdanas gle phiantail làmh na cos a ghearradh dheth, agus stùl a spionadh a mach. Bheir diadhachd ort falus a chuir dhiot mu’n d’theid crioch air a chuis. Tha fhios agam, gu’n do chuir cuid do muinntir na’s mo dh’fhalus diubh ann an dol do ifrinn, na rinn cuid eile riabh ann an dol do nèamh. Nach dean sibhse uiread a chum nèamh a bhuannachd, is tha cuid eile deanamh gu ifrinn a bhuannachd? An dean sibhse uiread gu neamh a chosnadha is a ni muinntir eile gu biadh agus eudach fhaotainn? Ni cuid do muinntir obair, agus obraichidh iad gu bhi beartach, agus gidheadh cha bhi iad gu brath saoibhir. Nach dean sibhse na h-uiread do shaothar air son nèamh is a ni cuid do muinntir eile air son beartas? Ach a ris,
(5) Gairmidh diadhachd sibh gu an leithid do dhleasdanais agus a thairgeas ainnearth dhuibh féin, a tha na ni nach urrainn nádur a chnámh. Faicibh dà mhír ainneart a tha duine ann an dleasdanas a’ tairgse.
-
‘Se a cheud mhír ainneart so, tha e a’ tairgse ainneart do neamh. Tha riochachd neamh a’ fulang ainneart, agus tha luchd na h-ainneirt ‘ga ghlacadh le lamhchas làidir. Air an aobhar sin tha e cuir an fhàireadh ri ballacha’ neamh mar gu’m b’fheadh, agus ‘ga ghabbail le ainneart. Ach, tha mi saoilinn nach ‘eil mòran dibh aig an obair ainnearthach sin. Agus an deigh sin,
-
Tha’n duine tairgse ainneart dha féin; tha e spionadh a mach a shuil, agus tha e a’ gearradh dheth a làmh agus a chos féin. Ach tha mi ‘am beachd, gu’m bheil sibh a nis air teachd gu bhi ‘n’ur luchd mor thruais dibh féin. ‘Seadh ma ta a chum feum a dheanamh dne’n a so, cuiribh as bhuir leth féin gu’n coinnich sibh ri dleasdanasaibh duilich. Deanaibh sibh féin cinnteach gu’n comhlaich sibh ri dleasdanasaibh gle phiantail. Bithibh cinnteach as gu’m féum sibh ainneart a thairgsinn duibh féin. ‘Siad so na nithe a dh’fheumas sibh a rúnachadh, ma tha dúil agaibh ri flaithanas.
Am beachd aig an do stad sinn ‘sa mhaduinn, b’e so e, gu’m feud an Críosduidh iodholan lamh deas a bhi aige a tha tabhairt oilbheum dà ann a imeachd gu neamh. Dh’innis sinn dhuibh ciod bu chiall do na so, agus ciod bu ghnè do na h-iodholan so; agus an doigh ‘sam bheil na h-iodholan deas-lamh a’ toirt oilbheum do na Chriosduidh ann a réis Chriosduidh. Se’n ath ni a bh’air a rúnachadh, agus a tha ri bhi air a labhairt, so, ciod an t-àite anns am bheil dubhachas an ni so na luidhe, iodholan lamh-dheas a bhi tabhairt oilbheum do mhuiintir. ‘Nis tha dubhachas an ni so na luidhe anns na tri nithe so.
(1) Cò fhad ‘sa tha do lamh-dheas a’ tabhairt oilbheum dhuit, tha thu coslach ri rioghachd a ta roinnte na h-aghaidh féin; oir ‘nuair dh’oibrícheas sinn uile a dh’aon rathad, tha so misneachail; ach ‘nuair a dh’oibrícheas aon mhìr dh’inn ann an aghaidh mír eile, O tha sin brònach. ‘Nuair a tha’n lamh a’ toirt oilbheum dhuit, tha e gle bhrònach air son an aobhar sin, do bhrigh ‘s gu’m bheil e cosmhail ri rioghachd a ta roinnte na h-aghaidh féin. Ach,
(2) Tha dubhachas an nì sin na luidhe ann an so, air doigh ‘s nach ‘eil an diabhal gu bràth as eugmhais fear-gnothaich ann ar broilleach féin gu a chùis a thagradh. Air mo shonsa dheth, tha mi ‘ga shaolinsinn na chùis gle ghoirt gu’m biodh e mar sin. O an luchd-gniomh a tha aig an diabhal ann ar n-aghaidh. Mus bi e a dh’easbhuidh luchd-gniomh air a shon féin, ni e a bhean gniomhach ann an aghaidh a fear-posda, no am fear-posda ann an aghaidh na mna-posda, agus aon Chriosduidh ann an aghaidh Críosduidh eile. O nach smuainich sibh nach ‘eil sin na chùis bhrònach gu’n tagradh a h-aon agaibh cùis an diabhal ann an aghaidh an aon eile. ‘Seadh ma’s bi e as-eugmhais fear-gnothaich, gabhaidh e lamh, no cos, no suil Críosduidh gu a chùis féin a thagradh ‘na aghaidh. O ach bhriseadh e ceud cridhe a bhi faicinn co iomadh luchd-gniomh ‘sa gheibh an droch-spiorad ann an uchd Críosduidh!
(3) Tha’ dhubhachas na luidhe ann an so, gu’m bheil e a milleadh turus an duine a chum neamh, agus a’ cuir air aghairt a thurus gu ifrinne; agus nach saoil sibhse sin na chùis gle bhrònach. O Chriosduidhinn, nach ‘eil neamh na’s mo do luach dhuibhse, na tha beagan do thoilintinn. ‘Nis a chum feum a dheanamh de’n so, biodh fhios agaibh, a mhuiintir ionmhuinn, gu’m bheil iodholan deas-lamh ann ar measg. Ma ‘seadh, O bithidh air bhuir faicill uatha. Ach feum eile air am bheil mi rúnachadh leantuin, se so e :
Teag. I. Gur h-e an dleasdanas is taghte, agus an ni mòr a tha Dia ag iarraidh aig lamh a Chriosduidh, ciod sam bith a tha tabhairt oilbheum dà ann a thurus Chriosduidh, ged’ a b’e a lamh dheas, a chos, no a shùil, gidheadh, deir Críosd, gearr dhiot iad, agus tilg uait iad.
‘Nis ann a bhi labhairt air na nithe so, nochdaidh mi dhuibh,
I.—Ciod an gearradh dheth a tha’n so, a dh’fheumas an Criosduidh fhoghlum a chum iodholan lamb-dheas a ghearradh dheth.
II.—C’ait am bheil clù an ni so na luidhe, a bhi ’gan gearradh dheth.
III.—Focal comhairle, ann a bhi freagairt cuid do chunnuil.
IV.—Focal cleachduidh, agus an sin a dhol air aghaidh.
I.—’Se a chuid ni ris an labhairt sinn, Ciod e an gearradh dheth a tha’n so, a dh’fheumas an Criosduidh fhoghlum a chum iodholan deas-lamh a ghearradh dheth. Tha so a’ gabhail steach trì nithe.
-
Nach bi fárdach air a dheonachadh d’ar n-iodholan. Feumaidh sibh gach uile bhann agus comhradh riu a ghearradh air falbh. Na dean còrdadh ri a h-aon, na dean comhradh ri h-aon diubh. Gearr dhiot iad so uile, oir iarraidh iad comhradh riut; bheir iad a mhàn ni-eigin: ma thig thu aon mhèr grunna ’nan coinneamh, thig iadsan mir eile. Tagraidh daoine an t-saoghail so air òn comhradh; agus bheir iad ni-eigin a mhàn, ma thig thus a bheag sam bith ’nan coinneamh. Ach cha’n fhaod sibh a nis a bheag sam bith do choimeasgadh a dheanamh. Abair, cha’n éisd mi ri a bheag, ach a dh’ionnsuidh an doruis leo; oir ’se gearradh an obair aig am feum mi bhi leò.
-
Tha so a’ ciallachadh gu’m bu choir do na Chriosduidh a bhi gle eòlach air a chlaidheamh leis am bheil iad air an gearradh dheth. B’áill le mòran iodholan agus miannan a bhi air an gearradh air falbh; ach cha’n aithne dhoibh an claidheamh leis am bheil iad gu a bhi air an gearradh dhiubh. Tha claidheamh ann agus cùl air. Mar aithne dhuibh sin, cha ghearr sibh dhibh gu bràth miannan agus iodholan deas-lamh. Se’n claidheamh so, focal Dé; agus ’se is cùl da Spiorad Dhia. ’Nis feumaidh ’araon an claidheamh agus a chìl a bhi air a ghabhail; oir ge do ghabhadh sibh an claidheamh, ma bhitheas sibh as eugmhais a chìl bithidh e gun fhaobhar. Feudaidh e greann no frilleag a chuir air taobh ana-mhiannaibh, ach cha doirt e am fuil, agus ge do dhoireadh e am fuil, cha d’thoir e air falbh am beath as eugmhais a chìl. Biodh aithne agaibh air a chlaidheamh, agus biodh aithne agaibh air a chìl a dh’fheumas sibh a bhi agaibh? Ma ghearras sibh dhibh iodholan a tha’m fagus agus ionmhuinn leibh, féumaidh sibh mar-aon an claidheamh, agus cùl a chlaidheamh sin a bhi agaibh gu’n gearradh dhibh.
(Ri leantuininn.)
Return of Canadian Deputy.—We have pleasure in stating that the Rev. D. Beaton has safely returned to the home country after completing his visit to our Canadian Mission. He conducted services on two Sabbaths in Winnipeg with encouraging attendances. His report at next meeting of Synod will be looked forward to with much interest.