Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1909 » July 1909 » Úileam Ámes air an aon Salm deug thar da fhichead

Úileam Ámes air an aon Salm deug thar da fhichead

AN dara Leasan thar an fhichead.

Far am bheil gras fireanachaidh no maithenas pheacaidhean air a thagradh ann an rathad ceart, bithidh ann an sin mar an ceudna a ghnath a lathair, aig an oon am, iarrtuis dhurachdach as deigh grais naomhaichidh agus ath-leasachaidh-beatha air gach cor: tha an daimh ‘tha eadar an 10 amh rann agus na roinn ‘tha dol air thoseach air sin, a’ nochdadh so, do bhrigh agus gu bheil an athchuinge mu thimchioll cridhe glan agus spiorad ceart a’ leantinn ann an dlu cho-cheangal ris na h-ath-chuingean ‘tha dol air thoseach air sin mu thimchioll maithenas pheacaidhean, agus a’ ghaireachais ‘tha sruthadh o’n sin. Tha iarrtus as deigh cridhe glan ‘na ni aig am bheil suidheachadh ‘tha lan aontaichte agus ann an comh-cheangal riu sud. Oir a thaobh maithenas pheacaidhean, ‘se ‘thoradh e; agus a thaobh gairdeachais, ‘se is aobhar ‘cur air aighaidh dha e.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu bheil aonadh nach gabh ‘cur eatorra eadar fireanachadh agus naomhachadh. 1 Cor. i. 30, a. vi. 11.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil foillseachadh agus cinn-teachd air fireanachadh an comhnuidh ‘an crochadh ri naomh-achadh, mar ris an ni sin gu’r h-e comharradh sonruichte fireanachaidh e. Rom. viii. 1.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu bheil am fuath sin do’n pheacaidh ‘tha air a ghabhail stigh ann am fior aithreachas, ag iarraidh as deigh ‘cur as do’n pheacadh ‘thaobh bith a’ pheacaidh, cheart cho cinteach agus tha e ag iarraidh ‘cur as do’n pheacadh mar do’n ni sin ‘tha ann an ceartas ‘toilltinn peanais.

Aobhar. 4.

Do bhrigh agus gu bheil eud airson gloir Dhe ‘tarruing na h-intinn ní’s ro mho ann an aghaidh olcas agus truaillidheachd a’ pheacaidh na ann an aghaidh cionta a’ pheacaidh. Oir tha ‘cur as do chiont a’ pheacaidh ag amharc direach ri ar math fhein, ach tha ‘cur as do thruaillidheachd a’ pheacaidh ag amharc direach ri gloir Dhe.

Aobhar. 5.

Do bhrigh agus gu’r h-eigin gu’m bi taignealachd a thaobh Dhe airson maithenas pheacaidhean (ni as eugmhaís gu bheil sinn mi-fhiughail air gras) a’ tarruing comhladh ris eud airson ath-leasachaidh beatha.

Aobhar. 6.

Do bhrigh agus gu bheil e ‘na ni a bhuneas d’ur math is mo, nach buanaicheamaid anns na peacaidhean sin a dh’aidh sinn agus airson an do dh’iarra sinn maithenas. Oir cha bhiodh ann an sin ach a bhi a’ deanamh magadh air Dia, agus a’ dúblachadh ar cionta fhein.

Aobhar. 7.

Do bhrigh agus nach ‘eil Dia a’ gealltuinn trocair ach a mhain dhoibhsan a threigeas am peacaidhean.

Feum. 1.

Airson ditidh, ‘nan aghaidh-san dha’n cleachdadh ‘bhi ag iarraidh maithneas am peacaidhean ann an rathad faoin’ gun rún shuidhichte idir a bhi aca mu an caithe-luatha a, leasachadh.

Feum. 2.

Airson seolaidh, chum agus gu’m bitheadh iarrtus airson an dá ni so, eadhon airson fireanachaidh agus airson fior naomhachaidh ‘dol air aghaidh comhladh, ceum air cheum, ann ar n-inntuinean.

An treas Leasan thar an fhichead.

‘Se toiseach naomhachaidh cridhe ‘th’air a dhealachadh o pheacadh agus ‘th’air thoirt suas do dhiadhadheachd, r. 10, Cridhe glan agus spiorad ceart. Oir le cridhe glan tha sinn gu bhi a’ tuigsinn an glanadh sin o aingidheachd, o smal, o eas-onair, o lochd, a tha ‘comhtheasamh ann an aicheadh, ann an treigsinn, ann an dealachadh, ann an teanndadh air falbh o’n pheacadh. Le spiorad ceart tha sinn gu bhi a’ tuigsinn toil sheasmhach ann a bhi ag iarraidh as deigh na h-uile maith.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu’r h-ann anns na nithe so tha marbhadh an t-seann duine, agus beothachadh an duine nuaidh a’ comhtheasamh : agus is iad an da phairt sin ‘tha deanamh suas fior naomhachadh.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil coguis mhath, agus an solas a ta a’ leantuininn o’n sin, a’n crochadh ris an da ni ud.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu bheil umhlachd nuadh iomlan a’ sruthadh, mar gu’m biodh dhe fhein, o na freumhan so : eadhon seachnadh uile o chridhe glan : Salm xxiv. 4 ; agus leantuininn as deigh maith o spiorad ceart. Gn. xi. 23 ; Col. i. 10, 11 ; 1 Tes. iii. 13 ; a. 2 Tes. ii. 17.

Feum.

Airson seolaidh. (1) Chum agus ann ar sireadh as deigh naomhachaidh gu’m bitheadh ar prionmh churam mu thimchioll ar cridheachan. (2) Chum agus gu’m bitheadh curam oirnne an comhnuidh airson gu’n aomadh ar cridheachan gus an rathad sin anns am bitheadh an tuilleadh agus an tuilleadh teichidh o’n pheacadh, agus gu’n dluthaicheadh iad ann an doigh ní’s neoghlusasaideach ri Dia.

An ceathramh Leasan thar an fhichead.

Tha an naomhachadh cridhe so ri a bhi air iarraidh o Dhia, v. 10, Dhia cruthaich annam.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu’r h-e h-ann todhlac o Dhia. Seum. i. 5, 17, 18.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu’r h-e h-ann obair eagsamhail le Dia. Eph. ii. 10 ; 1 Tes. v. 23.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu’r h-e h-ann an togail suas a’ chridhe gu diadhaidh gu Dia, anns an togradh so, cleachdadh naomhachaidh a rannig ann an tomhas air a’ chreutair mar ‘tha, agus gu’r h-e h-ann meadhon sonruichte airson gum bitheadh tuilleadh dhe’n gras so air a comh-pairteachadh ri, a’ chreutair, agus gu’r h-e h-ann geall ro-chinnteacht air an da ni dhiubh sin.

Feum.

Airson earaile, ionnus agus le urnnighean dhurachdach, agus gun sgur, gu’n nochdamaid an t-iarrtus so ‘an lathair Dhe.

An coigeamh Leasan thar an fhichead.

Chum agus gu’m bitheadh an naomhachadh so air tus air a chomhpairteachadh, agus mar an ceudna air aisig air ais, d’ur tha e le peacadh air a bhristeadh sios, agus air saltairt air, tha feum air gu’m bitheadh leithid sin do chumbachd Dhe air a chur an gniomh agus ‘bh’air a chur an gniomh ann an oibir a chruthachaidh, r. 10, Dhe, cruthaich annam. Tha leithid sin de dhoigh labhairt air a coinneachaidh rithe gu tric anns na sgiobtuirean, mar tha ath-bheothachadh, togail o’n mairbh, ath-ghinnmhui, atharrachadh, ionpachadh, aomadh, tarruing, tionndaidheadh, ath-nuadhachadh, timchioll-ghearradh, sgiobhadh lagh air cridhe agus, a dh’aon fhocal, mu ‘bhi a’ deanamh duine nuadh, ‘bhi a’ deanamh na h-uile ni nuadh.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus mar a bha ‘thaobh a’ chruthachaidh, gu’r h-ann mar sin a tha ‘thaobh naomhachaidh tha e air a cleachdámh mu thimchioll neoni: do bhrigh anns an duine gun-ath-ghinnmhui nach’eil ni tha dhe gne toiseach (no principal) ‘tha ag aomadh ri beatha spioradail. Eph. ii. v.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil moran de nithe anns an duine ‘tha calg-dhireach ann an aghaidh na h-oibre so; agus cha robh an leithid sin de bhacaidhean a’ seasamh anns an rathad ann an aghaidh na cruthachaidh nadurra. Mat. xix. 23-26.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu’m feumadh gu’m b’e ‘bhitheadh anns an neart-agus a’ chumbachd leis am bheil obir dhiadhdáidh air a’ deanamh, neart agus cumhachd a ta o Dhia. 2 Cor. iv. 6.

Aobhar. 4.

Do bhrigh agus gu bheil ath-nuadhachadh agus coimhlonadh na h-oibre so an crochadh ri ath-nuadhachadh, agus buanachadh na h-eifeachd cheudna leis an d’robh an obir air a’ toiseachadh an toiseach.

Feum. 1.

Gu ‘cur’an aghaidh na muinntir sin ‘tha lughdachadh agus dorchachadh eifeachd grais Dhe, ‘nuair tha iad g’a fhagail an crochadh ri toile neo-eifeachdaich an duine, agus is gann gu’m bheil iad ag aideachadh eifeachdachd air bith eile grais ‘tha os ceann sin ‘tha a’ comhseasamh ann an teagasg, agus ann a bhi a’ cur impidh air daoinibh, agus uime sin ‘se an inntinn a th’aca nach’eil cainnt dhe an t-seorsa ‘tha an Salmudair a’ cleachdámh an so ag amharc ri cumhachd an ni ‘tha ag aobharachadh an atharraichidh, ach a mhain ris a’ bhuaidh no ris an ni sin a ta a’ teachd gu crich. Bha aig Daibhidh teagasg, impidh, gealladh, agus eadhon toile air a h-ullachadh, agus gidheadh tha e ag iarraidh o Dhia cruthachadh cridhe glain.

Feum. 2.

Chum seolaidh air eagal gu’n sochraicheamaid anns na nithe so air ar neart fein, eadhon anns an tomhas is lugha, ach gu’n aidicheamaid gu’r h-e h-ann a bhi toileach, a bhi comasach, a bhi a’ gniomhachadh, gu’r h-e ann an toiseachadh, ann an cur air aghaidh, ann an crochnachadh na h-oibre mhaith, tioclaloc o Dhia. Phil. ii. 13.

An seathamh Leasan thar an fheichead.

‘Siad na h-uile sin a ta a’ bacadh naomhachaidh, eadhon ‘call comuinn ri Dia troimh an Spiorad Naomh a bhi air a thoirt air falbh, dhe na h-uile ole, cuis-uamhais is mo, r. 11. Tha tilgeadh o sealladh Dhe a’ ciallachadh call co-comuinn ris, agus call solais uaith. Ier. vii. 15, a. lii. 3 ; agus ‘se ‘toirt air falbh a’ Spioraid Naoimh am meadhon leis am bheil an call sin a’ gabhail aite, do bhrigh agus d’an taobhsan o’m bhiel an Spiorad Naoimh air a thoirt, nach’eil aca gras slainteil air a chomhpaireachadh riu le Dia, agus nach mo na sin tha iad comasach air ni ‘sam bith a chur air chois a bhitheas taitneach do Dhia no a ghabbtar le Dia, agus cha-n’eil e mi-chosmhuil nach robh aig Daibhidh, agus e air a chrith le coguis airson mortaidh, fa chomhar a shula gniomh agus peanas Chain am mortair, oir bha Cain fo’n dearbh ainn sin air a thilgeadh a mach o aghaidh Dhe. Gen. iv. 14, 16 ; agus mar an ceudna dh’fhaodadh gu’n robh eisimpleir Shauil, a bha cho dluth dha, a’ cur eagail air, oir thug Dia spiorad rioghail air falbh uaithe san : 1 Sam. xv. 15 ; agus mar sin chuir Daibhidh a smuaintean, anns an robh e a’ guidh nach tachradh na nithe so dha fhein, sios air an doigh so. Cha-n’eil aobhar, airson so, a bhi a’ co-dhunadh gu’n robh na briathran so aig Daibhidh ag amharc ris na breith-eanasan sonruichte a thuit air Cain agus air Saul mar nach bitheadh iad ag amharc ri ni ar bith eile.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu bheil ar beannachd a’ comh-sheasamh ann co-chomunn ri Dia. Salm xxvii. 4 ; a. lxv. 5.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus gu bheil call a’ chomh-chomuinn so a’ toirt leis a’ comhladh ris an truagh is mo. 2 Tes. i. 9.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu’r h-e h-ann an toirt air falbh a’ Spioraid, agus a’ ghrais a thugadh seachad ann an doigh agus ann an tomhas sonruichte breithanas a tha a’ nochdadh gu cinnteach fearg Dhe air a lasadh ann an rathad sonruichte. Mat. xxv. 29, 30.

Feum.

Airson cronuichidh ‘nan aghaidh-san aig am bheil an ro bheag curam, ma tha curam ‘sam bith aca mu thimchioll co-chomuinn ri Dia, lathaireachd a’ Spioraid, agus a bhi a’ deanamh feum dhe na h-orduighean diadhaidh a chuir Dia air chois.

An seachdamh Leasan thar an fheichead.

O mhothachadh ar co-chomuinn-ne ri Dia tha gairdeachas brighmhor a’ sruthadh a mach. Coimeis r. 12, agus an rann ‘tha dol air thoiseach. Tha iad so air an toirt agus air an dioladh air an ais comhladh.

Aobhar. 1.

Do bhrigh agus gu’m buin do ghairdeachas a bhi a’ sruthadh o lathaireachd agus o shealbhachadh a’ mhaith a ghradhaichte, agus a mhiannaichte : tha ‘leithid sin de lathair eachd ni maith ann an sinn a bhi a’ sealbhachadh co-chomuinn ri Dia.

Aobhar. 2.

Do bhrigh agus am maith ‘tha sinn a’ sealbhachadh anns a’ cho-chomunn so, nach h-e ni aotrom, no ni ‘tha gu h-aotrom a’ diogaladh ar n-intinn le aoibhneas falamh a tha anns ach aoibhneas spioradail, bhrighmhor, agus ro-mhor.

Aobhar. 3.

Do bhrigh agus gu bheil e ag oibreachadh direach chum so ionnus agus gu’n tilgeadh e a mach gach amhgar, is cradh, agus gu’n tugadh e stigh togail suas, iolach, seadh farsuinneachd cridhe.

Feum.

Airson seolaidh, ionnus agus gu’n iarramaid gairdeachas dhunnn fhein anns an t-slighe so.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice