(Continued from page 355.)
AN ROIMH AG AGAIRT COIR A BHI ’N A MATHAIR AGUS ’N A BAN-MHAIGHSTEAR DO GACH EAGLAIS.
C. 40.—Ciod a tha Eaglais na Ròimh a’ teagasg air a cheànn so?—F.—Tha gur i-féin “màthair agus ban-mhaighstear nan eaglaisean uile.”—Créd Phuis IV.—EAR. 10.
C. 41.—Am b’ ise ceud eaglais Chriosd?—F.—Cha b’ i idir. B’ i eaglais Ierusalem a’ cheud eaglais1 fo fhrithéaladh an t-soiseil. Air là na Cùingeis, shearmaonach Peadar do na h-Iudhaich, agus shuidhich è a’ cheud eaglais ann an Ierusalem.2 (Ceist 17.)
1 Lùcas xxiv. 47.—Agus aithreachas agus maithneas peacaidh bhi air an searmonachadh ’n a ainm-san, do na h-uile chinnich, a’ òiseachadh aig Ierusalem.
2 Gnlomh. ii. 1.—Agus an uair a thàinig là na cuingis, bha iad gu léir a dh’ aon inntinn ann an aon àit. R. 41, An sin bhaisteadh iadsan a ghabh r’ a fhocal gu toilteach: agus an là sin féin chuireadh riu tìmchioll tri mìle anam. R. 47, Agus chuir an Tighearn gach là ris an eaglais an dream a thèarunear.
C. 42.—Am bheil è féumail gu’m bitheadh co-chomunn aig eaglaisibh eile ri eaglais na Ròimh?—F.—Cha n’eil. Bha eaglaisean aig Críosd (mar bha eaglais Ierusalem), mu’n robh eaglais na Ròimh ànn idir; agus anns gach linn de’n chreidimh Chriosdail, o’n là ’dh’éirich a’ Phàpanachd, bha earrannan gle mhòr de ’n Chriosdachd aig nach robh co-cheangal air-bith ri eaglais na Ròimh. Bha eaglaisean Críosdail ann an Breatainn, agus ann an Eirionn, fada mu’n robh ùghdarras air-bith aig a’ Phàp anns na rìoghachdan sin. (Faic Nòd air Ceist 45.)
C. 43.—Am bheil thu ag ràdh gu’n robh eaglaisean ànn, mu’n tàinig an t-Ath-leasachadh anns an t-seathamh Linn déug, nach d’aidich ùghdarras eaglais na Ròimh? Ma tha ainmich iad.—F.—Thà mì. Eaglaisean na h-Aird-an-ear, a bha ann an cochomunn ri eaglais Ierusaleim, an eaglais Ghreugach, agus an eaglais ann an crochaibh mòra Russia—thog iad sin, gu h-iomlan, fianuis an aghaidh ladarnas ‘us ar-amach na Ròimh.
C. 44.—Ach nach ‘eil na h-eaglaisean sin, ann an tomhas mòr, air an truailleadh le saobh-chreidimh agus iodhol-aoradh?—F.—Thà iad. Ach gidheadh, is fianaisean iad air taobh mhòran de na teagasgaibh Protastanach againn-ne. Tha iad ag àicheadh nam féin-theagasc a ta aig na Pàpanach mu àrd uachdaranachd, agus neo-mhearchadas—tha iad a’ diùltadh Créud Phàp’ Pius IV., agus a’ ceadachadh do’n Chléir pòsadh. Tha iad, mar-an-céudna, a dh-aon bheachd ruinn-ne, air iomadh puing eile.
C. 45.—Am bheil è mar sin fior nach robh eaglais air-bith eile ànn, roimh àm an Ath-leasachaidh, ach eaglais na Ròimh?—F.—Cha n’eil idir, idir. Cha n’è mhàin gu’n robh eaglaisean na h-Aird-an-ear agus eaglaisean na Gréige, agus Russia dealaichte agus saor o eaglais na Ròimh, ach bha mòran eaglaisean ànn, maillte ri eaglaisibh Breatainn agus Eirinn, ‘n an eaglaisean Criosdail, fada mu’n robh iad air an toirt fo chuing na Pàpanachd.1
1 Gheibhear cùntas air searmonachadh nan Abstol ann an Leabhar Gnlomhran nan Abstol. Air dhoibh, air tìs, eaglais a shuidheachadh ann an Ierusalem (Gnlomh. ii.), a-réir àithn’ an Tighearn Iosa (Luc. xxiv. 47), chaidh iad do gach àit, a’ searmonachadh Chriosd. Tha è air innseadh anns an Leabhar chéudna, mar shuidhich an t-Abstol Pòl eaglaisean ann an Ephesus, ann am Philippi, ann an Tesalonica agus ann an àitibh eile, agus mar stad è mu-dheireadh anns an Ròimh. Tha am fear-eachdraidh Eusebius ag innseadh, gu’n “robh, mar tha béul-eachdreach ag ràdh, Partia air a chur air leth mar àit-searmonachaidh do Thòmas; Scitia do Aindreas; agus Asia do Eòin agus an deigh dhà a bhi ‘searmonachadh rè tìne, an sin, gu’n do bhàsaich è ann an Ephesus. Chithear gu’n robh Peadar a’ searmonachadh ann am Pontus, Galatia, Bitinia, Cappadocia, agus Asia, do na h-Iudhaich a bha air an sgapadh mu-n-cuairt.”—(i Pead. i. i.)
Thugadh an creidimh Criosdaidh, air tìs, do Breatainn, gle mhoch. Tha am fear-eachdreach Theodore ag ràdh, “Thug na h-Abstoil air na Breatainnach gabhail ri lagh an Tighearna air a chéusadh.” A bhàrr air sin, tha è ag ràdh, “an deigh do Phòl a dhòl do’n Spàinn, gu’n tug è slaint a dh’-ionnsuidh nan eilean a ta air an suidheachd anns a’ chuan.” Gun teagamh is ann air eileanaibh Breatainn a tha è ‘labhairt. Dh’-fhaodamaid iomadh teisteanas eile a thoirt o na prìomh sgriobhadairibh, mar dhearbhadh air so. Bha an creidimh Criosdaidh air a theagasc ann am Breatainn anns an dara, anns an treas, anns a’ cheathramh agus anns a’ chòigeamh linn. Tha na fir-eachdraidh, Bede agus Gildas a’ labhairt le moladh air Martaraich na h-Eaglaise Breatainnach. Bha trùir easbùgairn o Breatainn, aig Comhairle Arleis, anns a’ bhlìadhna 314. Tha an ainmean air an cur ri Achdaibh na Comhairle sin. Tha so soilleir o Aireamh nan Comhairlean air a sgriobhadh le Labbe, an t-Iesuitteach. Bha Easbùgairn Breatainnach, mar-an-céudna, aig Comhairle Shardica, anns a’ bhlìadhna 347. Is ann ‘s a’ bhlìadhna 596, àm air an robh cumhachd a’ Phàpa ‘g a nochdadh féin, a chunnas am manach Austin—cha n’è Easbùg Hippo—ann an Sasunn, agus a dh’-iarr è gu’n géilleadh Eaglaisean Breatainn do riaghaltibh na Ròimh. Gidheadh, sheas na Breatainnach gu làidir, tréum, an aghaidh na h-ionnsuidh so a thugadh air an còir a thoirt uatha; ach b’èigin doibh fasgadh a ghabhail anns a’ Chùimrich (Wales), far an do ghléidh iad an saorsa, uin fhada an deigh sin. Tha so air a dhearbhadh o eachdraidh Bhede, fear de ùghdairibh na Ròimh! (Lib. ii. c. 2.) Ged à bha an creidimh Criosdail ann an Eirionn, roimh làithean an Naoimh Pàdraig, faodar a ràdh gu’m b’ esan Abstol nan Eirionnach; do bhrigh gur ann trid-san, a bha eòlas air a chreidimh Criosdail air a shuidheachadh ann an Eirionn. Fhuair è bás anns a’ bhliadhna 465.
Cha robh uachdaranachd a’ Phàp’ air a stèidheachadh ann an Eirionn, gus a’ bhliadhna 1172. Aig an àm sin thug Pàp Adrian ùghdarras do Eanruig III., ionnsuidh naimhdeil a thoirt air Eirionn; agus thugadh a saorsa bho Eaglais na h-Eirinn ann an Seanadh Chasheil, coinneamh a dh’-òrduulich gu’m “bith-eadh gach uile dhreuchd Spioradail, à so suas, air a riaghlaich, anns gach uile chuid de Eaglais na h-Eirinn, a-réir samplair na h-Eaglaise Naoimh, a-réir mar tha è deante ann an Eaglais Shasuin.” Mar so chithear, gu’n robh sean eaglaisean Bhreatainn agus Eirinn, anns na ceud linnibh, dealaichte bho ‘n Phapanachd. Cha robh Eaglais na Ròimh riath ‘n a bean-riaghlaich air na h-eaglaisibh uile. Cha d’-aidich an Eaglais Ghreugach a tagrath riath. Air na làithean ‘bu duirche, is ann amhàin ‘s an Aird-an-iar, a bha an Ròimh a’ riaghlaich; agus anns gach dùthaich ‘s an robh sluagh aice fo ‘smachd, bha mar-taraich a’ deamann fianuis ‘n a h-aghaidh air taobh na firinn. Is mearachd anabarachd mòr, a’ Phàpanachd a choimeasg ri Eaglais Chriosd.
C. 46.—Nach ‘eil eaglais na Ròimh ag ràdh gur i-féin ciste-ghleidhidh an Sgriobtuir, agus gur h-ann ‘n a comain-sa tha sinne airson a’ Bhìobull?—F.—Tha i ag ràdh sin, agus o là a cùl-sleamhnachaidh, bha i, mar chiste ghlaiste, a’ cumail an Sgriobtuir ò’n t-slugh. Is bréugach a ràdh gur h-ann ‘n a comain-sa, a tha sinne airson a’ Bhìobull. Bha an leabhar naomh sin air ‘earbsadh ris na h-eaglaisibh Criosdail uile, air aon dòigh—Eaglaisean na h-Aird-an-ear—na h-Eaglaisean Gréugach, Abisinianach, agus Coptigach.—Cha n-è sin amhàin, ach bha am Biobull air a dhìon le cùram éudmhor, ameasg luchd-aideachaidh a bha ‘co-stridh an aghaidh a chéile. Fo làimh Dhia, thug eaglaisean Shasuin, Eirinn, agus Albuinn dhuinn am Biobull, agus bha iad sin, air tùs, làn-dhealaichte bho eaglais na Ròimh. Ach geda b’ fhor a tagradh, ‘nuair a tha i ag ràdh gur ann o’ làimh-sa a fhuair sinn am Biobull; ciod è dhe sin? Is iomadh làmh dhubb ‘s an robh solus air a ghleidheadh. Giùlainidh am post’ an litir, ach cha n-eil ùghdarras aige thairis air na nithibh a ta innte; cha dàna dhà, aon fhocal de na tha innte ‘atharrachadh, no thoirt aisde.
NEO-MHEARACHDAS.
C. 47.—Ciod a tha eaglais na Ròimh a’ teagasg air a’ cheànn so?—F.—Tha gu’m bheil i-féin neo-mhearachdach, agus tha i ‘gabhail nan ceànn-teagasg so a dhearbhadh sin.—Mata xviii. 15-17; Mata xxviii. 20; agus 1 Tim. iii. 15.
C. 48.—An ann amhàin mu eaglais na Ròimh a tha na cinn-theagaig sin a’ labhairt?—F.—Cha n-ann idir. Buinidh iad do na h-eaglaisibh uile, agus cha n-ann do aon eaglais air-bith. Mu’n urrainn eaglais na Ròimh còir a ghabhail air na cinn-theagaig sin, no air cinn-theagaig air-bith eile anns am bheil am focal “eaglais,” mar a cuid féin amhàin, féumaidh i a dhearbhadh gur i-féin amhàin, an eaglais a ta air a h-ainmheachadh anns na cinn-theagaig sin, agus nach ‘eil cuid no còir aig eaglais air-bith eile ànnta.
C. 49.—Am bheil focal idir anns na cinn-theagaig sin air neo-mhearachdas? —F.—Cha n’eil. Cha n’eil iad a’ dearbhadh gu’m buin neo-mhearachdas do eaglais air-bith.
C. 50.—Cionnus, matà, a thuigeas tu na briathran ann an Soisgeul Mhata xviii. 15-17, a ta an Ròimh a’ gabhail a chum an fhèin-bharail so a chumail suas?1
F.—(1) Cha n’eil àithn Chriosd, an so, a’ tighinn air teagasg (doctrine) idir. Tha è ‘labhairt amhain mu pheacachadh—”Ma pheacaicheas do bhràthair a’ d’ aghaidh.” (2) Ma tha ise, an eaglais, neo-mhearachdach, do bhrigh gur è dleasanas a’ bhràthar chiontaich éisdeachd rithe, is éudar gu’m bheil am bhràthair a fhuair oiblheum agus an t-aon, no an dithis fhanuisean neo-mhearachdach, mar-an-céudna, do bhrigh gur è dleasanas a’ bhràthar chiontaich éisdeachd riutha-san. (3) Tha seadh a’ chìnn-theagaig soilleir: Tha Chriosd an so, a’ labhairt mu ainhreit a dh’ éirich eadar dithis dhaoinne de chòthional. Tha aig a’ bhràthair a fhuair oiblheum ris a’ mheadhon òrduchte a ghnàthachadh, a chum an ciontach a dheanamh réidh ris, agus mur téid aige air sin a dheanamh, cha n’ eilear gu amharc nì’s faide air a’ chiontach mar Chriosduidh, ach mar Ghéintileach agus mar chìs-mhàor.
1 Mata xviii. 15.—Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair a’ d’ aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu féin agus esan a mhàin: ma dh’ éisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair. R. 16, Ach mur éisd e riut, thor leat aon no dithis eile, chum gu’m bi gach ni air a dheanamh seasmhach am béul dithis no trùir do fhanuiseibh. R. 17, Agus ma dhùltas e iadsan éisdeachd, innis do’n eaglais e: ach ma dhùltas e ‘n eaglais éisdeachd, biodh e dhuit mar Ghéintileach agus mar chis-mhaor.
C. 51.—Ciod a tha thu ag ràdh ris a’ ghealladh ann an Mata xxviii. 20?2
F.—(1) So gealladh air slor-mhaireannachd, agus cha n’ann air neo-mhearachdas. (2) Bu cho maith a ràdh gu’m bheil gach aon fa leth de na creidmhich, neo-mhearachdach, oir tha Dia, a-réir a gheallaidh, maille riutha.3 Tha è maille riutha, a’ toirt comb-fhurtachd dhoibh, ‘g an treòrachadh, agus ‘g an dìon. Cha n’eil am Pàpanach a’ creidsinn gu’m bheil an creidmheadh ‘n a onar neo-mhearachdach. (3) Tha àithn air a toirt leis a’ ghealladh so —”a’ teagasg dhoibh na h-uile nithe a dh’ àithn mise dhuibh a choimhead.” (4) So gealladh do na fior chreidmhich uile air an robh na h-Abstoil ‘n am micshamhuil. Ma bhuineas na briathran sin do eaglais Chriosdail air-bith, buinidh iad do na h-eaglaisibh uile, ann an tomhas co-ionann, gun leth-bhreth air aon seach aon.
2 Mata xxviii. 20.—A’ teagaig dhoibh gach uile nithe a dh’ àithn mise dhuibh a choimhead: agus, feuch, a ta mise maille ribh a ghnàth, gu deireadh an t-saoghail. Amen.
3 Eòm xiv. 23.—Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma gràdhaicheas neach mise, coimhidh e m’ fhoical: agus gràdhaichidh m’ Athair esan, agus thig sinn d’a ionnsuidh, agus ni sinn còmhuidh maille ris.
C. 52.—Ciod a tha thu ag ràdh air na briathraibh so ann i Tim. iii. 15?4
F.—Tha an ràdh sin “post agus stéidh-dhaingnich na firinn,” a’ tighinn air a’ chleachdadh fo’n robhas a’ foillseachadh riaghailtean laghail air pùist, mar nithear ’n ar measg féin, ’g an cur ris na dorsaibh. Tha eaglaisean a’ foillseachadh ’s a’ gleidheadh an t-soisgeil, agus mar sin, is iadsan “pùist agus stéidh-dhaingnich na firinn.” (2) Bhuiheadh Timoteus, chum am bheil an litir so air a sgrìobhadh, do eaglais Ephesus. Air an aobhar sin, is ann air eaglais Ephesus a tha an t-Abstol a’ labhairt an so. Ach thuit eaglais Ephesus.1 Tha na briathran, uime sin, ag àicheadh no diteadh, an ait a bhi ’dearbhaidh neo-mhearachdas na h-eaglais Ròmannaich.
4 i Tim. iii. 15.—Ach ma ni mi moilte, chum gu’m bi fhios agad cionnus is còir dhuit thu féin a ghulan ànn an tigh Dhé, ni a’s e eaglais an Dé bheò, post agus stèidh-dhaingnich na firinn.
1 Taisb. ii. i.—Chum aingil eaglais Ephesus, sgrìobh. R. 5, Cuimhnich uime sin cia uath a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dean na ceud oibre.
C. 53.—Am bheil aobhar maith agad airson a bhi ’diùltadh na bataile de’n goirear neo-mhearachdas na h-eaglais?—F.—Tha sin agam, araoon o nàdur na chùise, agus o’n Sgriobtuir.
C. 54.—Cionnus o nàdur na chùise?—F.—’Nuair a rànnsaich-ear tgradh na Pàpanachd, chithear an-deigh a h-uile car, gur gle bheag de na Pàpanaich féin a’s urrainn a ràdh le ùghdarras ceart, càit am bheil neo-mhearachdas air a shuidheachadh, agus arist, air a’ char a’s feàrr, nach measar neo-mhearachdach ach do bheagan dhaoinne mearachdach!
C. 55.—Ciamar a tha iad ann an imcheist mu ’n chùis so?—F.—Tha iad air an roinn ’n am barail. (1) Cuid ag ràdh gu’m bheil am Pàp neo-mhearachdach air a’ chathair (is è sin ri ràdh, ’nuair a tha è a’ toirt òrduighean, mar cheànn na h-eaglais). (2) Cuid ag ràdh gu’m bheil an eaglais sgaolte neo-mhearachdach (is è sin, na h-uile dhaoinne a bhuineas d’i anns gach àit). (3) Cuid, Comhairlean és béugais a’ Phàpa. (4) Agus cuid, comhairlean, no coinneamhan an uair a tha am Pàp air an ceànn.
C. 56.—Co aig a tha a’ cheud bharail dhiubh sin, neo-mhearachdas a’ Phap’ air a’ chathair, agus ciod iad na h-argumaidean leis am bheil iad a’ dion am barail?—F.—Thà St. Liguori, Bonabhenture, agus feachd de dhiadhairean Eadaiteach. Tha iad so ag ràdh mur ’eil am Pàp—neach a tha na Pàpanaich ag aideachadh mar charraig, no bunait na h-eaglais—neo-mhearachdach, gu’m faod an eaglais, no an aitreibh a tha air a togail air, tuiteam.
C. 57.—Gabhamaid am briathran féin; agus faiceamaid am bheil an argumaid aca ceart?—F.—Gun teagamh tha i. Ma tha an aitreibh cinnteach, seasmhach, féumaidh am bunait a bhi cinnteach, neo-ghluasadach. Cha n-urrainn na Pàpanaich a ràdh le ceartas gu’m bheil an eaglais neo-ghluasadach, gum a ràdh gu’m bheil a bunait—am Pàp neo-ghluasadach. Ach is è Criosd ar carraig agus ar bunait-ne, eadhon Criosd amhàin.
C. 58.—Cionnus anis a chithear nach ’eil am Pàp neomhearachdach?—F.—Bha Pàpa ’n am baoth-chreidmhich (hereticis): B’ Arianach Pàp Liberius, bu Mhonotelitach Pàp Honorius; theagaisg Pàp Adrian IV. gu’m bheil na Pàpa mearachdach; agus is i sin barail nan Gallicanach agus na cuid a’s mò de na diadh-airean Ròmanach.—(Faic Manual, App. No. 2.)
C. 59.—Am bheil fior fhéum air-bith anns an dara barail, a tha ‘cumail amach gu’m bheil an eaglais sgaolte neo-mhearachdach, eadhon ged, ‘b fhlor sin, ni nach eadh?—F.—Cha n’eil; oir bu nì do-dheante barail gach duine, gach mnà ‘us leinibh ann an eaglais na Ròimh, a chrùinneachadh, no ‘fhaotuinn amach.
C. 60.—Nis, ciod mu’n treas barail? Dearbh o’n gniomhraibh féin nach ‘eil comhairlean neo-mhearachdach?—F.—Tha iad ag àicheadh a chéile ‘s a’ labhairt an aghaidh a chéile. (1) Tha ‘chomhairle Arianach a shuidh ann an Arminium, ag àicheadh ceud comhairle Nice. (2) Tha comhairlean Chonstantinople, Fhrancfort, agus Elleberis a’ dìteadh aoraidh iomhaighlean, agus ag àicheadh dara comhairle Nice! (3) Tha comhairlean Chonstance, Bhasil agas Phisa, ag ràdh gur lugha am Pàp na comhairle, agus mar sin, ag àicheadh comhairle Laterain. (Faic Manual, t 21).
C. 61.—Am bheil féum anns a’ cheathramh barail, a ta ag ràdh gu’m bheil comhairle leis a’ Phàp ‘n a shuidhe air a ceànn, neo-mhearachdach?—F.—Cha n’eil; oir faodaidh cùisean a bhi ànn, air am bi è eu-comasach do’n Phàp agus do’n chomhairle cordadh :—(1) ‘Nuair a bhitheas baoth-chreidimh air a chur ás leth a’ Phàpa; (2) ‘Nuair a bhitheas cònsachadh mu thaghadh a’ Phàpa; (3) ‘Nuair a bhitheas, mar a bha, dà Phàp, no trùir Phàp ànn aig aon ànn.
C. 62.—Ged à b’ i barail nan uile dhaoinne, no ged theireadh na h-uile gu’m bheil comhairle, leis a’ Phàp air a ceànn, neo-mhearachdach, cionnus a chithear amaideachd na baraille sin?—F.—Is amaideach a smuaineachadh gu’m b’ urrainn àireamh air-bith de chréutairean mearachdach, gnomh neo-mhearachdach a dheanamh, no toradh neo-mhearachdach a thoirt amach.
C. 63.—Am bheil gealladh air teagasg neo-mhearachdach an Spioraid air a thoirt do Ard Chomhairlibh?—F.—Cha n’neil. Cha n’eil comhairlean air an ainmeachadh idir anns an Sgriobtuir! Cha robh comhairlean air an cumail gu ceànn thrì cheud bliadhna an-deigh là Chriosd, agus a bhàrr air sin, cha robh Ard Chomhairle, is è sin ri ràdh comhairle air a h-òrduchadh leis an eaglais gu lèir, riamh ànn.—(Faic Comhairle, Iuchair).
C. 64.—Tha thu ag ràdh nach robh Ard Chomhairle riamh ànn. Nach b’ Ard Chomhairlean na ceud cheithir comhairlean a shuidh ann an Nice, Ephesus, Constantinople, agus Calcedon?—F.—Cha b’ eadh. Bha ‘chòir a b’ fhear aca sin air a bhi fo ainm Ard Chomhairle, no air na bha aig feadhain eile, ach gidheadh, cha robh ‘s an lâthair aig na coinneamhan sin, ach trì no ceithir easbuigean o eaglaisibh na h-Aird-an-lar, agus is cinnteach nach b’ urrainnear a ràdh, gu’n seasadh trùir na ceathrar airson uile eaglaisean na h-Aird-an-lar.
C. 65.—Faodar ‘fhaicinn, mar sin, nach robh còir idir aig an dà comhairle dhéug mu-dheireadh, air a bhi air am meas ‘n an Ard Chomhairlean.—F.—Cha robh idir. Cha robh aon easbuig o eaglaisibh lionmhor na h-Aird-an-ear, a láthair aig aon diubh, ach aig Comhairle Fhlorence amháin. Cha robh anns an dá Chomhairle dhéug mu-dheireadh sin, ach leth-chomhairlean Pápanach (Papal cabals), a chruinnicheadh leis na Pápaibh amháin.
C. 66.—A’ faicinn, mata, gu’m b’ áill le eaglais na Ròimh a thoirt òirnn gélileadh do theagasg chomhairlean, ciod i a’ cheist anis?—F.—So a’ cheist anis. Co dhiubh a tha sinn gu géill-eadh do theagasg, no do òrduighean dà cheud de ‘n Chléir cruinn ann an Comhairle, mar nithe neo-mhearachdach. Air an dòigh so, faodaidh buidheann air-bith a ràdh gu’m bheil iad-féin neomhearachdach. Tha na Mòrmonaich ag ràdh sin.
C. 67.—Nach ‘eil thu ag ràdh gur urrainn thu ‘dhearbhachd o’n Sgriobtuir gu’m bheil na h-eaglaisean uile buailteach do mhearachdan?—F.—Thà; ach ceadaich dhomh a chuimhneachadh dhuit, anns a’ chéud àit, gur mòr an dearbhachd an aghaidh barail an neo-mhearachdais, nach ‘ell guth idir air a leithid anns an Sgriobtuir. Na’n d’òrduich Dia neo-mhearachdas mar fhear-treòrachaidh do’n eaglais, is cinnteach gu’n innseadh è dhuinn m’a thimchioll, anns an Leabhar naomh anns am bheil a thoil air a foillseachadh dhuinn.
C. 68.—Dearbh le’n gnìomhraibh gu’m bheil eaglaisean mearachdach.—F.—Thuil eaglais nan Iudhach ann am mearachd, ann an diùltadh Chriosd—Mata xxvi. 65, 66. Thuil seachd eaglaisean na h-Asia ann am mearachd—Taisb. 2 agus 3. Agus tha è soillier o labhairt dhileis an Abstoil ‘n a Litir a chum eaglais na Ròimh, gu’m faodadh ise tuiteam ann am mearachd mar-an-céudna.1
Tha an rabhadh so leis an Abstol, a’ làn-dearbhachd gu’m faodadh an Ròimh dol ‘m mearachd—gu’m bheil i mearachdach.
1 Ròm. xi. 17.—Agus ma tha cuid do na géugaibh air am briseadh dhetl, agus gu’m bheil rhusa, a bha a’d’ chrann-oladh fiadhaich, air do shuidheachadh ‘n am measg, agus maille riu a’ factainn comh-pàirt do fhrèimh agus do reamhrachd a’ chroinn-oladh. R. 18, Na dean uaill an aghaidh nan géug; ach ma ni thu uaill ‘n an aghaidh, cha tusa a dh’iomchreasaes an fhrèumh, ach an fhrèumh thusa. R. 19, Their thu uime sin, Bhriseadh dhetl na géuga, chum gu’n suidhichteath mise ‘n an àit. R. 20, Ro mhaith; air son am micreidimh bhriseadh iadsan dhetl, agus a ta thusa a’ seasamh tre chreidimh. Na bi àrd-inntinneach, ach fo eagal. R. 21, Oir mur do chaomhain Dia na géuga nàdurra, biodh eagal ort nach caomhain e thusa mar an ceudna. R. 22, Feuch uime sin maithes agus géur-cheartas Dé: geur-cheartas d’an taobh-san, a thuit; ach do d’ thaoibh-sa maithes, ma bhuanachas tu ‘n a maithes; agus mur buanaich, gearrar deth thusa mar an ceudna.
(Ri leantuinm.)
Notice to Congregational Treasurers.—It is requested that Treasurers of Congregations, where there is debt on Church Buildings, send a notice of their respective debts to Mr. Angus Clunas, 18 Ardconnel Terrace (East), Inverness, in view of the allocation of the Building Fund collection.