C. 29.—Ciod a tha na Pàpanaich ag ràdh mu àrd uachdaranachd a’ Phàpa?—F.—Tha iad a teagasg (faic Créud Phuis IV., Ear. 10), gu’m b’ è Peadar Prionnsa nan Abstol—gu’n robh an eaglais air a steidheachadh air Peadar—gu’m b’ è Peadar Easbuig na Ròimh—gur è am Pàp oighre Pheadair, agus fear-ionaid Iosa Criosd; agus tha iad a’ dol gu Mata. xvi. 13-18; agus Eòin xxi. 15-17; a chum so a dhearhhadh.
C. 30.—Ciod a tha na briathran so ann an Soisgeul Mhata, a’ ciallachadh?¹
F.—An so, dh’fheòraich Criosd de na deisciobuil ag ràdh,— ‘Co tha sibhse ag ràdh is è Mac an duine?’ Thubhairt Peadar, ‘Is tusa Criosd Mac an Dé bheò’; agus air do Iosa a ghairm ‘beannaichte,’ mar tha gach fìor creidmheach, thubhairt è—“Is tusa Peadar agus air a’ charraig so (cha n’ann ort-sa, ach orm-fein)
¹ Mata. xvi. 13.—Agus air teachd do Iosa gu croichaibh Chesaréa Philipi, dh’fheòraich e d’ a dheisciobluibh, ag ràdh, Cò tha daoine ag ràdh is e Mac an duine? R. 14, Agus thubhairt iadsan, Tha cuid ag ràdh Eòin Baiste, cuid Ellas, agus cuid eile, Ieremias, no aon do na fàidhibh. R. 15, Thubhairt esan riu, Ach cò tha sibhse ag ràdh is mi? R. 16, Agus fhreagair Simon Peadar agus thubhairt e, is tusa Criosd, Mac an Dé bheò. R. 17, Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shimoìn Bhar-Iona; oir cha d’ fhoillsich fuil agus feoil sin duit-se, ach m’ Athair-sa a ta air nèamh. R. 18, Agus a ta mise ag ràdh riut, Gur tusa Peadar, agus air a’ charraig so togaidh mise m’ eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.
togaidh mise m’ eaglais, agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.” Dh’aidich Peadar Criosd, agus an-deigh sin, thubhaint Criosd, “air a’ charraig so (Criosd féin) togaidh mise m’ eaglais.” Is è Criosd féin a’ charraig, no am bunait air am bheil an Eaglais air a togail; cha n-è Peadar, no Pàp na Ròimh.
C. 31.—Am bheil ceann-teagaig air-bith eile agad a dhearbhas gu’n goirear carraig do Chriosd, agus gur e-féin amhàin a’ charraig, no am bunraid air am bheil an Eaglais air a togail?—F.—Tha sin agam.1
C. 32.—Am bheil an duine, uair air-bith, air a shàmhlachadh ri carraig anns an Sgriobtuir?—F.—Cha n’eil. Is ann a tha è air a shàmhlachadh ri diomhanas,2 agus tha mallachd air a labhaint an aghaidh an neach a chuireas a dhòchas ann an duine.3
C. 33.—Ciod a tha thu ag ràdh mu na cinn-theagaig ann an Eòin—còmhradh tri-fillte Chriosd ri Peadar?4
F.—Bha na briathran so air an labhaint ri Peadar, a chum a thuiteam maslach a thoirt gu ‘chuimhne, agus a chum mothachadh iriosal a thoirt dà air a lag-chuis féin, ged bu dìan a labhaint, ag ràdh, ged dheanadh na h-uile Iosa àicheadh, gidheadh nach deanadh esan sin.5 Air an aobhar sin, dh’fheòraich Iosa do Pheadar, “am bheil barrachd gràidh agad dhomh-sa orra sin? Thuit Peadar tri uairean. Tha Iosa ‘g a aiseag, no ‘g a togaill le còmhradh tri-fillte. Is i dlighe nan uile aodhairean an tréud a bheathachadh.6 Ma bhuilich Iosa, leis a’ còmhradh tri-fillte so air Peadar, an àrd uachdaranachd, an àrd onoir, am mòr chumh-achd agus am mòr ùgdarras air am bheil am Pàp ag agairt còir, cionnus, no carson a bha Peadar doilich?
1 I Cor. x. 4.—Agus b’ i a’ charraig sin Criosd. I Cor. iii. 11.—Oir bunait eile cha n-urrainn duine sam-bith a leagadh ach am bunait a leagadh a cheana, eadhon Iosa Criosd.
2 Salm cxliv. 4.—Is cosmhuil an duine ri diomhanas.
3 Ierem. xvii. 5.—Mar so deir an Tighearn, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a ni feoil ‘n a gairdean dà.
4 Eòin xxi. 15.—An sin an déigh dhoibh an dinneir a ghabhail, thubhaint Iosa ri Simon Peadar, A Shimoin mhic Ionais, am bheil barrachd gràidh agad dhomh-sa orra sin? Thubhaint e ris, Tha, a Tighearn; tha fios agad gur toigh leam thu. Thubhaint e ris, Beathaich m’ uain. R. 16, Thubhaint e ris a ris an dara uair, A Shimoin mhic Ionais, an toigh leat mise? Thubhaint e ris, Seadh, a Thighearn; tha fios agad gur toigh leam thu. Thubhaint e ris, Beathaich mo chaoraich. R. 17, Thubhaint e ris an treas uair, A Shimoin mhic Ionais, an toigh leat mise? Bha Peadar doilich a chionn gu’n dubhaint e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhaint e ris, A Thighearn, is aithne dhuit na h-uile nithe: tha fios agad gur toigh leam thu. Thubhaint Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.
5 Mata. xxvi. 33.—Agus fheagair Peadar, agus thubhaint e ris, Ged gheibh gach uile dhaoine oibheum annad, cha’n fhaigh mise oibheum gu bràth. R. 34, Thubhaint Iosa ris, Gu deimhin a ta mi ag ràdh riut, air an oidhche so féin mu’n goir an coileach, gu’n àicheadh thu mi tri uairean. R. 25, Thubhaint Peadar ris, Ged a b’èigin dhomh básachadh maillle riut, cha’n àicheadh mi thu. Agus thubhaint na deiscioibuil uile mar an ceudna.
6 Gniomh. xx. 28.—Air an aobhar sin thugaibh aire dhuibh féin, agus do’n tréud uile, air an d’rin an Spiorad naomh luchd-coimhead dhìbh, a bheathachadh eaglais Dhé, a cheannaich e le ‘fhuil féin.
C. 34.—Ciod a thatar a’ ciallachadh leis na h-iuchraichean mar bha iad air an toirt do Pheadar?¹
F.—Is an le iuchair a dh-fhosglar dorus glaiste, mar sin buinidh i do dhorus. Is è thatar a’ ciallachadh leis na h-iuchraichean a thoirt do Pheadar, gu’m b’ esan an làmh, an searmonaiche, no an t-inneal leis an robh dorus an t-soisgeil air ‘fhosgladh air tús do’n t-saoghal—do na h-Iudhaich agus do na Cinnich. Is ann amhàin airson na criche sin a thugadh “cùmhachd nan iuchraichean” do Pheadar. B’ esan a chaidh a chur a shearmonachadh, no ‘dh’-fhosgladh dìomhaireachd an t-soisgeil do’n t-saoghal. Goirear rioghachd nèimh do ‘n eaglais Chriosdail agus de ‘n t-soisgeul.² Dh’-fhosgail Peadar dorus na h-eaglais—rioghachd nèimh do na h-Iudhaich, air là na Cùingeis:³ agus is esan a bha air a chur a dh-fhosgladh an doruis chéudna do na Cinnich.⁴ Cha n’eilear a’ ciallachadh, leis “na h-iuchraichean,” no leis an briathraibh so, gu’n robh comas aig Peadar aon air-bith a b’ àill leis, a chur do ifrinn, no an nì a b’ àill leis a dheanamh.⁵ (Faic Ceist 171.)
C. 35.—Dearbh gu’n robh na h-Abstoil uile co-ionann ann an ùghdarras, agus nach robh comas ceangail, no comas fuasglaidh àraid air-bith, air a bhuileachadh air Peadar.—F.—Thug Criosd comas ceangail agus fuasglaidh do na h-Abstoil uile,⁶ agus dh’-àithn è dhoibh gu soilleir nach faodadh aon air-bith dhiubh, a bhi ‘n a mhaighstear os ceann chàich.⁷
C. 36.—Dearbh nach d’agair Peadar féin còir air àrd uachdar-anachd, agus nach robh àrd uachdaranachd aige.—F.—Cha n’eil è ‘gairm ach amhàin seanair dheth-féin.⁸ Chuireadh è leis
¹ Mata. xvi. 19.—Agus bheir mi dhuit iuchraiche rioghachd nèimh: agus ge b’e nì a cheanglas tusa air talamh, bitheadh e ceangailte air nèamh; agus ge b’e nì a dh’fhuaiglas tusa air talamh, bithidh e fuasgailte air nèamh.
² Mata. xiii. 24.—Chuir e cosamhlachd eile mach dhoibh, ag ràdh, Is cosmhuil rioghachd nèimh ri duine a chuir slòl maith ‘n a fhearann. R. 33, Cosamhlachd eile labhair e riu, Is cosmhuil rioghachd nèimh ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fholaich i ann ad tri tomhasoibh mine, gus an do ghoirt-cheadh an t-iomlan.
³ Gniomh. ii. 1.—Agus an uair a thàinig là na cuingis, bha iad gu léir a dh’ao’n intinn ann an aon àit. R. 14, Ach air seasamh do Pheadar maillé ris an aon fhear deug, thog e a ghuth, agus thubhairt e riu, Fheara Iudea, agus sibhse uile a luchd-àiteachaidh Ierusalem, biodh fios so agaibh, agus éisdibh ri m’ briathraibh-sa. R. 41, An sin bhaisteadh iadsan (na h-Iudhaich) a ghabh r’a fhocal gu toileach: agus an là sin féin chuireadh riu timchioll tri mile anam.
⁴ Gniomh. x. 48.—Agus dh’ òrduich e iad (na Cinnich) a bhi air am baisteadh ann an ainn an Tighearna. (Léugh an Caibdeil so uile.)
⁵ Taibh. i. 18.—Feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraiche ifrinn agus a’ bhàis agam.
⁶ Mata. xviii. 18.—Gu deimhin a ta mi ag ràdh ribh, Ge b’e air bith nithe a cheanglas sibhse air talamh, bithidh iad ceangailte air nèamh; agus ge b’e air bith nithe a dh’fhuaiglas sibhse air talamh, bithidh iad fuasgailte air nèamh.
⁷ Mat. xxiii. 10.—Cha mhò a ghoirear àrd-mhaighstirean dhibh: oir is aon àrd-mhaighstir a ta agaibh, Criosd.
⁸ I Pead. v. 1.—Na seanairean a ta ‘n’ur meag tha mi ag earail, air bhi dhomh féin a’ m’ sheanair mar an ceudna, agus a’m’ fhanuis air fulangasaibh Criosd.
na h-Abstoil eile, a shearmonachadh ann an Samaria.1 Tha sin a’ dearbhadh gu’n robh è fo riaghladh nan Abstol eile, agus ni-h-ann ‘n a uachdaran thairis orra.
C. 37.—Thoir tuilleadh dearbhaidh nach robh àrd uachdaran-achd aig Peadar thairis air na h-Abstoil eile.—F.—(1) Bha Peadar ‘s an làthair aig a’ chomhairle ann an Ierusalem, ach is è Séumas a thug a’ bhreth.2 (2) Tha Pòl ag ràdh nach robh e-féin a bheag air deireadh air na h-abstolaibh a b’ àirde.3 (3) Goirear do Pheadar aon de phuist na h eaglais, air an aobhar sin, cha b’ urrainn è a bhi ‘n a bhunait d’ì.4 (4) Sheas Pòl an aghaidh Pheadair às an eudan.5 (5) ‘Nuair a tha Pòl ag ainmeachadh luchd-dreuchd na ministearachd cha n’-eil è ag ràdh aon smid mu na Pàpaibh.6 Mar-so chithear gu soilleir, nach robh àrd uachdar-anachd air-bith aig Peadar os ceann nan Abstol eile.
C. 38.—An è am Pàp oighre, no comb-arba Pheadair?—F.—Cha n-è. Cha n’-eil am Pàp a’ coimhead teagaig Pheadair, agus cha n’-eilear cinnteach an robh Peadar riamh ann an Ròimh.
C. 39.—An è am Pàp fear-ionaid Chriosd?—F.—Cha n-è; cha n’-eil ni sam-bith aige, a’s urrainn è a thort mar dhearbhadh air a’ chùis sin, ach a thagradh, no ‘fhocal féin, agus cha dhearbhadh sin idir.
1 Gniomh. viii. 14.—Agus an uair a chuala na h-abstoil a bha ann an Ierusalem, gu’n do ghabh Samaria focal Dhé, chuir iad da’n ionnsuidh Peadar agus Eoin.
2 Gniomh. xv. 13.—Agus an déigh dhoibh bhi ‘n an tosd, fheagair Séumas, ag ràdh, Fheara agus a bhràithre, éisdibh rium-sa. R. 14, Chuir Simeon (Sìmon Peadar) an céill cionnus a dh’fhiosraich Dia na Cinnich air tùs, le pobull a ghabhail as am measg d’a ainm féin. R. 19, Uime sin is i mo bhreth-sa, nach cuir sinn mi-shuaimhneas orra-san do na Cinnich, a ta air pilltinn chum Dhé.
3 2 Cor. xi. 5.—Oir is i mo bharail-sa nach robh mi a bheag goirid air na h-abstolaibh a b’ àirde.
4 Gal. ii. 9.—Agus an uair a thuig Séumas, agus Cephas, agus Eoin, a tha air am meas ‘n am puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhomh-sa agus do Bharnabas deas làmh a’ chomuinn; ionnus gu’n rachamaid chum nan Cinn-each, agus iad féin chum an timchioll-ghearraidh.
5 Gal. ii. 11.—Ach an uair a thàinig Peadar gu Antioch, sheas mi ‘n a aghaidh as an eudan, a chionn gu’n robh e r’a choireachadh.
6 Ephes. iv. 11.—Agus thug e dream àraidh gu bhi ‘n an abstolaibh; dream eile, gu bhi ‘n am fàidhibh; agus dream eile, gu bhi ‘n an soisgeulaichibh; agus dream eile, gu bhi ‘n an aodhairibh, agus ‘n an luchd-teagaig.
(Ri leantuin.)
Memoir of the late Rev. D. Macdonald, Shieldaig.—
Rev. D. Macfarlane, F.P. Manse, Dingwall, wishes us to state that he has still some copies left of Mr. Macdonald’s Memoir, and that friends may have them at the reduced price of 2/-; postage, 3d. extra. He regrets that he got some orders which were overlooked, and as the addresses are not now at hand, perhaps parties who sent these orders would kindly take advantage of this opportunity.