THA sgeul duilich ri innseadh
Nar measgne n’ diugh anns an tir so,
Mu bhas Mhic-Coinnich, a firean,
Tha an diugh na shineadh ‘s an uir;
Ach ‘s buille ghoirt e don sgir so,
‘S na sheirm thu Soisgeul na Rioghachd,
Le mor ughdaras ‘s dillseachd
‘S le cridhe fior bha gun gho.
Ruith thu turus an Phasaich
Fo bhratach Ceannard na Slainte,
Mar shaighdear dileas neo-sgathach,
Ged ‘s iomadh namh bhaire do thoire;
Ged bhitheadh tu comhradh gach la riuth
Bu leatsa riabh a bhuaidh-laraich,
On bha n’ armachd do ghnath oirt
Thug sud dhuit danachd ro-mhor.
Ach thuar thach o gach truaghe
‘S thu gabhail seilbh air an’ t’ suaimhneas
‘S an rioghachd shiorruith neo-thruailidh
Nach fhaigh mi luaidh mar bu choir.
Thaobh na n’ grasan a thuar thu,
D’fhag sud do thurus dhuinn buadhach
‘S gur sgeul duilich ri luaidh leam
Nach eisd mo chluais thu nis mo.
Bha agad buadhan neo-ghnathaichte
Nuair bhitheadh thu luaidh dhuinn mun t’ slainte
Mun do d’fhiosraich na faidhean
‘S tre n’ d’thuair iad sabhailt do ghloir;
‘S cha n’eil e mor dhomh ri radhainn.
Gur tearc an diugh ann ar la iad
A liones suas dhuinn a bhearna
Rinn sgeul do bhais thoirt oirnn.
Bha thu aithnicht mar Chriosdich,
Ann am beatha na diadhachd,
‘S cha robh cearn ‘s an do thriallt thu
Nach d’fhag thu fianais ad dheigh;
Air cogais muinntir andiadhaidh
Bhitheadh dhuit le h’ eagal a striochdadh,
Oir bha ughdaras diadhaidh
Gad leantuin riabh fad do reis.
Nuair bha m’bas tarruinn dluth dhuit,
Gu bhi duineadh do shuilean
Gu robh aingle na cuirte
Ri tighinn dluth dhuit mu’n’ cuairt,
Chum t’anam luachmhor-sa ghiulan
Mach air falbh o gach curam
Bha dhuit na eallach ‘gad chiuradh
Air an taobh so do n’ uaigh.
Ged bha thu fulang gu craiteach,
‘N am tigh talmhaidh a phailluin
Bhi ga sgoileadh ‘s an fhasach
‘S tu dol ga fhagail ‘ad dheigh;
Ach thuar thach aitreach ‘s na h’ardibh,
Nach deach a thogail le lamhan,
Tha i siorruith gach la dhuit
‘S chan fhaigh am bas innt ‘ad dheigh.
Ged ‘thag thu sinne gu cianail,
‘S fo throm mhulad gad iarguinn,
‘S t’aite falamh ‘san fhion-liois
S’ann robh thu cian mhaith do’d la :
Ach thuarí thu dh’ eaglais nan ceud ghín,
‘S trom chudthrom gloir ann gad lionadh
‘S tu g’ol a tobar neo-chriochnach
Nach faic gu siorruith muir-traigh.
Ach chi thu Maois ann ‘sna faidhean
‘Us sluagh ro-mhor nach gabh aireamh
Pailmibh aca na lamhaibh,
‘S bithidh fuaim gach clarsach ri ceol ;
Tabhairt cliu gu sonraichte do’n ard-Righ,
A’ dh-ullaich innleachd na slainte,
‘S don a Mhac sheas nan aite,
‘S thug air Paras dhoibh coir.
Tabhairt cliu don Spiorad a dhuisg iad
Nuair bha iad marbh ‘sa mhi-churam,
Se thug neart agus luth dhoibh
‘Us sealladh stíl mar bu choir ;
Gu bhi sealltuinn na ghnuis-san
A sheas mar Urras a chumhnaínt
‘Us claidheamh-ceartais glan-ruisgte
Tighinn air le h’ughdaras mor.
Ged bha do naimhdean ag iadhadh
Mu’n cuairt dhuit casadh am fiaclan,
Chionn thu thogail na fianuis
Air taobh do Thriath mar bu choir,
‘Sa chionn nach deanamh tu stiochdadh
Do chloinn Ismaél ‘s d’an diadhadh,
Bu shloichd don bhanoglaich rianbh iad
Ged fhas iad lionmhor gu leoir.
Ged fhàs iad ainmeil ‘s gach cearna
Mar shluagh air fine Abraham,
Gidheadh is sliochd iad o Hagar
Nach t’ fhuair aite mna-posd ;
‘S cha bann tre ghealladh a bha iad,
Ach o n’ fheoil ‘sa reir naduir,
‘S bha gheur leanmhuinn co-fhas leo
Gu moch o laithean an oig.
Choinnich sud gu ro-shearbh ruit,
Ann a lanachd na h’ aimsir,
Nuair chaidh cumhnant na h’ Alba
A bhrath le h’ ana-ceartas mor :
Le reachd a dheanamh cho-cealgach
Bha dhaibh do reir a mac-meannibh,
Se sud rinn buileach do thearbadh
Cho luath air falbh bho’n taobh-mhor.
Ged thuarí an uaigh cead bho’n ard-Righ,
Thu bhi na glacaibh an trath so,
Theid gach glas chuir am bas ort
A chuir gu brath bh’uat an cein ;
Nuair thig briseadh na faire
Air maduinn ghloirmhor an la sin
‘San d’ thig d’ fhear-saoraídh on Airdé
Gad ghairm an gradh bhon an eug.
Thig thu mach gu neo-thruailidh,
Gun smal gun phrecasadh mun cuairt duit,
‘S cha luidh aois air do bhuaodhan,
Bithidh t’oige buan dhuit gach re;
‘S bithidh cuideachd ainglean dol suas leat
‘S tu ann an aireamh an t’ sluaigh sin
Dom bi Fear-Saoraidh mar bhuaichaille,
Thug dhaibh a bhuaidh tre fhuil Fein.
R. FERGUSON.