Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1909 » November 1909 » An Gaidheal Og no Sgeul Aindreais Lindsai.\

An Gaidheal Og no Sgeul Aindreais Lindsai.\

ANN an Gaeltachd agus an Eileanaibh na h-Alba cha neil aran na beatha ach ro ghann air a sholar don t’sluagh anns na cearnaibh iomallach. O nadur na ducha, agus tainead an luchd aitiche tha iomadh teaghlach còrr is astar latha o mheadhonaibh na’n gràs. Dhaindeoin na ni Ministirean, tha earrann mhòr air an cumail air an ais o’ bhi feitheamh gu riaghailteach air searmonachadh an t’soisgeul; agus cha nion duil bhi gu’m bi ‘n toradh tròm nuair tha ‘n siol air a chur cho gann. Gidheadh nuair tha cothrom air eisdeachd an t’ soisgeil air a dheonachadh, tha e mar is bitheanta air a ghabhail le dian thogradh, agus tha e bhi co ro ainnig air a mhealtain, ga fhagail, ann an caochladh dhoighibh, nis mò meas, agus tha e air a chur gus a bhuiil as fearr. Ni ‘n sgeul beag a leanas, ann an tomhas, an ni so shoilleireachadh; agus aig an am chèudna bheir e dhùinn eisimpleir thaitneach air gràs Dhè ann an balachan bochd, neach bu toigh leis an Tighearn a dhùsgadh, ann an earrach a’ laithean, gu mothachadh fhaotainn air cho cudthromach ‘s a tha nithe diadhaidh: agus nochdaidh e dhùinn cionnas a ni gràs, an dream anns a bheil e riaghladh comasach lamh-an-uachdar fhaotain air gach cruaidhchàs, agus co lionmhor, ann an toireachd an deigh an neamhnuid luachmhoir ud air am bheil iad a nis comasach mor phris a chur.

Rugadh Aindreas Lindsai ann am baile Chromba, dlù air Inbherneis, air taobh tuath Alba, o’ phàrantaibh ro bhochd; agus gus ‘m bu toil le Dia n’an uile ghràs anam a dhusgadh gu mothachadh air peacadh, agus fheum air Criod, fo’ shearmonachadh an urrammaich, Maighstir Gordon, Ministir Chromba, bha e anabarrach neo-churamach m’ a leabhar a leùghadh, agus na cheann-iuil anns gach gnè aingidheachd a’ measg a chompanaich; ach ‘nuair dhatharraich cumhachd an Spioraid Naoimh a chridhe, dh’fhas e co comhtharruicht, airson umhlachd do Dhia, agus a dhleasnais d’a mhathair aosda, sa bha e roimhe sin còrr airson aingidheachd. Bha e mu thimchioll deireadh na bliadhna 1731, no toiseach na bliadhna 1732 (ars’ Maighstir Davidson nach maireann, o Dhenam a’n Essec, neach a’ thug an cunntas so m’a thimchioll) ‘nuair a thainig mi air tús gu eolas fhaotain air a ghiullan bhochd so, air do aon a chomhtharrachadh a’ mach dhomh air an t’slighe gu Eaglais a bha anns a choimhearsnachd anns an robb sàcramait shòlaimte suipeir an Tighearna gu bhi air a frithealadh. Bha mi aig an am sin a dol’ thar caoil mara, agus ghabh am ballachan aite-suidhe an toiseach a bhàta, agus ged nach robb cothrom agam’ air comhradh ris cha burra’ mi gun a thabhairet fainear le taingealachd do leanabh bochd, air madainn fhuair, ‘se ceann-ruisgte, cas-ruisgte, dol thar mara a dheisdeachd an Fhocail. Dhfheoraich mi ‘m be sud am balachan m’ an cuala mi o chionn beagan mhiosan, agus nuair chaidh innseadh dhomh gu’m be ‘cheart aon, dhambhairc mi air le ro aire, chum ‘s gun aithnean a ris e. Nuair a chunnaic mi e ‘n tigh aoraichd Dhe chum an do choisich e, dhambhairc e cosmbuil ri neach a bha ‘g eisdeachd le mòr churam agus toil-inntin—a shuil gu suidhichte air a mhoinsteir, mar gun sluigeadh e gach focal d’a shearmon. Thug so misneach dhomh guth a dheanamh air m’ ath-philleadh do Chromba, agus na ceistean a leanas a’ chur ris.

C.—Ciod an taobhar airson an deachaidh tu co fad o’n tigh air an t’seachdain so’ chaidh, a dheisdeachd searmoin, ri sid co fuar, agus thu gun-bhròg gun stocainn?

F.—Tha e air rithris gu bheil Criosd ri fhaotainn ann an searmaibh, agus b’ aill leam fios a bhi agam an sgeul fior e.

C.—Tha fios agam gu bheil thu feitheamh air an Seol-follaiseach san aite so: tha fios agam mar an ceudna gu bheil e na chleachdadh aig scolairean leisgeil a dhealbh gu bhi air falbh o’ n leabhraichibh, agus ma s’ ann mar so tha chuis maillle riutsa tha thu deanamh aidmheil creidimh na sgà chum do dhion, a chionn gu bheil fuath agad do ‘d leabhar, ni tha gu cinnteach na pheacadh mor dhuit. Innis an fhirinn, agus bi cinnteach nach dean thu breug. An robb a chuis mar tha thu ‘g radh? (Ghnathaich mi ‘n doigh cheasnaichidh so cha n’e gu’n robb agam riasan bhi amharasach mu threabhdhireas a ghiullain, ach a chum staid anama fhoghluim na bu miona’diche.)

F.—Fhad s a’s eol domh mu’m thimchioll fein s e so mo staid. Tha mi cinnteach gu bheil mi ann an staid nàduir, ach cha’n’eil mothachadh ceart agam air, agus ‘s ann chum beo-mhoothachadh fhaotain air truaighe mo staid thaobh nàduir tha mi dol do’ n Eaglais; oir chuala mi a’ minsteir again fein aig ràdh mar faiceadh neach agus mar biodh mothachadh aige mar an ceudna air truaighe a staide thaobh nàduir nach robb e comasach dha luach a chur air Criosd.

C.—Ciod ma tha ‘n Tighearn a gealltain an geur mhothachadh sin air peacadh oibreachadh?

F.—B’aill leam fhoghllum ma tha leithid do mhisnich air a tabhairt anns a Bhiobull. Sheol mi sin e gu Eoin xvi. 7-11, agus mhinich mi dh’a na bhriathran tha gabhail a steach annta gearr-fhoirm* na h-oibre ghràsmhor tha Spiorad Naomh a’g oibreachadh ann’ an cridheachai bh na ‘n daoine taghta. Ghlac e ‘m Biobull as mo laimh, agus leugh e na briathran le mòr dhùrachd; gu sonraichte nuair a dh’innis mi dha gu’n robh an gràs so uile air a ghiulan air aghaidh ann an geallanaibh saor bha toirt misnich do aon na chorsan.

C.—Am bheil thn cleachdadh, ùrnuigh?

F.—Cha’n’eil.

C.—Am bheil thu dol co fad o’n tigh a dheitheamh air searmon-aibh aig amaibh comanaiche agus gun a bhi cleachdadh ùrnuigh?

F.—Tha mi lubadh mo ghlùn; ach ge do se so mo ghna, cuig uairean, agus aig amaibh sè na seachd uairean san là gidheadh cha chan mi ùrnuigh ris; oir tha mi mach a Criosd, agus air an aobhar sin a dheasbhuidh spiorad na h-ùrnuigh.

C.—An robh e na chleachdadh agad anns na bliadhnaibh a chaidh seachad bhi feitheamh air searmonaibh, mar anns na laithibh so.

F.—Gu ruig an leth-bhliadhna so ma dheireadh do’m bheatha, b’e mo ghna’ chleachdadh, searmoin eisdeachd, theagamh aon uair no da uair sa bhliadhna; agus ‘nuair a dheisd mi, bhithinn co sgith mun croicnaicheadh an searmon ‘s gur minic dh-fhag mi ‘n maglais ‘sa chaidh mi chluiche.

C.—Cionnas tha e ‘tachairt gu bheil thu feitheamh air searmoinibh air laithihh seachduinn a nis co math ‘s air là an Tighearna?

F.—Cha neil e comasach dhomh reusan thoirt seachad, ach amhain nach robh toil agam aig am sam bith roimhe so tighinn a dheisdeachd; a nis cha neil do dhanadas agam fuireach air m’ ais.

C.—An robh thu aig am sam bith a còmhradh ri d’ Mhinisteir?

F.—Cha robh; ciod a bharail a bheireadh e, na’n gabhadh balachan bochd mar mise a dhanadas dol da ionnsuidh? Cha mhò thiginn d’ar n-ionnsaidhsa mar cuireadh sibh fios orm. Dh fheoraich mi, gu dearbh, aon uair do A. W. fear eolais dhuibh fein, cionnas a ghlorachin Dia agus dhinnis e dhomh “gu’m ‘be Dia ghlorachadh, aitheanta a choimhead.” An sin, an deigh do Aindreas smaointeach ann fein, thubhairt e. Tha mi n’ duil gu bheil mi comasach freagairt a thoirt do’m cheist fein a nis; oir ged tha na thubhairt esan rium fior, gidheadh “tha mi smaointeachadh gu bheil an duine o thuiteam Adhaimeh neochomasach Dia a ghlorachadh ach trid creidimh ann an Criosd agus umhlachd da aitheantaibh, na neartsan.” Thug am freagradh so ma dheireadh co tuigseach do fhear aoise, orm fheoraich dheth. Cionnas a thainig e chum a leithid sud do eolas? fhireagair e gu modhail, “Tha mi geisdeachd searmonachadh Maighstir Gordon”; mar gun abradh e, “Cha’n’eil m’ eolas idir a reir na’n cothromaibh a tha mi sealbbhachadh.” Mar so bha e soilleir, an aite bhi air at suas le uabhar, gur an bha nàir air bhi co aineolach. Air so chomhairlich mi dha bhi ‘g Urnuigh an’ uaigneas a ghnà, bhi feitheamh gun sgrur air orduighibh follaiseach an t-soisgel; bhi umhail da mhàthair, chum mar so nach faigheadh a chreidimh bèum; agus ro aire thabbhàirr da leughadh, chum gu faiceadh a cho-scoileirean gu’m bu taitneach a bha urnuigh agus ionnsachadh a co-fhreagrath: seadh, gu’m b’e an’ t-slighe chinnteach gu fior shoirbheachadh bhi diadhaidh. An deigh moran chomhairlean thabbhàirr da chum na criche so, ghabh mi mo chead.

Air m’ ath-philleadh do Chromba an deigh bhi air falbh sia miosan, dh’ fheoraich mo do Mhaighstir Gordon a bharail air a ghiullan bochd so, agus ged is neach e co faicilleach aidmheillean creidimh a mholadh ri neach air an do chuir mi riamh eolas, gidheadh, dhaidich e; “Tha ‘eolas air nithibh spioradail a cur ioghnaidh orm, tha e tighinn do’m sheòmar uair san t’seachduin, agus aig innseadh dhomh ciod a thubhàirr Criosd ris, agus ciod a thubhàirr Satan ris, agus cionnas a bha e air a ghnàthachadh do ‘n taobh le cheile, co riochdail sa chuireadh fear turuis sios na tighean-osd aig na stad e.”

Air dhomh a leithid do theisteas a chluinntinn o’ neach co creideasach ri Mr. Gordon, bha mhiann orm an gille fhaicinn an treas uair; agus an tra chunnaic mi e thug mi fainear atharrachadh soilleir na ghnuis, agus air dha innseadh dhomh gu’n robh e nis ann an Criosd, thubhàirr mi ris. “Ro mhaith, mo ghiullan, is saorsa sin gu deimhin: saorsa tha moran a gabhail orra bhi aca, ach beagan a fein-fhaireachdain: Gidheadh, ma ‘s urra thu freagrath taitneach a thabbhàirr do bheagan cheistean, a chuireas mi riut, tha mi smaointeachadh gu ‘feud mi deadh bharail altrum umad: toisichidh mi, air an aobhar sin, thar ‘n do sguir mi dhiot, nuair ma dheireadh choinnich sinn.”

C.—Thubhàirr thu gu’n robh thu cinnteach bhi ann an staid nàduir, ach nach robh a’mothachach ceart agad air; nis, ciod an sealladh agus a’mothachadh a fhuair thu air do staid nàdurra?

F.—Chunnaic mi, Air tus, gun robh fior aomadh mo chridhe an aghaidh Dhè, agus gu sonruichte an aghaidh rathad innleachd na slainte trid Chriosd: San dara h-aite, Gu’n robh e co neo-chomasach dhomh mi fein a shaoradh o’n staid thruaigh sin, sa bha e dhomh a ghrian e spionadh as an iarmailt; San treas aite, Nach e mhain gu’n robh mo bheatha san aimsir chaid seachd na h-aon chùrsa peacaidh, ach mar an ceudna, gun robh eadhon m’ urnuigh, mo leughadh, m’ eisdeachd, maillle ri m’ uile dhleasnais cràbbach, gu tur air an truailleadh le peacadh. Agus, anns a cheathramh aite, Dhaideoin na nithe so gu leir, mhothaich mi ann am chridhe claonadh co laidir gu’m’ fhireantachd fein a chur air chois ‘s gu’n robh e saothrachail do’n Tighearna thilgeadh sios; gidheadh dh-oirpich mi a chur air chois a ris. Tuilleadh fos, mhothaich mi mo chridhe ri striopachas spioradail gach là, air mo ghiulan air falbh le diomhanas, agus mar so a ghna teicheadh air falbh o’ Dhla’;—agus rinn sealladh air·na nithe so drúghadh co domhain orm ‘s nach robh fois la’ no oidhich’ agam, gus an robh mi air mo shaoradh le Criosd.

C.—’Nuair tha Criosd ag’oibreachadh a leithid sin do shaorsa, tha e labhairt gu cumhachdach ris a chridhe; an do bhuin e mar so riutsa?

F.—Bhuin: Oir bha na scriobtuirean a leanas air an càramh, gu cumhachdach, ri m’ anam leis an Spiorad naomh:—” Le gràdh siorruidh ghràdhaich mi thu: uime sin le caoimhneas gràdhach tharruing mi thu Ier. xxxi. 3.—Ni mi ribh coimh-cheangal siorruidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh, Isa. Iv. 3.—Thug mi dhuibh oigreachd na muinntir sin air am bheil eagal m’ainme, Psalm lxi. 5.—Cha’n fhadh agus cha treig mi ‘m feasd thu.” Heb. xiii. 5.

C.—Cionnas tha fios agad gu’n do chàraidh an Tighearna na geallana so riutsa, agus nach do mheall aon chuid Satan no do chridhe fein thu?

F.—Air uairibh tha Satan ga bhrath fein, mar an uair a b’aill leis, leis an fhocal fhiaradh, mo tharruing gu peacadh, no mo chlaonadh o dhleasnas; agus anns a chuid as mò, tha mi mothachadh gu bheil oidhirpean gus am focal fhiaradh, an dara cuid, ga m’at suas le uabhar, no ga m’ leagadh sios ann a mi-mhisnich: ‘nuair, air an laimh eile, a tha an Tighearna labhairt, tha mi mothachadh fhocail freagarrach. Tha mi air uairibh ann an teanntachd, agus an sin labhraidh e; tha mi ga mothachadh freagarrach da m’ fhiar staid, agus a beothachadh na beatha spioradail a tha mi faireachdain ann am’ anam.

C.—Ciod a tha thu tuigsinn leis a bheatha spioradail ana a’ d’ anam?

F.—Fèumaidh mi aidicheadh nuair mu dheireadh a chunnaic mi sibh, nach robh mo smaointean air beatha spioradail fhaotain o’ Chriosd; ‘se na bha mi g’iarraidh cuibhrionn ann; agus ‘s eagal leam gur lionmhor iad tha feitheamh air orduidhean follaiseach air nach eil cùram mu’n ni so; seadh feumaidh mise aideachadh gur ann mar so a bha chuis maillle rium fein. Ach nuair a thug Criosd mi gu gloir a phearsa fhaicinn, mar a nis air neamh, fhuair mi so na beatha, agus chunnaic mi gloir Chriosd co maisneach ‘s nach eil agam cainnt gu chur an ceill; an ni so amhain tha dearbhte, gun d’amhairc mi air m’uile shonas fein air fhilleadh co mor ann an Criosd ‘s gun do mheas mi ‘n saoghal mar neoni; agus, ged nach eil mi comasach oibreachadh m’anama fein mar ata mi ga mhothachadh, a chur an ceill, gidheadh, tha mi comasach caileigin dheth fhoghhlum o’ na toibrichibh tha air an t-slighe o’n tigh gu Cromba’: oir mar tha uisge anns na toibrichibh so, ge beag iad, tha dochas agam gu bheil e mar sin maillle ri m’anam. Tha n-tuisge ann an cuid do na fuarain so air a chomhdach le feur agus luibheannaich, mar sin tha aig uairibh, sealladh air a bheatha so, air fholaich uamsa le truailleachd mo chridhe fein: ach mar tha ‘n tuisge ri fhaicinn, air do neach na luibhean a charuchadh le lamhaibh, mar sin tha bheatha so le foillseachadh ùr:—agus mar tha uisge fantuinn anns na toibrichibh so a nis, ann an ceud mhiòs an fhogharaidh, nuair tha lochain mhòra air tiormachadh suas, mar sin tha dochas agam gu mair beatha Dhe ann a’ manamsa, do bhri’ gu bheil gràdh Chriosd neo-chaochlaideach.

C.—Ciod nam faigheadh tu bàs a’ nochd?

F.—O! b’ fhearr leam gum faigheadh! O nach b’ e ‘maireach là bhretheanais! ‘s mise bhiodh cinnteach a bhi gu bràth maile ris an Tighearna.

An deigh so, bha oibreachadh gràis Dhe cho soilleir r’a fhaicinn ann, ‘s gun d’ innis Maighstir Gordon dhomh: Ars’ esan, Dh’ fhuirich mi fad bliadhna fach c’amar a rachadh do dh’ obair an Tighearna ann an anam a bhallachain, ach on chunnaic mi a threibhdhireas, agus gun robh gràs Dhe gu soilleir aige, cha b’ urrainn mi’n comanachadh a dhiultadh dha. Thug mi, uimesin, cead dha, agus shuidh e aig bord an Tighearna na chuig-bliadh’n’-deug: agus ma shuidh b’ àrd-fheil d’a anam e.

Beagan uine ‘n deigh na coinneamh so (ars Maighstir Davidson) chunnaic mi ris e, agus dh’ fheoraich mi dheth cionnas a bha obair Dhe dol air aghaidh na anam: “Tha dochas agam, ars esan, gu bheil i dol air a h-aghaidh; oir o chionn ghoirid tha mi air mo theagasg tuille do dhomhaireachd peacaidh fhaicinn, ann am chridhe fein gu sonruichte. Tha mi mothachadh annam claonadh uabhasach gu earbsa dheanamh asam fein, agus gu m’ thaic a leagadh air m’ oibrbh cràbhach, agus air a ghràs a fhuair mi, nis mo na air an lànachd a tha ann an Criosd.” Dhinnis e dhomh mar an ceudna a chionn nach robh e air fhiosrachadh le triob-laidibh mar a bha na naoimh, gu’n robh Sàtan a cur am fachabh air gu m bu mhac diolain e ‘s nach bu mhac dligheach:

“Ach ceann beagan uine, ars’ esan, thug an Tighearna freagrath dhomh don chunghaill so. Air uairibh tha ‘n Tighearn a folach a ghnuis uam car leth là’; agus tha fios aige gu’n cuir so tuille triobladh orm na uile thruaighean na beatha ta làthair; tha so a dearbhadh dhomh gur leanabh le Dia, agus nach mac diolain mi, do bhri gu bheil mi meas di lathaireachd Dhe, mar an smachd-achadh as geire.”

Air dha luchd aidmheil creidimh a thabbhairt fainear aon la ga chomharachadh a mach do chàch a cheile, thubhairt, e, “Na ‘m biodh eolas aca air mo chridhe, bhiodh ioghnadh aca dhion air caochladh doigh, eadhon airson mo ghràinealachd uabhsaich.” Bha e mu thimchioll toiseach na bliadhna 1749, nuair chunnaic mi mu dheireadh e: choisich e leam tri no ceithir do mhilttean, agus dhinnis e dhomh, gun robh e car iomad mios, fuidh iomadh buaireadh geur, ach gu n-do shaor an Tighearna gu gràsmhor e chum solus a ghnuis fhaicinn, agus gu gairdeachas a dheanamh na fhireantachd. ‘S fior an ràdh e “Gu bheil slighe an fhirean mar an solus dealrach a dhealruicheas nis mo agus nis mo gu ruig an là iomlan.” Gnath. iv. 18.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice