MU BHEATHA ‘N URR. RAIBEART FIUNLASON,
Bha na Mhinitseir do’n Eaglais Shaoir ann ‘n Eilein Leoghais,
agus ann ‘am Bunfhillidh.
LEIS AN URR. I. MACPHERSAIN, BHA ANN ‘N LOCHAÍSE, 1870.
(Continued from page 232.)
AN SLOCHD, AGUS A CHARRAIG.
“Agus thug e nios á slochd uamhuinn mi, á clabar lathaich, agus chuir e mo chosan air carraig ; shocraich e mo cheumannna agus chuir e oran nuadh ann am bheul, oran-molaidh d’ar Dia.”—SALM XL 2, 3.
‘S a cheud ait.—An slochd anns am bheil am peacach a thaobh nádair. ‘S e ‘m peacadh a chladhaich an slochd uamhuinn so. Chladhaich peacaidhean ainglean ifrinn. Ach ‘s e peacadh Adhamh a rinn an rathad do ar ceud sinnsear agus do’n sliochd dh’ ionnsuidh na sluic. Tre phacadh gin tha’n t-anam a tuiteam ‘san t-slochd, agus le peacadh gniomh tha e dol fodha, nas doimhne, agus nas doimhne ann. Iadsan a tha ann an slochdan domhain, cha’n fhaic iad solas, agus cha mhothaich iad teas na greine. O ! a pheachaich ‘se so do staid-sa fhad ‘s a tha thu san t-slochd cha’n fhaic thu grian na fireantachd, agus ged a tha gach ni bláth mu’n cuairt, tha thusa fuar ‘s gu’n solas, do bhrigh gu’m bheil thu gu’n a ghrian a bhi dearlachadh ort ! Cia mar a tha ‘m peacach air a shaoradh as an t-slochd ? Tha cùird air an cur sios do ‘n t-slochd, mar a thachair ann an seadh eile, do Ieremiah, ‘s iad na cùird sin na geallaidhean, agus ‘s e lamh a ni greim orra creidibh, mar nach urrainn do dhuiine gu’n lamhan greim a dheanamh air ball, cha mho na sin is urrainn duine gu’n chreidimh greim a dheanamh air gealladh. Faodaichd am peacach glaodhach, “Thighearn thoir dhomh creidimh, chum ‘s gu’n dean mi greim air a gealladh.” ‘S eigin do shuil na h-intinn bhi air a soill-seachadh chum ‘s gu faic i ‘n gealladh, agus an sin tha’n lamh air a sineadh gu greim a dheanamh air a ghealladh. Ach an deigh do ‘n a pheacach a bhi air a togail as an t-slochd, tha e ‘n cunnart tuiteam ann an clábar creatha an as-creidimh ; tha eagal air nach e ‘n Tighearna shaor e, tha peacadh dànadais na chlabar—agus tha cuid eile ruith gu h-obann an aghaidh freasdal Dhé, agus mar sin a tuitean anns a chlabar creatha.
‘S an dàramh àit, Nadur na carraig air an robh a chasan air an suidheachadh.
(1) Theirear carraig ri Criosd, do bhrigh a chumhachd. Tha cuthrom, agus uallach na h-eaglais air a leagadh air—bha peacaidh an t-saoghail air an giulan leis, cha n’eil ni a sheasas ri aghaidh peacaidh ach a charraig so. Loisg am peacadh Sodom, agus bhàth am peacadh an seann saoghal, ach dhèirich Criosd mar Bhuidh’ear an deigh an t-eallach so chuir dheth.
(2) Do bhrigh gu bheil iadsan air am bheil tart a faighinn sasachadh o uisge na carraig so. Bhuaile Maois a charraig, agus lean uisge iad fad an rathaid. Bhà so na shàmhla air Criosd. Bhuaile lagh, agus ceartas Criosd, agus tha uisge leanntuinn pheacach “gu iomall crich’ gach tir” co aca theid iad do America, do na h-Innsean, na do China.
(3) Do bhrigh gu bheil “e mar sgàile craige mòire ann an tir airsnealaich.” Tha’n sgàile so o theas, o’n ghaoth, agus o’n uisge. O! nach milis am fasgadh tha’n so! Fasgadh o mholachdan an lagh, o bhuairidhean an t-Satain, o ghath a bhais, agus o phianntan ifinn. Ma tha thu fo’n sgàile so, ’s e ifinn an lag nach faic thu gu bràth.
‘S an treasamh àit An t-Oran.
I. ‘S e cheud ni tha ’s an òran, moladh. Oran-molaidh. Roimhe so, mholadh am peacadh Dia airson trocairean amasireil, mar a tha slainte, saoibhreas, soirbheachadh, agus an leithide sin. Ach nis, tha e toirt buidheachas do Dhia airson a thiodhlaic do-labhairt. O! tha’n t-ainm sin Iosa nis na cheol d’anam!
2. ‘Se n dàramh ni tha ’s an Oran. Iongantas. Cia iongantach tha ’n Reite sin, a dh’oibrich Immanuel mach na shealladh! gu h-àrdh ’n uair a dh’amhairceas e sios do’n t-slochd o ’n do shaoradh e. Tha e coltach gu ’n robh Daniel da uair nas durachdaiche, ’g urnuigh an deigh dha bhi air a thoirt a garaidh na leòmhainn, na bha e riamh roimhe sin. Bhà’n t-àite ud na shlochd uamhann dhasan. Tha e mar is coitchionn a tachairt, gu bheil iadsan air an deanamh feumail do mhuiintir eile, a bha iad-fein air an toirt troimh mhòrambhghair, gu saorsa chomharrachte. Tha cuid airson beathachadh nan uain, cuid airson a bhi dusgadh na mairbh, agus beagan airson an da chuid. O! pheacaich an d’thainig thu as an t-slochd so? Ma thainig tha aobhar agad Dia mholadh, ach mar a d’thainig, thoir an aire mas dùinear an t-slochd ort, agus gu’m bi thusa dol fodha gu siorruidh.
AN GEATA CUMHANG.
“Deanaibh spairn chruaidh gu dol a stigh air a’ gheata cumhann: oir a ta mi ag radh ribh, gu’n iarr mòran dol a stigh, agus nach urrainn iad.”—LUCAS xiii. 24.
‘S a cheud àit.—Ciod e a tha deanamh a gheata so cumhann? ‘S e ’n geata cumhann, an t-astar tha eadar an t-slighe leathainn, agus an t-slighe amhleathan. Bu choir dhuit spairn a dheanamh, ann an leughadh an fhocail, ann an eisdeachd, ann an urnuigh, agus gu h-àraid ann an beachd-smuainteachd, ‘s ann an fein-cheusnachadh. Ciod a math tha’n eisdeachd na’n leughadh, gu’n fein-cheusnachadh? Ceadaichidh Satan dhuit dhol gu mead-honan nan gràis, ach is beag air fein-cheusnachadh, do bhrigh gu’m bheil an cleachdadh so deanamh mòr-chall air a rioghachd. Co air am bu choir dhomh bhi smuainteachd? Air na ceithir nithibh deireonnach, am bàs, breitheanas, neamh, agus ifrinn. Am bi aoibhneas, na bron agad ‘nuair a chi thu a’ Mac? Tha’n geata so ro chumhang airson an dream nach eil mothachadh goirt aca gur peacaich iad, oir tha mothachadh peacaidh, ag iomain an anam dh ionnsuidh a gheata. Fo’n lagh ‘nuair a bha ‘m marbh-aiche air a ruagadh le dioghaltair na fola, bheireadh e ionnsuidh air leth, air faighinn an taobh stigh do ‘n gheata, do bhrigh gu’n robh e faicinn nach robh ach am bàs dhasan an taobh muigh. Cha dean duine air bith stri gu dol a stigh air a gheata, ach esan air a’ bheil eagal a bheatha fuireach a muigh. Tha ‘n geata so cho cumhang agus nach leig e stigh am peacach, agus a chuid peacaidhean cuideachd, feumaidh e ann a bhi dol a stigh a chuid peacaidhean a chuir air Iosa. Ni eile tha deanamh a gheata cumhang, gu feum thu, thu-fein àicheadh, ‘s do ghliocas, ‘s d’fhireantachd, agus thu fein earbsa gu h-iomlan ri fireantachd neach eile. B’aill leis na Pharisich an cuid oibre thoirte stigh air a gheata so. Ma theid thu steach air a gheata chumhang, cha bhi thu gu’n oibre maith, ach ‘s iad oibre Chriosd. Tha ‘r n’eucomas bhi creidsinn a deanamh a gheata cumhang. ‘S iad na meadhanan, “Iarraibh agus bheirear dhuibh : sìrìbh agus gheibh sibh ; buailibh an dorus agus fosgailear dhiubh ; oir gach neach a dh’iarrais glacaidh e ; agus an ti a shireas, gheibh e ; agus do’n ti a bhuailas, fosgailear.” Luc. xi. 9, 10. “Agus o làithéan Eoin Baiste gus a nis, a ta rioghachd neimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h-ainneirt ‘ga glacadh le làmhashas-laidir.” Mata. xi. 12. Tha ‘n geata air a chuarticheadh le uile chumhachdan an dor-chadais, agus cha ‘n fhaigh sinn a steach gu’n chlaidheamh an Spioraid, agus sgiath a chreidimh, leis am bi sinn comasach air uile shaighde teinteach an droch Spioraid a mhùchadh.
‘S an dàramh àit.—C’uin a dh’fheudar a ràdh gu’m bheil an geata fosgailt? Am feadh a mhairesas beatha, agus là nan gràs, tha dochas ri àrach—tha ‘n dorus fosgailte, am feadh ‘s a tha’n Spiorad a strì riut, agus a cuir impidh ort gabhail ri Chriosd. An do mhothaich thu riamh an Spiorad a strì riut, ‘s ga do dheanamh mi-shona anns gach suidheachadh, as aonais Chriosd? Fhad ‘s a tha meadhanan, ‘s orduighean ‘s an tìr, agus a tha ‘n Tighearn air cathair trocair ga thairgse fein do cheann-feadhna na ‘m peacaich tha’n geata fosgailte. Ciod an dorus a bhitheas air a dhunadh? Dorus a Bhiobuill. Eiridh Chriosd maighstir an tigh agus dùinidh e ‘m Bhiobull. Tha saorsa agad an diugh feum a dheanamh do’n Bhiobull, cha bhi a chuis mar sin a ghnàth! Bithidh e ann an uine ghearr na leabhar seulaichte dhuitsa, ged a bhitheas e fosgailte do mhuinntir eile! Bithidh dorus mheadhonan, ‘s orduighean dùinte. Tha peachaich air an cuireadh, agus impidh air a chuir orra tighinn a stigh air an dorus so, agus iadsan a chuireas suarach na meadhonan, bithidh iad fhathast air an dùnadh a mach. Tha lotan Chriosd mar dhorus tha fosgailt latha, ‘s a dh’oidhche, agus O! pheacaich ma tha grádh agad dha t-anam, teich chum na lotan airson fasgadh, mas beir an doininn eaglach ort! ‘S iad lotan Chriosd sgoltaibh na creige dh’ionnsuidh bheil sinn air ar cuireadh. ‘Se sonas sluagh Dhé gu’m bi ‘n dorus air a dhunadh as an deigh, chum ‘s gu’m bi na cealgairean, agus na h-aingidh air an cumail an taobh muigh, agus iadsan mar chloinn an teaghlach a stigh, ‘s cha bhi ann ach iadsan.
‘S an treasamh àit.—Tagradh na muinntir sin a th’ air an dùnadh a mach. ” Dh’ith sinn agus dh’òl a’d’ làthair (mar gu’m bhitheadh Críosd na’n comain), agus theagaisg thu ‘nar sràidibh.” Cha b’ aithne dhomh riamh sibh ag itheadh m’fheola, na ‘g-òl m’fhola. B’ aithne dha iad mar dhaoiné, ach cha b’ aithne iad mar chreidmhich. O! arsa Críosd, bha mi bualadh aig ‘ur dorus gus an robh ” mo cheann comhdaichte le drúchd, mo chiabha le braonaibh na h-oidhche” ach cha b’aili leibh an dorus fhosgladh. C’arson a tha iad ag iarraidh a stigh nis? Gu bhi air an saoradh o pheanas an cuid pheacaidhean, ‘s cha nan o ghradh do naomhachd.
Nam bhitheadh an sluagh a bualadh’ ciod an togradh a bhitheadh aca? Thighearna fosgail dhuinn chum ‘s gu fag sinn an droch cridhe, agus an nadur mi-naomh so an taobh muigh, fosgail dhuinn air chor ‘s gu’m faic sinn an Ti as maisiche na clann nan daoine na ghloir, agus mar an ceudna na naoimh ‘s na h-ainglíbh.
Cha n’eil e eu-coltach nach faic na peachaich na naoimh ann a’ neamh “fad as,” agus meudaichidh sin an dòruinn, cha n’eil sealladh a gheibh iad do’n mhuiintir shaorta, nach gon na h-aingidh dh’ionnsuidh a chridhe. Am biodh tu deonach a bhi dealaichte o phobull Dhe ‘s an t-saoghail so? mar a bhiodh, agus na measadh tu mar pheanas, thu bhi air do dhealachadh ri ‘n cuideachd. Tha e ro choltach gum bi co-chomun agad riutha ‘n deigh so.
AIDEACHADH PEACAIDH.
“Ma dh’aidicheas sinn ar peacanna, tha esan firinneach agus ceart, chum ar peacanna a mhatheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neofhireantachd.”—I EON i. 9.
‘S a’ cheud àit.—Ciod a tha air fhilleadh ann a bhi ‘g aideachadh pheacaidhean? Cha-n e mhain bhi ‘g aideachadh leis na bilean, mar a tha mòran a deanamh nan ùrnuighean agus gidheadh a dlu leanntuinn ris a pheacadh le ‘n cridhe. Cha n’eil a’ sin ach a bhi fanaid air Dia. Tha fior aideachadh, a co-sheasamh ann an aideachadh agus ann an treigsinn. “Ach esan a dh’aidicheas, agus a threigeas iad, gheibh e tròcair.” Gnath. xxviii. 13.
Tha cuid do’n bheachd gu feum iad an cuid peacaidhean a threigsinn mu’n tig iad gu Críosd. Ach c’ait am fag thu do pheacaidhean mu’n tig thu gu Críosd? Nam b’urrainn am peacach, a chuid peacaidhean a threigsinn roimh dha teachd gu Críosd, cha bhiodh feum aig air Slanuighear, oir dh’fhoillsicheadh Uan De chum bhi toirt air falbh peacaidh an t-saoghail. Cha n’eil e na ‘r comas peacadh a threigsinn gu’n tighinn gu Críosd. ‘S ann le bhi cuir ar peacaidhean airson, a tha sinn gan treigsinn, mar a rinn Aaron aideachadh peacaidh air a shon fein agus airsan Israel. “Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air ceann a’ bhuic bheò, agus aidichidh e os a cheann uile lochdan chloinn Israeil, agus an uile sheachrana ‘nam peacannaibh gu leir, agus mar sin sios.” Lebh. xvi. 21. Gach peacadh a mheasadh do Chríosd, mathaidh Dia, agus feum-aidh suil bhi air an iobairt ann a bhi ‘g aideachadh peacaidh.
Bha’n dà bhocgaibhre a samhlaachadh Chríosd, bha ‘m boc a mharbhadh na shamhla air Críosd a’ basachadh airson ar peacaidhean. Bha ‘m boc eile na shamhla air Críosd, “a thogadh suas a ris airson ar fireanachadh.” Bha’n Rèite iomlan ‘nuair a bha uile lochdan Israeil air ceann a’ bhuic.
O! pheacaich cuir do dhà laimh, mar a rinu Aaron air ceann na h-iobairt. Cuir lamh a chreideamh air ceann Chríosd, ‘s aidich do pheacuidhean thairis airsan, ‘s dean thairis iad uat fein an ciontach, gu Críosd an t-Ionracan. ‘S ann ri so tha suil aig Isaiach ‘nuair tha a rádh. “Leag an Tighearn airsan aingidheachd gach aon duin.” Is. liii. 6. Tha’n Slanuighear so toirt air falbh am peacuidhean gu fàsach na diochuímhne, tha peacuidhean a phobuill air a maitheadh, agus air an diochuímhneachadh. “Ciod i a chainnt a chleachdas sinn aig caithir grais ‘nuair a bhios sinn ag aideachadh ar peacuidhean thairis air ceann ar n-iobairt-reite?” So i, “Thugabth leibh briathran, agus pillibh ris an Tighearn: abraibh ris, Thoir air falbh ar n-uile chionta, agus gabh ruinn gu gràsmhor.” Hos. xiv. 2. Cha n’eil aobhar agad eagal bhi ort do pheacaidhean aideachadh do Chríosd, agus iarraidh air an toirt air falbh, oir “thàinig e, a dh’iarraidh agus a thearnadh a ni sin a bha caillte.”
