(Continued from page 76.)
BHA Mr. Fiunlason dol do Ghràvir air là àraidh (aon do na h-aiteachan a b-fhaide air falbh), bha’n là ra ghàrbh, thubhairt Mrs. Fiunlason ris, “Tha Gràvir robb fhad as, agus tha’n là ‘n diugh cho fiadhaich, ‘s nach ‘eil e coslach dhiubh dhòl ann.” Fhreagair e, “Na smuainicheadh sibh air cor pheacaich caillte l’s ann a chleachdadh sibh gach argumaid air son iompaidh a chur orm dhòl ann, oir tha mòran ann an Gràvir nach cluinn an Soisgeu; gu bràth, mur a toirear do’n ionnsuidh e, do bhrigh nach ‘eil iad comasach air tighinn do’n Eaglais.”
Aig am eile, ‘n uair a bha e dol a Chalbost (aite robb fhosgailte do’n a chuan), ‘s a ghaoth gle ard, thubhairt Bean-an-tigh ris, “Cha n’eil e iomchuidh dhuibh dol cho fada air falbh air a mhuir air a leithid so do là.” Fhreagair e, “Cha n’eil e cho fada uam, ‘s a bha Aràbia o’n Abstol Phòl.” Agus chaidh e. Cha b-urrain e socair a ghabhail aig an tigh n’uair a bha dleasnas ga ghairn air falbh, agus bha e cheart cho deigheil air faighin dachaidh gu theaghlaich, n’uair a cho-lion e a dleasnas d’a threud.
‘Nuair a thainig an t-am deachaineach sin ‘s am b-eigin do Eaglais shaor na h-Alba dealachadh ris an Stàid anns a bhliadhna 1843, bha beachdan Mhr. Fiunlason soilleir mu cheum a dleasanais, bha e ann an Dun-Eidean ‘s an àm, agus gu’n amharus thug e suas a bheathachadh uile, agus a dhachaidh ann an Sgir nan Loch, a’ roghnachadh sin roimh bhi ‘g aideachadh ùghdarras air bith anns an Eaglais, ach ùghdarras Chriosd mhàin. Lean an co-thional gu h-iomlan an Eaglais Shaor, bha iad ag aoradh air a bhlàr muigh a shamhradh sa gheamhradh gus an do thog iad Eaglais ùr, agus fhritheil iad cheart cho riaghailteach.
‘S an là ‘s an do gairmeadh an Eaglais a dh-fhag iad fàs, shearmoinich Mr. Fiunlason, o na briathran a leanas—”Tre chreidimh air teachd gu h-aois do Mhaois, dhiult e bhi air a ghairm ‘na mhac do nighinn Pharaoh, a’ roghnachadh amhghar fhulang maile ri slugh Dhe, roimh sholas a’ pheacaich a mhealtuinn re seala, a’ meas gu’m bu mhò an saoibhreas masladh Chriosd na ionmhais na h-Eiphit: oir bha suil aige ris an luach-saoithreach.” Eabh. xi. 24, 25, 26.
Fhuair Mr. Fiunlason taigse dhòl gu co-thional eile aig an àm so, ach dhiult e dhòl do Sgir sam bith gu’s a faiceadh e Eaglais air a togail anns an Sgir san robb e. D’fhuiling e mòran mu’s deachaidh Eaglais, agus tigh còmhnuidh a thogail, ach shuidh e sios roimh laimh agus mhios e an costus, agus cha do ghabh e aitreachas, oir bha suil aig ris an “trom-chudthrom gloire a ta ní’s ro anabharraich, agus sior-mhaireannach.” Dh’earb e, e fein ri Dia a fhreadail, agus cha robb e air a mhealladh. Anns a bhliadhna 1843 ‘nuair a bha Mr. Fiunlason a tighinn dachaoidh a Duneidein, bha suil aige Bata-na-Smuid a ghabhail o Ghlascro, dh-fhiorraich e mu àm seolaidh an Toitear, air an àth là dhalbh am Bata leth-uair roimh an am shuidhichte, agus bha Mr. F. air fhàigil. Chaidh e do Ghrianaic, agus thuarasdlaich e saothach a bheireadh e do Pholeù, far am faigheadh e a Phacaid do Leoghas, ach ‘n uair a bha’n sgioba ullamh gu falbh shèid a ghaoth calgdhreach nan aghaidh, thoisich Mr. Fiunlason air searmonachadh, agus bha’m focal air a bheannachadh do chuid, oir beagan bhliadhnaich an deigh sin choinnich aon do na fhuair buannachd o’n t-searmoin cuid do cho-thional Mhr. Fiunlason ann am baile Ghrianaic; agus bha so na naigheachd mhlis dhoibh. Shearmoinich e ann an àm, agus ann an-àm, thug e umhlachd do’n aithne. “Tilg t-aran air aghaidh nan uisge; oir an deigh mhoran do leithibh gheibh thu e.”
Bha’n duine urramach so air a dhearbhadh gu goirt na theagh-lach, anns a bhliadhna 1849; bhàthadh an dithis mhac bu shine do’n tighleach, cuideachd anns an loch dlu do’n tigh. Dh’innis Mr. Fiunlason do Bhean-an-tigh gu’n robb suil aige ri amhghair, ach cha robb e smuaineachadh gu’m b-ann o’n taobh so thigeadh i. An deigh do’n cuirp bhi air an cur ‘s a chiste-mhairbh, thanig e stigh do’n t-seòmar, sheas e ri taobh nan corp, thog e suas a làmhan, agus thubhairt e da uair thairis air gach aon, “Gu’n robb t-Ainm mor air a ghlorachadh.” So’n doigh anns an do ghabh e ri smachdachadh an Tighearna.
Aig an am ‘s an d’fhuair e a ghairm o cho-thional Bhun’illidh thubhairt e ri caraid “gu’n robb obair criocnaichte ann an Sgir nan Loch,” agus air dha bhi air turas maile ri h-aon do chulchd-dreuchd thoisich an duine ri seanachas ris mu’n ghairm a fhuair e ‘s a cur impidh air gu’m bu choir dha fuireach, acuir gach ni duilich a smuainichidh e air ‘s an rathad, gu sonruichte na’m aithne dha cho brònach ‘s a bha co-thional nan Loch, nach fagadh e iad. Dh’fhan e na thosd gu’s an do sguir an duine do thagradh. Fhreagair Mr. F. “Tha àithne Dhe nis mò na h-uile nithe a thubhairt thu.” Dhuin so beul an duine choir a bha labhairt ris. Cha robb dûrd aige, bha e na thosd air a phuing. Dhuin e ris a ghairm, agus bha e air a shuidheachadh air an ochdamh là do mhios mu dheireadh an fhoghair ‘s a bhliadhna 1856. ‘N deigh dhol do Bhunillidh bha e cho pailte an a saothair sa b-abhaist dha, an dà chuid aig an tigh, agus o’n tigh. ‘N uair a bha’n teaghlaich a fagail Sgir na Loch shaoileadh coigreach gu’m b’adhlaichd à bha’n sluagh a frithealadh, cha robb an sealladh coslach ri imrich idir, bha’n tigh lan do luchd broin, anns a mhadainn air do Mhr. Fiunlason tighinn a mach as a sheomar codail, fhuair e h-aon do luchd-eisdeachd ghradhach sinnte tarsuing aig bonn an doruis.
Mu ‘n deachaidh e do Bhunillidh bha e gu tric air a ghairm gu bhi searmonachadh air feadh na h-Eaglais, cha ne mhain ann an Leoas ach mar an ceudna air tir-mor. B’abhaist dha tighinn do Locha’is, bha mios neo-chumanta aig Mr. Lillington, Uachdaran diadhaidh Locha’is air, agus is tric a chual ant-Ughdar sluagh na sgir ag aithris earrannan ro mhilis do shearmoinean brighor Mhr. Fiunlason. Cha n’eil duine a chluinneadh e ann’s a chrannaig nach faodadh co-dhunadh gu’n robh a chridhe na obair, agus gu tric, gu’n robh anam fhein ag ol gu pailt do na teagasgan a bha e searmonachadh. Is minig a rachadh e do’n chrannaig tinn, agus a thigeadh e aisde slan. Theireadh Mrs. Fiunlason ris, “Gu’m be a chungaidh-leighis-sín a chubaid.”
“No’m ministear thú,
Bha tagra’ gu dlù,
Ri pobull ‘an ughdarras Dé;
Ga’m pilleadh air ais,
Bha ‘g imeachd gu bras,
Gu h-ifrian na casgradh dhéin?”
—D. BUCHANNAN.
Bha e gu mòr air a thoirt do chleachdadh na h-urnuigh, agus bha e soilleir dhoibhsan do’m b-aithne e gu’n d’fhuair e ro fhaig air an Tighearna gu h-airidh ‘s an uigneas, shaoleadh neach gu’n robh greim aig air a chuspair ris an robh e tagradh. Ge’d nach fhaiceadh creutair e, agus ge’d nach cluinneadh aon air bith a ghuth ‘s an uaigneas, gidheadh leis a sbairn anam ‘s an robh e ‘s an urnuigh dhiomhair, chluinneadh neach an t-saòthair a bha air anail ‘s an dleasnas. Aig am airid thug Mrs. Fiunlason an aire dha gu’n deachaidh e gu tric da sheomar uaigneach; chunnaic i dol ann e eadar da thrà-bidh, seachd uairean. Chuir i a cluas aon uair ris an dorus, agus ‘s e aon iarrtus a chual i, “airson anam bochd na eigin.”
Be a chleachdadh, air dha tighinn dachaidh o’n Eaglais an deigh searmonachadh, dhol do’n uaigneas, oir chreid e gu’m be Dia mhain a bheirreadh am fàs. “Cha ‘n ann le neart, no le cumhachd, ach le m’ spioradsa, deir Tighearn nan sluagh.” Sech. vi. 6. Is e a cho-chomunn dlù ris an Athair, agus r’a Mhac Iosa Criosd, a rinn a bheatha cho sonadh, agus a dhleasanais cho taitneach dha.
‘Nuair nach bidhidh e a teagasg gu follaiseach, bhidheadh e a meorachadh air an Fhocal, agus a tagradh san uaigneas. Is minig a chuala buill an teaghlaich e ag radh leis fhein, agus ris fhein. “Mo shlanuighear gradhach.” “Mo Chriosd, mo Righ, m’ uile,” agus ‘n uair a bha saorsa shònruichte aige, theireadh e, “Nach mi a tha fo fhiachan do shaor ghras.”
Mios roimh àm a bhais chuidich e aig frithealadh Suipeir an Tighearn ann an Dunbheath, agus bha e ro shonadh na inntinn ‘a tighinn dhachaidh, agus is e a dh’ fhaodadh, oir bha obair faisg air a bhi crochnaichte, ‘s e fhein tarruing dlù air aoibhneas a Thighearn, cha deachuidh e o ‘n tigh tuille. Air an aith Shabaid shearmoineich e o na briathran a leanas. “Thàinig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i fein.” Taisb. xix. 7. Tri seachd-duinnean an deigh sin bhuaill galair a bhàis e, agus e ‘g iarruidh beannachd air a bhiadh, agus fad chuig làithean cha tuigeadh ball do ‘n teaghlaich ni a theireadh e, air an treas-là-fichead do’n mhios ma dheireadh de’n t-samhradh ‘s a bhliadhna 1861, aig cuig uairean ‘s mhaduinn chriochnaich e a thuras, agus shiubhail e gu bhi làn-mhealtuinn Dhe gu sioruidh. “Agus chuala mi guth o nèamh ag ràdh rium. Sgriobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs san Tighearn, à so mach; seadh, a ta an spiorad ag ràdh, chum gu faigh iad fois o ‘n saothair, agus leanaidh an oibre iad.” Taisb. xiv. 13.
Tha Mr. Fiunlason air adhlacadh ann an Cladh Bhun-illidh, agus tha Cuspair-cuimhneachain eireachdail, air a chur suas aig an uaigh, air a’ bheil na briathran a leanas mar
SGRIOBHADH CUIMHNEACHAIN.
“Ann so tha gabhail fois, na bha bàsmhor do’n
URRAMACH RAIBERT FIUNLASON,
Bha cuig bliadhna na Mhinisteir do’n Eaglais Shaoir ann am
Bun-illidh
A bhàsaich air an treas-la-fichead do mhios ma dheireadh
d’n t-samhradh 1861.”
Air dha bhi tri-fichead bliadhna agus a seachd a dh’aois.
Shaothraich e ‘s a Mhinstrealachd cuig-bliadna deug thar-
fhichead. Bha mios air airson a thàlanna, ‘s airson fhoghluim.
Bha a chliù air a dheanamh suas do chreidimh, do dhòchas, agus
do ghràdh, le tomhais neo-ghnàthaichte do ‘n inntinn neamhuidh.
Rinn a shaothair gu’n sguir, a bha chò làn do’n ungadh
neamhuidh, agus dhriùgtheachd, a dhluth-cheangal ri dàoine
diadhaidh anns gach àite do’n deachaidh e. Agus ghlac e aire
an t-sluaigh neo-cùramach; ‘s thainig mòran diubh gu bhi ga
mhios mar an athair spioradail ann an Iosa Crìosd. Mar a bha
e beo mar sin bhàsaich e, ann am beo-dhòchas na beatha-
maireannaich.
“Cuidich leam a Tighearn, oir cha n’eil duine diadhaidh ann.’
(Ri leantuin.)