MU BHEATHA ‘N URR. RAIBEART FIUNLASON,
Bha na Mhiniteir do’n Eaglais Shaoir ann ‘n Eilein Leoghais,
agus ann ‘am Bunfhillidh.
LEIS AN URR. I. MACPHERSAIN, BHA ANN ‘N LOCHAISE, 1870.
(Concluded from page 276.)
CLANN AN T-SOLUIS.
“Oir bha sibh uair uair-éigin ‘nur dorchadas, ach a nis tha sibh ‘nur solus san Tighearn: gluaisibh mar chlann an t-soluis.”—EPHES. v. 8.
‘S a cheud ait.—Ciod e ‘n seagh ‘s a bheil an duine nàdurrà na dhorchadas?
‘Nuair a chruthaich Dia an duine bha a thuisge na lòchran soluis; bha coslas Dhé air a tharruing air anam—se sin, eolus, fireanntachd, agus naomhachd, ach ‘nuair a thuit e, dhorchaicheadh uile bhuaidhean uasal a nadair, chaill e coslas Dhe; agus esan bha roimhe sin a gabhail tlachd ann an solus gnuise Dhé, theich e, agus dh’ fhollaich se e fein ann an oisinn iomallach do’n ghàradh o ghnuis a chruthfhear mbòir.
Tha gach aon anam, fhad ‘s a tha e fo chumbhachd peacaidh, agus ascreidimh, ann an dorchadas, oir tha gach neach a tha fo chumbhachd a pheacaidh fo chumbhachd Shatain, agus theirear ri Satan dia an t-saoghail so. “Dhall dia an t-saoghail so intinn na dream nach ‘eil ‘nan creidich.” Cha ‘n eil Prionnsa ann, aig am bheil armailt cho lionmhor ri feachd Shatain, ach tha iad uile dall, gach neach mar a gheibh e a fhradharc fagaidh e air ball an armailt so, ach iadsan a tha dall buanaichidh iad nan trailean aige. Tha mi coimeas na h-iochdarain aig Prionnsa ‘n dorchadais ri armailt araidh a bhuinneadh do Righ Assiria, a bhuaileadh le doille ann an àm Elisa, agus a bha air an treorachadh a stigh do mheadhoin Shamaria. Their Satan, leanabh mise, agus treoraichidh mise sibh air an t-slighe cheart, agus leanaidh na truaighean amaideach e, gus am bi iad an taobh thall do throcair. Lean an duine saibhear e gus an do thog e suas a shuillean ann an Ifionn. Bha Satan nis cinnteach dheth, nach rachadh e as, agus dh’ fhosgail e a shuilean, chum ‘s gu faiceadh e a dhannadh fein ‘nuair a bha e ro-anamoch. Guidh air Dia gu fosgail e do shuilean, chum ‘s gu faic thu olc a pheacaidh agus an sin fagaidh tu camp an t-Satan. Bha Saul aon uair air a dhalladh le dia an t-saoghail so, agus bha e fasachadh na h-Eaglais gach là, ach ‘nuair a thuit lannan aineolais agus na doille, o shuillean, cha ghabhadh e an t-òr tuilleadh, fo bhratach Shatain.
Thuille air so tha ‘n duine nadurra ‘s an dorchadas do bhrigh, gu bheil e gradhachadh oibre an dorchadais. “Agus is e so an diteadh, gu’n d’ thainig an solus do’n t-saoghal, agus gu’n do ghràdhaich daoine an dorchadas ni ‘s mò na ‘n solus, a chionn gu’n robh an gniomharan olc.” Eoin iii. 19. Tha e cheart cho nàdurrà do’n pheacach, ana-miann a ghradhachadh, agus a tha e do’n a ghrein dealrachadh, agus do na srada eiridh suas. Tha chuid ana-miann air an gradhachadh leis a pheacach mar lamh dheas, agus mar shuil dheas, agus tha do thoil-inntinn aige ‘sa pheacadh, ‘s gu bheil e aindeonach air a threigsinn, ged is e crioch na nithean sin am bàs. Tha ‘n t-abstol Eoin ag innseadh dhùinn mar so. “Ach an ti a ta fuathachadh a bhrathair, tha e anns an dorchadas, agus ag imeachd anns an dorchadas, agus cha ‘n aithne dha c’ait am bheil e dol, do bhrigh gu’n do dhall an dorchadas a shuilean.” I Eoin xi. ii. Chuireadh e uamhas ort duine fhaicinn a coiseachd air bearradh craige, agus an cunnart tuiteam sios gach tiota, agus e fein aig a cheart àm gu’n mhothachadh aige gu’n robh e ‘s an staid eagallach so. Agus ‘s e so suidheadadh gach aon, ann an staid nadair, a ghnàth air bearradh sluic na h-Ifrinn, an cunnart tuiteam sios an comhair a chinn do’n t-sloc, agus gidheadh e fein tur aineolach air a chor.
‘San dàramh àit.—Cia mar a tha an t-atharrachadh so tachairt? “Tha sibh ‘nur solus san Tighearn.”
Tha e air innse dhùinn, ‘nuair a chruthaich Dia ‘n saoghal gu’n robh dorchadas air aghaidh na doimhne, agus gu’n robh Spiorad Dé a’ gluasad air aghaidh nan uisgeachan, agus gu’n d’ thubhairt Dia, Biodh solus ann; agus bha solus ann. Mar an ceudna, ann an là na h-ath-gheineamhuinn, tha Spiorad Dé a’ gluasad air aghaidh an anama, agus ag ràdh Biodh solus ann, agus air ball tha solus ann, tha cruthachadh nuadh ann, tha ‘n t-anam a tighinn a mach a meadhon dorchadais, agus mòr aineolais, le suilean inntinn air an soillseachadh ann an eòlas Chriosd, mar a bitheadh an solus, bhitheadh an cruthachadh na ionad falamh, agus an talamh na ghainnteir dorcha, mar an ceudna, tha gach cridhe gu’n solus spioradail, na ghainnteir dorchadais, ach far am bheil coinneal an Tighearna dealrachadh, tha ‘n t-anam a faicinn aingeachd fholaithe ann an oisinnne dorcha a chridhe, air an robh e tur aineolach roimhe sin. Ann an là ‘n iompachaidh tha uile bhuaidhean an anama air an soillseachadh, O! na beachdan gloirmhoir a gheibh an creutair air Criosd, grian mhòr na fireantachd tha dealrachadh ‘s an t-soisgeul! Bha Criosd roimhe ‘s an fhochol ach bha e ‘m folach air, do bhrigh gu’n do dhorchaich am peacadh a shuilean. Tha ‘n t-anam air ath-bhreith coslach ri Adhamh ‘nuair a chruthaicheadh e air tìs, ‘s cinnteach gu’n robh e lan ioghnaidh air dha a shuilean fhosgladh agus amharc air an iarmailt air a ghrein, air a ghealaich, ‘s na reultan, air an talamh, ‘s air a chuan, bha ‘n cruthachadh uile air a lionadh le ainmhidhean do gach seorsa, agus làn do gach gnè thoraidhean. Dh’ fhaodadh Adhamh a’ radh, “Is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi,” ‘s cinnteach gu’n do cruthaicheadh mise agus an saoghal maiseach so a neoni le neach-eigin oirdheire, agus diomhair. Faodaidh neach air ath-bhreith a ràdh mar an ceudna, gu’n robh làmh neofhaicsinneach a toirt mu ‘n cuairt an atharrachaidh so, o dhorchadas gu solus, ‘s o chumhachd Shatain gu seirbheis a dheanamh do ‘n aon Dia bheo agus fhior. Tha a chogais air a soillseachadh, tha ‘n spiorad naomh a gabhail seilbh air a chridhe, agus a smâladh na coinne so, agus ag anailachadh oirre, air chor ‘s gu ‘m bheil e dealrachadh, agus a craobh-sgaoileadh a solais air feadh an duine gu h-iomlan, tha ana-miannan gan taisbeanadh fein, agus tha esan a gabhail gràin dheth fein mar a rinn Iob ‘nuair a chunnaic e Dia. Faodaidh cogais an duine nadurra cronachadh a thoirt dha, ach do bhrigh gu bheil e peacachadh cho tric na h-agaidh tha i fas balbh. Mar a tha ‘n t-Abstol ag radh “air bhi d’ an coguisibh air an losgadh le iarunn dearg.” 1 Tim. iv. 2. Tha so ga fagail marbh ‘s gun mhothachadh, agus gu dearbh is comharrá brónach so, tha e na chuis eagail gu bheil là nan gras seachad ‘nuair a sguireas i a chronachadh airson peacaidh!
‘San treasamh àit.—A thoirt seòlaidh do Chriosduighean, cia mar bu choir dhoibh imeachd. “Gluaisibh mar chlann an t-soluis.”
Gluaisibh ann an gradh, eadhon mar a ghràdhaich Criosd sinne, tha gradh na chomharrá sonruichte air creidmheach. Tha Criosd ag radh, “Le so aithnichidh na h-uile dhaoine gur sibh mo dheiscioibuil-sa, ma bhios gràdh agaibh féin d’ a cheile.” Eoin xiii. 35. Gu cinnteach cha ‘n ‘eil ni ‘s nadurra, na gu ‘m biodh iadsan aig a’ bheil dochas a bhi an cuideachd a cheilefad na siorruidheachd, a gradhachadh aon a cheile. Tha Daibhidh ag radh, “Is fear-comuinn mi dhoibhsan uile air am bi t-eagal.” Tha e ro bhoichd gu’m biodh clann an aon teaghlaich, ‘s buill an aon chuirp a criomadh, ‘s ag ithe’ a cheile. Tha Mr. Dyer ag radh, “Cha ‘n ‘eil e na ioghnadh a bhi faicinn madadh-ruadh ag ithe’ uan, do bhri gur beathach fuileachdach e, each is ni ro ioghantach ri fhaicinn aon uan ag ithe’ uan eile.” “Tha fhios againn gu’n deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha do bhrigh gu bheil gràdh againn do na bràithribh.” 1 Eoin iii. 14. Cha ne mhain gur e do dhleasanas do bhrathair a ghradhachadh, ach mar an ceudna na h-uile dhaoine-eadhoin na h-anndiadaich, agus iadsan a tha mi-naomh. Cha ‘n ‘eil thu gu bhi ga ‘n gradhachadh le tlachd, ‘s toil-inntinn a ghabhail unnda, ach le truas, agus iochd. Bu choir dhuit an truaghan is suaraiche a tha ‘g imachd na straide a ghradhachadh, ach a pheacadh fhuathachadh, tha anam luach-mhor neo-bhasmhor ri thearnadh aig a chreutair is truaighe ‘s a bhaile so, agus bu choir dhuinne gach aon mheadhon a chleachdadh chum thoirt gu aithreachas. “Tha esan a chosnas anama glic.”
Thigeadh do leanabh soluis glusad ann an irisleachd. Tha ‘n t-Abstol ag aithneadh dhuin mar so. “Bithidh air bhur sgeadachadh le h-irioslachd; oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a toirt grais dhoibh-san a tha iriosal.” 1 Phead. v. 5. Cha ‘n ‘eil neach aig a’ bheil a leithid a dh’aobhar a bhi iriosal ‘s tha aig leanabh an t-soluis, ‘nuair a bheir e fanear gu’n robh e aon uair ann an staid naduir ga luidreadh fein anns a pheacadh, na thràill do’n diabhull, do’n t-soaghal, do’n fheoil, agus do ana-miannan féin. Agus ged a tha e air a sgeadachadh ‘s an trusgan is feàrr, cuimhnicheadh e nach robh i air a cosnadh leis. Cha b-urrain a mac stròdhail bhi uaibhreach a thaobh a dheise, ‘nuair a smuainicheadh e gu’n robh e aon uair na bhuachaille-mhuc, agus beo air na rùsgan. ‘S coir do’n chreid-mheach bhi iriosal nuair a chuimhnicheas e gu’n do ghràdhaich an Tighearn e le gràdh siorruidh, gu’n do ghairmadh e gu h-éifeachd-ach, gu robh e air ath-bhreith, air fhireannachadh agus air uchd-mhachdachadh, ‘nuair a bha muinnteir eile air am fagail fo fhearg ‘s fo mhollachd Dhé.
A ris tha clann an t-soluis gu bhi gluasad “gu faicilleach, cha’n ann mar amadain, ach mar dhaoine glice.” “Uime sin na coid-leamaid mar dhaoine eile; ach deanamaid faire, agus bitheamaid stuama.” Tha aobhar aig a Chriosdaidh bhi ghnàth ri faire thairis air a chridhe fein, oir tha’n cridhe ro chealgach, ma tha speis do’n pheacadh ‘sa chridhe, mar is tric, tha e air fhaicinn an deigh sin ‘sa chainnt, agus anns a bheatha. O! thoir an aire nach toir thu àit do’n pheacadh, oir “ma dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an’ righnathair sàthaidh e a ghath.” Bu choir do chreidmheach gluasad gu faicilleach an làthair dhaoine, do bhrigh gu’n ciurr e aobhar Chriosd ‘nuair a tha luchdaidichidh le beatha mhi-naomh, a toirt aobhar do’n namhaid labhairt gu toi-bheum-ach, ‘s a maslachadh an aobhair.
Anns a’ cho-dhunadh, Thoiribh an aire sibhse uile tha fathast ‘s an dorchadas, ma bhhanaicheas sibh, agus gu’m bàsaich sibh anns an dorchadas, bithidh sibh air ‘ur tilgeadh do dhorchadas iomallach. Tha Ifrionn air a samhlachadh ri dorchadas iomallach, bha’n seirbheiseach mi-tharbhach air a thilgeadh ann sin. Agus ma bha tri làithean do dhorchadas ‘s an Eiphet cho grathail. Ciod e cho grathail, agus eaglach ‘s a bhitheas siorruidheachd air a ceann, ann an dorchadas iomallach!
A’ CHRIOCHE.