AIR dhomh bhi smuaincachadh san am so
Air a ghleann sa bheil mo chuairt,
Gun aite fuirich bhi ann dhomh,
Gun mo thuras an ro-bhuan;
Gach la is oidche le luathas aimhne
Gam ghiulain a null gu luath,
Gus am fosgail mi mo shiule
Far nach duin iad chaoich le suain.
Thainig bas a steach tre’ n pheacadh
Air gach neach tha n’diugh san fheoil;
Chan fhaodar le aon dol as uaithe,
Ann an ceartas gheibh e choir;
Leagaidh e’n daonachd gu h’iosal,
G’a na sinedadh foan fhoird
Theid an t’anam chuir air imrich
Mach a tim, le cabhaig mhòr.
Sgaoilidh e o’cheil am pailliunn
Chuireadh suas le lamh ar De,
Leagaidh e sios chum an lair e
Dheth cha n’fhag e bun no geug
Thugadh sgriob air feadh gach ail leis,
Mar gu saitht ann’t corran geur;
O, cha n’fhag e bun no barr dhinn
Ann’s an aite san dh’ fhas sinn fein.
Nuair fhuair e ughdaras o’ n airde,
Chaidh e mach air aithne Dhe,
Thosaich e aig teaglach Adhamh
‘S riabh cha dh’fhag e neach na dheigh;
‘S ma dh’eisdeas tu le aire an trath so
Chluinn thu fh’uaim am Parras fein;
Nuair a gheall an dara h’Adhamh
Seasamh ann an aite an treud.
Gheall E ann an Cumhnant Siorruidh,
Bhi tabhairt riarachadh ‘s gach ceum;
Don na bha Ceartas ag iarraidh
O’n an iafmad bu leis fein;
‘Sann nan aite a phaigh E fachan
Oir be miann a chridhe fein,
Nach biodh aon dhiubh aig an diabhul,
Chaoich mar chreich da fhiachlaibh geur.
Pheacaich sinn uile thaobh naduir
‘Sa cheud Adhamh mar ar ceann,
‘S cha ‘n eil creutair beo on lath sin
Nach d’fharach a phlaigh a bh’ann;
Mhothaich na h’aighlean a b’airde e
Ged nach buin ar nadur dhoibh,
‘S iad a faicinn Fear-an Graidh
A fulang nar n’aite air a chrann.
Clu gun robh do’n Ti as airde
A dh’ullaich Slanuighear dhuinn,
Gu bhi seasamh anns a bhearna
Mar an t-Urras laidir treun;
Dh’fhosgail E dhuinn rathad tearnaidh
‘Sann na bhàs tha t’slighe reidh,
Air a coisrigeadh na ghradh dhuinn
‘Steach a chaoidh gu fabhar Dhé.
Is diomhaireachd ro-mhor an Diadhachd
‘Criosd a bhi teachd anns an fheoil,
‘S E air fhoillseachadh mar chiochran
An’ crochadh air ciochan na h’oigh;
‘Sann an sud tha gaol neo-chriochnach
‘S tobar do fhior-uisege beo;
Leaghaidh sud an cridhe iorgallt
Mar ni ghrian air la rèota.
Bha ‘n gradh ud folaitch’ san Trionaid,
Chan fhacas riamh a cheann-thall,
‘S cha mho chithear le neach croich air
Tha e siorruith anns gach am;
Mun do chruthichadh an iarmailt,
Mun robh grian no gealach ann;
Ghabh e tamh ‘am Æarsa Chriosd
‘S faic coimhlionte e air a chrann.
Is iongantach E ‘an sealladh aingle
Oir ‘s E dhaighnich dhoibh an coir,
‘S E a chruthich a’s a rinn iad,
Seadh, sann Ann a tha iad beo;
Iad a faicinn Gloir an aoibhnais,
Dh’fhag ri linn Dha teachd do’n fheoil
Gu tabhairt air ais nam braighdean
Le’n ceannach air suim ro-mhor.
Bhasaich E na ‘n rùm ‘s nan àite,
‘S thug a ghradh E mhain do’n uaigh;
Dh’ fhuirich E innte tri laithean
Fo chumhaechd a bhais car uair;
Ach sann dhuisg E nach gun dail aist
Chreach E i gu brath dheth buaidh,
Faic a nis E, ‘s E air ardach—
Mar Immanueil Nam Buadh.
Faic an diugh E ‘s E air eiridh
Mar Ard-Shagart treun nam buadh,
E dol a steach le ‘iobairt-reite
Ann a lathair Dhe nan Sluagh;
Ainmean na h’uile treubh dhiu’
Air uchd-eididh fein dol suas,
Cha n’eil aon dhuibh sud nach d’ eirich
Comhla ris Fein as an uaigh.
O bu mhaith gu robh sinn dhiubhsan
Th’ anns a Chumhnant aige fein;
Ged bheireadh am bàs don uir sinn
Bh’ mid dluth Dha an sud fein,
‘S nuair thig là a mhor-chunntais
A leaghas gach duil mar cheir,
Cha bhris e idir na cuird ud
Tha gan ceanghal dlu ris Fein.
Is iongantach an ceanghal diomhair
‘Th’ eadar Criosd ‘us a chorp fein,
Cha bhi aon de bhuill nach iarr E
Gu bhi lionadh àite fein;
Theid iad uile steach na fhianuis
Mar oigh fhiorghlan ‘s gloinne sgeimh,
‘S brat do obair-ghréis mar dhion orr
Shoillsicheas mar ghrian na speur.
Faic an diugh E meadhon Parras
Mar a chraobh as aille sgeimh,
Gu bheil toradh feadh gach la orr’
Pomegranat chum slainte a threud,
Gheibh thu fasgadh agus blathas innt’
‘O na tairneanaich ‘s cruaidh beuchd
A chualas o shliabh Shinai
Bha bagradh ar bais gu leir.
Faic an diugh se n’ Baile Dion E
‘S luchd nam fiach a triall ‘ad dheigh ;
Feuch nach beir iad air an t’sliamh ort
Mar asal fhiadhaich ‘s tu gun srein ;
Ach ma gheibh thu thar ‘a chriochan
Cha chuir siorruitheachd ‘an ceill
Na comanean fo’ bi thu ‘Chriosda
A riarach ceartas fior-ghlan Dhe.
Seall a mach ri uamh an t’ sleibhe
Luathaich do cheum th’ig air falbh ;
Chi thu gun robh Faidh fein innte
Nuair a sheid a ghaoth ro-gharbh ;
Nuair bhtheas an talamh ‘s na neamhan
Gan sgaoiladh ‘o cheile le toirm,
Ma bhtheas tu innt cha ruig beud thu
Seasaidth tu mar chreutair foirf’.
Cuimhniceamaid so an trath so
Mun th’eid la na slaint air chul,
Nach ‘eil idir rathad tearnaidh,
Mar tha moran dhaoine an duil ;
Chan fhaigh urnaigh no fuar-chrabhadh
Chaoidh dhuinn aite stigh na chuirt,
Gus an loisgear sud mar lamhan
Chaoidh chan fhaigh saor-ghras a chliu.
Is dullich leam na bheil mi ‘radh’
Mar e toradh grais a th’ann,
Tha sud an diugh toirt iomadh cradh dhomh
E gam fhagail maoth is fann ;
Na comharcian a bha cho laidir
Na mo lamhan aig aon am,
‘N diugh cha leir dhomh aon air fair dhiubh
‘S ann a dh’fhas iad orm ro-ghann.
Bithidh mi nis ri comhdhunadh
‘S mor mo churam an diugh fhein,
Nach d’fhuair mi idir bhi dhiubhsan
Th’anns a Chumhnant aige Fein ;
Ach tha mi ‘n duil gur e mo dhurachd
Bhi sealltuinn a null ri neamh ;
Gu bhi faotainn gras as ur uaith’
Leis an cuir mi n’ erun air Fein.
RUARIDH FEARGHUSON,
Tarbert, Harris.