(O’n Teachdaire Ghaelach.)
(Continued from page 196.)
‘NUAIR a chruinnich parlamaid na rioghachd anns a bhliadhna 1563, bha Knox an sàs annta chum reachd ùr a dheanamh gus an creidimh ath-leasaicht’ a dheanamh tearainte; ach, so cha deach’ leis. Coma, beagan roimh àm dhoibh sgaioileadh shear-monaich e aon là an eisdeachd mòran de mhaithean na rioghachd, agus thug e sgiursadh garbh dhoibh airson am mi thaingealachd, agus a bhi cho lapach ann an oabhar Chriosd. Bha iomradh san am, gu’n robh a bhanrigh a dol a phòsadh pàpanaich: cha robh so r’a leigeadh seachad. “A mhaithean urràmach,” arsa Knox, “fuilingibh dhomh a ràdh, an là dh’ aontaicheas sibh ana-creid-each a bhi na righ oirbh, ni sibh na’s urrainn dùibh a chum Iosa Criosd fhògradh as an rioghachd; bheir sibh dioghaltas Dhe air an fhearann; bheir sibh plaigh oirbh fein, agus cha chuir sibh, a réir mo bheachdsa, bheag ri sonas ‘ur banrigh!” Cha d’ eisd luchd-miodail na ban-righ tuille; a mach ghabh iad agus innsear dh’i gu’n do shearmonaich Knox an aghaidh a pòsaidh. Cha do thaitinn so ris a bhan-righ. Dh’ àithn i Knox a thoirt ‘na làthair. Nuaair chunnaic i e thòisich i ri gal ‘s ri meacanaich mar leanabh beag, ‘s thug d’n aghaidh air gu’n robh e toirt mi-chliu araon oirre fein’s air a riaghladh. ‘Nuaair a chunnaic Knox gu’n robh i ‘nis a’ fàs ni bu chìuine fhreagair e gu stòlda. “A bhan-righ oird-hearc! nam faiceadh Dia iomchuidh ‘ur saoradh o na baralaibh coirbte anns an deach’ ‘ur n’oilein, cha’n abradh sibh gu’n dubhairt mise focal as an rathad. A mach as a chrannaig cha’n’eil e bitheanta leam oibheum a thoirt: ach anns a chrannaig cha mhi mo mhaighstir fein, ach seirbhiseach an Ti ‘ta ‘g àithne an fhirinn a labhairt a mach, gu’n mhiodal ri àrd no ri losal.” “Ach,” ars’ a bhan-righ, “ciod e do ghnothach ri m’ phòsadhlsa?” Bha Knox a’ dol a mhìneachadh dh’i a dhleasnas mar mhìnsteir an t-soisgeill, ‘nuair, le corruich a ghlaodh i mach a ris, “Cò thusa—Ciod e do ghnothach ri m’phòsadhlsa?” “Le’r cead a bhanrigh,” arsa Knox, “tha e fior nach Iarl’ no Mor’ear mi, gidheadh chunnaic Dia’na’mhaitheas iomchuidh mo thogail suas a chum leas na rioghachd: Seadh, dhomhsa buinidh rabhadh a thoirt mu’n olc cho mhath ris a Mhor’ear as àird’ inbhe: tha mo dhreuchd agus mo choguis ag iarraidh orm a bhi dìleas, agus uime sin, deiream a ris, an là dh’ aontaicheas maithean na’rioghachd so sibhse ‘cheangal ri pàpanach, nach urrainn iad tuille’dheanamh a chum Criosd agus fhirinn fhògradh as an rioghachd; agus ar còraichean a spionadh uainn!” Air so thòisich a bhan-righ ri bas-bhualadh; sheas Iain, na thosd, a dian amharc oirre. Ma
dheireadh labhair e, “Cha bu taitneach leam riamh ars’ esan,” aon de chreutairean Dhe fhaicinn a’ gul’s, gann gu’n dùraig mi eadhon mo chlann fein a smachdachadh air eagal a cluinninn a’ caoin-eadh: dhuibhse ‘ar leam, nach tug mi aobhar caoinidh; co dhiùbh, ‘s fearr leam ‘ur deòir fhaicinn na mo choguis fein a lot, agus an rioghachd a bhrath do thoil a nämlich le m’ thosd?” ‘S ann a nis a b’airde glaoth na ban-righ, agus gun tuilleadh éisdeachd dh’òrduich i mach as a sealadh e. Chuir i ‘comhairle ris na mor-earaibh ciod a dheanta air; chomhairlich cuid a chrochadh; cuid a losgadh gu bàs; ach cha robh obair Knox fathast ullamh, uime-sin, fhuair e as.
