Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1908 » April 1908 » Searmon. Leis an Urr. Mr. Eoin Brown, Wamphray, 1680. “An sin thubhairt an Tighearn rium, Ged’ sheasamh Maois agus Samuel a’m’ láthair, cha bhiodh m’anam leis an t-sluagh so ; cuir a mach iad a m’fhanuis, agus siubhladh iad air falbh.”—IEREMIAH xv. 1

Searmon. Leis an Urr. Mr. Eoin Brown, Wamphray, 1680. “An sin thubhairt an Tighearn rium, Ged’ sheasamh Maois agus Samuel a’m’ láthair, cha bhiodh m’anam leis an t-sluagh so ; cuir a mach iad a m’fhanuis, agus siubhladh iad air falbh.”—IEREMIAH xv. 1

(Continued from page 437.)

  1. ‘Nuair nach gabh sluagh comh-strigh an Tighearn gu cridhe, ‘nuair a tha e a’ tagradh ’nan aghaidh le breitheanasan na’s lugha, ni mò am bheil iad a’ gabhail rabhaidh le sin ; ach an deigh sin gu’m bheil iad a’ dol air aghaidh ’nam peacaidhean, ’an sin, tha aobhar eagaill ann, gu’n cuir Dia a dh’aon tarraing buille sgriosach nach urrainn iad a sheachnadh : oir b’e so mar an ceudna peacadh an t-sluagh so mar a chi sinn, Iere. v. 3. “Bhuail thu iad, ach cha d’rinn iad bròn ; chaith thu iad, ach dhuilt iad gabhail ri smachdachadh.” Iere. ii. 30, agus xii. 11. ‘Sann mar so a bha e mar an ceudna le Israel. Amos iv. 6, agus gu deireadh a chaibideil : tha iomadh breitheanas ann an sin air an ainmeachadh, ach cha d’oibrich iad orra gu pilltinn a dh’ionnsuidh an Tighearn, rann 6, 8, 10, 12. Agus an sin tha breitheanas gun ainm, no breitheanas gun samhuil, breitheanas nach b’urrainn a bhi air a chuit an céill, air a bhagradh, agus tha e air iarraidh orra ullachadh air a cinn ; rann 12, “Air an aobhar sin mar so ni mi riut, O Israeil : agus a chionn gu’n dean mi so riut, ullaich thu féin gu codhail a chumail ri d’ Dhia, O Israeil.” Faic Amos vii., far am bheil iomadh breitheanas air ainmeachadh, ach cha d’rinn an Tighearn fathast làn chrìoch. Ach mu dheireadh, rann 8, thubhairt e, cha gabh mi seachad orra tuilleadh ni’s mo. Agus mar sin a ris, caib. viii. 2. Faic mar an ceudna Seph. iii. 7, Isa. i. 5-8.

  2. ‘Nuair a tha fòireigin agus ana-ceartas air a chleachdadh ’am measg sluagh, an sin tha deadh aobhar eagail air son buille a thilgeas bun o’s ceann ; b’e ainneart aon de’ na peacaidhean a thug an tuil air an t-seann saoghal, Gen. vi. 11, 14. Agus air son a pheacaidh so, bha Ierusalem air a bagradh le leir-sgrios, Isa. i. 21, 23, 24. “Cionnas a dh’fhàs a chaithir dhìleas na striopaich ! Ris an dilleachdan cha’n eil iad a’ cumail còthrom, agus cùis na bàntraich cha’n eil a’ teachd ’nan làthair.” Uime sin deir an Tighearn, Tighearn nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha, bheir mi fois dhomh féin a thaobh m’eascairdean ; dholaidh mi mi féin air mo naimhdean. Mar sin, Ier. vii. 6. Bha iad a’ sàrachadh a choigich, an dilleachdan, agus na bàntraich, agus a’ dòirteadh fuil neo-chiontach. Mar an ceudna, Ier. xxii. 17, 18. Agus uime sin tha breitheanas ghoirt air a bhagradh air an rìgh Iehoiacim, rann 18, 19, Gu’m biodh e air adhlacadh le adhlacadh asail, air a tharraing air falbh agus air a thilgeadh an taobh a muigh do gheataichean Ierusalem. Chi sinn ciod a bha air a bhagradh an aghaidh Israeil, Amos ii. 6-8. Air son a pheacaidh sin a’ bhi reic an fhirean air son airgiod, agus nan bochd air son bhróg, air son saltairt sìos ceann nan bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciùine, agus ‘gan sìneadh féin air eudaichibh a ghabhadh an geall, agus ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an tigh an dé. Faic mar an ceudna Amos viii. 4-6, far am bheil peacadh an eas-ionracais agus an fhoirneirt air a chuir as an leth; agus an deigh sin, rann 7, “Mhionnaich an Tighearn air oirdhearcas Iacoib, gu deimhin cha dì-chuimhich mi gu bràth an uile oibre. 8. ‘Nach criothnuich am fearann air son so? agus nach dean gach duine a ta chomhnuidh ann caoidh? &c. Mar an ceudna Micah ii. 1, 2. Tha shamhuil sin do pheacadh air a chuir as leth an t-sluagh sin, agus an deigh sin rann 3, “Air an aobhar sin, mar so a deir an Tighearn, feuch, an aghaidh an teaghlach so, tha mise a’ dealbh uile, o nach buin sibh air falbh ‘ur muineal.” Agus tha fàsalachd iomlan air a bhagradh, rann 4, 5. Agus rann 10, tha e air a radh, “Eiribh agus imichibh, oir cha’n i so ‘ur comhnuidh; a chionn gu’m bheil e air a shalachadh, sgriosar e, agus bithidh an sgrios mòr.” Faic mar an ceudna caib. iii. 1-4 agus 9-12. Chunnaic Habacuc mar an ceudna am peacadh so ann an Iudah, i. 2-4. Ainneart, aingidheachd, buaireas, creach, strigh, aimhreit, gun breitheanas, ach breitheanas eucoireach. Air an aobhar sin, rann 5, 6, &c., Bha obair breitheanais do-chreidsinn gu bhi air oibreachadh, agus bha na Caldeanaich gu bhi air an cuir ‘nan aghaidh. Agus bha an nì ceudna air a bhagradh le Sephaniah, caib. i. 3-7, 9, air son a pheacaidh cheudna, agus iii. 3. Faic Isa. v. 23, gu crich a chaibideil.

  3. ‘Nuair nach lean muinntir slighe Dhé, agus nach pill iad ri achmhasan, ach gu’n d’theid iad air an aghaidh ann am peacaidhean; agus ‘nuair a thig olc orra, gu’n gnathaich iad innleachdan feolmhor a chum iad féin a dhìon, agus gu’n ruith iad a dh’ionnsuidh gairdean feòla; ‘an sin tha aobhar eagail ann, gu’m bris corruich Dhé a mach agus gu’n loisg e as eugmhais leighis; oir b’e so mar an ceudna peacadh Iudah, cha b’aill leo pilltinn a dh’ionnsuidh Dhé, ach chuireadh iad an dochas anns an Eiphit agus ann an Asiria ann an teanmtachd, Iere. ii. 8, 9, 36, 37. Air an doigh cheudna, Isa. viii. 6-8. A chionn gu’n do chuir an sluagh so cùl ri uisgeachan Shiloab, a ruithadh gu sèimh; agus gu’m bheil iad a’ gabhail tlachd ann an Resin agus ann an mac Remaliah. ‘Nis uime sin, feuch, bheir an Tighearn a nìos orra uisgeachan na h-aibhne, làidir agus lìonmhor, eadhon rìgh Asiria agus ‘uile ghreadhnachas: agus gabhaidh e roimhe air feadh Iudah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e. Mar an ceudna Hosea v. 13, 14. “Nuair a chunnaic Ephraim a thineas, agus Iudah a chreuchd, ‘an sin chaidh Ephraim a chum an Asirianaich. Gu deimhin bithidh mise mar leòmhan do Ephraim, agus mar leòmhan òg do thigh Iudah: reubaidh mise, eadhon mise féin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thearnas.” Agus a ris, vii. 11, 12, “Tha Ephraim fòs mar choluman amaideach, gun eòlas; tha iad a’ glaothaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria. ‘Nuair a thriallas iad, sgaoididh mise mo lìon thairis; mar eunlaith an athair bheir mi nuas iad; smachdaichidh mi iad an uair a dh’èisdeas iad rì’n coimhthional.’ “Tha Israèl air a shlugadh suas: a nis tha iad ‘am measg nan cinneach, mar soitheach anns nach ‘eil tlachd air bith. Oir chaidh iad suas gu Asiria.” Hosea viii. 8-10.

  4. ‘Nuair a tha sluagh suidhichte air am brèige, a’ fàs mi-churamach, agus féin-mhuinghinneach, gun churam air son nì sam bith, mar gu’m biodh iad air taobh thall ruigsinn air làmh Dhé orra, agus ‘mach as na h-uile cunnart; an sin tha aobhar eagail ann, gu’n dean Dia aithnichte gur esan is tréise na iadsan: oir b’e so mar an ceudna peacadh Iudah, Iere. xxi. 13, 14. “Feuch, tha mise a’ d’ aghaidh, O thusa a ta chomhnuidh ann an gleann Sòr, anns a chomhnuidh, deir an Tighearn; sibhse ta ‘g radh, Cò thig a nuas ‘nar n-aghaidh? No cò thig a steach do’r n-ionada comhnuidh? Ach smachdaichidh mise sibh a reir toraidh bhur deanadais, deir an Tighearn; agus lasaidh mi teine ‘na coilltibh, agus loisgidh e gach nì mu’n cuairt da.” Bha so mar an ceudna air a chuir as leth Israèil le Amos vi. 13. “Sibhse a ta ri gairdeachas anns an nì a’s neo-nì; a ta ag radh, Nach do ghabh sinn do ar n-ionnsuidh uachdaranachd le ar neart féin?” Do thaobh sin, faic ciod a tha leantuinn, rann 14, “Ach feuch, duitgidh mise suas cinneach ‘n’ur n-aghaidh, O thigh Israèil, tha Iehobhah Dia nan sluagh ag radh; agus sàruichidh iad sibh o dhol a steach Hamait gu ruig abhainn an fhàsaich.” Chi sinn ni cosmhail ri so ann an Amos ix. 10. “Bàsaichidh uile pheacaich mo shluaigh-sa leis a chlaidheamh, a ta ‘g radh, cha bheir an t-olc oirnn, agus cha ghlac e sinn gu h-obann.” Faic Esec. ix. 9, 10. ‘Nuair a tha muinntir a’ leantainn nan sligibh peacach so, a dh’aindheoin air iomadh rabhaidh agus earail air an tabhairt, a rìs, agus a rìs, le seirbhiseach an Tighearn, an sin tha aobhar eagail ann, nach feith Dia riu le rabhaidhean tuilleadh, ach gu’n cuir e d’an n-ionnsuidh, aon uair a mhàin buille leir-sgrios, nach faigh iad le’n uile ghlaodhaich air a philleadh air ais, no air a thabhairt dhiubh; do reir, Gnath. xxix. 1, “Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruaidhicheas a muineal, sgriosar e gu h-obann agus sin gun leigheas”; mar an ceudna, Gnath. i. 24-31, “A chionn gu’n do ghairm mi, agus gu’n do dhuilt sibhse, gu’n do shìn mi mach mo làmh, agus nach d’thug duine sam bith an aire, &c.; ni mise mar an ceudna gaire ri bhur sgrios-sa, ni mi fanoid ‘nuair a thig bhur n-eagal; ‘nuair a thig bhur n-eagal mar fhàsachadh, agus a thig bhur leir-sgrios oirbh mar ioma-ghaoith. ‘An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi,” &c. ‘Sann mar so a bha e le sluagh Iudah, Iere. vii. 13. “Agus a’ nis, a chionn gu’n d’rinn sibhse na h-oibre so uile, deir an Tighearn, agus gu’n do labhair mise ribh, ag éiridh gu moch, agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibhse; agus gu’n do ghlaodh mi ribh, ach cha do fhreagair sibh.” An sin tha leantainn, rann 14, 15 “Uime sin ni mi ris an tigh so, amhuil a rinn mi ri Siloh. Agus tilgidh mi sibh a’ mach á m’fhianuis, mar a thilg mi mach bhur braithrean uile, an t-ìomlan do shliochd Ephraim.” Agus an deigh sin tha e ag radh, rann 16, “Air an aobhar sin, na guidh thusa air son an t-sluagh so.” Tha’m peacadh ceudna air a chuir a rìs as an leth, rann 25-28. Agus an deigh sin, rann 29, “Gearr dhiot do ghruag, O Ierusaleim, agus tilg uait i, agus tog suas tuireadh air na h-ionadaibh árda; oir chuir Iehobhah uait, agus thréig e ginealach a chorruich.” Mar sin, Iere. xxv. 3, tha’m fáidh a’ innseadh dhoibh, ann an ceithreamh bliadhna Iehoiacim, gu’n do labhair e riu rè trì-fhichead bliadhna, sin ri radh o threas bliadhna deug Iosiah, ach sin uile ‘an diomhanas; agus, rann 4, gu’n do chuir an Tighearn d’an ionnsuidh uile sheirbhísich na fáidhean; ach gu’n robh na h-uile ann an diomhanas, rann 7; uime sin tha breitheanasan dubhach air am bagradh, rann 8-11; eadhon tur fhásalachd agus thràillealachd fuidh rìgh Bhàbiloìn air son trì-fhichead bliadhna ‘sa deich gu h-ìomlan, rann 12. Faicibh mar an ceudna xxix. 17-19, agus xxxv. 17. B’e so peacadh Israeil mar an ceudna, Hosea v. 2, agus vi. 5-7, agus ix. 17. “Tilgidh mo Dhia air falbh iad, a chionn nach d’éisd iad ris; agus bithidh iad nan fógarraich ‘am measg nan cinneach.”

  5. ‘Nuair nach e ‘mhàin nach gabh sluagh rabhaidh, ach mar an ceudna gu’m bi iad nan tosd mu rabhaidhean; an sin feudaidh iad a bhi fo eagal gu’n gabh Dia dìoladh dhiubh; oir ‘sann mar so bha e le sluagh Iudah, Iere. v. 11-13. Oir bhuin tigh Israeil agus tigh Iudah gu ro-chealgach rium-sa deir an Tighearn. Dh’aicheadh iad an Tighearn, agus thubhairt iad, cha’n e a t’ann; nì mò thig olc oirnn; agus an claidheamh no a ghort cha’n fhaic sinn. Ach Bithidh na fáidhean mar ghaoth, agus cha’n ‘eil am focal annta. Air an aobhar sin tha leir-sgrios air a bhagradh leis na Caldeanach anns na rann a leanas, 14-17. Faicibh mar an ceudna Iere. vi. 10-12. Mar so, Iere. 12, 13. ‘Nuair a bhagair an Tighearn làithean dubhach a thabhairt orra, b’e am feum uile a rinn iad dheth, gu’n dubhairt iad nach robh dòchas ann; ach gu’n imicheadh iad an deigh an innleachdan féin, agus gu’n deanadh iad do reir beachd-smuain an droch chridhe féin. Tha fhios againn ciod a rinn an rìgh aingidh sin ris an rola do bhagraidhean, Iere. xxxvi. Ach Faicibh ciod a lean air sgàth sin, 30, 31. Agus tha rola eile air a sgriobhadh le tuilleadh air a chuir ris, rann 32.

  6. ‘Nuair a tha sluagh a’ tionndadh gu bhi cho ladarna ann an sligibh, agus cho suidhichte ann an cùrsaibh peacach, air doigh ‘s nach gluaisear iad leis gach uile rabhaidhean a’s urrainn a ghnathachadh; ni h-eadh, ach gu’m bi iad fo chorruich, agus gu’n dean iad geur-leanmhuinn orra-san a chomhairleas iad, no a dh’earaillicheas iad gu ath-leasachadh; ‘an sin tha a chuis cosmhail ri bhi an-earbsach, agus feumaidh an leir-sgrios a theachd; oir ‘sann mar so a bha e le Iudah, 2 Eachd. xxxvi. 15, 16. Rinn iad fanoid air teachdaireachdan Dhé, agus mhì-ghnathaich iad fháidhean, gus an d’eirich an Tighearn suas an aghaidh a sluaigh, gus nach robh leigheas ann. Agus an fhulangais a dh’fhuilinn Ieremiah o’n làmhan air son a thréibhdhreas, tha a leabhar ‘ga innseadh dhuinn, xi., xxvi., agus xxxviii. Mar sin bha e le Israel, Amos v. 10. Is fuath leó esan a bheir achmhasan anns a gheata, agus is gráin leó esan a labhras gu h-ionraic. Faicibh mar an ceudna Amos viii. 10, gu crìch, air an do lean, caib. viii. 2. Tha a chrìoch air teachd air mo shluaigh-sa Israel, cha gabh mise seachad orra tuilleadh. Cia mò mhòr a dh’fheudas sluagh no ginealach nam measg nach e, a h-aon, no dhà, no tearc a mhàin do na peacaidhean so a tha air am faotainn, ach na h-uile dhiubh, a bhi fo eagal, gu’m feud a leithid do bhuille a bhi teachd, nach dean urnuigh no eadar-ghuidhe duine cruthaichte a philleadh air ais? Tha’n Tighearn ag innseadh dhuinn le Esec. xiv. ‘Nuair a bhriseas e lorg an arain, agus a chuireas e gort air tìr, do thaobh an ciontachadh gu ain-mhòr, ge do bhiodh an triuir dhaoine so, Noah, Daniel, agus Iob ann, nach saoradh iad ach an anama féin, rann 13, 14. Agus a rìs, ma bheir e air beathaichibh cronail an tìr a mhilleadh, ge’ do bhiodh an triuir dhaoine so innte, nach saoradh iad mic no nigheana, &c., rann 15, 16. Mar sin, ‘nuair a bheir e claidheamh air an tìr, rann 17, 18, no plàigh, rann 19, 20; agus an deigh sin, tha e a’ meudachadh, rann 21, “Cia mò gu mòr tha chuireas mi mo cheithir breitheanasan goirt air Ierusalem, an claidheamh agus a ghort, agus am beathach cronail, agus a phlàigh, a chum duine agus ainmhidh a ghearradh a mach as?” ‘Se sin r’a ràdh, Cia mò mhòr a theid mise air m’aghaidh agus a sgriosas mi? Agus cia lugha mhòr a ruigeas iadsan a leas a saoileadh-san a dhol as, air son athchuingean Noah, Daniel, agus Iob, no air sgàth an dàimh riu. Mar sin, ma ‘se a’s air son a h-aon, no dhà, no tearc de’ na peacaidhean a dh’ainmicheadh, gu’m bheil sinn a’ tuigsinn, gu’n toir Dia breitheanas do-sheachanta air sluagh no air tìr, agus nach bi stad air e bhi air a chuir an gnìomh, le eadar-ghuidhe Mhaois no Shamueil; cia mò mhòr a dh’fheudas sinne a saoileadh-san, gu’n dean breitheanas cinnteach agus do-sheachanta greim air ginealach a tha ciontach do’ nan fichead gnè chiontaibh gràineil so? O’n aobhar so feudaidh sinn uile na leasanan an so ionnsachadh:—

  7. Eagal agus ball-chrith a bhi oirnn am fianuis an Dia so, ‘faicisinn gu’m bheil e na bhreitheamh agus na uachdaran cho ceart agus cho geur-theann, agus a’ faicinn gu’m bheil e na nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dia bheò.

  8. A bhi air ar faicill roimh a mhì-ghnàthachadh, oir ciod ‘sam bith mar a dh’fheudas i mairsinn car tamall, gidheadh teirigidh ise mu dheireadh, mar air son a toraidhean, agus crìochnaichidh fad-fhulangas air a mhì-ghnàthachadh ann an leir-sgrios gun seachnadh, agus ann am buille ceartais do-sheachanta.

  9. Na h-uile, co dhiubh ‘siad tìrean no pearsachan fa’ leth, dha’m fiosraich iad féin a bhi ciontach as na h-uile a’ dh’ainmicheadh, mar aobhairean air son toilltinn a leithid do smachdachaidhean, bu chòir dhoibh cabhaig a dheanamh, gu sguir de na slighean peacach, a nì, gun teagamh, leir-sgrios do-sheachanta, a’ luathachadh air aghaidh. B’fhearr faotainn a mach a rathad corruich Dhia ann an tràth.

Ma bhios e air fheòraich ciod bu chòir do phobull Dè a dheanamh ann an leithid sin do latha, ‘nuair a tha na h-àitean anns am bheil iad beò ciontach agus a’ buanachadh anns na peacaidhean cràidhteach so, agus nach ruigear a leas sùil a bhi ri bheag sam bith ach fearg a bhi air a dòirteadh a mach, air doigh ‘s nach dean urnuigh, trasgadh, no athchuingean a chumail air ais? Air son freagradh, cuimhnicheadh an leithid sin na dleasdanais so a leanas.

  1. Biodh iad air am faicill roimh iarraidh nithe mòr air an son féin, Iere. xlv. Thubhairt an Tighearn ri Baruch leis an fhàidh Jeremiah, rann 4, 5. Feuch an nì sin a thog mi, tilgidh mi sìos; agus an nì sin a shuidhich mi, spionaidh mi nìos; eadhon am fearann so gu h-iomlan. Agus am bheil thus’ ag iarraidh air do shon féin nithe mor? Na iarr; oir, feuch, bheir mise olc air na h-uile fheòil, deir an Tighearn. O’n so chì sinn nach tig e do shluagh Dhè a bhi gu ro-mhòr a’ cuimhneachadh orra féin, agus air na nithe a bhuineas dhoibh féin, ann an leithid sin do latha; ach gu’m bu chòir dhoibh a bhi gle thoilichte, nan d’thugadh an Tighearn dhoibh an anam mar chreach, mar a gheall e do Bharuch.

  2. Bu chòir dhoibh strìochdadh sìos, agus an Dia so aoradh, a tha ceart agus firinneach ‘na uile shlighibh; bu chòir dhoibh a bhi tosdach ‘na làthair, agus am beul a chuir anns an duslach. Cha bu chòir do smuain comh-strìgh àite fhaotainn ‘nan cridheachan. Cum do thosd, a deir Sephaniah, ann an làthair an Tighearn Dia, i. 7: oir tha là an Tighearn am fagus: oir dh’ullaich an Tighearn iobairt, thug e cuireadh do dh’àraidhean, &c. ‘Nuair a tha’n Tighearn a rùnachadh iobairt a dheanamh ann an tìr, agus closaichean dhaoine a thabhairt do eunlaith nèimh, agus do bheathaichean na machrach; bu chòir do na h-uile fheòil a bhi tosdach, agus bu chòir d’a shluagh-san air doigh àraidh a bhi samhach, agus an tosd a chumail ‘na fhianuis, as-eugmhais gearan, no bhi a’ nochdadh mì-thoileachadh sam bith ris a chùis.

  3. B’i chòir dhoibh a thabhairt faire gloir Dhé a bhi a’ dealradh a mach anns a ghnìomh comharraichte naomh sin do cheartas; a bhi a’ faicsinn a mhòralachd, eagalachd, uamhasachd, agus a chruadhas cheart, a chum an cridheachan a shocrachadh nì ‘s mò air-san, agus a chum uaill a dheanamh ann-san. Bha’n là dòrch agus eagalach a bha gu teachd air Iudah, air ainmeachadh, agus iomadh nì air an cumail a mach, a chum is gu’n deanadh e lorg nì bu doimhne orra.

WE regret we are compelled to hold over until next month several articles of interest. We hope to publish in next volume, among other things, Dr. Love’s Addresses to the Inhabitants of Otaheite, and the Spiritual Memoirs of Catherine Collace or Mrs. Ross, a schoolmistress of the seventeenth century, and an intimate friend of the eminent Thomas Hogg, of Kiltearn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice