LEIS AN URRAMACH MICHAEL BRUCE.
“Agus ma bheir do lamh aobhar oilbheum dhuit, gearr dhiot i: is fearr dhuit dol do’n bheatha air leth laimh, na dà lamh a bhi agad, agus dol gu h-ifrinn, do’n teine nach mûchar a choidhch.”—MARC ix. 43.
(Continued from page 238.)
- Tha e a’ ciallachadh gu’m feum mir do dh’fhoirneart a bhi air a ghnathachadh leis a Chriosduidh ‘na aghaidh féin, ma ‘se is gu’m faigh e gu brâth saor uatha. Tha mi’ a’ saoilsinn gu’m bheil seorsa do thrusa neo-mhodhaill ann am measg cuid do mhuinntir, air doigh ‘s nach urrainn iad beatha na truaillidheachd a thabhairt air falbh; cha’n ‘eil iad a’ gearradh air falbh iodholan. ‘Seadh, cha ghabh an diabhal agus ana-mhiannan truas air son am beath-sa a thabhairt air falbh. Ciod uime tha thus co mòr ‘gan caomhnadh-sa, ‘nuair a tha iadsan co an-iodhdmbhor dhuitse. Tha so a’ gabhail a steach, gu’m feum mir do fhoirneart a bhi air a chleachdadh leis a Chriosduidh eadhon dha féin, na’m b’aill leis a bhi saor o iodholan deas-lamh ann an là na croise. Ach, tha’n gearradh so a leithid agus aig am bheil na cuig nithe so dol maille ris. Agus,
(1) Tha e na ghearradh dheth gach uile fhàbhar ri iodholan agus ana-mhianna. Tha’n Criosduidh do ghnàth cinnteach gu’n ciall e ri comhradh riubh. Uime sin gearr dhiot gach uile chomhradh riu; oir cha’n ‘eil comhradh ann am flaithenas ri miannaibh agus iodholaibh.
(2) Feumaidh tu gach uile bhiadh agus dheoch a ghearradh air falbh bho t-iodholan. Na dean ullachadh ‘sam bith air son na feòla. Na ullaich a bheag sam bith air son d’ ana-mhiannaibh; oir mar is mo a bheathaicheas tu iad, ‘sann a’s miosa bhios tu air do ghnàthachadh leò. Na deanaibh ullachadh air son na feola, a chum a h-ana-mhiannaibh a choil’lionadh. Ach is bochd a cheaird a tha cuid agaibh a’ leantuin, ‘nuair a tha sibh a’ tabhairt biadh agus deoch do’r cuid miannaibh air maduin na Sabaid. Cha’n iongantach ge’ do bheireadh e air cuid agaibh a dhol falamh a dh’ionnsuidh bhur leapaichean a m’oidhche: do bhrigh gu’m bheil sibh a’ biadhadh n’ur cuid miannaibh ré an là uile.
(3) Feumaidh sibh gach uile oide-altruim a ghearradh as, a tha tabhairt air aghairt cinntinn agus fàs ana-mhiannan.
(4) Feumaidh sibh an lamh dheas a ghearradh air falbh le na’s lugha do dh’eagail. ‘Nuair a thòisicheas e an tús air briseadh a mach, agus a cheann a thogail suas. Feumaidh tu an claidheamh a thoirt leat, an ni ‘se focal Dé, agus cùl a chlaidheamh sin, an ni ‘se Spiorad Dhé, agus an cinn a bhriseadh na’m bloighdibh. Ach tha cho beag aire agaibhse air na miannaibh so, is gu’m bheil sibh a’ leigeil leò a theachd gu uidhe eagalach air an aghaidh, mu’n tarruing sibh claidheamh ‘nam measg. Ach
(5) Feumaidh tu mòr dhioghaltas agus dhiomadh a bhi agad ri peacadh an lòrg do ghearradh as air iodholan. Feumaidh tu an ghearradh as le dioghaltas agus diomadh spioraid. Feumaidh tu an ghearradh dheth le d’ thoil, ach feumaidh tu an ghearradh dheth le fuath, ugas an tilgeadh air falbh. A mhuinntir ionmhuinn, tha mi a’ smuaineachadh gu’m bheil cuid do mhuinntir a’ deanamh mòr fhuaim mu thimchioll ghearradh dheth iodholan deas-lamh, mar gu’m b’ann anns a mhaduinn, ach anns an fheasgair a tha aig sith riu a ris. Tha mòran a’ ghearradh as iodholan deas-lamh anns a mhaduinn, agus ‘gan tilgeadh air falbh, agus anns an fheasgar a tha sgriobhadh litirchean air an tòir a ris. Cha bhi e gu bràth gu maith leis a Chriosduidh, gus an gearr e dheth iad le spiorad dioghaltais agus féirge.
-
‘Nis an ceathramh rathad air ghearradh as iodholan lamh-dheas, agus ‘se so e, feumaidh tu an ghearradh as do ghnàth. Cha’n fheud an claidheamh a dhòl idir as do lamh, oir tha iad lionmhor ann, agus tha iad uile gu bhi air an ghearradh dheth.
-
Feumaidh tu ghearradh dheth le subhachas, gu cridheil agus gu suilbhir. Cho cridheil agus cho suilbhir a dh’fheumas tu bhi ann, as nach deachaidh tu mu thimchioll gnòthach air bith eile na’s mò shuilbhir’ agus chridheil’ rè uile laithean do bheatha. Ach ‘se mo bharail, gu’m bheil e coslach ri bhi na obair aindheonach agus mhall le cuid agaibh a bhi ghearradh as iodholan deas-lamh; air doigh’s gu’m feud an diabhòl samhlaidh dheth a leubhadh ann bhuir gnuis. Ged’ robh sibh a’ dealachadh riù aig aon àm, gidheadh tha sibh a’ tabhairt fàrdach dhoibh aig àm eile; feudaidh e bhi mu’n d’theid iomadh la seachad, gu’m faigh an diabhòl agus a chuid ana-mianna’ cead a theachd a steach a ris dh’ionnsuidh an seann àite féin. Ach
-
Is ghearradh dheth e anns am bheil an Crìosduidh a cleachd-amh trì mirean do ghiocas spioradail.
(1) Tha e a’ ghearradh dheth am frèumh co maith ris na geugan. Thugadh na geugan thu gus an fhrèumh, agus thugadh am frèumh thu a dh’ionnsuidh na’n geugan; agus mar sin gearr iad uile dheth. Do ghnàth thugadh na sruthana’ thu a dh’ionnsuidh an tobair. Cha bhi e gu bràth gu maith leis a Chriosduidh gus am bi frèumhan na’n iodhoilean air an spionadh suas ann an là na trioblaid.
(2) Dean feum do’n mbir ghiocais so; faigh lamh na’s treise na do lamh féin gu do chomhnadh gu’n ghearradh dhiot. Cha’n e d’ obair, no d’ shaothair féin, ni mo is e do ghràs, do ghibhtean, no do chomasan féin, a ghearras air falbh iodholan deas-lamh. Cha’n e a bheag sam bith na’s lugh na Spiorad Dhia. Cha d’thoir a bheag na’s lugha na neart Chriosd ort gu’n gearr thu dhiot iodholan lamh-dheas; uime sin faigh Spiorad Dhè, agus neart Chriosd do ghnàth anns a chùis, agus soirbhichidh an obair na’s fearr air do lamh. Agus
(3) Biadh am mir ghiocais so ann an ghearradh air falbh iodholan do lamh-dheas; cho luath ‘sa ghearras tu as iad, cuir faire os-cionn an àite ‘san do ghearr thu as iad. Cho luath ‘sa ghearras tu as iodhol lamh-dheas, agus a dh’adhlaiceas tu e, cuir faire air beul na h-uaiighe, a chum a’s co luath ‘sa chuireas e suas a cheann, gu’n d’thoir am fear faire rabhaidh gu’m bheil an seann namhaid air éiridh a ris. Tha e na ghnothach bhrònach gu’m bheil aig cuid do Chriosduidhean an iomart cheudna air a bliadhna so, mar air son gearradh iodhoilean lamh-dheas, ‘sa bha aca iomadh bliadhna roimh so. Nach bi sin na bhriseadh cridhe gu’m bheil aca na ribeachan ceudna, na h-ana-mhiannan ceudna, agus na buairidhean gu cogadh na’n aghaidh, a bha aca iomadh bliadhna roimh so? Feumaidh e bhi gur e an droch riaghladh air a chuis a b’aoibhair do’n so? Oir na’n robh thu air cuir faire chinnteach air uaigh d’iodhoilean an uair a fhuair thu buaidh orra, cha bhiodh tu cho mór air do thriob-laideachadh leò a nis, is a tha thu.
Ni eile a tha iomchuidh ann an gearradh dhiot iodhoilean deas-lamh, agus ‘se sin, feumaidh tu an gearradh dhiot air a leithid do dhoigh ‘s nach gabh thusa agus iadsan comhnuidh gu brath tuille ann an aon tigh a ris, no ann an tìr aon duine. Feumaidh sibh an gearradh air falbh air a leithid do dhoigh ‘s nach gabh sibhse agus iadsan comhnuidh gu brath tuille fuidh an aon druim a ris.
II.—’Se’n ath ni ris an labhair mi, so, C’ait am bheil cliù gearraidh dheth iodhoilean deas-lamh a’ luidhe ann an latha na trioblaid? agus tha a cliù na luidhe anns na nithe so:
-
Bithidh tu le so air do shaoradh o iomadh oibheum mu Chriosd, agus a ròidibh, a bhios muinntir eile ciontach as. Tha thu ag radh gu’m bheil Criosd ann an tomhas mòr na luidhe gu diomhar ad’ uchd, agus tha so ag radh gu’m bheil nèamh taitneach leat. Tha e cho taitneach leat, ‘s gu’m bheil e a’ tabhairt ort lamh agus cos a ghearradh dhiot, agus stiùl a spionadh a mach asad, mus bi thu as-eugmhais-san. Ciod air bith bacadh a bhitheas anns an t-slighe, a dh’fhaodadh ann an coslach a thabhairt air Criosd a bhi mi-thaitneach. Fathast, a deir an Criosduidh aig am bheil iodholan lamh-dheas air an gearradh dheth, dealaichidh mi ris na h-uile nithe mu’n dealaich mi ris-san. Ach tha fhios agam gu maith, nach ‘eil Criosd co taitneach le cuid agaibh, as mu’n dealaich sibh ri iodholan deas-lamh, gu’n cuir sibh bhuir beatha ann an cunnart. Ach
-
Tha cliù a chleachdaidh so na luidhe ann an so, gu’m bheil e ag radh gu’m bheil thu umhailt do dh’àithn do règh. Agus cha chuala mi riamh mu Chriosduidh a chaill le umhlachd; ach chuala mi mu mhòran a chaill air son an eus-umhlachd. Uime sin bi gearradh dhiot iodholan lamh-dheas, na’m b’àill leat a bhi umhailt do d’ règh agus do d’ cheann, do Thighearn agus do mhaighstir.
-
Tha a cliù na luidhe ann an so, gu’m bheil e ‘g radh gu’m bheil gràs an uachdar ann ad’ uchd. Co fhad sa tha gràs a’ cosnadh an latha ann am broilleach Criosduidh, cha bhi a mhaighstir mi-thoilichte leis. Feudaidh e do rannsachadh gu maith. Cha bhi e fergach riut. Feudaidh e do chuir air a chlach-dhearbhaidh, gu a dheanamh aithnichte do’n t-saoghal, agus dhuit féin, ciod an stuth d’ am bheil thu; ach cha dean e na’s mo do chron ort. ‘Nis do thaobh gearradh dhiot, na rach am mearrachd; oir sgòran iodhoil deas-lamh Chriosduidh a dh’fhaodas a bhi air a ghearradh air a bhliahdna so, feudaidh e bhi beò air an ath bhliahdna a ris. ‘Nis tha trì aobhairean air son am feud e bhi mar sin.
(1) Do dhearmad anns nach do chuir thu faire air uaigh an iodhoil sin. ‘Nis do bhrigh do dhearmad fhuair e suas a cheann a ris. Bha cumhachd foill aige fo’n talamh, agus mar sin chuir e thus’ air do dhruim a ris. Ach
(2) Bha Dia ann a cheartas air a bhrosnachadh gu a dheanamh mar so. Ciod an rathad a tha Dia ann a cheartas a’ gabhail mar is trice ri fear aidmheil codalach? Eadhon so; tha e a’ cead-achadh a shearn ana-mhiannan agus pheacanna a theachd air an ais a ris air an duine; miannan a shaoil leis a bhi marbh agus air an adhlacadh; miannan a tha ‘tarruing a chreutair bhochd aig an sailean a ris, do bhrigh ‘s nach robh e faiceallach ann am faire a dheanamh an aghaidh an leithide sin do pheacaidhean, agus nach d’rinn e bròn air an son.
(3) Feudaidh e bhi, gu’n d’thainig seann ana-mhiann no iodhol a shaoil leatsa bhi marbh ‘s air adhlacadh, air ais a ris ad’ ionnsuidh air sgàth so. Do bhrigh ‘s gu’n robh thus’ ad’ neach a chuir na’s mo do dhòchas annad féin na chuir thu ann an Criosd; agus co fhad ‘sa tha thus’ a’ cuir dòchas annad féin, cha’n iongantach do sheann iodhoilean a theachd air an ais a ris, agus do chuir-sa air leud do dhroma.
III.—Ach na togaibh so ‘am mearrachd, gu’m feud an Criosd-uidh aig iomadh àm a dhòl mu thimchioll cleachdaidh gearraidh dheth iodhoilean lamh-dheas, ach gu’m feud e bhi gu goirt air a chràdh leis na cuig cunnuilean so. Agus tha na cunnuilean so uile pailt’ ann an Alba anns na laithean so, a tha bacadh sluagh bochd o ghearradh as iodholan deas-lamh.
A cheud chunnul ann an aghaidh gearradh as iodhoilean deas-lamh, is e nàdur. Their nàdur, Ni-h-eadh, cha chaill mi a h-aon deth mo bhuill. O uil-bheist, deir an iodhol, an sgrios thu nàdur, ann do lamh-dheas a ghearradh dhiot; is ni sin nach urrainn domh smuaineachadh a dheanamh. Tha nàdur ag radh, cha dean, cha’n urrainn dhomh an gearradh dhìom. Ach tha Dia ag radh, feumaidh tu an gearradh dhiot. ‘Nis co-dhiubh a tha umhlachd gu bhi air a thabhairt do Dhia no da nàdur? Nach saoil thus’ gur fearr umhlachd a thabhairt do Dhia na do nàdur; agus uime sin ge do tha nàdur ag radh Ni-headh; gidheadh feumaidh tus’ an gearradh dhiot, air-neo bheir thu eus-umhlachd do Dhia; agus mar sin cha bhi agad ach beò bochd dheth. An Dara cunnul ann an aghaidh gearradh air falbh iodhoilean lamh-dheas, agus se sin, èigin. Their èigin, cha’n fhaod mi a dheanamh, no ma ni, cionnas a ni mi obair, ma bhios mi as eugmhais mo lamh? Ma bhios mi a dh’easbhuidh mo shùil, cionnas a bhios mi feumail do sluagh bochd Dhe? Cha bhi mi ‘n sin freagarrach air son ni sam bith. Tha eigin ag radh nach urrainn dhomh a bhi as-eugmhais mo bhathar agus mo mhaoin, mo thigh agus m’fhearann. Cha’n urrainn dhomh beanntuin ri gnothaichibh eigin; cha’n ‘eil beirt ann an aghaidh na h-eigin, a deir an duine bochd. Ach nach tabhair thu fainear d’eigin. Gleidh do mhaoin, do bhathar, do thaitneas agus do sheilbhean. Gidheadh tha Dia ag radh, gearn air falbh iad; agus co-dhiubh a tha umhlachd gu a bhi air a thabbhairt do Dhia, no do d’eigin fheòlmhor-sa. Tha thu ag radh nach bi thu feumail do Chriosd-uidhean eile, ma bhios tu as-eugmhais do mhaoin, &c. Tha mise ag radh, gu’m bi thu na’s fheumail’ ann a bhi tabhairt deagh eisioimplair dhoibh, na ge do chaitheadh tu na bheil agad orra’. Thoir dhoibh dùblachadh na eisioimplair; oir le dealachadh ri d’ mhaoin agus do bhathar, aig gairm Dhia, feudaidh tu a bhi feumail, trid beannachadh Dhé, gu thabbhairt air mòran umhlachd a thabbhairt do ghairm Chriosd, agus gu luidhe sios aig cosaibh Chriosd, agus bithidh sin na’s fearr na ge do bheireadh tu na h-uile ni a th’agad do na mhuiintir bhochd agus shàruchte. Tha’n Treas cunnul ann an aghaidh gearradh dheth iodhoilean deaslann, agus se sin, Reuson. Their reuson, Ni-h-eadh; dean faire na aghaidh: Nach ‘eil mise am dhuine reusonta? Cha’n fhac is cha chuala mi riamh mu’n leithide do mhuiintir mi-reusonta. Tha iad ag radh air son obair ath-leasachaidh, gu’n caill iad na h-uile ni a tha aca; agus an saoil sibhse sin na ghniomh reusonta? Tha mi air mo ghairm gu gniomhrachadh gu reusonta’, deir daoine an t-saoghail, agus bhiodh sin na ghniomh mi-reusonta, mo bhean agus mo chlann fhàgail. Ach an innis thu dhomhsa, a dhuine ghlic, c’ait an d’fhoghllum thu an gliocas sin. Cha d’thoir mise gròat air d’aideachadh-sa air a chumbnant; oir their thu aon ni air a shon am bliadhna, agus ni eile an aghaidh sin air an ath-bhliadhna. Ach air mo shonsa dheth, cha’n ‘eil mi ‘ga smuaineachadh na iongantas mu’n dream nach ‘eil firinneach do Dhia, gu’m bi iad aon-chuid firinneach do chumbnant duine. Ach tha bhuir maighstir ag àithneadh dhuinne gearradh dheth; agus tha aige sin, co-ionannachd agus reuson ann a bhroilleach. Ach cha chan mise, gu’m fregaire an reuson aig am bheil àithn-san ann a bhroilleach, ri do reuson feòlmhor-sa; ni mo their mi, gu’m freagair do reuson feòlmhor-sa ri riaghailte Dhé agus co-ionannachd dhiadhaidh; aig am bheil reuson cheart agus naoimhaichte ann a uchd. Ma ‘seadh, feudaidh àithn Dhé a bhi na luidhe aig do dhorus, agus gidheadh thus a bhi cho dall ‘s nach urrainn thu a bheag do dh’aobhar fhaicinn a chum umhlachd a thabbhairt di. Gidheadh, tha aig an àithn aobhar gun fhreagairt ann a h-uchd. ‘Seadh ma ta, feumaidh cumhachd an Dia neo-chriochnach buaidh fhaotainn, agus cuidthrom a bhi aig air do chridhe, a chum iompaidh a chuir ort gu a dheanamh; oir tha aige sin reuson ann a uchd, ge’ nach ‘eil thus anns an àm a’ faicinn reuson air a shon. An ceathramh cunnul ann an aghaidh gearradh dheth iodhailean deas-lamh, agus ‘se sin, Tha thu ‘ga shaolinsinn na nàire mhaslach a dheanamh, gairmidh an taobh-duthcha gu leir thu ad’ amadan, air son do lamh-dheas a ghearradh dhiot. Mionnaichidh iad, agus their iad, tha thu mar-aon ‘ga d’ mhurt fein agus murt do theagh-laich. Rinn thu thu fein air leth lamh, their iad, agus tha sin na nàire dhuit, agus na chuir as do d’ theaghlach. An innis thu dhomh, a dhuine ghlic (an gairm thu mar sin d’ ainm), ciod e do dhleasdanas? Tha spèis agad do na nithe sin a tha nàdurach agus feòlmhor, mu fhuit agus fheòil; ach cha’n ‘eil speis agad do nithe Dhé, agus do Spiorad Dhé. Ach a thruaghan fheòlmhor, d’fheoirichinn an dà ni so riut.
(1) Co ann is mo a tha de nàire, a dhol do neamh na do dh’iffrinn? Tha Criosd ag radh, gur fearr a dhol do neamh air leth làmh, na a dhol do iffrinn le dà làmh, agus nàire is mallachd Dhia maille riut; oir a leithid sin do nàire bithidh agad, agus thig mòr nàire ort.
(2) Ciod air bith nàire a shaoilear a bhi ann an umhlachd a thabbhàirt do’n àithn, gidheadh cha’n ‘eil dearbh nàire ann. Uime sin, co-dhiubh as roghnaichte leat dearbh nàire a ghiùlan, no nàire a bhi air a chuir as do leth? Oir ciod sam bith nàire a mheasar no shaoilear a bhi ‘n co-chuideachd umhlachd a thabbhàirt do dh’àithn Dhia, gidheadh cha’n ‘eil fìor nàire ‘na cho-chuideachd; oir cho chinnteach ‘sa tha Dia anns na neamha o’s àirde, an duine is mo a chuireas ann an cunnart air son Dhia a nis, ‘se’n duine is lugha air am bi do nàire ann an Alba, abradh na aghaidh an dream leis an àill. A mhuinntir ghlic so leis nach dàna a bheag sam bith a chuir an cunnart air son Criosd, no air son aobhar-san, gabhaidh iad taobh na sràid, ‘nuair a gabhas an duine sin a mullach. Am bheil e na’s mò do nàire a bhi dol do neamh air leth lamh, na bhi a’ dol le dà lamh do dh’iffrinn? Cuimhnich gu’n dubhàirt mi nach ‘eil nàire ann am flaithheanas; cha ghiùlan aon-chuid ministeirean no luchd-aidich nàire ann an sin, ge do ghearr iad dhiubh iodholan lamh-dheas air son Criosd. Cha’n ‘eil e na nàire dhomhsa a bhi tabhàirt umhlachd do dh’àithn mo mhàighstir. Tha mo chreideas na luidhe ann an so, a bhi gearradh air falbh iodholan deas-lamh air àithn-san.
(Ri leantuinn.)
Protestantism in Scotland.—The Glasgow Herald is to be commended for giving considerable space to correspondents concerning the illegal ritualistic services in Edinburgh Cathedral. The correspondence clearly shows that, while the paid Protestant officials wilfully break their solemn ordination vows, and seem to be in love with Popery, the occupants of the pew have no liking for these illegal proceedings. Oh, for another Knox to call Scotland back to the simplicity of the gospel and the study of the Word of God!—Vanguard.