Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1910 » March 1910 » An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

(Continued from page 396.)

BACADH-SLAINTE.

EAGLAIS NA RÒIMH AG RADH NACH ‘EIL TEARNADH AIG ANAM AMACH AISDE-FEIN.

C. 69.—Ciod è teagasg na Ròimh mu bhacadh-slainte, no slaint troimpe-féin amhàin?—F.—Tha i ag ràdh nach urrainn duine sam-bith a bhi air a theàrnadh nach ‘eil “gu treibh-dhireach a’ creidsinn” anns an nì ris an abair i “am fior chreidimh Cailtig-each,” mar tha è air a nochdadh ann an Créud Phuis IV.—EAR. 12.
C. 70.—Ciod è am mearaichd air am bheil a’ bhaoth bharail so alr a suidheachadh?—F.—Air a’ bheachd sin a tha ag ràdh gur i eaglais na Ròimh, ‘n a h-aonar, eaglais Chriosd.
C. 71.—Ciamar a dhearbhais tu gur teagasg fior mhearachdach an teagasg sin?—F.—Le fhrinn a’ Bhiobuill o’m bheil è soilleir gu’n robh mòran eaglaisean ànn, a bhàrr air eaglais na Ròimh—eaglaisean Chorint, Ephesuis, Philippi, agus mòran eile, chum an robh Litrichean nan Abstol air an sgriobhadh; agus le sealltuinn ann an eachdraidhean a ta ‘g innseadh aach b’ i eaglais na Ròimh amhàin, an aon eaglais, ann an linn air-bith de’n Chriosdachd.
C. 72.—Ciamar tha am peacach air a theàrnadh? An ann le bhi ceangailte ri eaglais air-bith?—F.—Cha n-ànn. Faodaidh eaglais innseadh dhuinn mu’n t-slighe gu Nèamh, ach cha n-urrainn i ar teàrnadh. Is ann tre chreidimh ann an Crìosd,1 a tha slaint ri ‘faotuin. Faodaidh neach a bhi air a bhaisteadh, agus a bhi fathast ann an domblas na seirbhe, mar bha Simon Mágus.2 Faodaidh an Spiorad Naomh a bhi aig neach, gun è bhi air a bhaisteadh.3

1 Eòin iii. 36.—An ti a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an ti nach ‘eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, cha’n fhaic e beatha; ach a ta fearg Dhé a’ gabhail còmhnuidh air. Gniomh. xvi. 31.—Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearn Iosa Crìosd, agus tèarnar thu féin, agus do thigh. Ròm. v. 1.—Uime sin air dhùinne bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearn Iosa Crìosd.
2 Gniomh. viii. 23.—Oir a ta mi ‘ga d’ fhaicinn ann an domblas na seirbhe, agus fo chuibhreach na h-eucorach.
3 Gniomh. x. 47.—Am feud neach sam bith uisge a thoirmseag, chum nach rachadh iad so a bhaisteadh, a fhuair an Spiorad naomh, co maith ruinne.

RIAGHAILT A’CHREIDIMH—BEUL-EACHDRAIDH

(Tradition).

C. 73.—Ciod i an riaghailt ereidimh a ta an Ròimh a’ gabhail?—F.—An Sgriobtuir agus Béul-eachdraidh.—(Créud Phuis IV. EAR. 1, 2.)
C. 74.—Ach nach ‘eil i ‘n a cleachdadh ag aideachadh riaghailt eile?—F.—Thà i. Ach fo eagal a pobull earbsadh ris an Sgriobtur, tha i a’ cur teagasg na h-eaglais ri b’eul-eachdraidh, agus mar sin, is i an eaglais féin, do rìreadh, a riaghailt-stiùraidh.
C. 75.—Ciod è seadh an fhocail “Tradition,” (béul-eachdraidh, no béul-aithris)?—F.—Tha am focal so “tradition,” air a thoirt o’n Laidinn agus a’ ciallachadh ni a ta air a thoirt seachad; eachdraidh no teagasg air ‘innseadh, no air ‘aithris o bhéul gu béul, ann an linn an-deigh linn’. Tha am Biobull air a thoirt seachad le Dia, do’n duine, eadhon o ghinealach gu ginealach, agus anns an t-seadh sin, faodar “tradition,” no béul-eachdraidh a ràdh ris a’ Bhiobull féin.
C. 76.—Ciod a tha an Ròimh, matà, a’ ciallachadh le béul-eachdraidh (tradition)?—F.—Tha i ag ràdh gu’n do labhair na h-Abstoil tuilleadh air na sgriobh iad. Tha i ag ràdh gu’n robh na labhair na h-Abstoil co-ionann ann an ùghdarras, ris na sgriobh iad; agus maille ri sin, tha i ag ràdh gur è béul-eachdraidh an ni a bha air a theagasg leis na h-Adstoil, a thuilleadh air, no os-ceann na tha sgriobhte.
C. 77.—Am bheil thusa ag ràdh, matà, gu’n robh ‘s gu’m bheil na bha air a thoirt seachad le béul nan Abstol, co-ionann ann an ùghdarras ris na sgriobh iad?—F.—Thà mì; agus na’n robh na h-Abstoil beò an diugh, ghabhainnn rì’n teagasg beòil, a cheart cho toileach ‘s a ghabhas mì am Biobull.
C. 78.—Carson, matà, nach gabh thu béul-eachdraidhean na Ròimh?—F.—Tha direach, do bhrìgh nach urrainn i a dhear-bhadh gu’n robh na béul-eachdraidhean a tha ise ‘teagasg, air an toirt seachad riamh leis na h-Abstoil. Is è am Biobull amhàin an aon eachdraidh fhlor air teagasg nan Abstol.
C. 79.—Cionnus a chithear nach urrainn Eaglais na Ròimh a béul-eachdraidh a dhearbadh?—F.—A-réir a riaghailt-sa, bha béul-eachdraidhean air an toirt air tìs, le focal beòil, agus ùin an-deigh sin air an sgriobhadh sios ann an oibrìbh nan Aithrichean. Nis, co is urrainn earbsadh a chur ann an iomradh mar sin, no ann an ùr-sgeul amhàin!
C. 80.—Co a tha thu a’ ciallachadh leis na h-Aithrichean?—F.—Mar a’s trice, sgriobhadairean Criosdail nan ceud linn—iadsan a bha anns a’ cheud, ‘s an dara, agus anns an treas linn, no mar tha cuid ag ràdh, iadsan a bha ann o’n cheud gus an t-seathamh linn.
C. 81.—Am bheil sgriobhaidhean nan Aithrichean a bhuineadh do’n dara, agus do’n treas linn, a làithair fathast?—F.—Chan ‘eil, ach gle bheag dhiubh. Tha iomadh leabhar mealtaich ann, ach ro bheag de fhlor obair nan Aithrichean.
C. 82.—Co iad na daoiné de’n goirear na h-Aithrichean Abstolach?—F.—Tha Clemens, Ignatius, Barnabas, Hèrmas, agus Policarp.
C. 83.—Am bheil dearbhadh gur iad na h-Aithrichean féin a sgriobh gach focal anns na leabhraichean a ta fo’n ainm—am bheil na leabhraichean sin glan?—F.—Tha mòr theagamh mu’n timchioll. Tha daoiné ionnsuichte, gu tric, a’ diùltadh na cuid a’s mò dhiubh, mar oibre mealltach.
C. 84.—Am bheil na leabhraichean a ta fo ainm nan ùghdairean sin, a’ labhairt air cuisibh mu’m bheil cònsachadh eadar Pròtastanaich ‘us Pàpanaich?—F.—Cha n’eil. Is an air nithibh eile, b’éus ‘us cleachdaidhean dhaoine a tha iad a’ teagasg, gun chònsachadh air puing sam-bith.
C. 85.—Co iad na sgrìobhadairean, no na h-Aithrichean a thainig an-deigh nan daoiné sin?—F.—Is iad na sgrìobhaidhean a tha saor o theagamh, na h-oibre aig Iustin Martir, Irenéus, Clemens-Alecsandrinus, Ciprian, Tertullian, Origen, agus cuid eile nach ‘eil cho ainmeil riutha sin. Tha caochladh oibre mealltach ann, a ta air an diultadh leis na h-uile.
C. 86.—Ciod an t-àm air an do sgrìobh na h-Aithrichean sin? F.—Sgrìobh Iustin mu’n bhliadhna 150. Sgrìobh Irenéus beagan bhliadhnaich ‘n a dheigh. Clemens-Alecsandrinus mu’n bhliadhna 190. Tertullian mu’n àm chéudna. Dh’fhuilig Ciprian am bàs’ mar mhartarach anns a’ bhliadhna 261. Bha Origen beò anns an linn chéudna.
C. 87.—Am bheil na sgrìobhadairean sin a’ labhairt air puing-aibh mu’m beilear a’ cònsachadh?—F.—Gle bheag. Agus anns na tha iad ag ràdh, cha n-ann air taobh nam Pàpanach a gheibhear am fianuis.
C. 88.—Ciod an linn anns an robh Augustine, Ierome, Crisostom agus Ambrose, beò?—F.—Anns a’ cheathramh linn, àm anns an robh saobh-chreidimh air meudachadh gu mòr anns an eaglais.
C. 89.—Ciod anis a tha thu ag ionnsuchadh o’n fhìrinn so, gu’n robh na sgrìobhadairean do’n ainm na h-Aithrichean beò, aimsir cho fad o làithean nan Abstol?—F.—Tha nach urrainnear amharc orra mar luchd-gleidhidh sàbhailt air teagasg nan Abstol. Cha n’eil iad-féin ag ràdh gu’m faodar an gabhail mar luchd-gleidhidh sàbhailt air an teagasg sin.
C. 90.—An urrainn thu cuis air-bith ainmeachadh anns an robh labhairt Chriosd air a mì thugisinn le ‘dheiscioibuil féin?—F.—Is urrainn mì. Ann an Eòin xxi., tha è sgrìobhte gu’n robh iomradh ameag nan deiscioibul, nach faigheadh Eòin bàs, ged nach robh stéidh air-bith aig a’ bheachd sin ann am briathraibh Chriosd féin.1

1 Eòin xxi. 20.—An sin air do Pheadar tionndadh, chunnaic e an deiscioibul a b’ ionmhuinn le Iosa, a’ leantuin; an ti mar an ceudna a luidh air uchd Iosa air a shuipéir, agus a thubhairt ris, A Thighearn, cò e a bhrathas thu? R. 21, Air do Pheadar esan fhaicinn, thubhairt e ri Iosa, A Thighearn, ciod a ni an fear so? R. 22, Thubhairt Iosa ris, Ma’s àill leam-sa e dh’ fhantuin gus an tig mi, ciod e sin duitse? Lean thusa mise. R. 23, Uime sin chaidh an ràdh so mach am meag nam bràithre, nach faigheadh an deiscioibul sin bàs: gidheadh cha dubhairt Iosa ris, nach faigheadh e bàs: ach, Ma’s i mo thoil-sa e dh’ fhantuin gus an tig mi, ciod e sin duitse?

C. 91.—Ged a b’ airidh béul-eachdraidh air creideas, am b’ urrainnear a rádh gu’m b’ eachdraidh fhìrinneach a tha ann am béul-eachdraidhean nan Aithrichean?—F.—Gu dearbh cha b’ urrainn; oir tha na h-Aithrichean a’ labhairt an aghaidh a chéile; ag eadar-dhealachadh ‘n am beachd ‘s ‘nan aithris. Cha n’eil maith ann am fianusean mearachdach. A bhàrr air sin, tha fianuis nan Aithrichean, ann an iomadh chùis chud-thromaich, a’ dol an aghaidh na Ròimh.—(Faic Manual, t. 6.)
C. 92.—Nach ‘eil an àithn ann an 2 Tes. ii. 15, a’ toirt barantais do bhéul-eachdraidh na Ròimh?1 F.—Cha n’eil idir. Cha n’eil an àithn sin ach a’ dearbhadh, gu’m bheil na theagaig na h-Abstoil le focal beòil, cho brìghmhor ris na theagaig iad anns an fhocal sgriobhte. Tha a’ chùis fathast mar bha i roimhe—is è sin, nach urrainn na Pàpanaich a dhearbhadh gu’m bheil am béul-eachdraidh aca-san o bhéul aoin de na h-Abstoil.

1 2 Tes. ii. 15.—Uime sin, a bhràithre, seasaibh gu daingean, agus cumaibh na teagasgàn a thugadh dhùibh, co dhiubh is ann le focal, no le ar litir-ne.

C. 93.—Am bheil Criosd anns an Sgriobtur, a’ diteadh a’ gnàthachaidh de’n goirear béul-eachdraidh an so?—F.—Thà. Tha è ‘labhairt air mar mhàthair do mhearachdan mòra.2

2 Mata xv. 3.—Ach fhireagair esan agus thubhairt e riu, C’ ar son a ta sibhse a’ briseadh àithne Dhé le bhuir gnàthachadh féin? Tha “Gnàthachadh” an so, agus ann an àitibh eile de’n Sgriobtur, mar ainm air “béul-eachdraidh,” no “béul-aithris.”

C. 94.—Càit am bheil Pòl a’ toirt rabhaidh dhùinn an aghaidh béul-eachdraidh?—F.—Anns na briathraibh so.3

3 Col. ii. 8.—Thugaibh an aire nach dean neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhlohainn, a réir beul-aithris dhaoine, a réir ceud-thoiseacha an t-saoghail, agus cha’n ann a réir Criosd.

C. 95.—Ciod è nis suim d’ argumaidean an aghaidh béul-eachdraidh?—F.—(1) Nach airidh iomradh, no ùr-sgeul ‘n a aonar, air creideas, eadhon, ann an gnòthuchaibh aimsireil na beatha so féin; is lugha na sin matà, is airidh air creideas, iomradh gun dearbhadh, gun chòmhdach, anns na nithibh a bhuineas do ‘n anam. (2) Is gle bheag a sgriobh na Priomh-aithrichean—iadsan a bhuineadh do’n cheud, do’n dara, agus do’n treas linn. (3) Is mi-réusanach a smuaineachadh gu’m b’ urrainnear bénl-eachdraidh a shìneadh anuas gun mhearachd, o bhéul gu béul, fad linntean, no iomadh ceud bliadhna. (4) Tha na h-Aithrichean a’ toirt dearbhaidh, le bhì ‘labhairt an aghaidh a chéile, nach ‘eil béul-eachdraidh o Dhia, air a h-earbsadh riuthasan. Tha Criosd agus an t-Abstol Pòl a’ toirt rabhaidh dhùinn an aghaidh béul-eachdraidh. (5) Is è béul-eachdraidh a b’ àrd aobhar do chlaonadh na h-eaglais Iudhaich.

(Ri leantuin.)

WE are requested to state that the Sketch of Ewen Cameron, Camusallach, is now sold out.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice