A N ceathramh Leasan deug.—Tha eolas air an fhirinn, gun treibhdhreas ann an umhlachd a’ dol comhladh ris sin, a’ fagail a’ pheacaidh ni’s an-tromaichte, r. 6. Luc. xii. 47; Eoin xv. 22; Rom. i. 11; Seum. iv. 17.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu bheil esan aig am bheil barrachd eolais air an lagh, ‘na fhear comhpairt ni’s mo de an lagh, agus gu’r h-ann ann am briseadh an lagha tha peacadh comhsheasamh.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu bheil an leithid sin de pheacaidhean cho mor calg dhireach ann an aghaidh aithreachais, agus ‘na nadur fein a’ toirt comhladh riu cruas-cridhe ‘tha ‘ni’s duiliche a’ cur ‘na aghaidh.
Feum.—Airson rabhaidh, chum agus leis an tuilleadh uamhais, gu’n seachanamaid na peacaidhean so.
An coigeamh Leasan deug.—Cha’n ann aon uair a mhain, no ann an doigh fuar, ach a rithist, agus a rithist, agus gun sgru bu choir duinn maitheanas nam peacaidhean ceudna aslachadh, a reir an t-seachdamh rann de’n t-Salm, far am bheil an athchuinge cheudna a bha ‘roimh air a’ cur suas, as ùr air a tagradh, agus air a h-ath-iarraidh.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu’m bu choir d’a an athchuinge sin a’ tighinn a mach as a leithid de lanachd mothaichean cridhe agus nach b’urrainn doibh a bhi air an cur an ceill gu leor ann an aon ghuth a mhain. Dan. ix. 19.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu bheil Dia gu tric a’ cur dàil ann an toirt freagraidh chum ar dûrachd agus ar liosdachd a’ nochdadh agus a’ ghlusad suas.
Aobhar. 3.—Do bhrigh agus gu bheil cinnteachd an fhreagraidh, agus a’ ghrais a thugadh seachad, air an doigh so, araon air a’ mheudachadh, agus air ‘fhagail ni’s buan mhaireannaiche.
Feum.—Chum ditidh, ann an aghaidh leisge agus maoth-bhlathaileachd ar n-urnuighean anns a’ choitichonn.
An seathamh Leasan deug.—Tha earbsa ar n-urnuighean gu a bhi air a h-àrach, agus air a daingneachadh troimh na h-orduighean grais a chuir Dia suas, r. 7. Glan mi le hiosop, agus bithidh mi glan. Tha luaidh air a dheanamh air na deas-ghnathan so le Daibhidh, do bhrigh agus gu’n do chuir Dia iad air chois chum a bhi na’n sgaile agus na’n seul air gras maitheanais do chreidmhich troimh co-chur fola Chriosda. Eabh. ix. 13, 14; x. 22.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu bheil comharraidhean o’n leth a muigh de’n t-seorsa so na’n sgathannan soilleir anns am faod sinn amharc air trocair oirdheiric Dhe.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu’n robh comharraidhean o’n leth a muigh de’n t-seorsa so air an ordachadh chum na criche so, eadhon gu’m bitheadh anmhuinneachd ar creidimh agus ar n-earbsa ann an tomhas air a toirt air falbh.
Aobhar. 3.—Do bhrigh agus gu bheil am feum fein dhiubh cha-n ann air son tiotaidh, agus a mhain rè na h-uine sin anns am bheil cleachdamh air a’ dheanamh diubh, ach gu buan fada mar argumaidean grais daingnaichte ‘n-ar n-anamaibh.
Feum.—Air son seolaidh, chum agus gu’n deanamaid feum lathail dhe na Sacramaidean mar thaic gu a bhi a’ cumail suas ar n-anmhuinneachdan.
An seachdamh Leasan deug.—Bu choir dhuinn taiceachadh an fhada sin ann an cleachdamh earbsa agus urnuighean, ionnus agus gu’n ruigeamaid air gu’n do ghlanadh gu iomlan ar peacaidhean ann an Criosd, r. 7. Bilhidh mi ni’s gile na sneachd. Tha a’ leithid sin dh’ iomlanachd air a chur fo ar comhair anns na comharraidhean so anns am robh crathadh le hiosop, agus, agus glanadh le uisge glan: nithean a bha air an orduchadh chum làn ghlanadh o shalcharachd. Levit. xiv. 6-9.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu bheil Dia a’ teirgsinn comhfhurtachd laidir, agus gu’m bu choir dhuinne an ni ceudna iarraidh. Eabh. vi. 18.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu’r ni e a bhuineas do ghloir gras Dhe.
Aobhar. 3.—Do bhrigh agus ris a so gu’m bheil foirfeachd ar taingelachd an crochadh. Salm ciii. 11, 12.
Aobhar. 4.—Do bhrigh agus gu bheil iobairt Chriosda, d’ur tha i air a co-chur mar a dh’ orduicheadh, a’ deanamh foirfe. Eabh. x. 14.
Feum.—Airson earaile, chum agus gu’n nochdamaid an tuilleadh durachd ann a bhi gach la a’ dol air ar n-aghaidh ann an earbsa firinneach.
An t-ochdamh Leasan deug.—O aithne cheart air maitheanas peacaidhean, agus air ar reite ri Dia sruthaidh aoibhneas laidir, a reir an ochdamh rann, far am bheil aoibhneas agus subhachas air an ainmeachadh mar fhior thoraidhean a’ ghlanaidh sin a thatar a’n so ag ionndrain.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus ann an maitheanas peacaidhean gu bheil saorsa o’n olc is mo air fhaicinn. Is. xliv. 22, 23, agus seilbh air a mhaith is fearr, ann an doigh araiddh, air ruigsinn air, ann an sinn a bhi air n-ar deanamh reidh ri Dia. 1 Pead. i. 8.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu bheil sólas cho mor ag eiridh o na nithe so, agus gu bheil e ag eiridh os ceann, agus a’ tiormachadh suas muladan, agus draghan agus searbhadasan na beatha so. Rom. v. 3.
Aobhar. 3.—Do bhrigh agus gu bheil an gairdeachas so a’ dol fada a stigh, aig am bheil a dhachaidh anns a’ chridhe agus anns na cnamhan, mar a th’againn anns a’ cheann-teagaig: agus ni cnamhan gairdeachas.
Aobhar. 4.—Do bhrigh agus gu bheil an gairdeachas ud buan-mhaireannach. Eoin xvi. 22, agus cha-n ann rè tiota, agus mar tha sùgradh gun chiall leis an toirear buaidh air daoine ain-diadhaidh.
Feum.—Air son a’ cur a’n aghaidh na muinntir sin a shaoileas gu bheil cràbhadh, no curam mu dhiadhachd ‘nan namhaid do ghairdeachas agus do shubhachas.
An naothamh Leasan deug.—Cha-n’eil an gairdeachas ud air a’ mhothachadh leinne mar dean Dia dhuinn gu’m mòthaicheamaid e le sinn a bhi g’a chluinntinn. Thoir orm gu’n subhachais a chluinntinn.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu’r h-e Dia a mhain a tha a’ cur an ceill na nithe ud ‘tha ag amharc ri ‘fhabhar fein, agus ri ar gairdeachas-ne ‘tha a’n crochadh ri sud.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus ged tha Dia a’ labhairt ruinn ann a fhocal fein sith agus aoibhneas, nach urrainn e a bhi air a mhothachadh leinne ma s’e agus nach fosgail e gu h-eifeachdach cluasan ar cridhe ionnus agus gu’m bitheadh sin air a chluinntinn leinne a ta e a’ labhairt. Eph. i. 17, 18; Gniomh. xvi. 14.
Aobhar. 3.—Do bhrigh agus an deigh dhuinn ann an tomhas eigin blasad air a’ ghairdeachas so, tha feum againn air gu’m bitheadh ar cridheachan air an deanamh farsuinn agus air an neartachadh le Dia chum lan sheilbh a leanadh sinn a bhi againn deth. Eph. iii. 16; Salm xix. 32.
Feum.—Airson seolaidh, chum agus le athchuingean gu’n iarramaid na nithean so gun sgrur o Dhia.
Am ficheadeadh Leasan.—Tha an gairdeachas so an toiseach air iarraidh, agus an deigh sin air a mhothachadh ann an tomhas nì’s mo a reir agus mar tha neach fo bhuaidd an doilgheas sin a ta a reir Dhe, r. 8, ni na cnamhan a bhris thu gairdeachas.
Oir leis na briathran so tha Daibhidh a’ nochdadh gu’n robh e fein, le coguis air a pheacaidhean fhein, air a chradh anns an taobh a stigh d’a chridhe, ionnus agus gu’n robh e a’ faireach duinn mar gu’m bitheadh bruthadh air a dheanamh air a chnamhan. Tha e mar sin air bonn ag iarraidh, airson gu’m bitheadh e gu coinneachadh ris a’ bhruthadh so, gu’n d’theidheadh gairdeachas a comhairteachadh ris. Tha briathran cosmhuii riu so againn ann an Salm xxxviii. 4.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu bheil iarritus spioradail mar a ta iarritus naduir ag eiridh o mhothachadh air a bhi a dh’ easbh-uidh ni, mothachadh ris an canar anns na sgriobtuirean ocras agus tart. Salm xlii.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu bheil a’ghnath a leithid de comhfhreagarradh eadar troimh-cheile agus fois ionnus agus mar is treise agus is doimhne a’ cheud chuid, gu’r h-ann is doimhne an dara cuid d’ur a thig e mar an ceudna. Ni na cnamhan a bha air am bristeadh gairdeachas. Mar so ‘th’againn ann an Salm lxxiii. 26: Tha m’sfheoil agus mo chridhe air failneachadh: is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhrionn gu storruidh.
Aobhar. 3.—Tha Dia a’ gealltuinn sasachaidh do na h-ocraich, agus do’n muhintir thartmhor a reir an tomhais ocrais agus tairt a ta orra. Luc. i. 53; Eoin vii. 37; Salm lxxxii. 11.
Feum. 1.—Airson seolaidh, ionnus agus troimh irioslachadh suidhichte airson ar peacaidhean gu’n cuireamaid ar n-aghaidh air gairdeachas a sheasadh dhuinn. Salm cxxv. 5; Mat. v. 4.
Feum. 2.—Airson solais dh’an taobh sin a bha air am bruthadh chum aithreachais. 2 Cor. vii. 9.
An t-aon Leasan thar an fhichead.—Tha an gairdeachas so air fhaotainn fa dheoigh d’ur tha aghaidh fheargach Dhe air a tionndaidh air falbh uainn, agus solus a ghnuis air a thogail oirne ann an Criosd, r. 9, Folwic do ghnuis o’m pheacaidhean. Tha an athchuinge so air a’ cur ri ‘urnuigh anns an aite so gu bhi mar mheadhon chum a bhi cosnadh an gairdeachas a mhiannaich e. Salm lxxv. 5-7.
Aobhar. 1.—Do bhrigh agus nach ceadaich coguis do ghairdeachas tighinn a stigh fhad agus tha faireachadh aice air fearg Dhe a bhi os a cionn, ach an aite sin, ‘sann a tha i air a claoidh le uamhunn. Eabh. x. 27.
Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu bheil gairdeachas spioradail a’ sruthadh, a reir a ghne, o choguis air a glanadh o oibríbh marbh troimh crathadh agus co-chur fola Chriosda, agus troimh i bhi air a deanamh cinnteach de fhabhair Dhe. Eabh. ix. 14; x. 22.
Feum. 1.—Airson solais, dha’n taobh-san aig am bheil faireachadh air amaibh ‘nan coguisibh air aghaidh a bhi ann am fearg ‘nan aghaidh fein: Cha bu choir doibh air son so ‘tighinn a dh’ ionnsuidh eu-doichais, do bhrigh agus gu’m faod an aghaidh fheargach sin an deigh sin a bhi air a toirt air falbh, agus a bhi air a tionndaidh gu solus a ghnuis.
Feum. 2.—Airson seolaidh, ionnus agus gu’n iarramaid airson gairdeachas a leanadh sinn a thaobh grais agus fabhair Dhe ann an dearbhachd ar coguisean fein.
The late Mr. M. Kennedy, Inverness.—We regret, to record this month the death on the 7th May, of the godly Mr. Malcolm Kennedy of Kishorn, for some years residing at Inverness. The deceased, who had reached the advanced age of 91 years, was a Christian of the old and deeply exercised stamp, too few of whom remain to this present. A fuller notice will (D.V.) appear in a future issue.