‘S an daramh àit.—Co tha ‘n t-Abstol a ciallachadh leis an fhocal “Sinn”? Creidmhich gu’n teagamh, e fein ‘s na naoimh dh’ionnsuidh an robh e sgríobhadh. Ach cha n’eil sinn gu bhi smaoineachadh gu bheil pheacaich air an druideadh a mach. Tha’n t-Abstol fein a fuasgladh na ceist, mar so. “Agus is esan an iobairt-réitich air son ar peacanna; agus cha’n e air son ar peacanna a mhàin, ach mar an ceudna airson peacanna an t-saoghail uile.” I Eoin ii. 2. Cha-n ann airson nan Iudhach a mhain, ach mar an ceudna airson nan cinneach. Cha n’eil sinn gu bhi co-dhunadh uaith so, gu’m bheil an saoghal gu h-iomlan gu bhi air a thearnadh. Ach, tha’n iobairt-reitich cho luachmhor, cho feartail, agus cho buadhach, ‘s gu’n crath-ghlanadh fuil na h-iobairt, uile chinneach an t-saoghal nan d’ thige iad da h-ionnsuidh. Ach air eagal gu faod neach a’ radh, gur e creidmhich a mhain do’m buin an earrann. Tha mi feòrach, An ann mar pheacach, na mar fhirean a ghabh Eoin ri Crìosd ‘nuair a dh’fhàg e Sebede athair san luing, maille ris an luchd-tuarasdail, agus a lean e esan? Ach tha aon ann a’ so a ràdh, ‘M bheil gealladh ann am focal Dhe do pheacach salach, neo-iompaichte coltach riumsa, ma dh’aidicheas mi mo pheacaidhean? Tha, cluinn Isaiah. “Tréigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuainte; agus pilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia, oir bheir e maitheanas gu pailt.” Is. lv. 7. ‘S cinnteach gu’m bheil leis an ainm so, ‘s e na creutairean peacach, ‘s truagh tha air an ciallachadh. “Oir air dhuinne bhi fathast gun neart, ann an àm iomchuidh, bhàsaich Criosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh.” Rom. v. 6. Cha luaithse tha ‘m peacach tighinn gu Criosd na tha Dia ga fhireannachadh. Faic a cheist, “Ciod e fireannachadh?”
‘S an treasamh àit.—Ciod an seagh anns am bheil Dia fireannach, agus ceart ann a’ maithdeadh peacaidh? Tha e fireannach agus ceart da Bhuaidhibh, mar a tha a naomhachd, a cheartas, fhirinn, ‘s mar sin sìos. Tha olc neo-chriochnach ‘s a pheacadh, ach ann an Criosd, fhuair lagh, is ceartas eirig neo-chrìochnach luachmhor, “Tha an Tighearn gràsmhor air sgàth ‘fhirinn fein; àrdaichidh e an lagh, agus cuiridh e urram air.” Is. xlii. 21. Agus tha an Sgriobtuir so eile air a coimhlonadh. “Tha tròcair agus firinn air còmhlachadh a chéile; tha ceartas agus sith air pogadh a chéile.” Salm lxxxv. 10. Tha Dia fireannach, agus ceart do a Mhac fein ann a bhi maithdeadh peacaidh, cluinn so, “Do shaothair ‘anama chi e, agus bithidh e toilichte. Le eòlas airsan ni m’òglach fireannach moran fhireannachadh; oir giulainidh e an euceartan.” Is. liii. 11. O! ciod e ‘n toileachadh tha aig Criosd, ann a bhi ‘g amharc air peacach air ionnlaid, agus air a ghlanadh na fhuil fein! agus ann a bhi faicinn Athair agus peacach air an réiteachadh ri chéile tre a bhas fein. Tha e fireannach da cho-cheangal. “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus tearnar thu.” Ged robh ‘ur peacanna mar an scarlaid; bithidh iad geal mar an sneachdadh; ged robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar olann. Ma tha e fireannach, agus ceart ann a bhi maithdeadh peacaidhean nan creidmhich, ‘n e nach bi e fireannach agus ceart ann a bhi diteadh nan anacreidmhich? Tha e díleas da Bhuaidhibh, da Mhac, da cho-cheangal, ‘s da fhocal nan diteadh. Bithidh e ceart ann a bhi deanadh peanas orra gu siorruidh. Dhuilt iad Criosd, agus thoill iad peanas, agus ‘se so aobhar am peanas gu bi-bhuan. “Smuainichibh a nis air so, sibhse nach cuimhnich Dia: air eagal gu’n reub mi as a chéile, gu’n neach ann a theas-airgeas.” Salm l. 22. Mar nach fhaca suil an Sonas a tha air a thaisgeadh airson an dream air am bheil eagal an Tighearna, cha mhò bhreithnich cridhe duine an truaighe a tha air a taisgeadh fa chomhair an dream sin a ni dímeas air an t-slainte so.
(Ri leantuin.)