C. 47.—Ciod a tha eaglais na Ròimh a’ teagasg air a’ cheànn so?—F.—Tha gu’m bheil i-féin neo-mhearachdach, agus tha i ‘gabhail nan ceann-teagaig so a dhearbhadh sin.—Mata xviii. 15-17; Mata xxviii. 20; agus i Tim. iii. 15.
C. 48.—An ann amhàin mu eaglais na Ròimh a tha na cinn-theagaig sin a’ labhairt?—F.—Cha n-ann idir. Buinidh iad do na h-eaglaisibh uile, agus cha n-ann do aon eaglais air-bith. Mu’n urrainn eaglais na Ròimh còir a ghabhail air na cinn-theagaig sin, no air cinn-theagaig air-bith eile anns am bheil am focal “eaglais,” mar a cuid féin amhàin, féumaidh i a dhearbhadh gur i-féin amhàin, an eaglais a ta air a h-ainmeachadh anns na cinn-theagaig sin, agus nach ‘eil cuid no còir aig eaglais air-bith eile ànnta.
C. 49.—Am bheil focal idir anns na cinn-theagaig sin air neo-
eachdraidh Bhede, fear de ùghdairibh na Ròimh! (Lib. ii. c. 2.) Ged ù bha an creidimh Criosdail ann an Eirionn, roimh làithean an Naoimh Pàdruig, faodar a ràdh gu’m b’ esan Abstol nan Eirionnach; do bhrigh gur ann trid-san, a bha eòlas air a chreidimh Chriosdaidh air a shuidheachadh ann an Eirionn. Fhuair è b’as anns a’ bhlìadhna 465.
Cha robh uachdaranachd a’ Phàp’ air a stèidheachadh ann an Eirionn, gus a’ bhlìadhna 1172. Aig an àm sin thug Pàp Adrian ùghdarras do Eanruig II., ionnsuidh naimhdeil a thoirt air Eirionn; agus thugadh a saorsa bho Eaglais na h-Eirinn ann an Seanadh Chasheil, coinneamh a dh’òrduich gu’m “bith-eadh gach uile dhreuchd Spioradail, à so suas, air a riaghlaidh, anns gach uile chuid de Eaglais na h-Eirinn, a-rèir samplaír na h-Eaglaise Naoimh, a-rèir mar tha è deante ann an Eaglais Shasuin.” Mar so chithear, gu’n robh sean eaglaisean Bheartainn agus Eirinn, anns na ceud linnibh, dealaichte bho ‘n Phàpanachd. Cha robh Eaglais na Ròimh riamh ‘n a bean-riaghlaidh air na h-eaglaisibh uile. Cha d’aidich an Eaglais Ghreugach a tagradh riamh. Air na làithean ‘bu duirche, is ann amhàin ‘s an Aird-an-iar, a bha an Ròimh a’ riaghlaidh; agus anns gach dùthaich ‘s an robh sluagh aice fo ‘smachd, bha martarach a’ deanamh fianuis ‘n a h-aghaidh air taobh na firinn. Is mearachd anabarachd mòr, a’ Phàpanachd a choimeasg ri Eaglais Chriosd.
mhearachdas?—F.—Cha n’eil. Cha n’eil iad a’ dearbhadh gu’m buin neo-mhearachdas do eaglais air-bith.
C. 50.—Cionnus, matà, a thug eas tu na briathran ann an Soisgeul Mhata xviii. 15-17, a ta an Ròimh a’ gabhail a chum an fhéin-bharail so a chumail suas?¹
F.—(1) Cha n’eil àithn Chriosd, an so, a’ tighinn air teagasg (doctrine) idir. Tha è ‘labhairt amhain mu pheacachadh—”Ma pheacaicheas do bhràthair a’ d’ aghaidh.” (2) Ma tha ise, an eaglais, neo-mhearachdach, do bhrigh gur è dleasanas a’ bhràthar chiontaich èisdeachd rithe, is éudar gu’m bheil am bhràthair a’ fhuair oilbheum agus an t-aon, no an dithis fhianuisean neo-mhearachdach, mar-an-céudna, do bhrigh gur è dleasanas a’ bhràthar chiontaich èisdeachd riutha-san. (3) Tha seadh a’ chinn-theagaig soilleir: Tha Chriosd an so, a’ labhairt mu aimhreit a dh’érich eadar dithis dhaoine de cho-thional. Tha aig a’ bhràthair a’ fhuair oilbheum ris a’ mheadhon òrduichte a’ ghnàth-achadh, a chum an ciontach a’ dheanamh réidh ris, agus mur téid aige air sin a’ dheanamh, cha n’eilear gu amharc nì’s faide air a’ chiontach mar Chriosduidh, ach mar Gheintileach agus mar chìs-mhaor.
C. 51.—Ciod a tha thu ag ràdh ris a’ ghealladh ann an Mata xxviii. 20?²
F.—(1) So gealladh air slor-mhaireannachd, agus cha n’ann air neo-mhearachdas. (2) Bu cho maith a ràdh gu’m bheil gach aon fa leth de na creidmhich, neo-mhearachdach, oir tha Dia, a-réir a’ gheallaidh, maile riutha.³ Tha è maile riutha, a’ toirt comb-fhurtachd dhoibh, ‘g an treòrachadh, agus ‘g an dìon. Cha n’eil am Pàpanach a’ creidsinn gu’m bheil an creidmheach ‘n a aonar neo-mhearachdach. (3) Tha àithn air a toirt leis a’ ghealladh so—”a’ teagasg dhoibh na h-uile nithe a dh’àithn mise dhuibh a’ choimhead.” (4) So gealladh do na fior chreidmhich uile air an robh na h-Abstoil ‘n am micshamhuil. Ma bhuneas na briathran sin do eaglais Chriosdail air-bith, buinidh iad do na h-eaglaisibh uile, ann an tomhas co-ionann, gun leth-bhreth air aon seach aon.
C. 52.—Ciod a tha thu ag ràdh air na briathraibh so ann i Tim. iii. 15?⁴
¹ Mata xviii. 15.—Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair a’ d’ aghaidh, imich agus innis a’ lochd dha eadar thu féin agus esan a’ mhàin: ma dh’èisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair. R. 16, Ach mur èisd e riut, thor leat aon no dithis eile, chum gu’m bi gach ni air a’ dheanamh seasmach am béal dithis no triùir do’ fhianuisbh. R. 17, Agus ma dhiùltas e iadsan èisdeachd, innis do’n eaglais e: ach ma dhiùltas e ‘n eaglais èisdeachd, biodh e dhuit mar Gheintileach agus mar chìs-mhaor.
² Mata xxviii. 20.—A’ teagaig dhoibh gach uile nithe a dh’àithn mise dhuibh a’ choimhead: agus, feuch, a ta mise maile ribh a’ ghnàth, gu deireadh an t-saoghail. Amen.
³ Eòin xiv. 23.—Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimhididh e m’ fhocal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn d’a ionnsuidh, agus ni sinn comhnuidh maile ris.
⁴ i Tim. iii. 15.—Ach ma ni mi moille, chum gu’m bi fhios agad cionnus is còir dhuit thu féin a’ ghulan ànn an tigh Dhé, ni a’s e eaglais an Dé bheò, post agus stéidh-dhaingnich na firinn.
F.—Tha an ràdh sin “post agus stéidh-dhaingnich na firinn,” a’ tighinn air a’ chleachdadh fo’n robbas a’ foillseachadh riagh-ailtean laghail air puist, mar nithear ’n ar measg féin, ’g an cur ris na dorsaibh. Tha eaglaisean a’ foillseachadh ’s a’ gleidheadh an t-soisgeil, agus mar sin, is iadsan “puist agus stéidh-dhaingnich na firinn.” (2) Bhuiheadh Timoteus, chum am bheil an litir so air a sgriobhadh, do eaglais Ephesuis. Air an aobhar sin, is ann air eaglais Ephesuis a tha an t-Abstol a’ labhairt an so. Ach thuit eaglais Ephesuis.1 Tha na briathran, uime sin, ag àicheadh no dteadh, an ait a bhi ’dearbhadh neo-mhearachdas na h-eaglais Ròmanaich.
C. 53.—Am bheil aobhar maith agad airson a bhi ’diùltadh na bataile de’n goirear neo-mhearachdas na h-eaglais?—F.—Tha sin agam, araoon o nàdur na cuise, agus o’n Sgriobtuir.
C. 54.—Cionnus o nàdur na cuise?—F.—’Nuair a rànnsaich-eair tagradh na Pàpanachd, chithear an-deigh a h-uile car, gur gle bheag de na Pàpanaich féin a’s urrainn a ràdh le ùghdarras ceart, càit am bheil neo-mhearachdas air a shuidheachadh, agus arist, air a’ char a’s feàrr, nach measar neo-mhearachdas ach do bheagan dhaoine mearachdach!
C. 55.—Ciamar a tha iad ann an imcheist mu ’n chuis so?—F.—Tha iad air an roinn ’n am barail. (1) Cuid ag ràdh gu’m bheil am Pàp neo-mhearachdach air a’ chathair (is è sin ri ràdh, ’nuair a tha è a’ toirt òrduighean, mar cheann na h-eaglais). (2) Cuid ag ràdh gu’m bheil an eaglais sgaolte neo-mhearachdach (is è sin, na h-uile dhaoine a bhuineas d’i anns gach àit). (3) Cuid, Comhairlean és beugais a’ Phàpa. (4) Agus cuid, comhairlean, no coinneamhan an uair a tha am Pàp air an ceann.
C. 56.—Co aig a tha a’ cheud bharail dhiubh sin, neo-mhearachdas a’ Phap’ air a’ chathair, agus ciod iad na h-argumaidean leis am bheil iad a’ dion am barail?—F.—Thà St. Liguori, Bonabhture, agus feachd de dhiadhairean Eadailteach. Tha iad so ag ràdh mur ’eil am Pàp—neach a tha na Pàpanaich ag aideachadh mar charraig, no bunait na h-eaglais—neo-mhearachdach, gu’m faod an eaglais, no an aitreabh a tha air a togail air, tuiteam.
C. 57.—Gabhmaid am briathran féin; agus faiceamaid am bheil an argumaid aca ceart?—F.—Gun teagamh tha i. Ma tha an aitreabh cinnteach, seasmhach, féumaidh am bunait a bhi cinnteach, neo-ghluasadach. Cha n-urrainn na Pàpanaich a ràdh le ceartas gu’m bheil an eaglais neo-ghlusadach, gum a ràdh gu’m bheil a bunait—am Pàp neo-ghluasadach. Ach is è Criosd ar carraig agus ar bunait-ne, eadhon Criosd amhàin.
C. 58.—Cionnus anis a chithear nach ’eil am Pàp neomhearachdach?—F.—Bha Pàpa ’n am baoth-chreidmhich (heretics): B’ Arianach Pàp Liberius, bu Mhonotelitach Pàp Honorius;
1 Taisb. ii. 1.—Chum aingil eaglais Ephesuis, sgriobh. R. 5, Cuimhnich uime sin cia uath a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dean na ceud oibre.
theagaig Pàp Adrian IV. gu’m bheil na Pàpa mearachdach; agus is i sin barail nan Gallicanach agus na cuid a’s mò de na diadh-airean Ròmanach.—(Faic Manual, App. No. 2.)
C. 59.—Am bheil fior fhéum air-bith anns an dara barail, a tha ‘cumail amach gu’m bheil an eaglais sgaoilte neo-mhearchdach, eadhon geda, ‘b fhlor sin, ni nach eadh?—F.—Cha n’eil; oir bu nì do-dheanteil barail gach duine, gach mnà ‘us leinibh ann an eaglais na Ròimh, a chruinneachadh, no ‘fhaotuinn amach.
C. 60.—Nis, ciod mu’n treas barail? Dearbh o’n gniomhraibh féin nach ‘eil comhairlean neo-mhearchdach?—F.—Tha iad ag àicheadh a chéile ‘s a’ labhairt an aghaidh a chéile. (1) Tha ‘chomhairle Arianach a shuidh ann an Arminium, ag àicheadh ceud chomhairle Nice. (2) Tha comhairlean Chonstantinople, Fhrancfort, agus Elleberis a’ diteadh aoraidh iomhaighean, agus ag àicheadh dara comhairle Nice! (3) Tha comhairlean Chonstance, Bhasil agas Phisa, ag ràdh gur lugha am Pàp na comhairle, agus mar sin, ag àicheadh comhairle Laterain. (Faic Manual, t 21).
C. 61.—Am bheil féum anns a’ cheathramh barail, a ta ag ràdh gu’m bheil comhairle leis a’ Phàp ‘n a ceànn, neo-mhearchdach?—F.—Cha n’eil; oir faodaidh cuisean a bhi ànn, air am bi è eu-comasach do’n Phàp agus do’n chomhairle còrdadh:—(1) ‘Nuair a bhiteas baoth-chreidimh air a chur às leth a’ Phàpa; (2) ‘Nuair a bhiteas cònsachadh mu thaghadh a’ Phàpa; (3) ‘Nuair a bhiteas, mar a bha, dà Phàp, no triùir Phàp ànn aig aon àm.
C. 62.—Ged à b’ i barail nan uile dhaoine, no ged theireadh na h-uile gu’m bheil comhairle, leis a’ Phàp air a ceànn, neo-mhearchdach, cionnus a chithear amaideachd na baraille sin?—F.—Is amaideach a smuaineachadh gu’m b’ urrainn àireamh air-bith de chréutairean mearachdach, gniomh neo-mhearchdach a dheanamh, no toradil neo-mhearchdach a thoirt amach.
C. 63.—Am bheil gealladh air teagasg neo-mhearchdach an Spioraid air a thoirt do Ard Chomhairlibh?—F.—Cha n’neil. Cha n’eil comhairlean air an ainmeachadh idir anns an Sgriobtuir! Cha robh comhairlean air an cumail gu ceànn thri cheud bliadhna an-deigh là Chriosd, agus a bharr air sin, cha robh Ard Chomhairle, is è sin ri ràdh comhairle air a h-òrduchadh leis an eaglais gu lèir, riamh ànn.—(Faic Comhairle, Iuchair).
C. 64.—Tha thu ag ràdh nach robh Ard Chomhairle riamh ànn. Nach b’ Ard Chomhairlean na ceud cheithir chomhairlean a shuidh ann an Nice, Ephesus, Constantinople, agus Calcedon?—F.—Cha b’ eadh. Bha ‘chòir a b’ fhearr aca sin air a bhi fo ainm Ard Chomhairle, no air na bha aig feadhain eile, ach gidheadh, cha robh ‘s an làthair aig na coinneamhan sin, ach tri no ceithir easbuigean o eaglaisibh na h-Aird-an-iar, agus is cinnteach nach b’ urrainnear a ràdh, gu’n seasadh triùir na ceathrar airson uile eaglaisean na h-Aird-an-iar.
C. 65.—Faodar ‘fhaicinn, mar sin, nach robh còir idir aig an dà chomhairle dhéug mu-dheireadh, air a bhi air am meas ‘n an
Ard Chomhairlean.—F.—Cha robh idir. Cha robh aon easbuig o eaglaisibh lionmhor na h-Aird-an-ear, a láthair aig aon diubh, ach aig Comhairle Fhlorence amhàin. Cha robh anns an dá Chomhairle dhéug mu-dheireadh sin, ach leth-chomhairlean Pàpanach (Papal cabals), a chruinnicheadh leis na Pàpaibh amhàin.
C. 66.—A’ faicinn, matà, gu’m b’ àill le eaglais na Ròimh a thoirt òirnn géilleadh do theagasg chomhairlean, ciod i a’ cheist anis?—F.—So a’ cheist anis. Co dhiubh a tha sinn gu géilleadh do theagasg, no do òrduighean dà cheud de’n Chléir cruinn ann an Comhairle, mar nithe neo-mhearachdach. Air an dòigh so, faodaidh buidheann air-bith a ràdh gu’m bheil iad-féin neo-mhearachdach. Tha na Mòrmonaich ag ràdh sin.
C. 67.—Nach ‘eil thu ag ràdh gur urrainn thu ‘dhearbadh o’n Sgriobtuir gu’m bheil na h-eaglaisean uile buailteach do mhearachdan?—F.—Thà; ach ceadaich dhomh a chuimhneachadh dhuit, anns a’ chéud àit, gur mòr an dearbadh an aghaidh barail an neo-mhearachdais, nach ‘ell guth idir air a leithid anns an Sgriobtuir. Na’n d’òrduich Dia neo-mhearachdas mar fheartreòrachaidh do’n eaglais, is cinnteach gu’n innseadh è dhuinn m’a thimchioll, anns an Leabhar naomh anns am bheil a thoil air a foillseachadh dhuiinn.
C. 68.—Dearbh le’n gniomhraibh gu’m bheil eaglaisean mearachdach.—F.—Thuit eaglais nan Iudhach ann am mearachd, ann an diùltadh Chriosd—Mata xxvi. 65, 66. Thuit seachd eaglaisean na h-Asia ann am mearachd—Taisb. 2 agus 3. Agus tha è soillier o labhairt dhileis an Abtoil ‘n a Litir a chum eaglais na Ròimh, gu’m faodadh ise tuiteam ann am mearachd mar-ancéudna. 1
Tha an rabhadh so leis an Abstol, a’ làn-dearbadh gu’m faodadh an Ròimh dol ‘m mearachd—gu’m bheil i mearachdach.
1 Ròm. xi. 17.—Agus ma tha cuid do na géugaibh air am briseadh dheth, agus gu’m bheil rhusa, a bha a’d’ chrann-oladh fiadhaich, air do shuidheachadh ‘n am measg, agus maille riu a’ faotainn comh-pàirt do fhrèimh agus do reamhrachd a’ chroinn-oladh. R. 18, Na dean uaill an aghaidh nan géug; ach ma ni thu uaill ‘n an aghaidh, cha tusa a dh’iomchaireas an fhrèumh, ach an fhrèumh thusa. R. 19, Their thu uime sin, Bhriseadh dheth na géuga, chum gu’n suidhichteadh mise ‘n an àit. R. 20, Ro mhaith; air son am micheidimh bhriseadh iad san dheth, agus a ta thusa a’ seasamh tre chreidimh. Na bi àrd-inntinneach, ach fo eagal. R. 21, Oir mur do chaomhain Dia na géuga nàdurrna, biodh eagal ort nach caomhain e thusa mar an ceudna. R. 22, Feuch uime sin maitheas agus géur-cheartas Dé: geur-cheartas d’an taobh-san, a thuit; ach do d’ thaobh-sa maitheas, ma bhuanaicheas tu ‘n a mhaithneas; agus mur buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna.
(Ri leantuinm.)
Notice to Congregational Treasurers.—It is requested that Treasurers of Congregations, where there is debt on Church Buildings, send a notice of their respective debts to Mr. Angus Clunas, 18 Ardconnel Terrace (East), Inverness, in view of the allocation of the Building Fund collection.