Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1908 » May 1908 » Cunntas Aithghear

Cunntas Aithghear

Mu Bheatha ‘n Urr. Raibeart Fiunlason,
Bha na Mhinisteir do’n Eaglais Shaoir ann ‘n Eilein Leoghais,
agus ann ‘am Bunfhillidh.
LEIS AN URR. I. MACPHERSAIN, BHA ANN ‘N LOCHAT’SE, 1870.

ROIMH-RADH.

THA’N cuimhneachan goird a leanas, air a chuir ri cheile le sùil gu’m bi e gu h-àraid “taitneach do na naoimh” do’m b’aithne Mr. Fiunlason, agus d’ a luchd-eisdeachd gu coit-chionn. “Air dha bhi marbh, tha e fathast a’ labhairt,” Bidhidh iomradh a’s fhèarr, agus nis faide air an fhirean, na ‘s urrain duine air bith thoirt air. “Air chuimbne gu bràth bidhidh am firean.”

B’aithne dha-san tha sgriobhadh an Roimh-Ràdh so, duine bha fichead bliadhna ann an Eilean Leoghais, ach nach buineadh do ‘n Eilean, agus thubhairt e ris. “Cha chuala mi duine riabh ag ràdh ni bu mhiosa na aimn mu Mhr. Fiunlason.” Cha b’ ioghnadh sin, do bhrigh nach robh e aca ri ‘radh. Is tearc iad aig am bheil an cliù a fhuair beagan ann an Sardis. “Tha beagan ainmean agad eadhon ann an Sardis, nach do shalaich an eudach.” Bha’n cliù sin aig an Teachdaire so, agus ged a tha an saoghal ni’s daille na’n fhamb-thalmhainn d’a thaobh fèin, tha e biorshuileach mar an iolaire airson an smal a’s lugha fhaicinn air cliù agus cleachdadh sluaigh Dhe, gidheadh cha d’ fhuair e ni air bith a dh’ innseadh e ann an Gat, na chuireadh e an céill ann an sràidibh Asceloin, ‘n aghaidh Mhr. Fiunlason.

Bha ‘m Marbh-rann tha ‘s an leabhran so, air a sgriobhadh, le Eanruig Mac-na-Ceàird, duine diadhaidh a thainig gu tric á Dunbheath gu Bunfhillidh, astar chüig-mile-deug air maduinn na Sabaid, a dh’eisdeachd an t-soisgeil o Mhr. F.

Tha’n t-iomradh a sgriobh Mr. M’Ghrigair aig àm bàis Mhr. F. air eadar-theangachadh le aonta chridheil an Ughdair a sgriobh e air tüs.

Cha b’abhaist do Mhr. F. a shearmonan a sgriobhadh gu h-iomlan, tha sinn an dochas gu ‘n cum an leughadair suairc so na chuimbne, ‘s mar-an-ceudna, gu bheil na shearmonan air an eudar-theangachadh o’n bheurla.

‘S e caraid ann an Steornobha’, aig an robh mios air Mhr. F. a b’ aobhar gu ‘n do chuireadh a chunntas a leanas cuideachd.

‘S e dùrachd an sgriobhadair gu ‘n dean Ceann uile-ghlòirmhor na h-Eaglais, an leabhran so a bheannachadh dhoibh-san a leubhas e.
I. M’P.
Lochait’se, ceud mhios na bliadhna 1870.

I.—O AM OIGE MHR. FIUNLASON, GUS AN D’FHUAIR E CEAD SEARMONACHADH.

RUGADH Raibeart Fiunlason (na Mac-Fhionnlaidh) ‘s a bliadhna 1793, ann Clyth, ann an Sgir Lathuirn, ann an Siorr’achd Ghall-aibh; bhaisteadh e air an t-seachdamh-là-deug do cheud mhios an earrach, ‘s a bhlidhna ‘s an d’ rugadh e, leis an Urramach Iain Robison, bha aon uair ann am Baile-Bhoid, ‘s an deigh sin ann an Ceann-a-ghuisaich. Bha Mr. R. na dhiadhair thug barrachd air mòran na là, ann an tiadhlan, ‘s ann an gràsan, ‘s bha e air aideachadh gu mòr leis an Tighearna, ‘s an fhion-lios.

“A Mhaighstir Robison na h-àill!
Bu ghoirt am buille dhuinn do bhàs;
Is iomadh neach do chloinn nan gràs,
Rinn sud ro-chràiteach, muladach.”

—Dr. DOMHNULLACH.

Tha e air aithris le dream a dh’ fheudar a chreidsin gu ‘n dubhairt Mr. R. ri m’athair Rob, an deigh an leanabh a bhaisteadh, “Thoiribh an aire air an leanabh sin, oir fhuair sibh Sàmuel o ‘n Tighearna.” ‘S an àm so, bha athair Mhr. Fhiunlasain, na mhaighster-sgoile ann an Clyth, ach cuig bliadhna ‘n deigh sin, chaidh e do Dhunbheath. Fhuair m’athair Rob togail ro churamach ann an oilean, agus ann an teagasg an Tighearna. O bha i na leanabh, b’aithne dhi na sgrìobtuire naomh. Bha Mr. Guin, a h-athair na sholus dealrach na là; mar sin, chunnaic Rob, o oige “teagasg Dhe ar Slanuighir air a dheanabh maiseach anns na h-uile mithibh,” agus bha sin na shochair mhor dhà. N’uir a bha e deich bliadhna a dh’aois, b’e a chleachdadh bhi dol ann an cuideachd athair, ‘s a mhàithair a chluinntinn an t-soisgeul ann an Berradhail, ann am Braighe-mor, bha aig an am sin, Mr. Macintòisich (a bha na dheigh sin na theachdair ann an Innirsheorsa), a searmonachadh eadar an dà àite sin. Bha tomhais do dhèidh aige Rob, o oige bhi ‘g eisdeachd an fhocail, agus mhothaich e ni éigin coslach ri stri an Spioraid ri anam, ‘s ghluais so e gu bhi ‘g ùrnuigh, ‘s a leubhadh na Sgriobturean. Ach “mar a thubhairt e fein, bha e coslach ris na doill aig dorus tigh Lot, a sgithich iad” fein ag iarraidh an dorus, ‘s cha b’urrainn dhaibh fhaotuinn. Bha e fathast aineolach air slighe na slainte. Cha b’ aithne dha cionnus a ghabhadh a Cheist Mhòr fuasgladh, “Ciod is còir domh a dheanamh chum gu ‘n tearnar mi?” Gniomh xvi. 30. Ged a bha e tric air fhiosrachadh le geur mhothuchadh air a pheachduidhean, cha do mhair sin fada, “bha a mhaitheas mar neul maidne, agus mar an drùchd moch, a shiubhlas air falbh.” Hos. vi. 4.

O laithean oige bha dèidh aige bhi na mhinister an t-soisgeul, agus bu tric a rachadh e mach air feadh nan achuidhean na aonar, ‘s nuair a thuiteadh e air àit uaigneach, ann an sloc, na ann an gleann, thoisicheadh e air searmonachadh ri co-thional a ghairm a Mhac-meanna beothail fhein cuideachd, ann am priobadh na stìl, thòisicheadh e, le bhi ‘g ainmeachadh steidh an teagaig roinneadh e an earran, ‘s cho-chureadh e an teagasg ri cho-thional, agus cha robh dì cainnt scriobturail, no beachdan soisgeulach air. N’uir a bhidheadh e treis a labhairt thionnd’adh teagasgan beo an t-soisgeul air fhein, o bheul fhein, mhaothaicheadh so a chridhe, ‘us shilleadh e deur gu frasach, agus cho-dhunadh e an t-seirbhis anns an fhonn sin. Tha e iongantach na beachdan cudthromach, a thigeadh ri aghaidh inntin n’uar a bha e labhairt, ‘s e gu h-iomlan aineolach orra ann an suidhichean eile. Bha e duilich dha fhein a bhreithneachadh cionnus a b’urrain dha urrad do dh-aoibhneas bhi aige, ‘s do thogail inntin, agus e aig a cheart àm na choigreach air cumhachd na firinn, mar a tha i ann an laimh an Spioraid a deanabh a pheacaich deònach gabhail ri Criosd mar a tha e air a thairgse gu saor ‘san t-soisgeul. Cho-dhuin e gu’m buineadh na nithe so do dh-obair choitchionn an Spioraid, agus mhios e gu’n robh e fein aig’ an àm so coslach ris an neach, a tha an Slanuighear ag ainmeachadh ‘s an earran a leanas—”Ach esan a fhuair siol ann an aitibh creagach, is e so an ti a chluinneas am focal, agus a ghabhas e air ball le gairdeachas; gidheadh cha’n ‘eil freumh aige ann fein, ach fanaidh e rè tamuill; agus an uair a thig trioblaid no geurleanmhuinn air son an fhocail, air ball gheibh e oilbheum.” Mat. xiii. 20, 21.

Ach cha robh a shearmonachadh ris an adhar, ‘s ris na clachan gun bhuanachd dha fein, oir thug e dha beachd air aomadh inntin, agus air na tálanna a thug an Tighearna dha.

Cha robh e da bhliadhna dheug a dh-aois s’an am so, gidheadh cha robh e gun eolas: bha aig athair beagan do leabhraichean luachmhor, agus bha deigh nach bu bheag aig Rob bhi leubhachd na leabhraichean a leanas—”Nadur an Duine, ‘na Staid Cheithr-filte” le Tomas Boston; “Ainmeanna Chuteach Chriosd,” le Dyer—”Slabhraidh oir a Chriosduidh”—”Eachdruidh na Saorsa,” le Eduard.—Leabhraichean Bhunain, Uillison, Uincint, agus Ralph Erskine. Leubh e gu tric na leabhraichean sin, agus cha do dhi chuimhnic e suim na leubh e, ach leubh e na scriobtuirean nas bidheanta na aon diugh sin. An uair a leubhadh e mu’n tuil, ‘s eachdruidh deich plaighean na Eiphit, bhidheadh e air a lionadh le mòr urram do cheartas ‘s do naomhachd Dhe, ann a bhi deanabh peanas air a naimhdean, oir mhios e gu’n do thoill iad ceart bhreitheanas De. Agus aig a cheart am bha naimhdeas na h-inntinn fheolmhor, ‘s amaideachd do labhairt nan daoine sin, ga lionadh le ioghnadh, ‘nuair a bha iad a treigsin Dhe tobar nan uisgeachan beo, chum ‘s gu’n sasaichadh iad an ana-mianna gràinail fein, bha e làn-riarachte gu’n robh Dia ceart ann a bhi deanamh dioghaltas orra airson an ceannairc.

B’e sochair Mr. Fiunlason an soisgeul a chluinntinn air a shearmonachadh le Mr. Domhnnullach (an deigh sin Dr. Domhnnullach na Toiseachd) ann an laithibh oige mar Mhinisteir nuair a bha e a saoithreachadh ann an Berra-dhail.

Theireadh Mr. Fiunlason an deigh sin, gu’n robh beachd math aig pobull an Tighearn air Mr. Domhnnullach aig an àm sin mar dhuine òg a bha gealltanach, ach gu’r ann ‘n deigh dha dhòl do Dhuneidean a fhuair a thallanna cleachdadh. ‘S ann ‘n uair a bha e air a thoirt ri aghaidh a mhòr shluaigh a bha e mar Naphtali—”Is eilid air a leigeadh fuaisgailte Naphtali; bheir e focial thaitneach uaith.” Gen. xlix. 21.

Agus b’e beachd Mr. F. gu’n robh an Tighearna a leigeadh le tâlanna agus grasan, a sheirbhisich fhollaisich na ard-uachdaran-achd, luidhe gun chleachdadh car treis ach na àm fhein, ‘s n’uar a tha obair aige ri dheanamh, ath-bhaistidh e iad-fhein agus an talanna, air chor ‘us gu’m bidh an searmonachadh beothail, rannsachail, agus cumhachdach, ‘s gu’m bi firinn Dhe air a faireachduin leis an luchd-eisdeachd mar shaghdean geur nan cridhe, ‘s mar thoradh air sin, bithidh an sluagh ro-thoileach ann an là a chumbachd, agus tuitidh iad fodha, a tabhairt làn-umhlachd dha.

Cha robh Mr. Fiunlason ach gle òg ‘nuair a bha sgoil air a cuir air a chûram ann an t-Srath-mhor, agus chombnuich e ann an teaghlaich Mhr. Iain Domhnnullach ann an Achscoraclett. B’e a shochair a bhi ‘g eisdeachd gach treas Sabaid, an t-Urramach Iain Munro, duine gràdhach, a bha na dheigh sin, na Mhinistir mor agus diadhaidh ann an Halkirk. Theiridh Mr. F. uime, gu’n robh e na shearmoinich, a bha soisgeulach, agus a labhair o fhein fhiosrachadh, ‘s aig an robh teagasg a bha lan do smior. B’ àbhaist da dhol d’ an eaglais an’ cuideachd Raibbeart Sutherland, fior dhùine diadhaidh agus miosail, ‘s gu’n teagamh bha eisimplair an duine, anabbarra luachmhor dha. ‘Nuair a bha iad a pillidh o ‘n eaglais air la an Tighearn b’abhaist do’n luchd eisdeachd bha dol rathad an t-Srath-mhòir, coinneachadh air cnoc, os ceann a Cruicdhui’ ‘s an fheasgar, ann sin, thoisicheadh sean Raibbeart air an ceasnachadh mu’n t-searmoin a chual iad; dh’innseadh gach aon anns a chuideachd, na b-urrain da; air an doigh so, chuireadh iad ri cheile an searmon, agus dheanadh e greim daingiann air an intinn, ‘s air an cridhe. Mu’n do dhealaich iad lùb iad uile an gluin, agus ghairm Raibbeart Sutherland air ainn an Tighearna. Gun teagamh, bha an cleachdadh so “maith chum deadh-fhoghlùinn.” Eph. iv. 29. “Agus chum togail suas a cheile.” Rom. xiv. 19. Mo thruaighe! cia tearc iad ann ar la, aig am bheil an t-iartas, iad fein bhi anns a chleachdadh so a dol dhachaidh o’n eaglais, ‘s mo chreach! nach tearc iad a’measg luchd-aideachuidh a tha toirt cothrom do luchdeisdeachd bhi ri naomh-chomhradh a fagail tigh Dhe!

Cheasnuich Mr. Fiunlason a theaghlach fein agus na seirbhisich riaghailteach gach feasgar sabaid gu là a bhais. Agus gun teagamh bha e ‘n comain R. Shutherland, agus an eisimplair a fhuair e air taobh a chnuic, air son a chleachdadh bhuanachdail so na theaghlach.

An deigh Achscoralett fhàgail, bha e car uine a teagasg na cloinne ann an teaghlach Mhr. Iain Guin bha na thuathanach’ann an Dail; bha comas aige bhi ‘g eisdeachd searmoineachadh druightheach Mhr. Munro mar a bha e roimhe so, ‘s bha mios ro mhòr aig air an t-saorsa so, agus bha aobhair aige, oir is mòr a chomain fo ‘m bheil Dia a cuir muinntir aig am bheil teachdaire dileas.

B’e cheud chomhairle thug a’ martireach Urramach Gillecriosd Macionmhuinn (Ch. Love) bha ‘n Lunain, air a mhnaoi ‘sa litir mu dheireadh a sgriobh e ga h-ionnsuidh mu’n do chuireadh gu bäs e. “Buanaich fo eisdeachd theachdaircean a tha fallain ann an teagasg, ‘sa rannsaicheas a chogais. O! tha mòran mhealltair-ean air a dhol a mach do’n t-saoghal, ach is’ aithne do chaoraich Chriosd a ghuth, agus cha lean iad coigreach. Eisd Ministir air bith, tha teagasg slighe na firinn gu ceart, agus lean comhairle Sholamh.” Gnath xix. 27.

An deigh an ullachadh ghnàthaichte, chaidh e mar fhoghlmach, gu Ard-oil-thigh an Righ, ann an Abereadhain, agus nochd Dr. Iain Tulloch gu sònraichte, caoimhneas nach bu bheag dha. Aig an am sin bha e na lagh, gu feumadh gach foghlumach dhol air an t-Sabaid do’n Eaglais a bha ‘m Fear-teagasg fo ‘n To e, a frithealadh.

An deigh frìthealadh beagan shabaidean be beachd Mhr. Fiunlason gu’m bidheadh e na bu bhuanachdaile dha bhi ‘g eisdeachd ann an àite eile. Dh’iarra e, agus thugadh cead dha le Ard-Chomhairle, an Ard-thigh-oilean, dhol dh’eisdeachd far am bu roghnucheis leis. Chur e mios mor air an t-saorsa so, agus bha e na bheannachd dha. Air ball chaidh e dh’eisdeachd Dr. Kidd a bha ro ainmeil mar shearmoiniche, bha’n eaglais aige lan ‘us a’ cur thairis gach Sabaid, bha moran air an tarruing gu’n teagamh le a dhoigh neonach, ach bha cuid eile air an tâladh le a dhillseachd mar mhinisteir foghainteach a cho-cheangail nuaidh.

Theireadh Mr. Fiunlason uime—Gu’n robh buadhan inntin ro fharsuing aige, le greim daingean air teagasgan mor an t-soisgeul, agus a ghnàth a searmoineachadh o fhèin-fhiosrachadh, ‘s a cuir thughe luchd-eisdeachd gu bhi caradh nan teagasgan sin ri’n cridhe, agus ri’n slighe fein. Aig an àm so bha eagal ro mhor air Mr. Fiunlason mu staid anam’ neo-bhasmhòr, roimhe so bha agartas cogais aig, nis agus a ris, ach cha mhaireadh sin fada agus bhidheadh e an deigh sin, cho michùramach agus a bha e roimh mu shlainte anama. Bha nis dearbh-shoilleireachd ro dhruigh-teach aige mu pheacadh, gidheadh cha bu dàna leis tighin gu Criosd, smaoineachadh nach ro coir gu leoir aige teachd gu Criosd do bhrigh nach robh a mhothuchadh air olc a pheacaidh, agus air cho pheacach ‘s bha e fein, domhain gu leoir; bha e tur aineolach air nadur creidimh ann an Criosd, agus mar thoradh air sin, bha e mios gum bitheadh e an-dàna dha creidsin ann an Criosd, ‘s bha eagal air nach robh e measg an t-seòrsa pheacaich a bha air an cuireadh gu Criosd.

Ann a meadhon an tiugh dhorachadais so, ‘s e lan imcheist, ‘s am fagus air toirt thairis ann an eudòchas, thuit e air leabhar le Harvey, ris an abrar Theron agus Aspasio, agus chunnaic e ann an Theron, e fein le a chuid deasboireachd amharusach, agus leubh e gu tric na bheachdan, fhiar fhaireachdair fein. Bha’n t-Urramach Seumas Harvey, eadhoin an deigh dha bhi na shearmoiniche, aineolach air fireantachd Dhe, agus ag iarraidh fhireantachd fhein a chur air chois, ‘s cha do striochd e do fireantachd Dhe (Rom. x. 3) gu’s an do thuig e gu’n robbh fhireantachd fhein mar luideag shalaich. Rinn an t-atharrachadh a thanig air, comasuch e air seoladh a thoirt do neach a bha dol troimh na ceumanan troimh an deachaidh e fhein. Bha mac-meanna neo-ghnathach aig Mr. H. a bha air a naomhachadh le gras, agus air a sheòladh le firinn. Agus ann a bhi mìneachadh na firinn le samhlachan cha ro a mhac-samhuil fhein aig Mr. Fiunlason anns a Ghae’ltachd. “Ghnathaich mi cosamhlachdan.” Hos. xii. 10. Bha leabhar Mhr. Harvey na bu taitniche dha na leabhar duine eile do bhrigh gu’n ro an teagasg air an ro e feumach air a chuir ann an caint, agus ann an samhla, a bha freagarrach dha, agus bha an co-chordadh a bha eadar inntin an Ughdair agus Mhr. F. na mheadhon air an tarruing faisg air a cheile, agus foghllumach toileach a dheanamh do Mhr. Fiunlason aig casan Mhr. Harvey.
(Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice