Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1909 » December 1909 » TOISEACHADH

TOISEACHADH

CEIST. 1.—Is Próstanach thusa. Carson a ghoirear an t-ainm sin dhiot?—FREAGAIRT.—A chionn gu’m buin mì do eaglais a tha ‘togail fianuis an aghaidh mhearachdan eaglais na Ròimh.

C. 2.—Ciod iad na mearachdan an aghaidh am bheil thu ‘togail fianuis?—F.—Tha a’chuid a’s mò dhiubh ann an Créud Phàp’ Pius IV. Faic taobh 12.

C. 3.—Agus am bheil thu ‘togail fianuis an aghaidh, no ag àicheadh na Créuda sin uile?—F.—Cha n’eil. A’ chéud chuid d’ì, de ‘n goirear a’ Chréud Nicénach (no ‘chréud a rinneadh ann an Nicéa), tha mì ag aideachadh, do bhrigh gu’m faodar a’ chuid sin d’ì a dhearbadh o’n Sgriobtuir. Ach a’ chuid eile dh’ì anns am bheil dà earrainn déug, tha mì ag àicheadh, mar theagasg neo-sgriobtuireil.

C. 4.—Cuin a bha Créud Phàp’ Pius IV., air a deanamh suas agus air a cur amach air tùs?—F.—Rinneadh a’ chéud chuid d’ì anns am bheil a’ Chréud Nicénach, aig Comhairle Nicéa anns a’ bhliadhna 325. Cha chualas riamh mu’n dà earrainn déug mu-dheireadh dh’ì, mar Chréud, gu là Phàp’ Pius IV., a chuir amach iad air tùs, anns a’ bhliadhna 1564.

C. 5.—Nach robh mearachdan ann an Eaglais na Ròimh, roimh an t-seathamh Linn déug?—F.—Bhà: ach cha robh mearachdau

eaglais na Ròimh air an co-aonadh ri ‘chéile, no air an suidheachadh mar Chréud, roimh an àm sin. Bha na mearachdan féin ànn roimhe sin. Dh’-fhàs iad suas anns a’ chùis so, mar tha ‘tachairt ann an cùisbh eile, a’ chuid ‘s a’ chuid.

C. 6.—Mur robh Créud Phàp Pius IV. air a cur amach gus a’ bhliadhna 1564, is éudar nach do ghabhadh riamh rithe le muinntir Breatainn ; oir thainig an t-Ath-leasachadh astigh roimh an àm sin?—F.—Gun teagamh. Agus gu dearbh, is iongantach an nì, nach robh Créud na Ròimh riamh air a h-aideachadh le sluagh Breatainn Mhòir, agus Eirinn. Ach dh’-aidich beagan ann an Sasunn, agus mòran ann an Eirionn, a’ Chréud annasach so, an-deigh an Ath-leasachaidh.

C. 7.—Ciamar a thachair gu’n robh Crammer, Ridleidh, Latimer, agus na ceudan eile de na martaraich, air an losgadh aig a’ phostamharbhaidh, airson a bhi ag àicheadh theagasgan na Ròimh, mur robh Créud na Ròimh ànn, gus an-deigh do’n Ath-leasachadh tòiseachadh. A dh-aon fhocal, ciod am féum a bha air Ath-leasachadh?—F.—Bha mearachdan na Ròimh ànn, agus airson a bhi ‘g an àicheadh, chuireadh martaraich gu bàs aig a’ phosta. Ach cha robh na mearachdan sin air an ainmeachadh gu follaiseach ann an Créud Eaglais na Ròimh, gus an t-seathamh Linn déug. Is ann a bha Eaglais na Ròimh, an àit a bhi ag àicheadh theagasgan mearachdach, mar a rinn na Ceartairean, no muinntear an Ath-leasachaidh, ‘g an cur ris a’ Chréud Nicéanach.

C. 8.—Agus anis, ainmich cuid de mhearachdan na Ròimh.—F.—So iad (1) Ard nachdaranachd a’ Phàpa. (2) Neo-mhearachdas, no a bhi ‘g ràdh gu’m bheil am Pàp neo-mhearachdach. (3) Bacadh-slainte, no nach ‘eil slaint ri ‘faotuinn an taobh amuigh do Eaglais na Ròimh. (4) Béul-eachdraidh, no bhi ‘toirt creideis do bhéul-aithris na h-Eaglais, mar bheirear do’n Bhlobull. (5) Urnuigh ann an cainnt neo-aithnichte, no bhi ‘deanamh urnuigh ann an cànan nach tuig an luchd-éisdeachd. (6) Eadar-dhealachadh peacaidh, ag ràdh gu’m bheil cuid de pheacaidhean eutrom, neo-thoillteanach air a’ bhàs. (7) Rùnachadh, no bhi a’ teagasg gu’m bheil éifeachd nan sàcramaidean a’ teachd amhàin tre rùn an tì a fhrithelas iad. (8) Gu’m bheil seachd Sàcramaidean ànn. (9) Gu’m bheil Purgadair ànn. (10) Teagasg a’ Pheanais, anns am bheil faosaid, maithenas, agus riarachadh do cheartas Dhé, tre oibrìbh an duine. (11) Ungadh-crìche, no “an ola bhàis.” (12) Fàthamas leis am beilear ag ràdh gu’m bheil comas aig an t-sagart maithenas peacaidh, agus saorsa o nì sam-bith, a thoirt do dhùine, agus gu’m faod Còrr-obair a bhi aig créutair, no gu’m faod è tuilleadh ‘s a dhleasanas a choillionadh an lâthair Dhé. (13) Beachda mearachdach mu Fhireanachadh. (14) Brigh-atharrachadh an-Arain ‘s an Fhiona ann an Suipeir an Tighearna. (15) Iobairt na h-Aifirinn. (16) Comânachadh ‘an aon seòrs’ amhàin. (17) Aoradh do Naoimh ‘us do Ainglibh. (18) Bhi ‘gnàthachadh Imhaighean ‘s a’ toirt aoraidh dhoibh. (19) Gilleadas, no toirmeasg pòsaidh. (20) Riaghailtean nam Manach’s nan Dubh-chailleach.

C. 9.—Am bheil teagasgan mearachdach eile aig Eaglais na Ròimh?—F.—Thà. Tha ì ‘gabhail “nan uile nithe eile a bha air an toirt, air am mìneachadh agus air an teagasg leis” na nithibh ris an abair ì “Clèir-lagha naomh agus Ard comhairlean.”—Crèud Phius IV., EARRANN II.

C. 10.—Mar sin tha ì ag aideachadh a bhi ‘gabhail òrduighean nan comhairlean. Ciamar tha cùis na Crèuda so féin a’ dearbhadh a mearachdan ‘n a h-aghaidh?—F.—Tha mar so. Dh’òrduich a’ Chomhairle a shuidh ann an Ephesus, anns a’ bhliadhna 431, comhairle leis am bheil an Ròimh ag aideachadh a bhi air a riaghladh, nach faodar Crèud sam-bith eile, ach a’ Chrèud de ‘n goirear gu coitchionn a’ Chrèud Nicénach, a ghabhail le neach, no thairgse do neach a dh-iompaichear o bhaoth-chreidimh (heresy).* Agus gidheadh, tha Eaglais na Ròimh ‘an àm dhì bhi ‘gabhail Phròtastanach air am bheil ì ag amharc mar bhaoth-chreidimhich, astigh ‘n a comunn féin, ag àithneadh dhoibh Crèud Phàp’ Pius IV. aideachadh, ged nach cuelas riamh mu ‘n dà earrainn déug mu-dheireadh dhì, gus an t-seathamh Linn déug, còrr ‘us aon ceud déug bliadhna an-deigh Comhairle Ephesus.

C. 11.—Ciod ì nis a’ Chrèud Nicénach féin?—F.—”Creideam ann an aon Dia, an t-Athair uile-chumbachdach, Cruithear nèimh agus na talmainn, agus nan uile nithe faicsinneach agus neofhaicsinneach; agus ann an aon Tighearn Iosa Crìosd, Mac aon-ghinte Dhia, air a ghiontuinn o ‘Athair roimh na saoghal uile, Dia o Dhia, solus o sholus, am fior Dhia o’n fhior Dhia, air a ghiontuinn, ni-h’ànn air a chruthachadh, a dh-aon bhrigh ris an Athair, leis an d’rinneadh na h-uile nithe; neach air ar son-ne clann nan daoine, agus a chum ar slainte, a thainig anuas o nèamh, a ghineadh anns an fheòil, leis an Spiorad Naomh, o’n Oigh Muire; agus a rinneadh ‘n a dhuine, agus a bha air a chéusadh mar-an-céudna air ar son-ne, fo Phontius Pilat. Dh’fhuiling è agus dh’adhlaiseadh è, agus air an treas là, dh’éirich è rist a-réir nan Sgriobtuir, agus chaidh è suas gu nèamh, agus tha é ‘n a shuidhe air deas làimh an Athar. Agus thig è rist ann an glòir, a thoirt breith air na beòthaibh agus air na mairbh; air a rìoghachd cha bhi crìoch.”

* ORDUGH NA COMHAILLE ANN AN EPHEUSUS.

“Air do na nithe sin a bhi air an léughadh, dh’òrdnich an Seanadh naomh, nach bithheadh è laghail do neach air-bith, riaghaillt creidimh sam-bith eile ‘aideachadh, a sgriobhadh no ‘dheanamh, ach an riaghaillt sin a ta air a comharrachadh amach leis na h-AITHRICHLEAN NAOMH, a bha air an cruinneachadh, leis an SPIORAD NAOMH, ann an Nice. Ach iadsan a ghabhas orra-féin riaghaillt creidimh sam-bith eile a dheanamh, no ‘aideachadh, no ‘thairgse dhoibh-san a tha toileach a bhi air an iompachadh gu aidmheil na firinn, co aca is ann o chreidimh nam Pàganach, no nan Iudhach, no tho sheòrsa baoth-chreidimh sam-bith; gu’m bithheadh iad sin, na’m b’earbùigeachd iad, air an cur amach à dreuchd na easbùigeachd, agus na’m bu chlèir-dhaoinne iad, gu’m bithheadh iad air an cur amach às an dreuchd chléireil; ach na’m bu neo-chléirich iad, gu’m bithheadh iad air an cur fo mhallachadh.”—(Man’s Councils, page 1362.)

“ Agus creideam anns an Spiorad Naomh, Tighearn agus fear-tabhairt na beatha, a tha ’teachd amach o’n Athair agus o’n Mhac, do ’n toirear aoradh agus glóir maille ris an Athair agus ris a’ Mhac le ’chéile. A labhair leis na fáidhean. Agus creideam ann an aon Eaglais Choitchinn agus Abstolaich. Tha mi ag aideachadh aon Bhaistidh chum maithneas pheacaidhean ; agus tha dùil agam ri aiseirigh nam marbh, agus ri beatha an t-saoghail a ta gu teachd. AMEN.”

Sin anis a’ Chréud Nicénach ; agus tha i uile fallain. Ach so dhuit na pùngan ùra, a chaidh a chur rithe le Pàp Pius IV., anns a’ bhliadhna 1564, anns am bheil na teagasgan mearachdach mu’n do labhair thu.

CREUD PHAP’ PIUS IV.

“ I.—Tha mì gu daingean, a’ gabhail h-ugam agus a’ coimhead Bhéul-eachdraidhean nan Abstol agus na h-Eaglais, maille ri uile ghnàthachadh agus riaghailtean eile na h-eaglaise céudna.

“ II.—Tha mì, mar-an-céudna, a gabhail h-ugam nan Sgriob-tuirean Naomha, a-réir an t-seadha sin anns an robh agus anns am bheil ar Mátair Naomh an Eaglais ’g an gabhail, do ’m buin breth a thoirt air fior sheadh agus air eadar-mhineachadh nan Sgriobtuir ; agus cha ghabh ’us cha mhìnich mì iad gu bràth, air dòigh sam-bith eile, ach a-réir co-chòrdadh aon-inntinneach nan Aithrìchean.

“ III.—Tha mì, mar-an-céudna, ag aideachadh gu’m bheil, gu fior agus gu ceart, seachd Sàcramaidean an lagha nuaidh air an suidheachadh le Iosa Crìosd ar Tighearn, agus gu’m bheil iad féumail a chum slaint a’ chinne-daoine, ged nach ’eil iad uile airson gach uile neach ; eadhon, Baisteadh, Daingneachadh, Cománachadh, Peanas, Ungadh-crìche, Orduighean agus Pòsadh, agus g’m bheil iad a’ buileachadh gràis ; agus dhiubh sin nach urrainn iad so, Baisteadh, Daingneachadh agus Orduighean a bhi air an tabhairt do neach an dara uair, gun trom-pheacadh, no ceall-ghoid : agus tha mì, mar-an-céudna, a’ gabhail agus ag aideachadh nan deas-ghnàth aig an Eaglais Choitchinn, mar tha iad air an gabhail agus air am moladh leis an Eaglais, agus air an cleachdadh ann am frìthealadh solamach nan uile Shàcramaidean a ta air an ainmeachadh roimhe so.

“ IV.—Tha mì a’ gabhail agus ag aideachadh nan uile agus gach aoin de na nithibh a bha air am mineachadh agus air am foills-eachadh ann an Comhairle Naoimh Thrent, mu pheacadh-gin agus mu fhìreanachadh.

“ V.—Tha mì ag aideachadh, mar-an-céudna, gu’m bheil anns an Aifrin, iobairt-réitich fhior, cheart, airson nam beò agus nam marbh, air a tairgse do Dhia, agus gu’m bheil corp agus fuil, maille ri anam agus diadhachd ar Tighearna Iosa Crìosd, gu fior, gu h-iomlan agus gu riochdail, ann an Sàcramaidibh fior Naomh a’ Chománachaidh, agus gu’m bheil uile bhrigh an arain air a h-atharrachadh gu corp Chrìosd agus uile bhrigh an fhiona gu fuil

Chriosd ; de ‘n atharrachadh so goiridh an Eaglais Chaitligeach Brìgh-atharrachadh. Tha mì, mar-an-céudna, ag aideachadh gu’m bheil Criosd, gu h-uile agus gu h-ìomlan, agus gu’m bheil fior shàcramaid air an gabhail fo aon seòrsa, anns an aran amhàin, no anns an fhion amhàin.

“VI.—Tha mì a’ sior-chreidsinn gu’m bheil Purgadair ànn, agus gu’m bheil na h-anamanan a ta air an cumail ànn, air an cuideachadh le ùrnuighean agus cobhar nan creideach.

“VII.—Mar-an-céudna, gu’m bheil è dligheach onoir a thoirt do na Naoimh a ta ‘righeachadh maille ri Criosd, agus ùrnuigh a dheanamh riutha, agus gu’m bheil iad-san a’ deanamh ùrnuigh ri Dia air ar son-ne, agus gu’m bheil an cuimhneachain (relics) ri ‘n coimhead ann an àrd urram.

“VIII.—Tha mì ag ràdh gu fior dhaingean, gu’m bheil è ceart, iomhaigh Chriosd, iomhaigh Máthar Dhé, sior Oigh, agus iomhaighean nan Naomh eile a bhi aig daoine agus a bhi air an coimhead leò, agus gu’m bheil è dligheach onoir agus àrd urram a thabhairt doibh.

“IX.—Tha mì ag ràdh, mar-an-céudna, gu’n robh comas Fàthamais a thoirt seachad, air fhàgail le Criosd anns an Eaglais, agus gu’m bheil iad sin a thoirt ‘s a gabhail, fior fhallain do shluagh Criosdail.

“X.—Tha mì ag aideachadh na h-Eaglais Naoimh, Caitligich, Abstolaich, Ròmanoich, mar Mhàthair agus mar Bhan-mhaighstear nan Eaglaisean uile, agus tha mì a’ gealltuinn fior ùmhlachd a thoirt do Easbuig na Ròimh, oighre Pheadair an Naomh, Prionnsa nan Abstol, agus Fear-ionaid Iosa Criosd.

“XI.—Tha mì, mar-an-céudna, gun teagamh, a’ gabhail, agus ag aideachadh nan uile nithe eile, a ta air an tabhairt, air am mìneachadh agus air am foillseachadh le Clèir laghaibh Naomh agus le Ard Chomhairlibh, agus gu h-àraid le Comhairle Naoimh Thrent : agus tha mì a diteadh, a’ diùltadh agus a mallachadh nan uile nithe a ta ‘n an aghaidh, agus gach uile bhaoth-chreidimh, a bha air an diteadh, air an diùltadh agus air am mallachadh leis an Eaglais.

“XII.—Tha mise, N. N. aig an àm so, gu saor, ag aideachadh, agus gu treibh-dhireach, a’ cumail an fhìor chreidimh Chaitligich so, às ‘éugmha is nach urrainn aon a bhi air a thearnadh ; agus tha mì ‘gealltuinn an creidimh céudna a chumail agus aideachadh, iomlan agus neo-briste, gu fior sheasmhach, gu crìoch mo bheatha.”

—

“Tha mearchdan uamhasach, olc, anns a’ Chrèud so. Tha i a’ cur béuleachdraidhean dhaoinne ri Focal Dé. Tha i ag iarraidh na Sgriobtuirean a gabhail anns an t-seadh anns am bheil an Eaglais ‘g am mìneachadh, agus an-deigh sin, cha d’innis Eaglais na Ròimh riamh fathast, mu mhìneachadh air-bith a tha ise ‘ceadachadh a dheanamh air na Sgriobtuirbh ; no cha n’eil fios ciod è an seadh anns am b’ail leatha-sa, na Sgriobtuirean a bhi air am

míneachadh. Tha a’ Chréud so a’ labhairt mu ‘bheachd aon-intinneach nan Aithrichean,’ ged is maith a tha fios aig na h-uile dheasbairibh ionnsaichte, gu’m bheil sgriobhaidhean nan Aithrichean air an lionadh le neo-aontachd, a’ mì-chòrdadh, ‘s ag àicheadh a chéile; is amaideach, air an aobhar sin, an gabhail mar tìghdarras dearbhach air nithibh a’ chreidimh. Tha i ag ràdh gu’m bheil seachd Sàcramaidean ànn. Tha i ag àicheadh teagasg an Sgriobtuir air Fìreanachadh tre chreidimh anns an Réite iomlann a rinn Criosd. Tha i a’ cur leis an teagasg de’n goirear bacadh-slainte, no a teagasg nach ‘eil teàrnadh airson na muinntir nach ‘eil ag aontachadh le creidimh Eaglais na Ròimh.”—BAGOT.

C. 12.—Ciod am peanas ‘bu chòir a dheanamh air easbuigibh, agus air sagartaibh na Ròimh airson iad a bhi, mar so, a’ cur nithhe ùra firinnibh a’ chreidimh?—F.—A-réir na comhairle ann an Ephesus, bu chòir an cur amach á dreuchd na ministearachd.—(Faic Ceist 10,—Nòd.)

C. 13.—Ainmich, ann an cainnt shoilleir agus ann am beagan fhocal, na h-aobharan a ta agad airson a bhi ‘togail fianuis an aghaidh eaglais na Ròimh?—F.—Tha mì a’ togail fianuis ‘n a h-aghaidh, do bhrìgh gu’m bheil i a’ teagasg phùngan creidimh a ta neo-sgriobtuireil, agus an lorg sin, annasach ‘n an nàdur, pùngan a ta ‘cur fhirinnean glòrmar an t-soisgeil gu neo bhrìgh—a’ ribeadh an fhir-aoraidh ann an iodhol-aoradh uamhasach, agus a’ sgrios an anama, mur dean è aithreachas, agus mur tréig è an teagasg amaideach so.

(Ri leanruinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice