(Continued from page 352.)
-
’Nuair a tha aingidheachd agus peacaidhean an-tromaichte air fàs lionmhor agus coitchionn ann an tìr, a’ truailleadh gach gnè inbhe, òg agus sean, bochd agus beartach, uachdarn, minsteir agus sluagh, an sin tha aobhar eagail air son buille do-sheachanta; oir ’s ann mar sin bha chuis leis an t-sluagh so, mar a tha sinn a’ faicsinn, Ierem. v. 1, &c. Is gann a bha aon duine air fhaotainn ann an Jerusalem a chuireadh breitheanas an gniomh, agus a dheanadh an fhirinn. ’Ni h-e a mhain gu’n robh a ghainne so ri fhaotainn a’ measg na’m bochdain agus an t-sluaigh gun eolas, ach eadhon a’m measg na’n daoine mòra; oir spealg iadsan gu h-iomlan a chuing, agus bhris iad na cuibhrichean, rann 5, uime sin tha leantainn, anns an 7 rann, C’ionnas a mhaitheas mi so dhuit? Agus a ris rann 9, Air son na nithe so nach d’thig mise d’an amharc deir an Tigearn; agus air a leithid so do chinneach nach dean m’anam dioghaltas? Mar sin, anns an dà rann mu dheireadh de’n chaibideil sin tha e air a radh, tha ni uamhasach agus ro-eagalach ’ga chuir an gniomh anns an tìr. Tha na fàidhean ri faistneachd bhreige; agus na sagairt a’ riaghladh air an laimh-san; agus is ait le m’ shluagh-sa e bhi mar sin: ach ciod a ni sibh ann an deireadh na cuise? Bha a leithid sin do shagairt, an leithid sin do shluagh an so; agus ciod eile ach leir-sgrios ris am feudte duil a bhi? Mar sin, Ierem. vi. 13, agus viii. 10, tha e air a radh, o’n aon a’s lugha gus an aon a’s mò dhiubh, tha gach neach ’ga thoirt féin suas d’a ana-mhiannaibh; agus o’n fhàidh fòs gus an t-sagairt, tha gach aon a’ gnathachadh ceilg. Uime sin tha fearg air a bhagradh mar-aon air sean agus òg, sgus air uile luchd-aitridh na tire, rann 11, 12. Faic mar an ceudna rann 28. “Tha iad uile na’n daoine a thug barrachd ann an ceannairc, a’ gluasad gu cealgach: is umha agus iarunn iad, an t-iomlan diubh ’nan innealaibh truailidheachd.” Tha so gu soilleir air a chuir as an leth, vii. 18. “Tha a chlann a’ tional connaidh, agus na h-aithrìchean a’ fadadh an teine, agus na mnài a’ fuineadh taois, a dheanamh bhreacag do bhan-righinn neimh.” Air doigh ’s gu’n robh duine, bean agus leanabh, sean agus òg, ann an co-bhainn mar-aon, agus le aon ghualainn, a’ tabhaint air aghaidh an claonadh agus an dealachadh so ’o Dhia. Mar sin, Ierem. xi. 13, 14. Oir do reir àireamh do bhaltibh bha do dhéibh, O Iudah; agus do reir àireamh shraidean Jerusalem, chuir iad suas altairean do’n ni nàrach sin, altairean gu losgadh tuis do Bhàal. Mar sin thainig am peacadh so gu bhi coitchionn ann am baile Ierusalem gu h-iomlan, agus troimh thir Iudah uile: agus ciod a thainig air a lorg? “Uime sin na dean thusa urnuigh air son an t-sluagh so,” &c. Tha shamhuil so againn ann am Micah iii. 11. “Tha an ceannardan a’ toirt breith air son duaise, agus an sagairt a’ teagasg air son tuarasdail, agus am faidhean a’ faistneachd air son airgiod”: agns ciod a tha leantainn air sgàth so? “Uime sin, rann 12, air bhur son-sa bithidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bithidh Ierusalem na charnaibh, agus sliabh an tighe mar ionada ard na frith.” ‘Se sin, gu’m bi am baile agus an naomhionad air a chuir fàs. Bha’n ni so fein air a chuir a’s leth an t-sluagh so le Sephaniah iii. 3, 4. Tha a prionnsachan an taobh a stigh dhi na’n leòmhain bheucach; is madaidh-alluidh an anamoich am breitheamhna, cha’n fheith iad gus a mhaduinn gun na cnamhan itheadh. Is daoine èutrom fealltach am fàidhean: thruail a sagairt an t-ionad naomh: bhris iad an reachd. Air doigh ‘s gu’n robh araon an eaglais agus an stàide air an truailleadh; agus uime sin bha anaoibhinn air a chuir an céill na h-aghaidh, rann 1. Faic mar an ceudna Micah vii. 2-6.
-
‘Nuair a tha truaillidheachd ann an aoradh agus ann an òrduighean Dhé air a cheadachadh, air altrum, agus air buan-achadh ann, agus saobh-chrabhadh no iodhal-aoradh air a thabhairt a steach, an sin tha aobhar eagail air son buille do-sheachanta; “Oir tha Dia na Dhia eudmhor, agus cha mheas e iad-san neo-chionntach a bheil ainm an diomhanas, ach agraidd e aingidheachd na’n aithrichean air a chlann gus an treas no an ceathramh ginealach dhiubh-san a dh’fhuathaicheas e agus a thruailleas òrduighean.” Bha so mar an ceudna air a thabhairt mar aobhar air son an sgrios a thainig air an t-sluagh so, 2 Eachd. xxxvi. 14. Thruail iad tigh an Tighearn, a naomhaich e ann an Ierusalem, air an doigh cheudna, Esec. v. 11. Bha e air a bhagradh, “Air an aobhar sin, mar is beò mise, deir an Tighearn Dia, gu deimhin, a chionn gu’n do thruail thu m’ionad-naomh, le t-uile nithe fuathach, agus le t-uile ghrainealachdaibh, uime sin lughdaichidh mise thus mar an ceudna; agus cha chaomhainn mo shuil, ni mò bhios truas air bith agam.” Faic mar an ceudna na rainn a leanas, far am bheil uamhais a bhuille air a chumail a mach. ‘Seadh, a deir esan, rann 13, Mar so coimhlioran mo chorruich, agus bheir mi air mo dhian-fheirge luidhe orra, agus bheir mi dhomh féin fois. Agus tha na h-uile air a dhaigneachadh an 17 le so, Mise an Tighearn a labhair e. Mar an ceudna, Esec. vii. 20. Ach rinn iadsan dealbhan an cuid grainealachdan agus an nithe fuathach-san. B’e so am peacadh, agus ciod a tha leanntainn? Uime sin chuir mise am fada uatha e, no rinn mi dhoibh e na ni neo-ghlan. Agus thuille air so, anns na rainn a leanas, tha e bagradh a thabhairt do làmh na’n coimbeach mar chreach, agus do luchd creach a ni a thruailleadh, &c. Faic mar an ceudna viii. gu h-iomlan, agus xxiii. 38, 39. A ris Ierem. ix. 12, 13, &c. Bha’n tir a’ dol am mugha, agus air a losgadh suas mar fhasach, air doigh’s nach ‘eil aon neach a’ dol troimhe. Agus c’airson a bha so? Do bhrigh, deir an Tighearn, gu’n do thréig iad mo lagh, a chuir mise fa’n comhair, agus nach d’thug iad geill do mo ghuth, ni mo a dh’imich iad ann; ach gu’n d’imich iad an deigh beachd-smuain an cridhe féin, agus an deigh Bhaalim, a theagaig an aithrichean dhoibh, &c.
-
‘Nuair a tha tir no eaglais a’ claonadh air falbh o Dhia, treigsinn a chreidimh, briseadh ceangal pòsaidh, a’ cuir an aghaidh an dàimh cumhnaint, an sin feudar dùil a bhi ri claidheamh, leis an diol an Tighearn cuisghearain a chùmhaint, Lebhit. xxvi. 25. Agus tha aobhar eagail gu’n dean breitheanas do-sheachanta greim air a leithid sin do pheacaich: oir mar so bha e la sluagh Iudah, Ierem. ii. 9, 10, 11, 12, 13; Ierem. iv. 16, 17, 18. Thréig iad Dia, agus rinn iad ceannaicr ‘na aghaidh; agus uime sin thainig leir-sgrios, rann 28, agus Ierem. xi. 10. Do bhrigh ‘s gu’n do bhris iad coimhcheangal De a rinn e r’an aithrichean: uime sin, bhagair e olc a’ thabhairt orra, 11, o nach biodh iad comasach air dol as, agus nach eisdeadh esan ge d’ghlaodhadh iad ris. Agus an sin anns 14, “Air an aobhar sin na dean thus urnuigh air son an t-sluagh so,” &c., Ierem. xxii. 6, 7. Bhagair an Tighearn’ gu’n deanadh se iad na’m fásach, agus na’m baille neo-aitichte, anns a mheud a’s gu’m biodh iongantas air na fineachaibh, agus gu’m feoiricheadh iad ciod is aobhar do so? agus ‘se so am freagradh a gheibh iad anns 9 rann, “Do bhrigh gu’n do threig iad an Tighearn an Dia, agus gu’n d’thug iad aoradh do dhéibh eile, agus gu’n d’thug iad seirbhis doibh.” Agus anns an aite cheudna, Ierem. xv. 6, tha e air a radh, “Thrég thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air t-aís; air an aobhar sin, sinidh mise mo lamh a mach a d’ aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgith do ghabhail aithreachais.” Faic ciod a bha air a bhagair air son briseadh cumhnain, Ierem. xxxiv. 17, 18, 19, 20. “Thubhairt an Tighearn gu’n gairmeadh e saorsa do na chlaidheamh, do na phlaigh, agus do na ghoirt, agus gu’n tugadh e orra bhi air an ath’rachadh gu uile rioghachdan na talmhainn, agus gu’n tugadh e gach uile inbhe ‘nam measg do lamhan an namhdhean, agus an cuirp mharbh na’m biadh do eunlaith neimh, agus do bheathaichean na talmhainn.” Tha sinn a’ faicinn, Esec. xvi., cia mar a tha’n Tighearn’ a’ tarruing a mach aobhar sònruchte ‘nan aghaidh, agus a’ dearbhadh gu’n deach iad air striopachas, agus sin ann an doigh ro-ladurna. Agus uime sin, tha e ag radh, gu’n d’thoir e breith orra mar mhnaoi a bhriseas a ceangalpòsaidh, rann 38; agus gu’n toir e air a choruich riu fois a ghabhail, agus gu’n imich eud uatha, agus gu’n gabh e fois, rann 42. Agus a ris, rann 59, tha e ag ràdh, “Buinidh mise riutsa amhuil mar a rinn thu fein, a rinn tair air na mionnain, ann am briseadh a choimhcheangail.” Faic an ni ceudna air a chuir as leth Israel mar aobhar am fàsalachd, Hosea iv. 12-14, v. 4-7, viii. 1, 2, ix. 1-3, agus xiii. 16.
-
‘Nuair a tha’n claonadh so agus an treigsinn air Dia do thaobh a chreidimh, a’ dol an cuideachd mòr ain-diadhachd fhollaiseach, peacaidhean eagallach ann an aghaidh dara clar an lagh’, ni a tha dearbh sholus nàduir a’ diteadh, ann an sin feudaidh na ciontaich a bhi fo eagal air son buille do-sheachanta, agus buille cheartaich nach urrainn a bhi air a sheachnad, oir cha’n àill leis an Tighearn gu’n bi e air a radh, no air a shaolsinn le coigrich, gu’n giulain se le mòran mi-dhiadhachd ann a shluagh aidichte féin, agus am fulang gu barrachd a thabbairt air na cinnich ann an aingidheachd, as-eugmhais smachdachadh no peanas. Tha sinn a’ faicinn sluagh Iudaibh, air an robh sgrios do-sheachanta a’ teachd, gu’n robh iad mar an ceudna air an agairt air son moran aingidheachd fhollais-each agus an-tromaichte, Ierem. v. 26, 27, 28, 29. Bha daoine aingidh ‘nam measg, “Tha iad ri feall-fholach, mar neach a’ suidheachadh lìontan; tha iad a’ leagail ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine, bha an tighean làn ceilig; ‘seadh thug iad barrachd air gniomh na’n aingidh, agus do thaobh sin tha ‘leantainn, 29. Air son na nithe so nach d’thig mise d’an amharc? deir an Tighearn; air a leithid so do chinneach nach dean m’anam dioghaltas?” Mar an ceudna, Ierem. ix. 1, 2, 3, “Bha iad uile na’n adhalt-ranaich, coimthional do dhaoine cealgach, a’ lùbadh an teanga mar am bogha chum ceilig, a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug, agus mheall iad an coimhearsnaich; labhair iad gu siothchail, ach ‘nan cridhe rinn iad feall-fholach.” Air an aobhar sin tha e air a radh anns rann 9, “Air son na nithe so nach d’thig mise d’an amharc?” &c. Ierem. xxi. 12, “O thigh Dhaibhidh, mar so deir Iehobhah, Deanaibh gu moch breitheanas, agus saoraibh an duine sàraichte o laimh an fhir-shàrachaidh, mu’n d’theid mo choruich-sa mach mar theine, agus mu’n las i air choir ‘s nach feudar a m’ùchadh, air son aingidheachd bhur gniomhara.” Bha na nithe so air an dcarmad leo, agus do bhrigh sin thainig fearg orra mu-dheireadh, agus cha robh dol as ann. Ierem. xxii. 3, 4, 5, 6. Agus tha aig an fhaidh Eseciel an ni ceudna ri chuir as leth an t-sluagh so, v. 5, 6. Dh’atharraich iad breitheanas Dhé gu aingidheachd na ‘s mo na na cinnich, agus a reachdan na ‘s mo na na d’ùtchanna mu’n cuairt doibh. Agus uime sin bhagair an Tighearn, rainn 8, 9, 10, gu’n cuireadh e’n gniomh breitheanas ann am meadhon, agus du’n deanadh e ‘nam measg an ni nach d’rinn e, agus nach deanadh e ni’s mo nì cosmhail ris, Gu’n d’thugadh e orra buille gnn samhui, agus buille gun choimeas. Agus a ris, caib. ix. 9, 10, Tha aingidheachd tighe Israeil agus Iudaibh an-mhor, agus tha’m fearann làn do fhuil, agus am baile làn do cheannaic. Agus uime sin tha e air a chuir ris cha chaomhainn mo shùil, ni mo bhios truas agam, ach diolaidh mi an slighe air an ceann féin. Uime sin bha cead air a thabbairt do luchd millidh an Tighearna gu dhol troimh na bhaile, agus casgairt a dheanamh air sean, agus air òg, air an òigh, agus air an leanabh’s air na mnai; ‘seadh, air na h-uile as eugmhais an dream air an robh an comhara’, rann 5, 6. Faic mar an ceudna caib. xvi. 46, 47, 48. “Rinn Iudah i féin a thruailleadh na’s mò na Samaria, ‘seadh ni’s mò na rinn Sodom,” rann 49, 50, 51. Agus anns xxii. tha againn ainm-chlair mòr air am peacaidhean, faic 2, 4, 6-12. Agus sin air son aobhar brosnachaidh, tarruing a mach a chlaidheamh leis an robh an Tighearn gu gearradh as maraon am firean agus an t-aingidh mar air ainmeachadh anns xxi. 3-14, agus a’ tabhairt air aghaidh an fhàsalachd agus an sgapadh th’air ainmeachadh anns xxii. 15, 16, 19-22. Mar so bhuiin an Tighearn mar an ceudna ri Israel do thaobh an aingidheachd iomadh-fillte, th’air ainmeachadh ann an Hosea iv. 1, 2, 3. Cha robh firinn na trocair, no éolas Dé anns an tir; ach bha brèugan, mionnan, marbhadh, goid, adhaltranas, agus fuil a’ beantainn ri fuil. Faic mar an ceudna Micah vi. 10-13.
-
‘Nuair a tha’n claonadh agus an càrsa peacachaidh so air buanachadh uin fhada, agus nach ‘eil sgios air a ghabhail do’n t-slighe so, ach na’s roghnaichte a’ fàs anns an tréigisinn creididh so, an sin feudaidh an leithid sin a bhi fo eagal gu’n tig an Tighearn’ fa dheireadh, agus nach caomhainn e, ni mo a bhios truas aige, no theid a seachad orra tuille ni’s mò; oir’sann mar so a bha e do thaobh sluagh Iudah, Jeremiah xvi. Tha breitheanasan dubhach air an cuir an cèill ‘nan aghaidh o thùis gus an 10 rann, agus tha’n t-aobhar air a thabhairt anns an 11, 12. “Do bhrigh ‘s gu’n do thrèig bhrur n-aithrichean mise, agus gu’n d’imich iad an deigh dhèibh eile,” &c., agus rinn sibhse na’s miosa na ‘ur n-aithrichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a reir as-innleachd a dhroch cridhe féin, gun ghèil a thoirt dhomhsa. Agus uime sin tha leir-sgrios air a bhagradh as uir, rann 13, “Uime sin tilgidh mi sibh a mach as an tir so, gu tir air nach d’fhuair sibh éolas, far nach nochd mise dhuibh fabhair.” Mar sin, Iere. xxxii. 30, 31, “Oir cha d’rinn clann Israel agus clann Iudah ach olc a mhain am fhianuis-sa o’n oige.” Agus a ris, “Oir bha a chaithir so dhomhsa na h-aobhar feirge agus corruich, o’n là ‘san do thog iad i, eadhon gus an là an diugh; a chum ‘s gu’n atharraichinn i as mo shealladh.” Mar an ceudna tha’m faidh Esec. a tarruing suas clar-innsidh mòr de dh’iomadh cèum de’n cuid ceannairceas, air buanachadh air son iomadh ginealaichean, aig ruith do ghna’ ann an càrsa o athair gu mac, xx. o’n 3 rann gus an 33, agus an sin tha sinn a’ faotainn a bhinn air a tabhairt a mach, “Mar is beo mise, tha’n Tighearn Dia ag radh, le lamh chumhachdaich, agus le gairdean sinte a’ mach, agus le corruich air a dòirteadh a mach, riaghlaidh mise o’s ‘ur ceann.” Agus bha’n dearbh chiont so air a chuir le leth Israel, Hosea x. 9, “O Israel, pheacaich thu na’s mo na ann an laithibh Ghibeah.” Faic mar an ceudna Isa. lxv. 17.
-
‘Nuair a tha sluagh air teachd gu bhi dàna agus ladarna ann an càrsaibh peacach, an sin tha aobhar ‘eagail air son buille dhubhach do-sheachanta cheartuis; oir mar so bha chuis le sluagh Iudah, Iere. iii. 3, “Gidheadh agadsa bha eudan striopaich, chuir thu cùl ri nàire.” Agus a ris, Iere. vi. 15, “An robh nàire orra chionn gu’n do chuir iad grainealachd an gniomh? ni-h-eadh, cha do ghabh iad naire air àon choir; ni mò bha rugha air an gruaidh.” Agus ciod e a tha air a chuir ri so? “Uime sin tuitidh iad am measg na’m muinntir a thuiteas; anns an àm an tig mise g’an amharc, tilgear sios iad, deir an Tighearna.” Mar sin, caib. viii. 12, anns na h-aitean so a dh’ainnmheadh mu dheireadh, shaoilte gu’m b’e na fàidhean fallsa gu sònraichte a bh’air an ainmeachadh, gidheadh tha ‘chuis a’ gabhail a steach muinntir eile. ‘Nuair a tha sluagh do ghna’ a’ brosnachadh an Tighearn ‘san eudan, mar ann an Isa. lxx. 3, “An sin tha iad air teachd gu bhi na’n deatach ann an sròin Dhé, agus na’n teine a tha losgadh rè an là uile,” agus feumaidh iad dùil a bhi ac ri ath-dhioladh o Dhia, mar anns a 5 agus 6 rann.
(Ri leantuinn.)