Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1908 » June 1908 » Cunntas Aithghearr

Cunntas Aithghearr

MU BHEATHA ‘N URR. RAIBEART FIUNLASON,

Bha na Mhinisteir do’n Eaglais Shaoir ann ‘n Eilein Leoghais,
agus ann ‘am Bunfhillidh.

LEIS AN URR. I. MACPHERSAIN, BHA ANN ‘N LOCHAT’SE, 1870.

(Continued from page 32.)

‘S AN t-seitheamh-còmhradh deug do’n leabhar so, bhris boisge do sholus, agus do dhochus a stigh air inntin, air an ro’ e aineolach roimhe sin. Chunnaic e ann sin gu’n robh a gheur-mhoothachadh domhain gu leoir, ma dh-fhoillsich e dha, a staid chàillte as eugais Chriosd, agus mar an ceudna gu’m b’e a dhleasdanas creidsin ann am “Mac an duine a thainig a dh-iarraidh agus a thearnadh a ni sin a bha caillte.” Luc. xix. 10. Cha do dh-oirpich e roimhe so air creidsinn ann an Criosd, a chionn gu’n do mhios e na an-dànadas dha sin a dheanamh. Ach a nis bha e air a sparradh air inntin ‘s air a chogais mar aithne Dhe, mar a tha e sgrìobhta, “Agus is i so aithne-san, gu’n creideamaid ann an ainnm a Mhic Iosa Criosd.” 1 Eoin iii. 23. Agus n’uair a bha e ag oidhearpa-chadh umhlachd a thoirt do’n aithne, le bhi “a gabhail ri Criosd, agus ag earbsadh as ‘n a aonar, air son slainte; mar tha e air a thairgseadh dhuinn anns an t-soisgeul,” mhothuich e ni eigin coslach ri cumhachd do-ghnathuichte ga chuir thuige gu bhi creidsin; agus argumaidibh grasmhor o ‘n t-soisgeul ag aomadh anam’ a dh-ionnsuidh na Slainte Mhor air an ro eòlas cho neo-iomlan aige roimhe sin.

Thuig e nis ni eigin do bhuaidh ‘s do bhrigh na firinn so, “Ho! gach neach air am bheil tart, thigibh-se chum nan uisgeachan; agus esan aig nach ‘eil airgiod, thigibh, ceannaichibh, gun airgiod agus gun luach, fion agus bainne. Carson a ta sibh a’ caitheamh airgiod air ni nach aran? agus bhur saothair air ni nach sasuich?” Is. lv. 1, 2. Mhios e gu’n ro Criosd air a thairgse ‘s an t-soisgeul cho saor dhasan, agus a bha tobar uisge ri taobh an rathaid do dhuine a bha air a thioramachadh le tart. Is gann a rachadh aige, ‘s na laithibh sin air a mhòr-ghairdeachas fhòlach, agus bha e ga shamhlachadh fhein ris a bhean a fhuair am bonn airgiod. “Agus air dhi fhaotainn, gairmidh i a ban-chairdean, agus a ban-choimhearsnaich an ceann a cheile, ag radh, Deanabh gairdeachas leamsa, oir fhuaire mi am bonn a chailt mi.” Luc xv. 9. Be a shochair ‘s an staid inntinn so co-chomunn a bhi aige ri cuid a dh’fhior phobull an Tighearna, a bha comasach o fein-fhios-rachadh stiuradh a thoirt dha, agus còmhnadh a dheanamh ris mar dheiscibul òg. Bha deigh aig air an cuideachd roimhe, ach cha ro e breithneachadh na nithe a bha aca—oir bha iad ro ard os ceann na nithe air an ro e eolach. Ach thanig da la air, bha e aon uair dall, ach bha e nis a faicinn. Nis thuigeadh e bheag na mhor do’n co’luadar milis. Agus bha so na aobhar gairdeachas dha, agus dh’fheudadh e a radh ann an tomhais, “An ni a chunnaic agus a chuala sinn, tha sinn a’ cur an ceill duibhse, chum gu’m bi agaibsa mar an ceud-na comunn ruinne.” i Eoin i. 3. Bha iadsin nan amanna fionnuaireachd o làthair an Tighearna da anam, agus bu tric a dh’amhairc e air ais air na làithean sin le tlachd, agus le mòr-thaingearlachd.

An deigh pilleadh o Abereadhain, bha e fad tri bliadhna a teagasg na cloinne ann an teaghlach Mhr. Iain Stuart ann an Berradhail, an sin ghabh e a bhreac, agus bha i cho trom air, ‘us gu’n ro e ochd-la deug dall leatha, ‘s be beachd na thainig a choimhead air (ach dithis do luchdaideachuidh) gu’n ro e ann an galair a bhàis. Thubhairt aon do’n dithis so ri Mr. Fiunlason, ‘s e ro ional, e misneach a ghlacadh, gu’n ro mòran aig an Tighearna ri dheanabh leis ‘s an fhion-lios.

Thubhairt an tè eile gu’n ro an Sgriobtur so air a h-inntin ‘n uair a chunnaic i sinnte e air leabaidd a thinneis iarganaich, “Cha’n ‘eil ann tinneas so chum bàis, ach a chum gloire Dhe, chum gu’m bi Mac Dhe air a ghloirachadh d’a thaobh.” Eoin xi. 4. Fhuair e mor-chomh-fhurtachd nan comhradh spioradail, theireadh e gu’n ro an sólas a fhuair e o ‘n seanachas blasda, a cuir na chuimhne briathran Sholamh, “Mar uisgeacha fuar do’n anam thartmhor, mar sin tha deadh sgeul a tir chéin.” Gnath. xxv. 25.

Bha a shlainte air a h-aiseag dha, agus cha luath a bha e comasach, na chuir muinntir Leabuis ma choinneamh Sgoil an aite a theagasg. Rinn iad còrdadh mu’n Sgoil, air dhoibh-san bhi deonach fear-ionaid a ghabhail fad a gheamhraiddh, ‘n uair a bhidheadh esan ‘s an Oil-Thigh. Theagaig e an Sgoil sin tri bliadhna, bha’n t-Urramach Somhairle Grannd á Abereadhain ‘s an Sgoil, agus ‘s ann aige thoisich e air Laidin, agus air Greigeis ionnsachadh.

An deigh do Mhr. Fiunlason a bhi, an ùine a tha air a comharachadh leis an eaglais, ri Cànairean, agus ri feallsanachd ‘s an Oil-Thigh, chaidh e steach do Thalladh-na-Diadhachd, far an ro e air a theagasg le Dr. Mearns, agus le Dr. Brown. Bha e na foghlmach cogaiseach, agus dichiolach, ‘s aig a cheirt am iriosal, agus ùmhail, ‘s ro dhèidheil air buannachd fhaotainn o gach Ard-fhear-teagasg ‘s an Oil-Thigh; agus mar thoradh air sin bha a theachd air aghart follaiseach do na h-uile do’m b-aithne e.

II.—CEAD SEARMONACHAIDH.

FHUAIR Mr. Fiunlason cead searmonachaidh o Sheanaireachd (Presbytery) Ghallaibh, ann ‘s a chùigeamh mios do na bhliadhna 1826. Shearmoinich e a cheud uair ann an Eaglais Vatten (Watten) o Ecl. ix. ro. “Ge b’e ni a gheibh do làmh r’a dheanamh, dean e le d’ dhichioll; oir cha’n ‘eil obair, no innleachd, no eolas, no gliocas anns an uaigh, d’am bheil thu a’ dol.” ‘Nuair a bha an co-thional air sgaoileadh, thubhaint Mr. Guin, ministeir na sgrír, “Bha ministeir òg again an diugh.” Fhreagair aon do na h’eildeirean “Shaoil leum gu’m b’ sheann Chriosdudh a bha ann.”

Chaidh e beagan an deigh sin gu bhi searmonachadh air feasgar gach Sabaid, ann an Eaglais Ghaelig Abereadhain, cha robh e ach mios a searmonachaidh ‘nuair a thoisich e air saothaireachadh ann a sin, agus cha ro e na chleachdadh aige labhaint ri sluagh roimh dha cead searmoinichidh fhaotainn ‘s faodar a thuigsin nach robh an suidheachadh ùr ro fhurasda do Mhr. Fiunlason. Ach ceum air cheum ghlaic e barrachd misnich, fhuair e tuille agus tuille saorsa ann an searmonachadh, air dha bhi creidsinn gu’n do ghairmeadh e leis an Tighearna gu bhi saoth reachadh an sin.

B’e rùn a chridhe a shuil a chumail mar shearmoiniche, air àithne an Abstoil do Thimoteus, “Dean dichioll air thu fein a nochdadh dearbhta do Dhia, a’d’ shaothraiche, nach ruig a leas naire a ghabhail, a’ roinn focail na frinn gu ceart.” 2 Tim. xi. 15. Rinn so d’urachdach agus dichiollach e ann an àm, agus ann an an-àm. Ann am beagan Shabaidean mheudaich an co-thional; air chor is gu’m b’eigin do mhòran pilleadh dhachuidh o’n Eaglais fada mu’n do thoisich an searmoin. Bha beachd gle iriosal aig air fhein, ge do bha leithid do ruith as a dheigh. Dh’innis aon do na eildeirean do neach àraid, gu’n dubhaint Mr. Fiunlason ris ‘s an àm ud, “Nach ‘eil iongantas ort gu ‘bheil duine a’ teachd do ‘m eisdeachdsa?” Fhreagair an t-eildeir, “Cha ‘n ‘eil, ‘s ann a tha iongantas orm nach ‘eil na h-uile dhaoine tighinn da’r n-eisdeachd.” Tha cuid ann agus chuireadh iad a cheist ann an rathad a bhi ‘g iasgach airson moladh dhoibh fhein, ach bha sinfad,fad o chridhe aon-fhillte Mhr. Fiunlason. ‘S ann a dheirich a cheist o fhair-eachdain air a neo-airidheachd fhein, agus o a neo-chomas air Criosd a shearmonachadh mar bu chor dha. Bhuanuich e tri bliadhna a searmonachadh ‘s an Eaglais Ghàilig, agus cha ro traoghadh air a cho-thionalfad na h-uine.

Thanig na h-urrad fo churam anam ‘s an àm sin, ‘s bha aon gu sonraichte bha ro choslaich ri fear-coimhead a phriosain ann am Phillipi, ris an do bhean an fhirinn gu cumhachdach, agus air an ro an aon cheist, “Ciod is còir domh a dheanamh chum gu tèarnan mi?” Gniomh. xvi. 30. ‘S chuireadh a na ceistean a leanas air Mr. F. “Am bheil barandas agam-sa creidsin? Am bheil taigse do Chriosd air a dheanamh dhòmsa mar aon neach dealaichte fo chàch? Am bheil Criosd deònach agus comasach mise a thearnadh gu pearsanta?”

B’aithne do Mhr. Fiunlason o fhein-fhios-rachadh cionnus bu choir dha seòladh a thoirt do leithid so do neach, agus thubhaint e ris, gu’m be smior an ascreidibh a bhi ‘g aicheadh gu ro Criosd deònach agus comasach peacaich a thearnadh. Thug e dha leabhar, air a Sgriobhadh le Ralph Erskine, agus stiur e gu h-airid aire dh-ionnsuidh an aite dheth, a tha mìneachadh nadur a chreidimh. Ann an ceann beagan làithean thainig an dnine air ais leis an leabhar, ‘s bha e soilleir o ‘n atharrachadh a bha air a ghnùis gu’n ro ealiach air a thogail bhàrr a chogais. Thubhairt e an deigh sin, ma bha e riamh air iompachadh, gu’m b’ann s’ann am ud a thoisich an obair. “Comharaichidh an Tighearna, ‘nuair a sgiobhas e sios na fineacha, gu’n d’rugadh am fear so an sud.” Salm lxxxvii. 4.

Bha e beo deich-bliadhna-fichead, an deigh dha teachd fo chùram na chreidmhach maiseach, agus le a bheatha naomb, “a deanamh teagasg Dhe ar Slanuighir maiseach anns an h-uile nithibh.” Bha litrichean tuigseach, agus brìghor air an sgiobhadh leis an duine so gu Mr. F. ach cha’n ‘eil àite againn dhaibh ‘s an iomradh gheàrr so.

Thainig an uair anns am feumadh e Abereadhain fhagail, cha ne gu’n robh a luchdeisdeachd sgith do Mhr. Fiunlason; cha robh riamh barrachd mios air, ‘s cha robh chisean a soirbheachadh na b-fhearr na bha iad aig àn am so.

Fhuair e litir o’n Bhan-Uachdarar, uasal Mrs. Steuart M’Kenzie ‘g ainmachadh dha gu’n robh Eaglais a Chnuic ann an Eilean Leoghais fàs, agus gu’n cuala I, gu’n robh esan na mhinistir freagarach airson an àit sin. Tha ‘n t-Eilean so gle mhòr an comain Teaghlach uasal Sheaforth, fo làmh an Tighearna, airson Ministirean Soisgeulach, agus airson moran do bheo-dhiadhachd a bha, agus a tha fhathest ann; bha an Teaghlach inbheach, agus measail, ‘s rinn iad am feum a b-fhearr, do’n urram sin, a chuir an Tighearna orra ‘s an t-saoghail. An deigh a ni a chuir ann an làthair an Tighearna, agus smuainteachadh gu curamach ‘de bu choir dha dheanamh dhùin e ris a ghairm, ag earbsa gu’r ann o’n Tighearn a bha ‘n taigse, ‘s air dha slàn a ghabhail leis na cardean ann an Abereadhain, chaidh e do Leoghas ‘s a bhlìadhna 1829. Bha e na chàll do cho-thional, Eaglais Ghàilig Abereadhain gu’n deachuidh e do Leoghas, ach bha e na bhuanachd mhòr do shluadh sgrì a Chnuic.

‘Nuair a rainig e Leughas ghabh Mrs. Steuart M’Kenzie ris gu caoimbneil, agus shearmoinich e a cheud shearmon ann an baile Steornabha. O ‘n Earran so, “Feuch Uan De, a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghail.” Eoin i. 29.

Chaidh a shuidheachadh le Cleir Leoghais ann an Eaglais a Chnuic, agus bha suil gu’m bitheadh a sheirbheis buan agus buannachdail do na Sgrìr. A Shabaid ‘s a sheachdean bha esan a labhairt, agus an sluagh ag eisdeachd.

Cha robh e ach da bhlìadhna ‘s a Chnoc ‘n uair a bha Sgrìr na Loch gu ‘n Mhinisteir. B’e beachd Mhrs. Steuart M’Kenzie gu ‘n robh e freagarach airson na sgire sin, ‘s ann aig a Chrun bha comas Ministeir a shonrachadh ‘s an àm. Chuir a Bhean uasal, inbheach, impidh air an luchd-rialaidh, agus chaidh Mr. F. orduchadh airson na sgire leis a Chrun. An deigh dha a chuis a chur an làthair an Tighearna, ‘s beachd-smuainteachadh gu durachdach, ‘s gu cogaiseach ciod e bu choir dha dheanamh, dhùin e e ris a ghairm, air dha bhi creidsin gu’m b’e sin a dhleasnas. Shuidhicheadh leis a Chlèir e Ann an Sgrìr na’ Loch agus shaoraich e ann sin còrr is cuig-bliadhna-fichead. Thoisich e obair ‘s ann àite ‘n uair a bha e ann an lanachd a neart, ‘s cha b’ann gu diombain a chaith e a là a’ measg an t-sluaigh.

‘S a bliadhna 1831, am mios meadhonach an fhogharaidh, bha Mr. Fiunlason air a chomharaceadh le Cleir Leoghais gu searmon-achadh ann an Eaglais a Chnuic aig am a bhi suidheachadh Maighstir Donncha Mathonach, mar Mhínteoir a choimhthionail. Thoisich e air seirbhís an làtha sin, le bhi seinn earrannan anns an ochdamh Salm thar thri fichead, aig an naoitheamh rann.

“Shil thusa, Tighearna, gu pailt
Frasan a nuas gun dth,
Is shuidhich agus dh’fhurtaich thu
Air t’oighreachd, is i sgith.”

Shearmonaich e o’n cheud chaibideal do Ieremiah, agus an cuigeamh, gu ruig an seachdamh rann. “Mu’n do dhealbh mi ihu sa’ bhróinn, b’aithe dhomh thu,” ‘s mar sin sios.

‘Nuair a thoisich e air labhairt Ó na briathran so thubhairt e gu ‘n robh Ieremiah air a chur anns a cheud àite os ceann nan cinneach, gu bhi toirt rabhadh dhoibh airson nan grainealachdan a bha iad a’ cur an gniomh. ‘S an darna h’àite, bha e air a chur an aghaidh Righrean Iudah.

‘San treas àite, bha e air a chur an aghaidh am mòr uaislean. ‘Sa cheathramh àite, bha e air a chur an aghaidh na’ sagartan. ‘Sa chuigeamh àite, bha e air a chur an aghaidh sluagh na tire. Agus a nis ciod a thugadh dha ra dheanamh? Bha e gu spionadh, agus tarruing a nuas, agus gu sgrios, agus gu leigeal. Bha e mar an ceudna gu togail agus gu suideachadh. Ach air tionndadh dha ris a Mhínteoir a bha iad a suidheachadh, thubhairt e, ‘nuair a theid thusa cheisteachadh do Rùdha-na-h-airde, tachraidh ort an sin cuid do shean togail Bhabail tha gle dhaingheann air a cuir na cheile, ciod th’ agad ra dheanamh an sin? Oir tha an obair gle chruaidh. Feumaidh tu fiachain ris an t-sean togail sin a leagail sios; agus a sgaoileadh as a cheile, agus an sean-na bhunait a ghlanadh air falbh gu buileach. Agus a’ sin cladhaich domhain gus am bi an togail air a suidheachadh air bunait nan Abstol, agus nam Faidhean, air bhi do Iosa fein na chlach chinn na h-oisne, chum is gu’n seas an togail tri uile linnibh na siorruideachd.

Tha Sgir nan Loch, o cheann gu ceann, cuig-mile deug ‘ar fhichead, ‘s o thaobh gu taobh ochd-mile deug. ‘S an t-samhradh tha chuid mhòr do na firionnaich dol do Ghallaibh, agus do dh-aiteachan eile, a dh-ionnsuidh iasgach an sgadain; mur ceusnaich am mínteoir ‘s a gheamhradh, tha e eucomasach dha ann sluagh fhaicinn fad na bliadhna aig na tighean. Cha bu bheag an t-saòthair do Theachdaire dhol tharis air sluagh na sgire so uair ‘s a bliadhna, rinn Mr. Fiunlason so, bha ‘chridhe ‘s an obair, ‘s rinn sin a sheirbhís taitneach ‘s buanachdail dha fhein, ‘s d’ ch’o-thional. Bha ‘n sluagh ag ullachadh airson a cheusnachduidh fada roimh ‘n àm, agus ‘n uair a thaing an là, ‘s a thoisich am fhuair e freagairt nach robh a fuasgladh na ceist a chuir e, ach ministeir cha bu bheag an t-sochair bhi ‘g eisdeachd, bu tric a bha i toirt cothrom dha caochladh cheistein ùr a chuir’s mar sin a cumail suas aire ‘an luchd-eisdeachd. Cha robh guth air Uaireadair, gus an robh dubhar an fheasgair, cur na ‘n cuimhne gu’n robh an t-àm aig an t-seirbhis a bhi criochnachadh. Bha e roth shoilleir do neach a thugeadh na teagasgan mu’n robh an sluagh air an ceusnachadh, gu’n robh cuid a làthair a bha gle eolach air Suim an eolais shlainteil. Bha iad aineolach air mòran nithe, ach b’aithne dhoibh am Bioball.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice