- Air a chlo-bhualadh ann an Steornabhagh le Tomas MacNeacail.
‘CHEUD Dilùain de’n gheamhradh,
Chaidh naighheachd theann troimh ar cluasan,
Mu bhás ar caraid bha díleas,
‘Sa bha cho direach ‘na ghluasad;
Ged’ d’fhas e lag leis an aois,
Cha robh ar súilean cho fùasgailt,
‘S gu robh sinn idir a’ saoilsinn,
Gu’m biodh a chàochladh cho luath ann.
Fhuair e ùin’ air an talamh;
An aois a ghealladh ‘san fhìrinn;
‘S fhùair e beagan a bharrachd,
Ri cosnadh arain le dichioll;
‘S ma chaidh a ghairm ann an cabhaig,
Bha esan abuich da rfreadh,
A ghabhail seilbh air a’ghealladh,
A bha e ‘g altrum le dillseachd.
Chaidh thu troimh àmhghar ‘san fhreasdal,
Chaill thu ‘n toiseach do chèile;
Thugadh uait i le fiabhrus;
Bha buille gheur an sin fein dhuit;
Nach tric a bha thu air d’fheuchainn,
‘Sa pháilliuin chriadha le èucail;
‘S le spiorad tûirseach ri ‘g iarraidh,
Do chòir a’n Crìosd a bhi rèidh dhuit,
‘Mhuinntir Nis ‘m bheil sibh ‘ cluinntinn;
Tha Seumas-Aindrea ‘san talamh;
‘S bu tric a theireadh a naimhdean,
Gu’r e a bh’ann dheth fear-meallaidh;
Gu robh e dèigheil air bùaireadh,
‘S ri ‘g altrum fùath do luchd-aidich; Ach ged a shìneadh ‘san ùaigh e,
Cha’n ‘eil bhur truaighe-sa thairis.
Ach chaidh a thraelghesan thairis;
Is fhuair e aiseag bha sàbhailt,
A null-gu lùath air an amhainn;
Ach ‘s iomadh anam a bhàth i;
Cha deach a dhòchas a mhealladh,
Ged ‘s tric a bhagair a’ nàmhaid,
Gu’m biodh a phìantan do labhairt,
‘S nach robh ach mealladh ‘na chràbhadh.
Tha fios gu’m bheil cuid de na braithribh,
Aig an robh gràdh nach robh beag dhuit;
Is cuid do pheathraichean dladhaidh,
Nach d’chuir a riamh annad teagamh;
‘S tha cuid ri togail na fianais,
Bha ‘sealtain sìos air do chreideamh;
Cha b’ ann do’n teaghlach a riamh iad; S ann bha iad dìolain ‘san t’seadh sin.
‘Se fionan thorach bha ‘n Séumas;
Craobh de’n t’seudar bu ghrinne;
Ged bha e tric ann an èigin,
Air càll a ghrèim ‘s e ga shireadh;
Ach buinidh na nithean tha diomhair,
Do’n Tì tha riaghladh na cruinne;
‘S ‘nuair bheir E dhùais do cach créutair
Cha dèan E èucoir air duine.
Rinn thu sgrìob a bha dreach;
Cha d’chuir thu mìthlachd air t’aidmheil;
‘S ann mheas thu ‘n tàlann a fhuair thu,
Mar neamhnuid luachmhor do t’anam;
Bha d’fhas ri fhaicinn air uairibh,
Mar chraoibh air bruach nan sruthchlaisean
‘Sa dhaindeoin ròiteachd nan geamhradh, Bha toradh tròm air gach bagaid.
Is ged a bha e cho soilleir,
Gu robh an teagasg o shuas ort;
Bu tric a rinn an t-ascreidimh,
Do chur a’m breislich le bhuaireadh,
‘S ged dheigheadh tu dhionnsuidh a bhiobuill,
‘S an d’fhuair thu mìllseachd air uairibh,
Cha robh e nis ach gun èifeachd,
Mar leabhar sèulaichte suas dhuit.
Ach ‘nuair a thigeadh do shaorsa,
‘Sa bhiodh’ an druchda o’n aird ort;
Bhiodh’ t’aghaidh mhaiseach cho fàilte;
Do chòmhradh caomh ‘se cho càirdeil;
‘Sa ‘nuair a bhiodh’ tu ‘dloghlum,
A muigh ‘san ràoin mar a b’àbhaist,
Bha achadh Bhòais cho fìlaidh,
‘S gu ‘m be do mhiann a bhi tàmh ann.
Riamh o’ thòisich an eaglais,
Ri ‘galtrum mhearachdan truaillidh;
Ged bu bhàll thu do’n t’seisean;
Thug sud ort teiche gu luath as;
Cha ‘ne gu’n thrèig thu do chreideamh,
Ach lean thu ‘n teagaig a fhuair thu;
Is chuir thu cùl ris an iodhal,
Rinn muinntir Nis a chur tuàthal.
Ach cha b’ann ri clach no ri àol,
A bha do shùil ‘o cheann fhadà;
‘S cha mhò na sin thug thu gnùis,
Do’n teagaig ùr nach ‘eil fallain,
Ach lean thu eisimpleir dhiadhaidh,
Na ‘nàomh a thriall ‘sa chaidh dhachaidh;
Is dhiult thu ionmhas na h-Eiphit;
Tha boladh brein nach ‘eil ceart dheth.
Tha thu nis aig do dhachaidh;
Chuir thu seachad am fasach,
Is tháinig caochladh air t-lomhaigh,
A chuid sin dhiot a bha bàsmhor;
Ach t-anam theich mar air sgiathan,
Do’n bhaile-dhìon a ta sabhailt;
Is fhuair e fàilteachadh siorruidh,
A steach do chriochan Chanaain.
An-aoibhinn dhuinne mar shlùagh, ‘Bha le ‘ar clùasan dha t’èisdeachd,
Ri clùintin t-earailean drùigteach
Gun óg no aosd’ a’ toirt gèill dhuit,
Ach ‘sann an cleachdadh na h-urnuigh,
‘S òn shùil a’ brùchdadh le dèuraibh;
A bha e soilleir do’n t’saoghal;
Gu robh an ùr-dhealt o nèimh ort.
Cha ‘n fhaic sinn tuilleadh do ghnùis,
Anns a robh ‘n dùrachd ri leughadh,
Cha chlùinn sinn tuilleadh thu ‘g ùrnuigh
‘S tha cuid gu tûirseach as d’eùgmhais,
Tha ‘n teang’ a chleachd a bhi gnìomhach,
Ri lùaidh mu Chriosd air a chèusadh
‘Na laidhe bàlhh fo do ghiallaibh,
‘Sam bàs dha riaghladh le thréunneart.
C’ar son tha sinne ‘ga t’onndrain;
Ged tha do “rùm” againn falamh;
‘S do ghuth ged tuilleadh nach clùinn sinn;
Nach ann tha d’aoibhneas air teannadh?
Co-chomunn nàomh agus ainglean,
‘N diugh gu saoibhir dha mhealtainn;
‘S tha òran-molaidh dha shèinn leat,
Nach sguir a chaoidh, ach a mhaireas.
Ach cha ‘neil ni airidh am òran;
‘S ann tha mi gòrach dha aithris
Ri labhairt briathran gun èolas;
Tha ‘n inntinn fheòlmhor cho carrach
Ach shàoilinn na faighinn air m’ordugh,
Gu ‘n gabhainn còto mo charaid;
‘S gu’ seasainn dreach ‘na bhrògan,
Cho fad ‘s bu bheo mi air thalamh.
Is bidh’ mi nis’ a’ co-dhùnadh;
Cha chluinn thu dùird* de mo chòmhradh:
Ach ged a choidil an daonnachd,
Bidh’ àm do dhùsgaidh ro ghloirmhor,
Bidh’ t’sùil tha dùint’ air a fuasgladh;
Bidh’ chluas tha fuar agus cèol innt’,
‘S bidh ‘n teang’ tha bálbh agus fuaim aic’
Air cliú an Uain a thug beo thu.