ANNS an aireamh mu dheireadh de Record na h=Eaglaise Saoire bha iomradh air a dheanamh ann an litir do’n fhear-deasachaidh gu’m bheil a’ Free Presbyterian Magazine naimhdeil do’n Eaglais Shaoir a chionn gu’n do nochd i gu tric na doighean anns am bheil an Eaglais sin a teachd gearr anns an aideachadh a tha i a deanamh. Tha e aithnichte do’n t-saoghal uile an aimhreit agus a’ chomhstri a tha dol air aghaidh ann an Cleir Dhuiheidin. Agus tha e soilleir bho na nithibh a tha tachairt anns a’ Chleir so gur “iad naimhdean duine muimntir a thighe fein.” Thainig cuid de ghnothuichibh na Cleire so fa chomhair a’ Chomision a shuidh ann an Duneidin anns a mhios a chaidh seachad. Fhuair Mhr. Coltart moran coire leis a’ Chleir agus thubairt e an deigh dha’ leughadh anns na paipeirean cuntas mu chomhstri a bha dol air aghaidh gun robh e “fo mhor naire nuair a dh’ ainmeachadh neach sam bith ann na h=Eaglaise Saoire dha.” An deigh do gnotheruichibh eile a bhi air a thogail bha rùn air a chur suas leis an Urr. Seoras Mac Aoidh, Steornabha gu’m biodh stad air a chur air Reception a’ Mhodertoir do bhrigh ‘s gu’n robh “tuilleadh is còir de saoghaltachd anns an Eaglais” agus gu’n robh e iomchuidh gu’m biodh iad air a shaoradh bho “luideagan nan eaglaisean eile” Labhairt an t-Urr. Aonghas Mac Aoidh, Baideanach ris an rùn so gu tuigseach agus gu díleas a’ nochdadh gu’m biodh e nì’s freagraiche gnothuichean cuthromach an Ard-Sheanaidh a thoiseachadh “le ìosalachadh, le trasgadh agus le urnuigh” ann an àite a bhi “g itheadh agus ag òl.” Ach cha d’ aontaich an t-iomlan le sin agus an deigh do Phrincipal Mac Cullach a chur an aghaidh cuid de na nithean a bha air a labhairt leis na dithis mhinisteirean so tharruing Mhr. Seoras Mac Aoidh air ais an rùn aige. Tha e soilleir bho’n aideachadh a rinn na ministirean so gu’m bheil mòran cearr anns an Eaglais Shaoir agus tha dochas againn nach bi iad air a mheas mar naimhdean a chionn ‘s gun d’ rinn iad aithnichte na nithean sin.