(Continued from page 76.)
CATHAIR A’ PHEANAIS.
C. 157.—Ciod è teagasg na Ròimh mu pheanas?—F.—Tha i a’ teagasg gu’n do shuidhich Dia cathair air thalamh airson maitheanas peacaidh—cathair, no cuirt anns am bheil è fiachaichte air a’ pheacach mar chiontach, no mar fhearaithreachais, ‘uile pheacaidhean bàsmhor aideachadh, a chum maitheanas ‘fhaotuinn, agus anns am bheil comas aig an t-sagart mar bhreitheamh, air saoradh, no maitheanas a thoirt dà gu laghail.
FAOSAID.
Thigeamaid anns a’ cheud àit, air faosaid; ‘s an dara h-àit air saoradh; agus anns an treas àit, air riarachadh.
C. 158.—Ann a’ cheud àit, tha thu ag àicheadh gur è dleasanas a’ phobhuill am peacadh aideachadh do’n t-sagart, no faosaid a dheanamh ris. Ciod a tha thu ag ràdh ris na briathraibh so ann Litir Shéumais v. 16?¹
F.—Tha an Sgriobtuir sin a’ labhairt—(1) Air na lochdan a ni aon duine air duine eile agus a’s còir dhuinn aideachadh do chach a chéile. (2) Tha è ‘cur an aghaidh aideachadh, no faosaid a dheanamh do shagart agus mòran na’s mo na sin, an aghaidh aideachadh cagarach no dìomhair a dheanamh, is è sin ri ‘ràdh, cagar na cuise ann an cluais an t-sagairt. Na’m b’ è aideachadh a dheanamh do’n t-sagart, a bha air ‘aithneadh anns na briathran sin, cha n-abradh an t-Abstol “aidichibh bhur lochdan d’ a chéile,” ni a ta ‘ciallachadh gu’m bheil è cho mòr mar dhleasanas air an t-sagart aideachadh a dheanamh do aon de ‘n phobull, agus a tha è air aon de’n phobull aideachadh a dheanamh do’n t-sagart.
C. 159.—Ciamar a mhinicheas tu na cinn-theagaig so a leanas, agus a ta air an gabhail leis na Pàpanaich a neartachadh barail so na Ròimh?¹
F.—Cha n’eil na briathran sin a’ labhairt idir air aideachadh cagarach no dìomhair do shagart, ach air aideachadh follaisach an làthair nan uile.
C. 160.—An saoil thu am bheil è laghail do Chriosduidh, air àm deuchainn, a chomhairle a chur ris a’ mhinistear aige, no ri bràthair anns an tréud?—F.—Tha sin, cha n’è mhàin laghail, ach fèumail. Ach tha eadar-dhealachadh mòr eadar sin agus an obair-aideachaidh a gheibhear aig Pàpanaich, Pusaitich agus Irbhinich, far am bheil an sagart a’ gabhail air-féin a ràdh, gu’m bheil ùghdarras aige bho Dhia làn aideachadh làrraidh o gach neach—agus a’ cumail amach gur e-féin fear-ionaid Chriosd, agus gu’m bheil comas aige, le “Absolvo te” (is è sin ri ràdh, tha mì ‘toirt maitheanais dhuit), maitheanas a thoirt do’n anam an làthair Dhé, agus ag ràdh gur ànn troimhe-féin amhàin a gheibhear tearnadh, mur cuis àraid no anabarrach a bhiteas ànn.
C. 161.—Am bheil an obair-aideachaidh so a’ toirt comais nach ‘eil dligheach do shagartaibh?—F.—Thà; leis an obair so, gheibh iad fios air uile rùnaibh dìomhair theaghlachean agus eadhon righrean. Innsidh seirbhisich gnothaichean am maigh-stearan, mnathan gnothaichean am fearpòsda agus luchd-riaghlaidh ‘us righrean gnothaichean na rìoghachd. B’ àbhaist do shagart-faosaid Righ na Fraig’ a ràdh, “Le mo Dhia ann mo làimh ‘us mo Righ aig mo ghlùin, Co a’s àirde na mise ‘an cumhachd no ‘n clù?”
C. 162.—Càit am bheil an fhaosaid air a deanamh?—F.—Anns an àit a’s goireasaiche. Thatar a’ cleachdadh a deanamh ann an crannaiag-na-faosaid a tha air a cur suas ann an eaglaisibh, ach gu tric ann an seòmar uaigneach—seòmar an t-sagairt féin, no ann an tigh an neach a ta ag aideachadh, no ‘g a fhaosaid féin ris an t-sagart.
C. 163.—Ciamar a tha an fhaosaid air a deanamh?—F.—Bithidh an sagart ‘n a shuidhe agus am fear-aithreachais a ta ag aideachadh, air a ghluinibh ri ‘thaobh, a’ cagar a chuid peacaidhean ann an cluais an t-sagairt.
C. 164.—Ciod è nàdur a’ chòmhraidh a bhitheas aig an fhaosaid?—F.—Ciod ach nàdur gle thruailidh, salach, faodaidh tu bi cinnteach; oir is è am peacadh cuis-labhairt na faosaid. Aig an aideachadh so, théid gach smuain rapach, gràineil a thainig ann an cridhe neach, agus gach droch gnìomh a rinn è, no ‘b’ àill leis a dheanamh fad na bliadhna, a thaomadh astigh ann an cluais an t-sagairt.
C. 165.—An è do bheachd anis gu’m bheil an cleachdadh so a’ treòrachadh gu mi-bhéus?—F.—Is è. Tha inninn an t-sagairt air a truailleadh le bhi air a deanamh ‘n a h-ait-gleidhidh do shalchar a thréuda, agus arist faodaidh è fàth a ghabhail o’n fhios a fhuair è, chum a dhroch-bheairtean féin a chur air aghaidh. Faodaidh sagart sanas a thoirt gu Pròtastanach a mhortadh, agus an-deigh sin, am mortair a shaoradh, no maitheanas a thoirt dà aig stòl na faosaid.
C. 166.—Carson a tha thu an aghaidh faosaid, no aideachaidh chagaraich?—F.—(1) Tha do bhrigh gu’m bheil è gun ùgh-darras. (2) Is briseadh è air còir Dhia: Is còir dhuinn aideachadh do Dhia agus Dhà-san amhàin.1 (3) Tha so a’ toirt cumhachd chronail do’n t-sagart; ‘nuair a bhiteas fios aige air na h-uile rùnaibh dìomhair, bithidh làn chomas aige thairis air a luchd-faosaid. (4) Tha an obair so mi-bhéusach ‘n a h-aomadh ‘us ‘n a deanadas: Labhraidh an sagart, agus tha è gu h-àraid air a theòr-achadh agus air a theagasg gu labhairt air nithibh nach buin dà, ri frionnaich ‘us boirionnaich.—(Faic Liguori, Dens, &c.)
SAORADH, NO MAITHEANAS SAGAIRT.
C. 167.—Ciod è teagasg na Ròimh mu shaoradh?—F.—Tha i a’ teagasg gu’m bheil an sagart a’ maitheadh, cionta, no ‘saoradh mar bheir breitheamh làn mhaithenas.2
C. 168.—Am bheil eaglais na Ròimh ag iarraidh buaidh-inntinn sam-bith, a chum an saoradh a dheabamh éifeachdach? — F.—Tha i ag iarraidh spiorad bruite ‘bhi aig neach, no an car a’s lugha, duilichin,—tha ‘bhruiteachd so leis am beilear a’ ciallachadh bròin airson peacaidh, a’ sruthadh o ghràdh Dhia; duilichin, o eagal na h-ifrinn.
C. 169.—Ciod anns am bheil an teagasg so mearachdach? — F.—Ann a bhi ‘g ràdh gu’n dean saoradh le sagart cionta agus peanas slorruidh a’ pheacaidh a mhaiteadh, agus mur chùis ro chomharrachtaiche a bhitheas ànn, nach urrainnear maithheanas ‘thaotuinn ás éugais an t-saoraidh so.
C. 170.—Ciamar a mhìnnechas tu na briathran so ann an Eòin xx. 23, a tha eaglais na Ròimh a’ gabhail a neartachadh a barail mu shaoradh, mo mu fhuasgladh o pheanas?¹
F.—(1) Tha na Pàpanaich, mar is àbhaist doibh, ag ràdh gu dian gur ann umpa-féin amhàin a tha focal “sibh,” anns a’ cheann-theagaig so, air a labhairt, ged tha é air a labhairt ris na h-eaglaisibh Criosdail uile. (2) Cha n’eil na Pàpanaich féin a’ gabhail nam briathran so ann an seadh litireil. Ma ghabhar iad ann an seadh litireil, bha comas aig na h-Abstoil maithheanas a thoirt do neach air-bith, no neach air-bith a dhiteadh, mar a b’ àill leò. Ach tha na Pàpanaich ag iarraidh bruiteachd spioraid, no duilichin a bhi anns an fhear-aithreachais. (3) Eadhon, ged robh comas peacaidh a mhaiteadh air a thoirt le Criosd do na h-Abstoil, cha n’eil dearbhadh ànn gu’n d’-fhágadh an comas sin an-deigh am bàis aig neach air-bith eile. (4) Tha è soilleir nach robh comas peacaidh a mhaiteadh air a thoirt do na h-Abstoil; oir cha do ghabh iad os-làimh, an àit air-bith, peacaidh a mhaith-eadh; gidheadh, tha Eaglais na Ròimh a’ slor-ghabhail oirre-féin peacaidh a mhaiteadh. (5) Tha seadh nam briathran so gle shoilleir. Bha Criosd a’ cur amach nan Abstoil a shearmonachadh an t-soisgeil do gach créutair; agus a chum am misneachadh, tha è ag ràdh. “Cò-air-bith iad d’ am maith sibh am peacanna, tha iad maithte dhoibh; agus cò-air-bith iad d’ an cum sibh am peacanna gun am maiteadh, tha iad air an cumail.” Mar gu’n abradh è, cò-air-bith d’ am maith sibhse am peacanna le searmon-achadh an t-soisgeil, mar mheadhon fo mo làimh-sa, tha iad maithte dhoibh, ach cò-air-bith do nach dean searmonachadh an t-soisgeil leibh-se, mar mheadhon, am peacanna a mhaiteadh, agus cò-air-bith mu’m faodar a ràdh mar so, gu’m bheil am peacanna air an cumail leibh-se, tha iad air an cumail; oir an soisgeul, am feadh is “boltrach beatha chum beatha” do chuid è, is “boltrach bàis chum bàis” è do chuid eile. (6) Tha è soilleir, eadhon o theagasg nan Abstoil gur è sin seadh nam briathran. Dh’ àithn Criosd dhoibh an soisgeul a shearmonachadh, ag
Innseadh dhoibh gu’m bitheadh na bha air a dheanamh agus air ‘fhoilleachadh leo-san ann an searmonachadh an t-soisgeil, air a dhaingneachadh air nèamh. Lean na h-Abstoil àithn Chriosd. Shearmaonach iad an soisgeul do pheacaich, gu díleas; agus a mheud ‘s a chreid ann an Criosd fo shearmonachadh nan Abstol, thugadh maitheanas dhoibh: ach iadsan uile nach do chreid, dh’-fhàgadh fo’n diteadh iad. Cha dubhairt aon de na h-Abstoil riamh, “Absolvo te,” is é sin air eadar-theangachadh, “tha mise ‘g a do shaoradh,” no tha mis’ a’ toirt maitheanais dhuit. Is ann le Dia1 féin ambhain a tha fuasgladh agus maitheanas air a thoirt tre chreidimh ann an Criosd.2
C. 171.—Ciamar a tha thu ‘tuigsinn nam briathran so ann am Mata xviii. 18, mu cheangal agus mu fuasgladh?3
F.—Tha na briathran sin a’ labhairt amhain air a’ chomas a thugadh do na h-Abstoil mar luchd-suidheachaidh agus mar luchd-riaghlaidh na h-Eaglaise Croisdail. Bha ùghdarras acasan, mar luchd-teagaig o Dhia, nithe féumail a theagasg, ‘fhuasgladh, no ‘cheadachadh do’n t-sluagh, agus nithe mi-fhéumail a cheangal, no ‘thoirmeasg4 ameasg an t-sluagh. Mar sin, is è brigh nam briathran, gu’m bitheadh gach nì a dheanadh iadsan, ann an riaghlaidh na h-Eaglais a-réir toil Dé agus a-réir teagaig an t-soisgeil, taitneach do Dhia, agus air a cheangal, no air a dhaingneachadh leis air nèamh. Ach cha tugadh an comas, no an gealladh so do neach sam-bith, no do chomunn sam-bith an-deigh nan Abstol, agus geda bheirteadh, bhuneadh è do na h-eaglaisibh uile co-ionann.5—(Faic Ceist 34-37.)
C. 172.—Tha thu ag àicheadh gu’m bheil comas aig an t-sagart peacadh a mhaitheadh; am bheil tuilleadh dearbhaidh agad air a’ chùis?—F.—Tha sin agam. Tha maitheanas peacaidh, anns gach àit ‘s an Sgriobtuir, ceangailte ri creidimh, no tre chreidimh ann an Criosd, agus cha n-ann, an àit air-bith, ri “Absolvo te.”1
(Ri leantuin.)
¹ Séum. v. 16.—Aidichibh bhur lochdan d’a chéile, agus deanaibh úrnigh air son a chéile, chum gu’n tèarnar sibh: tha mòr-éifeachd anu an úrnigh dhùrachdaich an fhlrein.
¹ Mata iii. 5.—Chaidh Ierusalem a mach d’a ionnsuidh an sin agus Iudea uile, agus luchd-àiteachaidh na dùtcha timchioll Iordain uile. R. 6, Agus bhaisteadh iad leis-san ann an Iordan ag aideachadh am peacanna. Gniomh. xix. 18.—Agus thàinig mòran diubh-san a chreid, ag aideachadh, agus ag innseadh an gnìomhara. R. 19, Agus thug mòran diubhsan a bha gnàth-achadh dhroch innleachda, an leabhraiche leo, agus loisg siad iad am fiannuis nan uile.
1 Salm li. 4.—A’d’ aghaidh, a’d’ aghaidh féin a mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc a’d’ shealladh. Salm xxxii. 5.—Dh’aidich mi mo pheacadh dhuit, agus cha do cheil mi m’eucairt: thubhairt mi, Aidichidh mi m’eusantais do’n Tighearn; agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Salm ciii. 4.—Ach agadsa tha maitheanas; agus uime sin bithidh eagal air daoinibh romhad. Dan. ix. 4.—Agus rin mi ùrnuigh ris an Tighearn mo Dhia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearn, an Dia mòr, agus uamhasach, a ta ‘cumail coimhcheangail agus trocair rusan a’ ghràdhaicheas e, agus do’n dream a choimhdeas ‘aitheantan. I Eoin i. 9.—Ma dh’aidicheas sinn ar peacanna, tha esan frinneach agus ceart, chum ar peacanna a mhaitheadh dhùinn, agus air glanadh o gach uile neof-fhreantachd.
2 Tha Comhairle Thrent ag rádh:—”Ma their nach air-bith nach gnìomh laghail, saoradh sàcraimaidel an t-sagairt, ach gur lom ghniomh ministeireil a ta ‘ann, ag rádh ‘s ag innseadh do’n neach a ta ‘g aideachadh, gu’m bheil a pheacaidhean air am maitheadh, amhàin ma tha è ‘creidsinn gu’m bheil è-féin air a shaoradh; no mor ‘eil an sagart ‘g a shaoradh gu fior, ach amhàin ann an fala-dhà, no ma their è nach ‘eil aideachadh an aithreachain air ‘arraidh a chum saoradh, bitheadh è mallaichte.”—(Comhairle Thrent, t. 102, Paris, 1832.)
¹ Eòin xx. 23.—Cò air bith iad d’am maith sibh am peacanna, tha iad maithte dhoibh; agus cò air bith iad d’an cum sibh am peacanna gun am maitheadh, tha iad air an cumail.
1 Isà. xliii. 25.—Is mise, mise-féin, esan a dhubhas d’eu-ceartan ás, air mo sgàth féin; agus do lochdan cha chum mi air chuimhne.
2 Gniomh. iv. 12.—Agus cha’n ‘eil slàint ann an neach air bith eile: oir cha ‘n ‘eil ainn air bith eile fo nèamh air a toirt am measg dhaoine, tre am feud sinn bhi air ar tèarnadh. Gniomh. xiii. 38.—Uime sin biodh fhiios agaibh-sa, fheara agus a bhràithre, gur ann tre’n duine so a ta maitheanas pheacanna air a shearmonachadh dhuibh. R. 39, Agus trid-san a ta gach neach a chreideas air a shaoradh o na h-uile nithibh, o nach robh e’n comas duibh bhi air bhur saoradh le lagh Mhaois. Gniomh. xvi. 31.—Agus thubh-aith iadsan, Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus tèarnar thu féin agus do thigh.
3 Mata xviii. 18.—Ge b’è air bith nithe a cheanglas sibhse air talamh, bithidh iad ceangailte air nèamh; agus ge b’è air bith nithe a dh’fhuasglas sibhse air talamh, bithidh iad fuasgailte air nèamh.
4 Bha na focal “Ceangal” agus “Fuasgladh” air an gnàthachadh gu tric leis na h-Iudhaich, anns an t-seadh so. Ceangail nì, b’è sin, toirmisg è. Fuasgail nì, b’è, sin, ceadaich è. A-réir sin, is è nì a thoirmeasg a tha air a chiallachadh an so, le nì a cheangal; agus nì a cheadachadh a tha air a chiallachadh le nì ‘fhuasgladh.—Faic BARNES air Mata xvi. 19.
5 Gniomh. xv. 24.—Do bhrigh gu’n cuala sinne, gu’n do chuir dream àraidh a chaidh uainne mi-shuaimhneas oirbh le briathraibh, ag atharrachadh bhur n-inntinn, ag ràdh, Gur còir dhuibh bhi air bhur timchioll-ghearradh, agus an lagh a choimhead; do nach d’thug sinne a leithid sin a dh’áithne. R. 25, Chunnacas iomchuidh duinne, air dhuinn bhi cruinn a dh’ao’n toil, daoine taghta a chuir do ‘ur n-ionnsuidh-sa, maillle ri ar bràithribh gràdach Barnabas agus Pòl. R. 26, Daoine a thug an anama féin air son ainne ar Tighearna Iosa Criosd. R. 27, Chuir sin uime sin Iudas agus Silas uainn, a dh’inseas dhuibh na nithe ceudna le cainnt bheoil. R. 28, Oir chunnacas iomchuidh do’n Spiorad naomh, agus dhuinne, gun ni air bith tuilleadh a chuir oirbh a dh’uaillaich ach na nithe feumail so. R. 29, Sibh a sheachnadh nithe a chaidh iobradh do iodholaibh, agus fola, agus ni tachdta, agus stríopchais: uatha so ma choimhideas sibh sibh-féin, ni sibh gu maith. Slán leibh.
1 Eòin iii. 36.—An ti a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireann-ach aige; ach ti nach ‘eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, cha ‘n fhaic è betha; ach a ta fearg Dhé a’ gabhail còmhuidh air. Róm. v. 1.—Uinne sin air dhuinn a bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, tha sith againn ri Dia, tre ar Tighearn Iosa Criosd. Gal. ii. 16.—Fios a bhi againn nach ‘eil duine air fhireanachadh o oibríbh an lagha, ach tre chreidimh Iosa Criosd, chreid sinne-féin ann an Iosa Criosd; chum gu’m bitheamaid air an fireanachadh o chreidimh Chriosd, agus cha’n ann o oibríbh an lagha: oir o oibríbh an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fireanachadh. I Eòin ii. 1.—Agus ma pheachach-eas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Áthair, Iosa Criosd am firean.