Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1909 » February 1909 » Uilleam Almes air an aon Salm deug thar da fhichead

Uilleam Almes air an aon Salm deug thar da fhichead

(Continued from page 356.)

An dara Leasan.

Chum agus gu faighid beantuin ri cogais na dream a chaidh air seacharan, ionnus agus gu’m bitheadh mothachadh ceart aca air am peacadh, tha minstreileachd focal Dhe ro fheumail. Tha chuis mar sin ‘thaobh dhaoine anns gach inbhe, r. 1, ‘nuair a thainig Natan am faidh d’a ionnsuidh.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu’r h-e so am meadhon a dh’orduicheadh le Dia air son gu’m bitheadh creideamh agus aithreachas air an gintinn, air an arach, air an eiridinn, agus air an ath-nuadhachadh.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu’r h-e dearmad agus tair air an fhocal ‘tha ag aobharachadh peacaidh. Troimh fheum cheart a bhi air a dheanamh de’n fhocal tha an t-olchd so air a thoirt air falbh.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus an uair ‘tha an creutair air a chleachdadh ann am peacadh, nach ‘eil e comasach dha nadur a pheacaidh fein a thuisginn, ni mo tha e comasach dha, dhe fhein slighe gu eirigh mach as a staid anns am bheil e aithneachduinn. Air an aobhar sin is iomchuidh gu’m bi a leithid sin de neach air a bhrosnachadh agus air a stiureadh troimh co-chur ‘na riaghailt, ni nach ‘eil a reir an ordugh a’ gabhail aite ach troimh mhinisteir-ealachd focal Dhe.

Feum. 1.

Comhairle do mhinisteirean an fhocail, gu’n deilig-eadh iad gu dichtiollach agus gu dileas ris gach gne pheacach chum an toirt gu aithreachas, mar a dheilig Natan ri Daibhidh fein, ged bu righ agus b’ fhaidh oirdheirc e.

Feum. 2.

Chum ditidh uamhar mhoran ‘tha ‘deanamh tair air minstreileachd an fhocail, mar nach bitheadh feum air bith aca fein deth, ged bha e cho ro-fheumail do Dhaibhidh.

An treas Leasan.

D’ur tha a’ chogais a’ faotainn mothachadh ceart air peacadh, tha i ‘san uair sin, a’ tagradh sòlais, eadhon ged a bhitheadh i fior fhiosrachail air na h-uile ni a bhi air an gealltuinn dha’n cheutair a pheacaich. Coimeis rr. 2, 3, ri 2 Sam. xii. 13.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu bheil e iomchuidh gu’m bitheadh tagradh dhe’n ghne so ‘tighinn a stigh mar mheadhon eadar an gealladh agus a bhi a’ seilbheachadh a gheallaidh, ionnus agus gu’m bitheadh buaidh a gheallaidh a’ leantuin.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil seilbh agus mothachadh air an ni ‘bh’air a’ ghealltuinn air an cosnadh air an doigh so a’ chuid ‘s a’ chuid.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu bheil nadur ar dleasdanas, agus gloir Dhe a’ agair a leithid so de dh’ioslachadh o pheacaich.

Feum. 1.

Ann an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail a mach gu’r h-e cuinteas air buanachadh grais is mathair do shocair sheolmhor.

Feum. 2.

Air son comhairle, ionnus agus a reir naduir nam peacaidhean, gu’m bitheadh againn cogais agus cùram gu’m bitheadh cleachdamh ar-n-aithreachais a reir sin, ni as-eugmhaís nach urrainn gras ‘bhi beothail anns an anam.

An ceathramh Leasan.

‘Se bunait na h-uile sòlas ann an aghaidh cionta peacaidh, gras agus caoimhneas, agus trocair ro-phailte Dhe, r. 1, Ged tha na tri sin a’ ciallachadh, a thaobh brigh, an t-aon maiteas ceudna Dhe, gidheadh faodar an eadar-dhealachadh a reir agus mar a ta gach aon diubh, ann an doigh air leth, a’ cur soluis air nadur maiteas sin Dhe. (1) Oir tha gras a’ dunadh a mach na h-uile deagh-thoilltinneis, agus a’ ciallachadh maiteis a tha saor air na h-uile laimh. (2) Tha caoimhneas a’ cur an ceill an deoin a tha aig Dhia gu ‘bhi gu saoibhir comhpairteachadh ri muintir eile dhe a ghras. (3) Tha trocair a’ toirt air a chomh-pairteachadh sin ‘ruigsinn gu peacaidh thruagh, agus tha lanachd trocair a’ gabhail a steach a’ chuid is an-tromaichte agus is truaigh do pheacaich.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus nach urraichte bunaitean solais ‘fhaotainn ann am peacaidh fein, no ann an ceartas Dhe. Bho a bhi a’ beachdachadh orra sud, cha tig ach duil eagalach air breitheanas geur.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil e iomchuidh gu’m bith-eadh lughadh oilbheim an crochadh ri gras, caoimhneas, agus trocair an neach dha’n tugadh an t-oilbheum.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus air an doigh so a mhain gu’m bi gloir ar solais agus ar slainte a’ sruthadh thairis, gun roinn, a dh’ionnsuidh Dhe.

Feum. 1.

Ann an aghaidh teagasg nam Papanach a’ bhitheas a’ cumail a mach gu faodar riarachadh a thoirt do Dhia le daoine air son pheacaidhean.

Feum. 2.

Air son seolaidh, chum agus ann a bhi ag iarraidh sòlas gu’n suidhicheamaid suilean ar-n-inntinn air gras, caoimhneas, agus trocair Dhe, agus gu’n crochaimead le ar-n-uile chridhe orra sin a mhain.

An cuigeamh Leasan.

Tha gras, caoimhneas, agus trocair Dhe cho pailte agus gu’n toir E gu tur air falbh ciont peacaidh uathasan a leigeas an taice le aithreachas orra, r. 1, Dubh as m’eusaontas. Tha peacaidhean, ‘reir gnaths an lagha mar gu’m bitheadh a cheart uiread is sin de ainmheach no de dh’ fhiachan fa chomhair Dhe, mar gu’m bitheadh iad sgriobhta ann an leabhar, chum agus gu’m bitheadh peanas ceart air ath-dhioladh air an son. Is. lxxv. 6, 7; Ier. xvii. 1. Ach troinbh ghras, caoimhneas agus trocair Dhe tha na fiachan sin air an dubhadh a mach, ionnus agus nach deanar dioighaltas air an son ni’s mo no ged nach robh iad riamh ann. Is. xxxviii. 17; Ier. xxxi. 34; Ier. l. 10; Micah vii. 18, 19.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu’r h-e th’ann an gras Dhe a thaobh na muintir a tha ri aithreachas saoibhreas glormhor, ionmhas a ta a’ cur thairis, ionnus agus far an do mheudaich peacadh gu’r ro-mho a mheudaich gras. Eph. i. 6; Eph. ii. 4, 7; Rom. v. 20.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil a bhi a’ deanamh luchd an aithreachais reidh ri Dia (ionnus agus gu’n sruthadh sólas o’n reite) ag again gu’n deanta crioch air peacadh, Salm cxxx. 3.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus nach e maitheanas ann an cuid ach lan mhaiteanas a choisinn Criosd air n’ar son. Eubh. x. 14.

Feum. 1.

Ann an aghaidh teagasg sin nam Papanach a tha ‘teagasg maitheanas ann an tomhas, ‘se sin saorsa o’n choire, ach gun e a bhi o’n pheanas uile.

Feum. 2.

Airson solais dhoibhsan a ta ri aithreachas agus ‘tha teicheadh le’n uile chridhe a dhionnsuidh gras Dhe.

An seathamh Leasan.

Tha feum mor agus minig air a bhi ‘tagradh ri Dia ‘na trocair airson gu’n cuireadh E air falbh a leithid so do pheacadh agus ‘bh’aig Duibhidh r. 2, Gu h-iomlan ionnail mi o m’ lochd. Eoin xiii. 8-10.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu bheil a’ ghràinndead is mo co-cheangailte ri leithid so do pheacadh. Tha e cosmhuil ri luibhe. Levit. xiv. 7; Matt. xv. 11. Is cumanta dha a bhi air ainmeachadh mar shal, truailleadh, neo-ghlan, duaichnidheachd, lomnachd salacharachd, gaoid, uaith so tha mar fuath, dèistinn-eachd, gràin a pheacaich ann an lathair Dhe, mar sin mar an ceudna nàire agus uamhas a pheacaich ann fhein. Is. i. 15; Gnath. iii. 32; Gen. iii. 7; Rom. vi. 21.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil glanadh iomadh fillte agus buanachadh anns an ni ceudna air iarraidh chum peacadh lan ghlanadh air falbh, (1) ann am fireanachadh a thaobh cionta, (2) ann an naomhachadh a thaobh smail, (3) ann an gloireachadh a thaobh peanais.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu bheil e ro fheumail dhuinne air son anmhuinneachd mhing agus neo-iomlanachd ar creidimh gu’m bitheadh ar fuasgladh o’n pheacadh air a dheanamh daingean gu tric agus air iomadh doigh dhuinn.

Aobhar. 4.

Do bhrigh agus nach h-urrainn an inntinn a ta air a coisrigeadh do Dhia fois a ghabhail ann an neo-iomlanachd, ach gu’m bi togadh aice an deigh iomlanachd.

Feum. 1.

Air son ditidh nam peacach sin aig nach ‘eil mor chùram, no cùram air bith airson gu’m bitheadh am peacadh fein air a dhubhadh a mach.

Feum. 2.

Air son seolaidh, chum agus gu’m bitheadh ar dichioll is mo air a cleachdamh an comhnuidh air son gu’m bitheadh ar peacaidhean air a dubhadh a mach.

An seachdam Leasan.

Gu’r h-e aideachadh firinneach air ar peacaidhean am meadon feumail agus eifeachdach chum gu’m bitheadh iad air am maitheadh dhuinn, r. 3, “Oir tha mi ag aideachadh m’cusaontais. Chum a leithid so a dh’aideachadh ‘bhi ann, ‘tha air iarraidh: (1) Aithne shoilleir, fhad agus is urrainn sin a bhi, air ar peacaidhean troimh ‘bhi ag amharc orra agus ‘bhi ‘ga an coimeas ri lagh Dhe. (2) Aideachadh aon-fhillte a dheanamh air ar peacaidhean a thaobh an cionta, an truailidheachd, agus cho toilltinneach agus a ta iad, mar tha iad anna fein, air na h-uile doigh air peanas. (3) Mothachadh freagarrach dha’n aideachadh, ‘se sin, nàire doilghios, teicheadh, agus fuath. (4) Irioslachadh, troimh am bi am peacach a’ striochdadh do bhreith-eanas, agus do thoil Dhe, agus aig an am cheudna ag aslachadh trocair le uile chridhe.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus nach ‘eil aite aig neach air bith dha’n trocair so, no do mhothachadh air an trocair so as eugmhaís gu’m bi a pheacadh air a dhearbhadh air, agus air aideachadh leis.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu’m feum gu’m bitheadh breth air a toirt air a pheacadh, agus e ‘bhi air a dhteathd aon chuid leinne no le Dia. 1 Cor. xi. 31, 32.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus troimh a leithid so a dh’ aideachadh, gu bheil na peacaidhean a ghniomhaicheadh air an tionndaidh, fhad agus ‘tha sin ‘nar comas, gu bhi mar nach bitheadh iad ann, agus gu’m bitheadh iad air an cur am fada uainn.

Aobhar. 4.

Do bhrigh agus gu bheil cothrom agus chis air an toirt do Dhia air an doigh so chum a throcair fein a ghloireachadh gu ro-mhor.

Aobhar. 5.

Do bhrigh agus gu’r h-e so an cumha ris an do cheangal Dia gealladh maitheanais. 1 Eoin i. 9.

Aobhar. 6.

Do bhrigh agus gu bheil, ‘thaobh brigh na cuise, air an gabhail a stigh anns an aideachadh so araon leasachadh beatha, agus taignealachd do Dhia, nithe gu’r h-iad toraidhean iomchuidh a’ mhaithenais. Gnath. xxviii. 13; Salm ciii. 1-3.

Aobhar. 7.

Do bhrigh agus gu bheil an t-aideachadh so a’ gabhail a stigh ann fein bòid air a bhi ag iocadh molaidh do Dhia, agus a bhi a’ dol air aghaidh gu ‘bhi a gloireachadh ainm-san’an lathair muinntir eile.

Feum.

Air son seolaidh, chum agus gu’n tugamaid fainear gu’n deanamh sinn aideachadh firinneach agus gun cheilg air ar peacaidhean leis an dearbh èud leis am bu mhaith leinn gu’m bitheadh iad air am maitheadh dhuinn.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice