Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1910 » June 1910 » An Leabhar-Cheist Protastanach, le Ian Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

An Leabhar-Cheist Protastanach, le Ian Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

(Continued from page 31.)

AM PURGADAIR.

C. 142.—Ciod è Purgadair a-réir beachd na Ròimh?—F.—Aite planaidh anns am bheil a’ muinntear a bhàsaicheas ann am peacadh eutrom, no iadsan nach do phàidh peanas aimsireil a’ pheacaidh, a’ dioladh an cionta, mu’n gabhar astigh do nèamh iad.—(Créud Phuis IV., EAR. 6.—Faic Purgadair—IUCHAIR.)

C. 143.—Ciod iad an dà phosta mhealltach air am bheil am Purgadair air a shuidheachadh?—F.—(1) An t-eadar-dhealachadh eadar peacadh eutrom agus bàsmhor. (2) Sìneadh peanas aimsireil a’ pheacaidh gu taobh thall na h-uighe; no sùil ri maithenas peacaidh an-deigh a’ bhàis.

C. 144.—Leig ris nach urrainnear a dhearbhadh leis na briathraibh ann am Mata v. 25-26, gu’m bheil Purgadair ànn.
Mata v. 25.—Bi réidh ri d’ eascaraid gu luath, am feadh a bhios tu maill ris ‘s an t-slighe; air eagal gu’n toir an t-eascaraid thairis thu do’n bhreitheamh agus gu’n toir am breitheamh thu do’n mhaor, agus gu’n tìlgear am pròsan thu. R. 26. A ta mi ag ràdh riut gu firinneach nach téid thu mach as a sin, gus an ioc thu an fheòirling dheireannach.

F.—(1) Tha am peacach an so air a nochdadh leis an fhèichneair aig nach ‘eil ni sam-bith leis am pàidh è a chuid fiachan. Air an àobhar sin, féumaidh è fantuinn anns a’ phriosan gu bràth. (2) Tha cinn-theagaig air an gabhail ann am Biobull Dhouidh (Biobull nam Pàpanach), a chum a dhearbhadh gu’m faodar am focal “gus” (til) a chur roimh uin air nach tig croich, agus an lorg sin, nach ‘eil è an còmhnuidh air a chur roimh uin shònruchte. Chithear o sin, gu’m faod am féichnear, a tha gu fantuinn anns a’ phriosan “gus” an ioc è an fheòirling dheireannach,” fantuinn ànn gu slorruidh.
“Tha, mise ànn, gus am fàs thu sean. Co a tha cho an-dàna ‘s a ràdh o sin, deir Biobull Dhouidh ann am focal-mhineachaidh air Mata i. 25, gu’n tig croich air bith Dhé?”

C. 145.—Ciod a tha thu ag ràdh ri Mata xii. 32?
Mata xii. 32.—Agus ge b’e neach a labhras focal an aghaidh Mhic an duine, maithear dha e; ach ge b’e neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t-saoghail so, no anns an t-saoghail a ta ri teachd.

F.—Tha Criosd an so a labhairt air a’ pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh, peacadh nach faigh maithenas a chaoidh, agus cha n’-eil anns a chainnt ach amhàin aithris làidir air an fhlirinn sin. Cha n-urrainn so a dhearbhadh gu’m bheil peacadh air a mhaithheadh anns an ath shaoghal; do bhrigh nach urrainn am peacach tighinn amach ás a’ phriosan “gus an ioc è an fheòirling dheireannach.” Ma tha locadh ri bhi air a dheanamh anns a’ phurgadair, cha n’eil nì sam-bith gu bhi air a mhaithheadh anns an t-saoghal ri teachd!
Marc. iii. 29.—Ach ge b’e labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha’n fhaigh e maithenas a chaoidh, ach a ta e an cunnart peanas shiorruidh.
Mata v. 25.—Faic an Ceann-teagaig so fo Cheist 144.

C. 146.—Ciod a tha thu ag ràdh mu na briathran so a leanas?
I Cor. iii. 13.—Nithear obair gach aoin duine follaiseach: oir nochdaidh an là i, do bhrigh gu’m foillsichear i le teine; agus dearbhaidh an teine obair gach aoin, ciod is gné dhith. R. 14, Ma dh’fhanas obair neach sam bith a thog e air, gheibh e duais. R. 15, Ma loisgear obair neach sam bith, fuiligidh e call: ach saorar e-féin; gidheadh mar tre theine.

F.—(1) Na’m b’ ann air purgadair a bha an Sgriobtur sin a’ labhairt, dhearbhadh è gu’m féum “gach aon” duine dol do’n àit sin, nì nach ‘eil Eaglais na Ròimh féin a’ teagasg. (2) Tha an teine mar thàtar ag ràdh, a’ dearbhadh, cha n’ann a’ glanadh, ach is è teagasg na Ròimh gu’m bheil an teine a’ glanadh. (3) Tha an t-Abstol a’ labhairt ‘an so air obair mhinstearan, agus cha n’ann air oibrbh nan Criosduidhean uile. “Ma dh’fhanas obair” a’ mhinstèir; ma gheibhear treibh-dhireach a’ muinntear a rinn esan a ghabhail astigh do’n eaglais, ni è gairdeachas air là a’ chùnntais, ‘nuair a bhitheas iad air an dearbhadh le teine a’ bhreitheanais, ach mur faighear treibh-dhireach iad, fuiligidh è càll—caillidh è an gairdeachas a ghabh è annta.

C. 147.—Ciod è seadh nam briathran so am an 1 Peadar iii. 18-20?
I Peadar iii. 18.—Oir dh’fhuilg Criosd féin aon uair air son pheacanna, am firean air son nan neo-fhirean (chum gu’n tugadh e sinne gu Dia), air dha bhi air a chur gu bàs ‘s an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad. R. 19, Leis an deachaidh e mar an ceudna, agus an do shearmonaich è do na spioradaibh ann am priosan. R. 20, A bha o shean eas-ùmhal, ‘nuair ‘a dh’fheithfad-fhulangas Dé aon uair ann an làithibh Noah, am feadh a bha àire ‘g a h-ulluchadh, anns an robh beagan, sin r’a ràdh, ochd anaman, air an tearnadh tre uisge.

F.—(1) Cha n’ann air a’ phurgadair a tha na briathran sin a’ labhairt idir; oir air do na Cul-d’lich (no muinntear an t-seànn saoghal), a bhi eas-ùmhal, no “neo-chreidmheach,” mar tha eadar-theangachadh Dhouidh ag ràdh, bhàsaich iad ann am peacadh bàsmhor. Théid iadsan a tha ciontach de neo-chreidimh, no de pheacadh bàsmhor, a-réir na Ròimh, do phriosan na h-ifrinn. (2) Bha Criosd “air a bheothachadh tre an spiorad leis an deachaidh è mar-an-céudna, agus an do shearmonaich è do na spioradaibh ann am priosan.” Is ann leis an Spiorad Naomh ann an Noah a shearmonaich Criosd dhoibh. Bho sin goirear “searmonaiche fireantachd” de Noah. (3) Tha am priosan so a’ ciallachadh an dara cuid, priosain a’ pheacaidh anns an robh na cul-d’lich air an cumail, am feadh bu bheò iad, ‘nuair a bha Noah a’ searmonachadh dhoibh, no priosan na h-ifrinn anns an robh iad ‘nuair a sgriobh Peadar na briathran so.
2 Peadar ii. 5.—Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gu’n do shaor e Noah an t-ochdamh pearsa, searmonaiche fireantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mi-dhiadhaidh.

C. 148.—Ciod an tagradh a tha aig eaglais na Ròimh mu fhuasgladh anaman anns a’ phurgadair?—F.—Tha i a’ teagasg gur urrainn i am peanas a ghiorrachadh le litrichean-maitheanais (indulgences) agus le iobairt na h-aifrin.

C. 149.—Ciamar a gheibh Pàpanaich litir-mhaitheanais?—F.—Le gnìomhran àraid a dheanamh—ùrnuighean àraid a chur suas, agus le bhi ann an co-chomunn ri bràthaireachas, no ri cuideachdaibh àraid, mar tha comunn “an Scapulair,” “an Còrd aig Naomh Francis,” “an Cridhe Naomh,” agus le saothrachadh a chum Pròtastanaich a dheanamh ‘n am Pàpanaich.—(Faic Manual, t. 185.)

C. 150.—Ciamar a gheibhear iobairt na h-aifrin a chur suas?—F.—Le aigiod. Mar is mò an t-suim aigiod, is ann is mò an t-sochair; agus mar so, a-réir eaglais na Ròimh, tha mòr chothrom aig daoine saoibhir thairis air daoine bochda.

C. 151.—Ciamar a chithear an-iochdmhorachd nan sagart anns a’ chùis so?—F.—Tha iad a gabhail orra féin comas a bhi aca air anamaibh ‘fhuasgladh às a’ phurgadair, agus gidheadh, cha chuir iad suas afrionn, ach amhàin a-réir an tomhais aigiod a phàidhear dhoibh.
Nis ma tha an sagart a’ làn-chreidsinn gu’m bheil anam a cho-chrèutair air a phlanadh anns a’ phurgadair, nach an-iochdmhor an duine è a dh’fhàgadh an t-anam sin ann am pian fad chòig mionaidean, ma tha comas aige ‘fhuasgladh as an dòruinn? Ma’s duine an sagart aig am bheil gràdh idir do anamaibh dhaoine, nach bu chòir dhà am fuasglaich a pian, gun dàil air-bith, ma tha comas aige sin a dheanamh, agus tha eaglais na Ròimh ag ràdh gu’m bheil? Carson matà, nach fuasgail è iad mar bi aigiod air a phàidheadh air an son? Mò thraighe ladsan aig nach ‘eil caraid a phàidheas air an son! Bithidh iad sin air am pianadh gu slorruidh, agus an sagart ag ràdh gu’m bheil comas aige am fuasglaich a prìosan a’ phlanaidh! An-iochdmhor! An-iochdmhor!—EADAR.

C. 152.—Ciamar a tha daoine bochd a’ feuchainn ri aifrinnean ‘fhaotuinn airson an càirdean a chaochail.—F.—Tha iad a’ dol astigh ann an “comunnaibh purgadarach” do’m bheil iad a’ pàidheadh suim àraidh air gach seachduin, a’ smuaineachadh, fo dhòchas faoin, gu’n seas gach suim a phàidheas iad, air an son ann am banca spioradail a’ phurgadair air ‘fhosglaich leis na sagartaibh.—(Faic Manual, t. 24.)

C. 153.—An urrainn na sagairt a ràdh le cinntes, ciod an àireamh aifrinnean a ni an gnothach, no a’s leòr a chum anaman ‘fhuasgladh às a’ phurgadair?—F.—Cha n-urrainn. Cha n’eil iad idir a’ gabhail os-làimh sin a deanamh. Cha n’urrainn iad innseadh ciod an t-àm air am fàg an t-anam am purgadair.

C. 154.—Ciamar, mata, ‘tha thu-féin ag amharc air an innleachd so?—F.—Mar innleachd a tha ‘deanamh malairet air anamaibh, agus mar chuilbheart ro mhealltach, aindiadhaidh.

C. 155.—Air dhuinn ‘fhaicinn anis nach ‘eil ùghdarras air-bith aig a’ phurgadair anns an Sgriobtuir, dearbh cionnus a tha é ‘dol calg-dhireach an aghaidh an Sgriobtuir.—F.—Anns a’ cheud àit, tha è a’ labhairt an aghaidh teagaig an Sgriobtuir a ta ‘foillseachadh gu’m bheil tearnadh iomlan ann an Criosd.
Eòin v. 25.—Gu deimhin deimhin a ta mi ag ràdh ribh, An ti a dh’èisdeas ri m’fhocal-sa, agus a ta ‘creidsinn anns an ti a chuir uaih mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e chum ditidh; ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha. Ròm. viii. 1.—Air an aobhar sin cha’n eil a nis diteadh sam bith do’n dream sin a tha ann an Iosa Criosd, a tha ‘gluasad cha’n ann a réir na feòla, ach a réir an Spioraid. R. 33, Cò a chuireas coire sam bith a leth daoinn taghta Dhé? Is a Dia a dh’fhreannaicheas. R. 34, Cò a dhiteas? Is e Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’éirich a ris, agus a ta air deas làimh Dhé, neach a ta mar an ceudna a’ deanamh eadar-ghuidhe air ar son-ne. Ephes. i. 7.—Anns am bheil againne saorsa tre ‘fhuil-san, maithneas nam peacadh, a réir saoibhreis a ghràis. Ephes. iv. 32.—Agus bithidh caoinmheil teò-chridheach d’a chéile; a’ toirt maithneanas d’a chéile, eadhon mar a thug Dia maithneanas dhuibhse ann an Iosa Criosd. Col. ii. 13.—Agus sibhse a bha marbh ‘n ‘ur n-euceartaibh agus ann an neo-thimchioll-ghearrachd bhur feòla, bheothaich e maille ris, a’ maithheadh dhuibh nan uile eucairt. Eabh. i. 3.—Neach air bhi dha ‘n a dhealradh a ghloire-san, agus ‘n a fhior iomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithe le focal a chumhachd, ‘nuair a ghlan e ar peacanna troimh féin, shuidh e air deas làimh na mòrachd anns na h-ardaibh. Eòin i. 7.—Ach ma ghluaiseas sinn anns an t-solus, mar a tha esan ‘s an t-solus, tha comunn againn r’a chéile, agus glanaidh fuil Iosa Criosd a Mhic sinn o gach uile pheacadh. Taisb. vii. 14.—Agus thubhairt mi ris, A Thighearn, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, is iad so iadsan a thàinig á h-amhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.

C. 156.—Ciod tuilleadh anns am bheil am purgadair an aghaidh an Sgriobtuir?—F.—Tha è ‘cur an aghaidh teagaig an Sgriobtuir a tha ‘foillseachadh, ‘nuair a gheibh an creidmheach bàs, gu’n téid ‘anam air ball do nèamh.
Lùc. xxiii. 43.—Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhin a ta mi ag ràdh riut, gu’m bi thu maillle riumsa an diugh ann am pàrras. Cor. v. 1.—Oir a ta fios againn, n’an sgaolteadh o chéile ar tigh talmhaidh a’ phàilliuin so, gu’m bheil againn aitreach o Dhia, tigh nach do thogadh le làmhaibh, siorruidh anns na nèamhaibh. Cor. v. 8.—Tha deadh mhisneach againn, agus bu ròghnuiche leinn gu mòr a bhi air choigrich às a’ cholùinn, agus a bhi làthair maillle ris an Tighearn. Philip. i. 21.—Oir dhomh-sa bhi beò is e sin Criosd, agus bàs fhaotainn is buannachd dhomh so. R. 23, Oir tha mi air mo theannachadh eadar dhà nì, air dhomh bhi togarrach air siubhal, agus a bhi maillle ri Criosd; oir is e so a’s ro fhearr. Taisb. xiv. 13.—Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgriobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs ‘s an Tighearn, à so a mach: Seadh, a ta an Spiorad ag ràdh, chum gu’m faigh iad fois o’n saothair; agus leanaidh an oibre iad.

(Rì leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice