TOISEACHADH.
CEIST. 1.—Is Prôtastanach thusa. Carson a ghoirear an t-ainm sin dhiot?—FREAGAIRT.—A chionn gu’m buin mì do eaglais a tha ‘togail fianuis an aghaidh mhearchdan eaglais na Ròimh.
C. 2.—Ciod iad na mearchdan an aghaidh am bheil thu ‘togail fianuis?—F.—Tha a’chuid a’s mò dhiubh ann an Créud Phàp’ Plus IV. Faic taobh 12.
C. 3.—Agus am bheil thu ‘togail fianuis an aghaidh, no ag àicheadh na Créuda sin uile?—F.—Cha n’eil. A’ cheud chuid d’i, de ‘n goirear a’ Chréud Nicénach (no ‘chréud a rinneadh ann an Nicéa), tha mì ag aideachadh, do bhrigh gu’m faodar a’ chuid sin d’i a dhearbhadh o’n Sgriobtuir. Ach a’ chuid eile dh’i anns am bheil dà earrainn déug, tha mì ag àicheadh, mar theagasc neo-sgriobtuireil.
C. 4.—Cuin a bha Créud Phàp’ Plus IV., air a deanamh suas agus air a cur amach air tìs?—F.—Rinneadh a’ cheud chuid d’i anns am bheil a’ Chréud Nicénach, aig Comhairle Nicéa anns a’ bhlìadhna 325. Cha chualas riamh mu’n dà earrainn déug mu-dheireadh dh’i, mar Chréud, gu là Phàp Plus IV., a chuir amach iad air tìs, anns a’ bhlìadhna 1564.
C. 5.—Nach robh mearchdan ann an Eaglais na Ròimh, roimh an t-seathamh Linn déug?—F.—Bhà: ach cha robh mearchdau
eaglais na Ròimh air an co-aonadh ri ‘chéile, no air an suidheachadh mar Chréud, roimh an àm sin. Bha na mearachdan féin ànn roimhe sin. Dh’fhàs iad suas anns a’ chùis so, mar tha ‘tachairt ann an cuisibh eile, a’ chuid ‘s a’ chuid.
C. 6.—Mur robh Créud Phàp Plus IV. air a cur amach gus a’ bhliadhna 1564, is éudar nach do ghabhadh riabh rithe le muinntir Bhreatainn; oir thainig an t-Ath-leasachadh astigh roimh an àm sin?—F.—Gun teagamh. Agus gu dearbh, is iongantach an nì, nach robh Créud na Ròimh riabh air a h-aideachadh le sluagh Bhreatainn Mhòir, agus Eirinn. Ach dh’aidich beagan ann an Sasunn, agus mòran ann an Eirionn, a’ Chréud annasach so, an-deigh an Ath-leasachaidh.
C. 7.—Ciamar a thachair gu’n robh Cranmer, Ridleidh, Latimer, agus na ceudan eile de na martaraich, air an losgadh aig a’ phostamharbhaidh, airson a bhi ag àicheadh theagasgan na Ròimh, mur robh Créud na Ròimh ànn, gus an-deigh do’n Ath-leasachadh tòiseachadh. A dh-aon fhocal, ciod am féum a bha air Ath-leasachadh?—F.—Bha mearachdan na Ròimh ànn, agus airson a bhi ‘g an àicheadh, chuireadh martaraich gu bàs aig a’ phosta. Ach cha robh na mearachdan sin air an ainmeachadh gu follaiseach ann an Créud Eaglais na Ròimh, gus an t-seathamh Linn déug. Is ann a bha Eaglais na Ròimh, an àit a bhi ag àicheadh theagasgan mearachdach, mar a rinn na Ceartairean, no muinntear an Ath-leasachaidh, ‘g an cur ris a’ Chréud Nicénaich.
C. 8.—Agus anis, ainmich cuid de mhearachdan na Ròimh.—F.—So iad (1) Ard uachdaranachd a’ Phàpa. (2) Neo-mhearachdas, no a bhi ‘g ràdh gu’m bheil am Pàp neo-mhearachdach. (3) Bacadh-slainte, no nach ‘eil slaint ri ‘faotuinn an taobh amuigh do Eaglais na Ròimh. (4) Béul-eachdraidh, no bhi ‘toirt creideis do bhéul-aithris na h-Eaglais, mar bheirear do’n Bhìobull. (5) Urnuigh ann an cainnt neo-aithnichte, no bhi ‘deanamh ùrnuigh ann an cànan nach tuig an luchd-éisdeachd. (6) Eadar-dhealachadh peacaidh, ag ràdh gu’m bheil cuid de pheacaidhean eutrom, neo-thoillteanach air a’ bhàs. (7) Rùnachadh, no bhi a’ teagasg gu’m bheil éifeachd nan sàcramaidean a’ teachd amhàin tre rùn an tì a fhrithealas iad. (8) Gu’m bheil seachd Sàcramaidean ànn. (9) Gu’m bheil Purgadair ànn. (10) Teagasg a’ Pheanais, anns am bheil faosaid, maitheanas, agus riarachadh do cheartas Dhé, tre oibríbh an duine. (11) Ungadh-crìche, no “an ola bhàis.” (12) Fùthamas leis am beilear ag ràdh gu’m bheil comas aig an t-sagair maitheanas peacaidh, agus saorsa o nì sam-bith, a thoirt do dhuine, agus gu’m faod Còrr-obair a bhi aig créutair, no gu’m faod è tuilleadh ‘s a dhleasanas a choilionadh an làthair Dhé. (13) Beachda mearachdach mu Fhìreanachadh. (14) Brìgh-atharrachadh an Arain ‘s an Fhlona ann an Suipeir an Tighearna. (15) Iobairt na h-Aifirinn. (16) Comànachadh ‘an aon seòrs’ amhàin. (17) Aoradh do Naoimh ‘us do Ainglibh. (18) Bhi ‘gnàthachadh Iomhaighean‘s a’ toirt aoraidh dhoibh. (19) Gill-eadas, no toirmeasg pòsaidh. (20) Riaghailtean nam Manach’s nan Dubh-chailleach.
C. 9.—Am bheil teagasgan mearachdach eile aig Eaglais na Ròimh?—F.—Thà. Tha i ‘gabhail “nan uile nithe eile a bha air an toirt, air am mìneachadh agus air an teagasg leis” na nithibh ris an abair i “Cléir-lagha naomh agus Ard chomhairlean.”—Créud Phuius IV., EARRANN II.
C. 10.—Mar sin tha i ag aideachadh a bhi ‘gabhail òrdughean nan comhairlean. Ciamar tha cùis na Créuda so féin a’ dearbhadh a mearachdan ‘n a h-aghaidh?—F.—Tha mar so. Dh’òrduich a’ Chomhairle a shuidh ann an Ephesus, anns a’ bhliadhna 431, comhairle leis am bheil an Ròimh ag aideachadh a bhi air a riaghladh, nach faodar Créud sam-bith eile, ach a’ Chréud de ‘n goirear gu coitchionn a’ Chréud Nicénach, a ghabhail le neach, no thairgse do neach a dh-iompaichear o bhaoth-chreidimh (heresy).* Agus gidheadh, tha Eaglais na Ròimh ‘an àm dh’ì bhi ‘gabhail Phròtastanach air am am bheil i ag amhar mar bhaoth-chreidimhich, astigh ‘n a comunn féin, ag àithneadh dhoibh Créud Phàp’ Plus IV. aideachadh, ged nach cuelas riamh mu ‘n dà earrainn déug mu-dheireadh dh’ì, gus an t-seathamh Linn déug, còrr ‘us aon ceud déug bliadhna an-deigh Comhairle Ephesus.
C. 11.—Ciod i nis a’ Chréud Nicénach féin?—F.—”Creideam ann an aon Dia, an t-Athair uile-chumbachdach, Cruithear nèimh agus na talmhainn, agus nan uile nithe faicsinneach agus neofhaicsinneach; agus ann an aon Tighearn Iosa Criost, Mac aon-ghinte Dhia, air a ghiontuinn o ‘Athair roimh na saoghail uile, Dia o Dhia, solus o sholus, am fior Dhia o’n fhor Dhia, air a ghiontuinn, ni-h’ànn air a chruthachadh, a dh-aon bhrigh ris an Athair, leis an d’-rinneadh na h-uile nithe; neach air ar son-ne clann nan daoine, agus a chum ar slainte, a thainig anuas o nèamh, a ghineadh anns an fheòil, leis an Spiorad Naomh, o’n Oigh Muire; agus a rinneadh ‘n a dhuine, agus a bha air a chéusadh mar-an-céudna air ar son-ne, fo Phontius Pilat. Dh’fhuilng è agus dh’-adhlaiceadh è, agus air an treas là, dh’-éirich è rist a-réir nan Sgriobtuir, agus chaidh è suas gu nèamh, agus tha é ‘n a shuidhe air deas làimh an Athar. Agus thig è rist ann an glòir, a thoirt breith air na beòthaibh agus air na mairbh; air a rìoghachd cha bhi crìoch.”
* ORDUGH NA COMHAILLE ANN AN EPHEUS.
“Air do na nithe sin a bhi air an léughadh, dh’òrdnich an Seanadh naomh, nach bitheadh è laghaid do neach air-bith, riaghailt creidimh sam-bith eile ‘aideachadh, a sgriobhadh no ‘dheanamh, ach an riaghailt sin a ta air a comharrachadh amach leis na h-AITHRICHAN NAOMH, a bha air an cruinneachadh, leis an SPIORAD NAOMH, ann an Nice. Ach iadsan a ghabhas orra-féin riaghailt creidimh sam-bith eile a dheanamh, no ‘aideachadh, no ‘thairgse dhoibh-san a tha toileach a bhi air a iompachd gu aidmheil na flirinn, co aca is ann o chreidimh nam Paganach, no nan Iudhach, no bho sheòrsa baoth-chreidimh sam-bith; gu’m bitheadh iad sin, na’m b’eaibhgean iad, air an cur amach á dreuchd na eaibhgeachd, agus na’m bu chléir-dhaoine iad, gu’m bitheadh iad air an cur amach ás an dreuchd chléireil; ach na’m bu neo-chléirich iad, gu’m bitheadh iad air an cur fo mhallachadh.”—(Man’s Councils, page 1362.)
“Agus creideam anns an Spiorad Naomh, Tighearn agus fear-tabhairt na beatha, a tha ’teachd amach o’n Athair agus o’n Mhac, do ’n toirear aoradh agus glòir maille ris an Athair agus ris a’ Mhac le ’chéile. A labhair leis na fàidhean. Agus creideam ann an aon Eaglais Choitchinn agus Abstolaich. Tha mi ag aideachadh aon Bhaistidh chum maitheanas pheacaidhean; agus tha dùil agam ri aiseirigh nam marbh, agus ri beatha an t-saoghail a ta gu teachd. AMEN.”
Sin anis a’ Chréud Nicénach; agus tha i uile fallain. Ach so dhuit na pùngan ùra, a chaidh a chur rithe le Pàp Pius IV., anns a’ bhlìadhna 1564, anns am bheil na teagasgan mearachdach mu’n do labhair thu.
CREUD PHAP’ PIUS IV.
“I.—Tha mi gu daingean, a’ ghabhail h-ugam agus a’ coimhead Bhéul-eachdraidhean nan Abstol agus na h-Eaglais, maille ri uile ghnàthachadh agus riaghailtean eile na h-eaglaise céudna.
“II.—Tha mi, mar-an-céudna, a’ ghabhail h-ugam nan Sgriob-tuirean Naomha, a-réir an t-seadha sin anns an robh agus anns am bheil ar M’athair Naomh an Eaglais ’g an gabhail, do ’m buin breth a thoirt air fior sheadh agus air eadar-mhineachadh nan Sgriobtuir; agus cha ghabh ’us cha mhìnich mi iad gu bràth, air dòigh sam-bith eile, ach a-réir co-chòrdadh aon-inntinneach nan Aithrichean.
“III.—Tha mi, mar-an-céudna, ag aideachadh gu’m bheil, gu fior agus gu ceart, seachd Sàcramaidean an lagha nuaidh air an suidheachadh le Iosa Crìosd ar Tighearn, agus gu’m bheil iad féumail a chum slaint a’ chinne-daoine, ged nach ’eil iad uile airson gach uile neach; eadhon, Baisteadh, Daingneachadh, Comànachadh, Peanas, Ungadh-criche, Orduighean agus Pòsadh, agus g’m bheil iad a’ buileachadh gràis; agus dhiubh sin nach urrainn iad so, Baisteadh, Daingneachadh agus Orduighean a bhi air an tabhairt do neach an dara uair, gun trom-pheacadh, no ceall-ghoid: agus tha mi, mar-an-céudna, a’ gabhail agus ag aideachadh nan deas-ghnàth aig an Eaglais Choitchinn, mar tha iad air an gabhail agus air am moladh leis an Eaglais, agus air an cleachdadh ann am frìthealadh solamach nan uile Shàcramaidean a ta air an ainmeachadh roimhe so.
“IV.—Tha mi a’ gabhail agus ag aideachadh nan uile agus gach aoin de na nithibh a bha air am mineachadh agus air am foills-eachadh ann an Comhairle Naoimh Thrent, mu pheacadh-gin agus mu fhìreanachadh.
“V.—Tha mi ag aideachadh, mar-an-céudna, gu’m bheil anns an Aifrinn, iobairt-rétich fhior, cheart, airson nam beò agus nam marbh, air a taigse do Dhia, agus gu’m bheil corp agus fuil, maillé ri anam agus diadhachd ar Tighearna Iosa Crìosd, gu fior, gu h-iomlan agus gu riochdail, ann an Sàcramaidibh fior Naomh a’ Chomànachaidh, agus gu’m bheil uile bhrigh an arain air a h-atharrachadh gu corp Chrìosd agus uile bhrigh an fhìona gu fuil
Chriosd; de ‘n atharrachadh so goirdh an Eaglais Chaitligeach Brigh-atharrachadh. Tha mì, mar-an-céudna, ag aideachadh gu’m bheil Criosd, gu h-uile agus gu h-iomlan, agus gu’m bheil fior shàcramaid air an gabhail fo aon seòrsa, anns an aran amhàin, no anns an fhìon amhàin.
“VI.—Tha mì a’ sior-chreidsinn gu’m bheil Purgadair ànn, agus gu’m bheil na h-anamanan a ta air an cumail ànn, air an cuideachadh le ùrnuighean agus cobhar nan creideach.
“VII.—Mar-an-céudna, gu’m bheil è dligheach onoir a thoirt do na Naoimh a ta ‘righeachadh maille ri Criosd, agus ùrnuigh a dheanamh riutha, agus gu’m bheil iad-san a’ deanamh ùrnuigh ri Dia air ar son-ne, agus gu’m bheil an cuimhneachain (relics) ri ‘n coimhead ann an àrd urram.
“VIII.—Tha mì ag ràdh gu fior dhaingean, gu’m bheil è ceart, iomhaigh Chriosd, iomhaigh Máthar Dhé, sior Oigh, agus iomhaighean nan Naomh eile a bhi aig daoine agus a bhi air an coimhead leò, agus gu’m bheil è dligheach onoir agus àrd urram a thabhairt doibh.
“IX.—Tha mì ag ràdh, mar-an-céudna, gu’n robh comas Fàthamais a thoirt seachad, air fhàgail le Criosd anns an Eaglais, agus gu’m bheil iad sin a thoirt ‘s a gabhail, fior fhallain do shluagh Criosdail.
“X.—Tha mì ag aideachadh na h-Eaglais Naoimh, Caitligich, Abstolaich, Ròmanoich, mar Mhàthair agus mar Bhan-mhaighstear nan Eaglaisean uile, agus tha mì a’ gealltuinn fior ùmhlachd a thoirt do Easbuig na Ròimh, oighre Pheadair an Naomh, Prionnsa nan Abstol, agus Fear ionaid Iosa Criosd.
“XI.—Tha mì, mar-an-céudna, gun teagamh, a’ gabhail, agus ag aideachadh nan uile nithe eile, a ta air an tabhairt, air am mìneachadh agus air am foillseachadh le Clèir laghaibh Naomh agus le Ard Chomhairlibh, agus gu h-àraid le Comhairle Naoimh Thrent: agus tha mì a diteadh, a’ dùiltadh agus a mallachadh nan uile nithe a ta ‘n an aghaidh, agus gach uile bhaoth-chreidimh, a bha air an diteadh, air an dùiltadh agus air am mallachadh leis an Eaglais.
“XII.—Tha mise, N. N. aig an àm so, gu saor, ag aideachadh, agus gu treibh-dhireach, a’ cumail an fhior chreidimh Chaitligich so, às ‘eugmhais nach urrainn aon a bhi air a théarnadh; agus tha mì ‘gealltuinn an creidimh céudna a chumail agus aideachadh, iomlan agus neo-briste, gu fior sheasmhach, gu crioch mo bheatha.”
“Tha mearachdan uamhasach, olc, anns a’ Chréud so. Tha i a’ cur béuleachdraidhean dhaoine ri Focal Dé. Tha i ag iarraidh na Sgriobtuirean a ghabhail anns an t-seadh anns am bheil an Eaglais ‘g am mìneachadh, agus an-deigh sin, cha d’innis Eaglais na Ròimh riamh fathast, mu mhìneachadh air-bith a tha ise ‘ceadachadh a dheanamh air na Sgriobtuirbh; no cha n’eil fios ciod è an seadh anns am b’ail leatha-sa, na Sgriobtuirean a bhi air am
mineachadh. Tha a’ Chréud so a’ labhairt mu ‘bheachd aon-inntinneach nan Aithrichean,’ ged is maith a tha fios aig na h-uile dheasbairibh ionnsaichte, gu’m bheil sgrìobhaidhean nan Aithrichean air an lionadh le neo-aontachd, a’ mì-chòrdadh, ‘s ag àicheadh a chéile; is amaideach, air an aobhar sin, an gabhail mar ùghdarras dearbhaich air nithibh a’ chreidimh. Tha i ag ràdh gu’m bheil seachd Sàcramaidean ànn. Tha i ag àicheadh teagaig an Sgrìobtuir air Fìreanachadh tre chreidimh anns an Réite iomlain a rinn Criosd. Tha i a’ cur leis an teagasg de’n goirear bacadh-slainte, no a teagasg nach ‘eil teàrnadh airson na muinntir nach ‘eil ag aontachadh le creidimh Eaglais na Ròimh.”—BAGOT.
C. 12.—Ciod am peanas ‘bu chòir a dheanamh air easbuigibh, agus air sagartaibh na Ròimh airson iad a bhi, mar so, a’ cur nithe ùra firinnibh a’ chreidimh?—F.—A-réir na comhairle ann an Ephesus, bu chòir an cur amach á dreuchd na ministearachd.—(Faic Ceist 10,—Nòd.)
C. 13.—Ainnich, ann an cainnt shoilleir agus ann am beagan fhocal, na h-aobharan a ta agad airson a bhi ‘togail fianuis an aghaidh eaglais na Ròimh?—F.—Tha mì a’ togail fianuis ‘n a h-aghaidh, do bhrigh gu’m bheil i a’ teagasg phùngan creidimh a ta neo-sgrìobtuireil, agus an long sin, annasach ‘n an nàdur, pùngan a ta ‘cur fhìrinnean glormhor an t-soisgeil gu neo bhrigh—a’ ribeadh an fhìr-aoraidh ann an iodhol-aoradh uamhasach, agus a’ sgrios an anama, mur dean è aithreachas, agus mur tréig è an teagasg amaideach so.
(Ri leantuin.)