Am feadh a bha bhan-righ ann an Sruileadh, chum an teaghlach Airinn anns an lù-chuirt ann an Dun-eidean gu follaiseach. Cha robh muinntir a chreidimh ath-leasaichte toilichte leis a so, agus air dhoibh aon là mòran fhaicinn a’dol a steach, thilg siad iad fein nam meag, a feòrach c’arson a bha’n lagh co ladurna air a bhriseadh? Bha’n iorghaill a nis air bonn, ach cha do chailleadh beatha. Chaidh dithis de luchd a chreidimh ath-leasaichte ‘ghlacadh le òrdugh na ban-righ, agus bha là air a shòn-rachad a chum am feuchainn. Chunnaic eaglais Chriosd, gun robh, cha’n e mhàin an dithis so an cunnart am beatha, ach an lagh a dhìteadh iadsan gu’n ruigeadh e mìltean. Thug iad uime sin, air Knox coinneamh a ghairm air là na cùirte chum iad fein a dhion. B’ àill le càirdibh na ban-righ a dheanamh a mach, gu’n robh a choinneamh so mi-laghaill, agus gu’n robh briathra na litreach ceannairceach, agus shaoil iad a nis nach robh dol as aig Iain Knox: Rinn an lagh greim air aon uair eile. M’an tainig là na cùirte rinn iad na bha nan comas a chum eagal a chur air, feuch an aidicheadh e gu’n robh e ciontach: ach bha làthaireachd a Dhe le Knox, agus cha bu daoine chuireadh giorag air. “Cha d’rinn mi, ars’esan, ach mo dhleasnas, agus uime sin, ciod air bith mar thachras tha m’ earbsa gu’n seas mo Dhia mi!” Thainig a nis an là—thugadh am priosanach a làthair. ‘Nuair a chunnaic a bhan-righ e rinn i iolach mhòr ghàire. “Sin, ars’ise, fear a thug ormsa bhi gul; theagamh gu’m faic mis’ esan a gul an diugh.” Thòisich an deuchainn, ‘s cha robh i soirbh. Dh’aidich Knox gu saor gur h-e ‘sgriobh an litir, ach nach robh a choinneamh air mhodh air bith mi-laghaill. ‘Nuair chual a bhan-righ e, ghlaodh i ‘mach. “C’arson a ta sibh co leanabail ris? Co thug òrdugh dhà m’iochd-rain-sa thoirt cruinn?” “S iomadh uair,” arsa Knox, “a thug mi cruinn iad, araon là sàbaid ‘us seachduin ‘s cha chualas riamh gum b’olc gus a nis: Cha’n e mhàin” ars’ esan, ‘se gabhal misnich “tha’n t-àm a chaidh seachd fathast fa chomhair mo shùl—tha mi faicinn treud lag Chriosd co mòr an cunnart ‘sa bha iad riamh. ‘S an àm a chaidh seachd bha ‘n diabhol ag imeachd sios ‘us suas na fhiar choltas fein: tha nis sgàil air a ghnùis agus meallaidh e anama bochd mar bi iad nam faicill! A mhaithean Alba! am bheil sibhse ‘m beachd gu’n caisg fùil an dithis bhràithre so iotadh nam pàpanach? cha chaisg—cha dean
i ach an càil a bhrosnachadh; tha fhios againn air ar cosg nach ‘eil ach nimh agus domblas nan cridheachaibh! Agus a bhan-righ! ribhse theirinn gur mic do’n diabhol iadsan a ta ga’r brosnachadh an aghaidh caoraich bhochd Chriosd, agus gur h-i obair an athar, an sean bhreugair agus an daor mhortair a ta iad a’ deanamh”—”Ciall! Ciall! arsa fear de na mòr’-earan, cha’n ann ‘s a chrannaig a tha thu ‘n tràs idir cuimhnic.” Tha mi arsa Knox far am bheil e mar fhiachaibh orm an fhirinn a sheasamh, agus an fhirinn seasaiddh mi ‘n làthair dhaoinibh agus ainglibh!” A chur an sgaòil an aithghearr, fhuair Iain fa sgaoil aon uair eile, ged nach b’ann a dheòin mòran de na bha ‘làthair, gu h-àraid a bhan-righ.
Chunnaic Knox a nis gu’m feumadh e’ m pailliuin talmhaidh so ‘chur dheth. Chomhairlich e, uime sin, do’n eaglais seirbhiseach dìleas fhaotainn ‘na àite, agus mhol e dhoibh gairm a thoirt do’n urramach Seumas Lawson aon de àrd mhinistirean Aberaidhean. Scriobh Knox fein chuige e ‘thighinn ga amharc, agus aig bonn na litreach thuirte e, “Dean cabhag, a bhràthair, no thig thu ro anmoch.” Bha Lawson co mòr air a chur chuige leis na briathraibh so ‘s gu’n do ghabh e ‘thurus an là’r na mhàireach: rainig e, agus air dha searmonachadh uair no dha thaitinn e ris an eaglais cho mbaith ‘s gu’n tug iad gairm dh’a mar fhear-ionaid Knox.
An là ‘chàidh a ghabhail a steach shearmonaich Knox fein le mòr chumbachd: bha spiorad an Tighearna da rìreadh air. Mu dheireadh na searmoin leig e fhanuis gu Dia gu’n do chaith e bheatha nam measg ann an deadh choguis—a’ searmonachadh soisgeul Chriosd ann an treibhdhreas, gu’n umhail do uasal no iosal. Dh’ fhàg e’n sin beannachd aca ann am briathraibh cho tiamhaidh agus cho drùi’teach ‘s nach robh sùil thioram ‘sa choimhthional. An déigh na searmoin chaidh e dhachaidh ‘s ghabh e leaba, agus ma ghabh cha b’i sin leaba gun dòchas. ‘Smuladach an ni, shaoileadh neach, a bha fàgail beannachd gu bràth aig grèin ‘s aig gealaich, aig ceilearadh binn an doire ‘s aig gàirich mhòralach a chuain, aig cairdibh dìleas ar n-òige’s aig companaich bhàigheil ar n’ aois, ach ‘s faoin iad so uile ann an sùilbh an fhor chriosduidh—cha’n fhad a gus an éirich airsangrian na firnteachd—haleluiah ainglean, agus cairdeas Dhe agus an Uain! Air dì’h-aoine dhéirich e gu aodach a chur uime ged is gann a b’ urrainn dha suidhe air furm. ‘Nuair a dh’ fheòraich iad dheth ciod a thug air éiridh, thuirte e gu’n robh a mhiann air dol do’n eaglais (gu’n chuimhne nach b’e là na sàbaid a bh’ ann), oir ars’ esan bha mi fad na h-oi’che a beachd smuaineachadh air aiseiridh Chriosd, agus tha focal no dha agam a chum na h-euglais bhochd. An ceann tacan chuir e fios air na foirfich a chum beannachd fhàgail aca; ‘nuair thainig iad thuirte e riu, “A bhràithre rùnach! thainig ma dheireadh an uair airson an tric an robh mi’guidhe—an uair a dhruideas mo shùil air an t-saoighal mheallta so, agus a chi mi sàbhailte an taobh a stigh do gheata rioghachd na glòir.
“Air leaba mo bhais, a nis mar tha mi, leigeam fhianuis gu Dia nach do theagaig mi ach firinn an t-soisgeil, agus gu’m b’e eòlas a thoirt do’n aineolach—neart a thoirt do’n anfhann—comhfhurt-achd do’n dream a bha fo’ bhròn airson an cionta—agus an t-uaibbreach irioslachadh le bagraidhibh leabhar Dhe, a bh’ agam do ghnà’s an amharc. Tha fhios agam gu math gu’n robh iomadh a’ faotainn coire dhomh a chionn cainn’t cho laidir a chleachdadh, ach aig Dia tha fios ged bha mi ’seirm teairneanach a bhreitheanais nan cluasaibh gu’n robh mo chridhe ’leaghadh le gràdh d’an anamaibh nan caomhnainn ialsal no uasal cha b’ airidh air mo dhreuchd mi, agus cha bhiodh là mo chunntais na là cho taitneach dhomh. Tha mi ga’r fàgailse ’n am’ dhéigh, ach leanaidh sibh an aithgearr; cuirbh an deadh chath—glacaibh misneach, ged tha mise ga’r fàgail; agus fhadsa dh’ fhanas sibh ann an firinn Chriosd feudaidh sibh dùlan a thoirt do gheataibh ifrinn.”
Beagan mu’n do ghabh e’leaba dh’ iarr e air a mhnaoi ’nuair a dh’ fhàsadh e cho lag’s nach b’ urrainn dh’a leughadh ise ’leughadh dh’a gach là xvii. caib do shoisgeul Eoin—Caib. do’n litir a chum nan Ephesianach, agus xxxiii. Caib. de Isaiah. Bha e’n is air fàs cho fann’s nach b’ urrainn e labhairt ach le mòr shaothair, gidheadh cha d’ fhag neach taobh a leapach gun earail. Thòisich bean uasal dhiadhaidh aon là r’a mholadh airson na rinn e as leth a chreidimh agus a dhùcha: Chuir Knox grabadh oirre. “Fois! fois! a bhean uasal,” ars’ esan, “than fheòil i fein dona gu leòir gun a séideadh suas; ’Se Criosd an aon charraig air am bheil mo dhòchas air a stèidheachadh.” Air là na sàbaid bha e sàmhach car ùine fhada. Ma dheireadh, ars’ esan, le guth socraich, “Ma tha neach’s an èisdeachd thigeadh e agus faiceadh e obair Dhe; bha mi o cheann dà o’che a’ tagradh arson eaglais Chriosd,—an comunn beag a ta fo dhimcas anns an t-soaghal, ach ’na shealladh-san luachmhor mar chloich a shùl:
“Dh’ fharraid cuideiginn a bha làthair an robh e fulang pèine? cha’n’eil ars’ esan, nis mò na esan a’ ta cheana air neamh: nam b’e toil De i chuirinn suas leis an leabaidd sofad sheachd bliadhna: ’nuair tha’n spiorad ann an Criosd cha chuir am bàs giorag air an fheoil.”
Iomadh uair ’nuair shaoilte bhiodh e’na chodal, chite a bhilean a’ glusad, agus chluinnte e’g ràdh “A Thighearna thoirt aodh-airean dileas do t-eaglais,—aisig sìth do’n rioghachd—thig a Thighearn Iosa, thig!” Bha e aon o’che ri trom osnaich’s ri spairn troimh chodal: Nuair dhùisg e dh’ fheòraich iad dheth ciod a bha cur trioblaid air? “Sfad ars’esan, o’n a thòisich Satan ri m’pheacaidhean a thilgeadh orm gus mo thoirt gu andòchas, ach chum mi sgiath a chreidimh ris: tha e nis a cur ’nam inntinn gu’n do thoill m’ oibre fein dhomh àite ’measg nan naomh, ach moladh do Dhia a chuir chugam an scriobtur so, ciod a th’ agad nach d’ fhuair thu? Tha nis crioch air a chath, cliu do Dhia, bi’dh Knox an aithgearr far nach ruig a shaigheadan e.”
Air di-luain dh’ fhag e’n leaba car tamuill, ach bha e cho fann ‘s nach b’ urrainn e seasamh air a chasaibh,—shuidh e ann an cathair car leth-uair, agus thogadh do ‘n leabaidh a ris e. ‘S an fheasgar dh’iarr e air a mhnaoi far na thilg e ‘cheud achdair a leughadh. Thuig i fein a chuid eile, agus leugh i xvii. caib. de’n t-soisgeul a reir Eoin. Mu leth uair roimh dheich rinn iad ùrnuigh. Dh’ fharraid neach dheth an cual e’n ùrnuigh? “O b’ fhearr leam gu ‘n cluinneadh an saoghal i mar chuala mis i’, ar’s esan, “a Thighearn Iosa glac mo Spiorad!” Air so thuit e seachad ann an glacaibh a bhàis gun spàirn gun ùpraid ‘na 67 bliadhna.
Chunnaic sinn a nis croich Knox!—cridhe co mòr, agus spiorad co tréum ‘sa tharruing claidheamh riabh an aobhar na firinn! B’ esan am minsteir dileas! Bha chaithe beatha naomha; a theagasg fallain, agus do thaobh miodail a dheanamh ri peacaich cha d’ rugadh leis e.
A leughadair am bheil thu-sa leantuin eis-eimpleir na muinntir a tha nis, “tre chreidimh agus fhoighidin a sealbhachadh nan geallanna.” Cuimhnich gu’m bheil “Iosa Criosd an dé, agus an diugh, agus gu siorruidh an Ti ceudna.”