Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1910 » May 1910 » An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

(Continued from vol. xiv., page 471.)

URNUIGHEAN ANN AN CAINNT CHOIMHICH, NO ANN AN TEANGAIDH NEO-AITHNICHTÉ.

C. 114.—Ciod è cleachdadh na Ròimh anns a’ chùis so?—F.—Tha a h-aoradh follaiseach air a dheanamh ann an teangaidh neo-aithnichte, agus tha Comhairle Thrent ag ràdh, “Ma their neach air-bith gur còir an aifrioinn (Mass), an t-ainm a th’aca-san air a’ chomànachadh, a fhrithealadh amhàin anns an teangaidh chumanta, bitheadh è mallaichte.”[^5]

C. 115.—Ciod a thàtar a’ ciallachadh leis an teangaidh chumanta?—F.—A’ chainnt mhàtharail ann an dùthaich, no a’ chainnt a thugear leis an t-sluagh uile.

C. 116.—Agus marso tha an Ròimh a’ mallachadh na muinntir a their gur còir urnuigh a chur suas anns a’ chainnt a thugear leis an t-sluagh.—F.—Thà i; agus anns a’ chùis so, mar ann an cuisibh eile de ‘cuid mallachaidh, tha i ‘briseadh lagh’ an t-soisgeil—”Beannaichibh an dream a ta ‘deanamh géur-leanmhuinn oirbh; beannaichibh, agus na mallaichibh.”—Ròm. xii. 14.

C. 117.—Carson a tha thu ‘cur an aghaidh urnuigh a dheanamh ann an teangaidh neo-aithnichte?—F.—Do bhrigh gu’m bheil è mi-réusanta, an aghaidh an t-seann chleachdaidh, agus neo-sgriobtuireil.

C. 118.—Ciamar a tha è mi-réusanta?—F.—Tha réusan a’ teagasg gur còir urnuigh fhollaiseach a chur suas anns a’ chainnt a’s aithne do’n t-sluagh.

C. 119.—Ciamar a tha è ‘dol an aghaidh an t-seann chleachdaidh?—F.—Anns na céud linntibh, bha aoradh follaiseach air a dheanamh ann an cainnt aithnichte.

C. 120.—Ciamar an dhearbhhas tu sin?—F.—Tha Pàpanaich ionnsaichte iad-féin ‘g a aideachadh—is iad cuid dhiubh sin Lira, Cassander, agus feadhain eile.

C. 121.—Am bheil dearbhadh o’n Sgriobtuir air a’ chùis?—F.—Thà; is soilleir a tha an t-Abstol Pòl a’ labhairt air a’ chùis.[^6]

C. 122.—Ciod i a’ chainnt anns am bheil aoradh follaiseach eaglais na Ròimh air a dheanamh?—F.—Anns an Laidinn—cainnt mharbh—nach ‘eil anis air a labhairt ann an dùthaich air-bith, mar chainnt chumanta.

AN T-EADAR-DHEALACHADH EADAR PEACADH EUTROM AGUS PEACADH BASMHOR.

C. 123.—Ciod è an t-eadar-dhealachadh a tha an Ròimh a’ deanamh mu pheacadh?—F.—Tha i ag amharc air cuid mar pheacaidhean bàsmhor, no ‘leithid ‘s a mharbhas an t-anam, agus air cuid eile mar pheacaidhean eutrom, no beag, nach ‘eil toill-tinneach air bàs.

C. 124.—Am bheil aon pheacadh na’s an-tromaichte na aon eile?—F.—Thà; faodaidh cionta a bhi air ‘an-tromachadh, ach tha gach uile pheacadh bàsmhor; oir tha è ‘fágail an anama buailteach do ‘n bhàs.

C. 125.—Ciod è peacadh?—F.—”Is è peacadh briseadh an lagha.”—I Eòin iii. 4. Nis, is i a’ bhinn an aghaidh gach brisidh. “Is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann an leabhar an lagha, chum an deanamh.”—Gal. iii. 10. Air an aobhar sin, buinidh am mallachd do gach uile bhriseadh.[^7] “Is è tuarasdail a’ pheacaidh am bàs.”—Ròm. vi. 23. Bu bheag an cionta ann an sùilbh cuid, itheadh a’ mheas thoirmisgte, agus gidheadh, thug è am bàs agus ar truaighean uile, ‘stigh do’n t-saoghal.

RUNACHADH.

C. 126.—Ciod è teagasg na Ròimh mu rùnachadh?—F.—Thug Comhairle Thrent seachad an t-òrdugh so a leanas:—”Ma their neach air-bith nach ‘eil rùn a dheanamh na tha an Eaglais a’ deanamh, air iarraidh ann am ministearaibh, am feadh a tha iad ag ullachadh, agus a’ tabhairt nan sàcramaidean, bitheadh è mallaichte.”[^8]

C. 127.—Am bheil so air a ràdh mu na sàcramaidean uile?—F.—Thà, mu gach aon de na seachd.—(Faic Créud Phuis—EAR. 3.)

C. 128.—Ciod a nis a chithear o’n teagasg so?—F.—Tha nach urrainn neach air-bith a bhi cinnteach gu’m bheil fior shàcramaid aige idir, do bhrigh nach urrainn è rùn an t-sagairt ‘fhaicinn, no fios a bhi aige air. Faodar amaideas na cuise a rùsgadh marso—Mur bi rùn aig an t-sagart ann am frithealadh a’ bhaistidh do leanabh, gu’m bi am baisteadh éifeachdach, tha am baisteadh faoin; agus cha n’eil an leanabh air a ghabhail idir astigh do’n eaglais Chriosdail. Gabhar an leanabh sin, abair, a ta fo ainn a bhi air a bhaisteadh, ach gidheadh a ta ás eugais fior bhaistidh, an-deigh sin, astigh do dhreuchd na sagartachd, ach an lorg na ceudeasbhuidh a bha ‘n a bhaisteadh féin, is faoin ‘òrduchadh anns an dreuchd sin, agus is faoin, neo-fhèumail, gach sàcramaid a fhrithealar leis. Théid è tre ‘n riaghalt a’ coisrigeadh na gearraige, an abhlain, no na breacaig’ arain, ach cha choisrig-eadh idir è; agus cromaidh am pobull sios agus ni iad aoradh amhàin do ghearraig, no do bhreacaig. Fa dheòidh, faodaidh an sagart so a bhi air a dheanamh ‘n a easbuig, no ‘n a phàp, ach bithidh a ghnìomhran uile, mar à ‘ghnìomhran-san, faoin gun stà—bithidh iad uile faoin a-rèir beachd na Ròimh féin, an long na ceud ghaoid’, no easbhuidh rùnachaidh aig a bhaisteadh féin.

C. 129.—Ainnich cuid de nithibh a ta gle luachmhor do Phàpanach treibh-dhireach, agus a dh’-fhéumas mòr iom-cheist a chur air, fo’n teagasg rùnachaidh so?—F.—Cha n-urrainn è bhi cinnteach, (1) gu’m bheil è air a bhaisteadh ann an Eaglais na Ròimh, agus amach àiste cha n’eil teàrnadh, mar tha e-féin a’ creidsinn. (2) No, gu’m bheil è air a shaoradh o na peacaidhean a dh’-aidich è, agus mar sin, an-deigh gach uile ni, gu’m faod è ‘dhol do ifrinn gu siorruidh. (3) No, gur fior aifrinnean na h-aifrinnean a rinneadh, a chum ‘anam a thoirt amach ás a’ Phurgadair. (4) No, gur fior ùngadh-criche, an t-ùngadh deireannach a fhuair è. (5) No, ma’s fear-pòsd’ è, cha n-urrainn è ‘bhi cinnteach co dhiubh à tha è air a’ phòsadh, no beò ann am peacadh. (6) No, nach ‘eil è ciontach ‘an iodhol-aoradh, ‘nuair a tha è a’ deanamh aoraidh do’n ni ris an abair è “an t-Abhlan coisrigte” (wafer).

C. 130.—Ach ma, ghabhas am Pàpanach sagart onorach, nach faod è, an sin, earbsa ‘bhi aige gu’m bi a chùis ceart?—F.—Cha n-fhaod; do bhrigh nach urrainn rùn onorach anns an t-sagart a ta ‘frithealadh, a’ ghaoidh a thainig ànn-féin o easbhuidh rùnachaidh air tìs, a leigheas; ma bha easbhuidh rùnachaidh sam-bith ann an sagart air-bith de ‘n àireamh shagart a chaidh òrduchadh, an-deigh a chèile, o thoiseach na sagartachd Pàpanaich.

C. 131.—Ciamar a tha an teagasg so a’ nochdadh neo-sheasmhachd eaglais na Ròimh?—F.—Tha, le i a bhi ag agairt còir air neo-mhearachdas, agus an-deigh sin, cha n-urrainn i a pobull a dheanamh cinnteach, eadhon air a bonnachairibh féin, gu’m bheil aon sàcramaid aca, no gu’m bheil eaglais Chriosdail idir aca.—(Faic Rùnachadh ‘s an IUCHAIR.)

NA SEACHD SACRAMAIDEAN.

C. 132.—Ciod i sàcramaid?—F.—Comharradh o’n taobh muigh, air ‘òrduchadh le Criosd féin, mar mheadhon gràis.

C. 133.—Am bheil na sàcramaidean gu cinnteach a’ buileachadh gràis air na h-uile a ghabhas iad?—F.—Cha n’eil; féumar an gabhail air mhodh iomchuidh, air-neo meudaichidh iad diteadh a’ pheacaich. Ghabh Simon Mágus am baisteadh, agus gidheadh, cha robh è air ‘ath-nuadhachadh leis.[^9] Tha an t-Abstol a’ teagasg gu soilleir, nach leòr, mar ghnìomh leis-féin amhàin, Suipeir an Tighearna a ghabhail.[^10]—(Ceist 72.)

C. 134.—Ciod i an t-sochair a tha gabhail na sàcramaid a’ buileachadh a-réir teagaisg eaglais na Ròimh? —F.—Is è teagasg neo-sgriobtuireil na Ròimh gu’n bheil gabhail na sàcramaid, leis-féin amhàin, a’ buileachadh gràis air gach neach a ghabhas i. Tha eaglais na Ròimh ag ràdh:—

“Cò-air-bith a their nach ‘eil gràs air a bhuileachadh le sàcramaidibh so an lagha nuaidh, an long a’ ghniomh’ a ta air a choimhliionadh, ach a their gur è creidimh ann an gealladh Dhia amhàin a ta féumail a chum gràs ‘fhaotuinn, bitheadh è mallaichte.”—(Comhairle Thrent, Sess. 7, Can. 8.)

C. 135.—Cia lion sàcramaid a tha aig an Eaglais Phròtastanaich, no agad-sa? —F.—Dà shàcramaid. Am Baisteadh agus Suipeir an Tighearna, no an Comànachadh.

C. 136.—Cia lion sàcramaid a tha aig eaglais na Ròimh? —F.—Seachd, na dhà a chaidh ainmeachadh roimhe so, eadhon Baisteadh agus Suipeir an Tighearna, no’n Comànachadh, agus maillle riutha sin, còig sàcramaidhean mealltach eile, is iad sin Daingneachadh (no dol fo làimh an easbuig), Peanas, Ungadh-criche, Orduighean (no òrduchadh dhaoine gu dreuchd na sagartachd), agus Pòsadh.—(Créud Phuis, EAR. 3.)

C. 137.—Carson a tha thu ‘diùltadh nan còig sàcramaidean ùra so? —F.—Do bhrigh nach ‘eil ùghdarras sàcramaid aca, cha n’-eil a-réir nochdadh na Ròimh féin.

C. 138.—Ciod iad na nithe anns am bheil fior shàcramaid a’ co-sheasamh? —F.—Ann i bhi air a h-òrduchadh le Dia agus maillle ri sin, sàmhladh faicsinnseach air a’ ghràs a tha e-féin a’ gealltuinn innte.

C. 139.—Ciamar a tha am Baisteadh agus Suipeir an Tighearn a’ freagairt do na nithibh a ta féumail do shàcramaid? —F.—Tha iad a’ freagairt do na nithibh sin, do bhrigh gu’n robh iad araon air an òrduchadh le Criosd agus gu’m bheil sàmhlaidhean ànnta. Is è “uisge” sàmhladh a’ Bhaistidh, “aran agus fion” sàmhladh Suipeir an Tighearna.

C. 140.—Dearbh anis, matà, ciamar nach fior shàcramaidean na còig sàcramaidean ùra.—F.—(1) Cha robh Daingneachadh air a shuidheachadh le Criosd. Is òrdugh clèir amhàin è anns an eaglais Shasunnaich. (2) Cha robh Peanas air a shuidheachadh le Criosd. Cha n’-eil ùghdarras air-bith air a shon anns a’ Bhiobull. (3) Cha robh Ungadh-criche air a shuidheachadh le Criosd, mar chì sinn na’s soilleir’ an-deigh so. (4) Bha òrduighean air an suidheachadh le Criosd, ach cha d-òrduich è sàmhladh o’n taobh muigh, cosmhuil ris a’ chupan-chomànaichadh no cupan na sàcramaid, mar tha è air a thoirt do shagartaibh ann an eaglais na Ròimh. (5) Bha am Pòsadh air òrduchadh o shean ann an gàradh Edein. Air an aobhar sin, cha shàcramaid de’n lagh-nuadh è.

C. 141.—Cuin a bha na còig sàcramaidean ùra so air an gabhail, no air an aideachadh mar shàcramaidean leis an Ròimh? —F.—Air tìs, ann an Comhairle Fhlorence, anns a’ bhliadhna 1439. (Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice