Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1909 » September 1909 » Cunntas Aithghearr mu Bheatha agus mu Bhàs Iain Knox

Cunntas Aithghearr mu Bheatha agus mu Bhàs Iain Knox

(O’n Teachdaire Ghaelach.)

RUGADH IAIN KNOX anns a bhliadhna 1505 beagan sear air Dun-eidean. B’i so linn an dorchadais! Chaidh dubh-neul eaglais na Ròimhe eadar daoiné agus gach reull-iùll, bha’ghrian agus a ghealach iad fein air chall, mar faicte mar thannasg iad o mhullach nam beannta a b’airde—chaidh gach mathair uisge thruailleadh—bha sruthana na beatha neo-fhailainn, agus bha ‘n sluagh, mar bu dù dhoibh, a’ dol a dhìth!

Annas a bhliadhna 1522, chaidh Knox do àrd thigh oilean Ghlascu; agus do bhrigh gu’n robh e na sgoileir ainmeil cha b’ fhada gus an d’fhuair e bhi na shagart.

Ged fhuair e’n dreuchd so cha do sguir e do leabhraichean diadhaidh a chnuasachd; gus ma dheireadh an tug e fainear gu ‘n robh eadar-dhealachadh mòr eadar an teagasg agus teagasg nan sagarta. Chunnaic e, cuideachd, gun robh na h-atraiche Jerome, Augustine, agus iad sin, a’ leigeadh gach ni gu ràidhe ‘Bhiobuill, agus threòraich so e, chum an leabhar naomh a rannsachadh air a shon fein, oir san àm so bha lagh na h-eaglais an aghaidh Focal an De bheò a’ leughadh agus ‘s beag nach robh na sagarta co aineolach air ris an t-sluagh!

Coma co dhìu; lean Iain Knox air foghlum a bhiobuill, le iomadh ùrnuigh agus mòran cràbhaidh, rè sheachd bliadhna, gus, ma dheireadh, anns a bhliadhna 1542 ‘na bhris e na geimhlìhh, agus ‘na sheas e ‘mach na aonar air taobh na Firinn.—Le cridhe neo-sgàthach thog e bratach Chriosd an aghaidh cumhachdaibh an dorchadais, ag èigheach mar gum b’ fheadh, “Co ‘tha air taobh Dhe, Co?”

Ach, mar dh’ fheudas sinn gu maith a bhreithneachadh, cha b’ fhada gus an tainig a chùis gu deuchainn—A Knox! amhairc ris an àirde, agus seas t-aobhar, or gu dearbh ‘s airidh e! Chuir an namhaid colg air—thoisch a gheur leanmhuinn, agus bha buidheann bheagh Chriosd a’ tuiteam thall ‘s a bhos gun osna—a seualachadh am fianuis le’m fuil! ‘S ann mu’n àm so ‘loisgeadh gu bàs an diadhair urramach ainmeil Deorsa Wishart, agus a chaidh ardeasbuig Beaton a mhort.

Ma dheireadh dh’at tuil na geur-leanmhuinn cho àrd’s gu’n do ghabh Knox ‘na cheann gu’n rachadh e do’n Ghearmait, far an robh obair a chreidinn ath-leasaicht’ a’ dol air a h-aghaidh gu mòr: cha robh so taitneach le ‘chairdibh, agus ‘se chomhairlich iad dha dol do Dhaighneach Chill-ribhinn* far an robh moran de’n eaglais ath-leasaicht’ a’ gabhail fasgaidh, agus an t-urramach Iain Rough air an ceann—ghabh e’n comhairle, agus cha luaithe ràinig e na b’ail le Rough agus leis a chuid eile de’n eaglais a chur os an ceann mar mhinisteir.—Cha ghabhadh e so os laimh, ag ràdh nach robh gairm o Dhia aige. Coma, air an ath shàbaid air do Knox a bhi san éisdeachd, shearmonaich Rough mu ghairm agus mu dhleasannas mhinistirean. Mu dheireadh na searmoin thionndaidh e ri Knox agus, ars’ esan, le guth laidir agus na deoir a ruith le ‘ghruaidhibh :—”Iain Knox, ann an ainn Dhe agus a Mhic Iosa Criosd, tha mise guidhe ortsa, mar is maith leat dol as o choruich an De bheo, agus gu meudaicheadh e ‘ghràsan dod’ thaobh, gabh ris a ghairm naomha.” Nuair a chuala Knox so cha b’ urrainn da cumail air fein : ged bu chruadalach a chridhe leagh so e; dh’ éirich e, agus chaidh e d’a sheòmar a ghul. Na dhéigh so thug iad gairm eile dha;—chunnaic e nach robh dol as aige, agus air an ath shàbaid dhirich Knox a chrannag. Mar dhealta nan speur air fearann tartmhor, a chuireas fonn air coill, agus aiteas air magh ‘s air raon, bha’n t-searmoin so do bhuidhinn bhig Criosd; ach mar thairmeanach nan speur a chrathas bunaitean an domhain, agus a dh’fhàgas cridhe duine fann, bha i do eaglais na Rómhe! Is amhail mar thachair; thugadh Knox an lathair nan Easbuig agus nan sagarta gu freagairt airson a dhroch dheanadais. Co thusa ‘tha cur an t-saoghail bun o’s ceann? Bha sea casaidean cudthromach na aghaidh.

* St. Andrews.

  1. Bha e ‘cumail a mach nach bu chòir am Pàpa no duine air bith a mheas mar cheann na h-eaglais.
  2. Gu’m be’m Pàpa an t-anacriosd.
  3. Gu’m bu chòir baisteadh, agus Suipeir an Tighearn’ a fhrith-ealadh mar dh’fhàg Criosd iad.
  4. Nach robh ‘s an Airionn (Mass), ach iodhol-aoraidh.
  5. Nach eil Purgadair ann.
  6. Nach ‘eil ann bhi ‘g urnuigh arson nam marbh ach diamhanas, agus nach ‘eil ann bhi ‘g urnuigh riu ach iodhol-aoraidh.

Bha ‘n deasbud cruaidh rè iomadh là, ach thachair dithis ghaisgeach orra nach robh claon, Iain agus an Fhirinn,—b’ eiginn a leigeadh mar sgaoil’ agus ann am beagan ùine chaill na sagarta gach sean agus òg a bha ‘sa bhaile!

Anns a bhlìadhna 1547 thainig càbhlach de luingeas Frangach a shéisdeadh an Daighnich agus an deigh seasamh a mach rè ùine fhada, ma dheireadh b’ eiginn strìochdadh. Thugadh Knox, maille ri mòran eile, nam priosunaich do’n Fhraing, agus chaidh an cur air bord air luing ochd ràmhaich, far ‘n do chumadh iad an cuibreach rè bliadhna gu leth! Rinn na seòladairean na b’urrainn iad chum an tionndadh, agus an truailleadh;—thug iad aon là dealbh na h-òighe Muire gu fear de na h-Albannaich chum a phògadh, “cuir uam e!” ars’ an t-Albannach, “cha ni bean-nuicht’e,” ‘s e breith air, ‘s ga thilgeadh a mach air an taobh; “sàbhaladh a bhean-uasal i fein a nis,” ars’esan, “tha i eutrom gu leoir, ionnsuicheadh i snàmh.”

Anns a bhlìadhna 1549 fhuair Knox ma sgaoil, thainig e do Shasunn, agus m’a thàinig cha b’ann an cuil a chaidh e—chunnacas bratach Chriosd aon uair eile snàmh anns a ghaoith, agus chuir a dearsadh ball-chrith air eaglais na Ròimhe. Thoischich Knox ri sear-monachadh, agus lean e air ré cheithir bliadhna gun neach ann aig an robh de mhisnich grabadh a chur air, gus an tainig Banrigh Mairi chum a chrùin, nuair a dh’fhàs a gheur leanmhuinn a nis cho teith ‘s gu’n deach e le comhairl’ a chàird-ean gu Genebha. Bha ‘gheur-leanmhuinn so co fùileach agus co fada ‘s gu’n robh luchd a chreidimh ath-leasaicht’ a’ teicheadh do dh’Albainn nan ceudaibh arson dìdein. Cho luath so thainig so gu cluasaibh Knox chuir e roimhe pilleadh agus gu’n seasadh e ‘dhùthaich agus aobhar a Dhe, no gu’n tuiteadh e mar shaighdear dìleas a’ comhrag. Ràinig e Duneidin air ceud-mhlos an fhoghair 1555—fhuair e’n comunn beag gan cùbadh fein—a’ gabhai fàth, cosmhuil ri Nicodemus, air an oidche, eagal oibheum a thoirt a’co-aontachadh on leth a mach le creidimh an t-sagairt. Ach cha robh Knox air a dheanamh de spiorad co gealtach; leig e fhaicinn doibh gum feumadh iad tur chùl a chur ri eaglais na Ròimhe—nach b’urrainn comunn a bhi aig Criosd ri Belial. Bha shearmonachadh co cumhachdach ‘s gu’n dubhairt sgoileir mòr de na Pàpanaich fein, “Nuair nach seas ar creidimh deuchainn duine, tha eagal orm nach seas e idir an làthair Dhe aig an là mhòr.”

Mu’n àm so chuir na sagarta an cinn r’a cheile feuch ciod a dheanta: ‘s e rinn iad ghairm iad chìrt mhòr agus chuir iad sumanadh gu Knox tighinn nan làthair. B’e Knox nach obadh ni laghaibh air bith, ràinig e Duneidin, ach ‘nuair chunnaic iad a mhisneach agus a dhànachd leig iad leis; ghabh esan am fàth, agus b’ann gu searmonachadh a chreidimh ath-leasaicht’ a thug e do na ceudaibh agus na miltibh a chruinnich o gach cearna de’n dùthaich, a chum a bhi nam fianuiscean air a dheuchainn agus air a bhinn. Mar so, air éideadh le claidbeamh mòr na firinn—le sgiath a chreidimh—uchd éididh firinnteachd Chriosd, agus clogad na slàinte, bha Knox, mar ghaiseach mòr, a thogta ann an tir nam beann, agus leis nach d’rugadh eagal, a’ cur cath a Dhe, agus a’spionadh anamana o bheul an t-sluchd gun aigeal, air feadh Albainn—Bha fhios aige co’n t-aobhar anns an robh e ‘cogadh, agus gus am biodh ‘obair croich-naichte nach robh cumhachd aig namhaid air. Mu’n àm so thainig fios air à Genebha dol g’an comhnadh ann am briathraibh nach b’urrainn e ‘dhiultadh—dh’ fhalbh e, ach cha luaithe ‘chuala na sagarta gu’n d’fhàg e’n dùthaich na chruinnich iad chìrt—aig a chìirt so fhuaire iad e toilltinneach air bàs; thug iad mar bu chubhaidh a bhinn a mach, agus o nach robh fear an diumb aca, loisg iad a dhealbh aig crois Dhuneidin!

Cha b’fhada bha Knox air falbh ‘nuair dh’ionndraich Albainn a ceann feadhna! Chuireadh fios as a dhéidh as leth Dhe e thighinn air ais!—Bha lasair na geurleanmhuinn a’ fàs ni b’airde agus ni b’airde, agus bha deatach cnàmhan nan naomh a’dubhadh nan speur; A’ meag chàich loisgeadh gu bàs fear Walter Mill a bha aon uair na shagart, ach a thionndaidh fo shearmonachadh Knox. ‘Nuair thugadh an seann naomh urramach so an lâthair na churte rinn a choslas a leithid de dhruighadh air a chomunn uile ‘s nach robh breitheamh ann a ghabhadh os laimh a bhinn a thoirt a mach, ‘na ròp ri fhaotainn ann am Baile Dhuneidin a cheangladh e ris na cuailibh, ach seann ròp a ‘thug an t-ard easbuig dhoibh! Na dheigh so chrùinnich àrd chomhairle na Ròimhe chum feachd a chur gu ministirean a chreidimh ath-leasaichte a ghlacadh. Díreach ‘nuair bha iad cruinn chualas gu ‘n d’thaing Knox—fhuair an sgeul ‘an rathad a chum na coinneamh, agus ghlaodh fear do ‘n chomunn. “Tha Iain Knox air tighinn!” ‘Nuair chual iad so bu mhah leo an casan, gach fear a siapadh a mach air an dorus a b’fhaigse!

‘Nuair chuala Knox mar bha gach ni bhà e air a chur thugie gu mòr, gu h-araidh mu losgadh an t-seann naoimh Walter Mill. Dhrìch e chrannag, agus ma dhìrich cha b’ann a ghuidhe le creidimh an t-sagairt. “Tha blàr suidhichte, tha mi faicinn,” ars’ esan, “eadar Dia agus Satan, tha na brataichean air an togail agus na trompaidean a’ seideadh a chum a chatha; biomaid dileas d’ar ceannard—biomaid dileas d’ar sliochd—biomaid dileas d’ar n-anama fein! Oir ge be neach air am faicear comharra an fhiadh-bheathaich theid a sgrios anns an leir-sgrios eagallaich leis an sgriosar Babilon so.” Ach coma, an déigh na searmoin thòisich aon de na sagarta ris an altair a chuibrhinneachadh a chum Aoirinn a dheanamh, thòisich balach beag a bha ‘lathair ri labhairt na ‘aghaidh—thug an sagart pailleart dha m’an chluais—thog am balach clach, agus, an àite an sagart amas, bhuail e iomhaidh a bh’air an altair! A thiotà bha’n iorghuil air bonn—thionndaidh an coithional gu leir air taobh a bhalachain—thionndaidh iad an altair bun-os ceann, bhris iad na h-iomhaighean agus shaltair iad na dealbhan fuidh’n cosaibh! ‘Nuair thainig so gu cluasaibh na Bannrigh ghabh i corruich agus chuir si i fein air ceann a feachd:—choinnich luchd a chreidimh ath-leasaicht’ i dlù do Pheirt agus Iarla Ghlencairn air an ceann, ach nuair chunnaic i cho dàna agus cho lionmhor ‘s a bha iad bu bhuidhe leatha tighinn gu cùmhnanta sìth.

Beagan na dhéigh so chaidh Knox maillle r’a chinn fheadhna gu Baile Chill-ribhinn.* Nuair chual’ an t-ard easbuig gu’n robh e ‘dol a shearmonachadh chuir e fios thugie “gu’n robh saighdeara fuidh’n armaibh a feitheamh air.” Chomhairlich cairdean Knox dha gun e ‘dhol air aghaidh, ach cha d’aithnich iad cò bh’aca—cha b’ann le gealtachd s bha dùil aige a dhùthaich a shaoradh. “Nach d’ innis mi dhuibh roimhe,” ars’ esan, “gu bheil mo bheatha ann an lamhaibh Dhe?” air aghaidh ghabh e—shearmonaich e tri làithean, agus le ‘leithid de chumhachd ‘s gun do thionndaidh am baile, Bàillidhnean agus gu leir leis, a’ glanadh ‘sa cartadh a mach as gach eaglais gach iomhaidh ‘s gach altair!

*St. Andrews.

Air an ath fhoghar chruinnich àrd-chomhairle na rioghachd, agus cho-aontaich iad creidimh an t-sagairt a chur air chûl; ‘s ann ‘san àm so chaidh an leabhar ainmeil sin Leabhar aidmheil a chreidimh, a chur a mach agus a cheadachadh le lagh na rioghachd. Cha robh Knox gun làmh aige ann.

Anns a bhlìadhna 1561, thainig Bannrigh Mâiri air tìr an Lìte. Chual’ i cho teith ‘sa bha Knox an aghaidh creidimh an t-sagairt, agus chuir i fios air do’n Lùchairt ann an Dunéidin an dùil gu’n cuireadh i eagal air. Chitear o ‘n chòmhradh a leanas ma chuir.

Bann.—Tha mi ‘cluinninn gu bheil thu séideadh suas na rioghachd gu ceannaire?
Knox.—Ma’s ceannaire an fhirinn a shearmonachadh le treibhdhreas cridhe—ma’s ceannaire iodhol-aoraiddh a chur sios, agus an cunnart a nochdadh do’n t-sluagh, ‘s eigin domh aideachadh gu bheil mi ciontach.
Bann.—Tha thu teagasg do ‘n t-sluagh creidimh eadar-dhealaicht’ o chreidimh an uachdrian shaoghalta; cia mar is urrainn an creidimh so a bhi ceart agus Dia ag iarraidh a bhi umhal do uachdranaibh?
Knox.—Cha’n ann an toil uachd’rain saoghalta ‘ta fior chreidimh a’ co-sheasamh, ach ann an toil De: cha’n’eil e air iarraidh oirnn a bhi ùmhal dhoibh ni ‘s faide na tha iad a’ giùlan “claidheamh a cheartais,” ni’s mò na bha clann Israeil do righ Pharaoh, no Daniel do Nebuchadnesar.
Bann.—Do reir choslais ‘s tusa ‘ta ris an rioghachd so ‘riagh-ladh ‘s cha mhise?
Knox.—Nar leigeadh Dia. ‘Se tha mhiann ormsa gu’m biodh uachdrian agus pobull fuidh riaghladh Dhe: gu ‘m biodh righrean nan oideachan-altruim agus Bannrighrean nam Muimeacha-altruim do’n eaglais, mar tha Dia’g iarraidh.
Bann.—Ma dh’altramas mise eaglais, Cha’n i t-eaglais-sa, seasaiddh mi eaglais na Ròimhe, oir ‘si a reir mo’ bheachdsa fior eaglais Dhe.
Knox.—Cha riasan ‘ur toilsa ‘Bhannrigh, agus cha dean ‘ur beachd an striopach Romanach na cèilidh airidh air Criisd, cha’n e ‘mhain, ach gabhaidh mi os laimh a dhearbhadh nach robh eadhon an eaglais Iudhach a chéus ar Slanu’ear co breun agus co truailidh rithe! Leis a so dh’fhàg e i.

Anns an dol a mach thuir pàpanach a bha’s an làthair Cha ‘n’eil eagal air idir? “C’arson,” arsa Knox, ‘s e tionndadh air a shàil, “C’arson an chuireadh aghaidh mhàlta mnà uasail eagal air neach? ‘S iomadh aghaidh fìr, agus corruich air, air an d’amhairc mi gun fhiamh.”

(Ri leantuin.)

Note to Subscribers.—We respectfully remind subscribers that April was the end of the Magazine year, and that immediate payments for past and future will much oblige.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice