Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1910 » October 1910 » An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

(Continued from page 197.)

BRIGH-ATHARRACHADH.

C. 199.—Ciod a tha Eaglais na Ròimh a’ teagasg air a chùis so?—F.—Gu’m bheil an t-aran agus am fion uile, gu fior, gu h-iomlan agus gu brighmhor air an atharrachadh gu corp, fuil, anam agus diadhachd Chriosd, agus (mar tha Leabhar-cheist Comhairle Thrent ag ràdh) gu “cnàmhan agus fèithean Chriosd.” Tha i a’ teagasg, mar-an-cèudna, ged robh an t-aran an-deigh a choisrigeadh, air a sgaradh o chéile ‘n a mhiribh cho lionmhor ‘s is àill leat, gur Criosd iomlan gach pronnag dheth: Ged robh am fion an-deigh a choisrigeadh, air a roinn ‘n a bhoinnean cho lionmhor ‘s is àill leat, gur Criosd iomlan gach boinne dheth.—(Créud Phùis IV., EAR. 5.)

C. 200.—Ciod iad na h-earrannan de ‘n Sgriobtuir air am bheil i a’ steidheachadh na barail eagalaich so?—F.—Air Eòin vi. 51-56, agus focal an òrduigh féin, mar tha iad air an sgriobhadh ann an Mata xxvi. 28, 29; Marc. xiv. 22-25; Lùcas xxii. 14-20; 1 Cor. xi. 23-28.

C. 201.—Am bheil an teagasg a ta anns an t-seathamh caibdeil de Eòin, a’ labhairt idir air sacramaid Suipeir an Tighearna?¹

F.—Cha n’eil. Bha na briathran sin air an labhairt, an car a’s lugha, trì miosan déug, mu’n do shuidhicheadh Suipeir an Tighearna. Chaidh dà chàisg seachad eadar na cuisean a ta sgriobhte anns a’ chaibdeil so, agus an t-Suipair mu-dheireadh.² Ach tha Criosd an so, a’ labhairt air an àm a bha lathair, no air an àm a bha rompa—”Mur ith sibh”; cha n-urrainn na briathran sin a bhi ‘labhairt mu Shuipeir an Tighearna, oir cha robh i ànn aig an àm air an deachaidh an labhairt.

¹ Eòin vi. 51.—Is mise an t-aran beò, a thàinig a nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith do’n aran so, bithidh e beò gu slorruidh: agus an t-aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi air son beatha an t-saoghail. R. 52, Air an aobhar sin bha connsachadh aig na h-Iudhaich r’a chéile, ag ràdh, Cionnus a dh’fheudas an duine so ‘fheòil a thoirt duinn r’a itheadh. R. 53, An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhin deimhin a ta mi ag ràdh ribh, mur i’th sibh feòil Mhic an duine, agus mur òl sibh ‘fhuil, cha’n eil beatha agaibh annaibh. R. 54, Esan a dh’itheas m’fheòil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, a ta a’ bheatha shlorruidh aige; agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. R. 55, Oir is biadh gu firinneach m’fheòil, agus is deoch gu firinneach m’fhuil. R. 56, Esan a dh’itheas m’fheòil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, tha e ‘gabhail còmhuidh annam-sa, agus mise ann-san.

² I Eòin vi. 4.—Agus bha a’ chàisg, féill nan Iudhach, am fagus. Eòin xii. 1.—An sin thàinig Iosa, sè làithean roimh an chàisg, gu Betani, far an robh Lasarus a bha marbh, neach a thog esan o na marbhaibh.

C. 202.—An ann ‘an seadh litireil, a tha na Pàpanaich féin a’ tuigsinn nam briathran ann an Eòin vi. 51-56?—F.—Cha n’ann. Na’n tuigteadh iad gu litireil, dhìteadh iad firinnean a ta air an aideachadh le Pàpanaich ‘us Pròtastanaich faraon. Thigeadh na teagasgan mearachdach so a leanas àsda:—(1) Gu’n tainig corp Chriosd anuas o nèamh, nì nach ‘eil fior. “Is mise an t-aran beò a thàinig a nuas o nèamh,” (r. 51). (2) Gu’m bheil na h-uile a ghabhas Suipeir an Tighearna air an teàrnadh. “Esan a dh’itheas m’ fheòil-sa agus a dh’òlas m’ fhuil-sa, a ta a’ bheatha shìorruidh aige; agus togaidh mise suas è air an là dheireannach,” (r. 54). (3) Nach urrainn neach air-bith nach gabh Suipeir na Tighearna, a bhi air a theàrnadh. “Mur ith sibh feòil Mhic an duine, agus mur òl sibh ‘fhuil, cha n’eil beatha agaibh annaibh,” (r. 53). (4) Cha n’eil Pàpanaich a’ gabhail a’ chupain, air an aobhar sin, ma’s ann air Suipeir an Tighearna tha an Sgriobtuir so a’ labhairt, cha n-urrainn iad a bhi air an teàrnadh.

C. 203.—O nach ‘eil na briathran so air an gabhail gu litireil le Pàpanaich, no le Pròtastanaich, ciamar anis is coir dhoibh a bhi air an gabhail, no air an tuigsinn?—F.—Tha Criosd féin a’ mìneachadh na cuise anns an dara agus ‘s an treas rann thar an tri ficheadh, “Agus ciod na’m faiceadh sibh Mac an duine a’ dol suas do’n àit anns an robh è roimhe? Is è an Spiorad a bheothaicheas; cha n’eil taibhe air-bith ‘s an fheòil: na briathran a tha mise a labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad.” Mar gu’n abradh è, O sibhse Iudhacha, tha sibh a’ smuaineachadh gu’m bheil mis’ a’ labhairt ribh, ann an seadh litireil mu itheadh de m’ fheòil agus òl de m’ fhuil. Ged chì sibh mo chorpa a’ dol suas gu nèamh, an lean sibh fathast a’ gabhail a’ bheachd so mu itheadh dheth? Bithidh m’ fheòil-sa fad às, far nach ruig duine air itheadh dh’ì. Na briathran a ta mise a’ labhairt ribh, is briathran iad a tha ‘toirt beatha, agus tha iad gu bhi air an tuigsinn gu spioradail. Thigibh do m’ ionnsuidh-sa agus creidibh annam-sa, oir is è sin na tha mis’ a’ ciallachadh le itheadh de m’ fheòil agus le òl de m’ fhuil; oir, “ann ti a thig do m’ ionnsuidh-sa cha bhi ocras gu bràth air, agus an ti a chreideas annam-sa, cha bhi tart gu bràth air.” Gheibh sibh gach sochair a ta ‘sruthadh o mo chorpa-sa, chum bhur n-ocras a shàsachadh agus uile shochairean m’ fhola, chum bhur tart a chasgadh.

C. 204.—An è do bheachd, matà, gur è tha anns na briathraibh so, dòigh dhruighteach air nochdadh na firinn a ta ag ràdh, gu’m féum sinn creidsinn ann an Criosd agus teachd d’a ionnsuidh?—F.—Is è. Tha sin gu soilleir air ‘fhilleadh anns a’ chòigeamh rann déug thar fhihead.1

C. 205.—Thigeamaid anis gu briathraibh an òrduigh. Gabhamaid eachdraidh an òrduigh féin, mar tha i air a toirt dhuinn

1 Eòin vi. 35.—An ti a thig a m’ ionnsuidh-sa, cha bhi ocras gu bràth air; agus an ti a chreideas annam-sa, cha bhi tart gu bràth air.

leis an t-Soisgeulach Lúcas agus leis an Abstol Pòl. Ciod a bha è a’ ciallachadh le ràdh, “is è so mo chorp-sa” ?1

F.—Is sàmhlachadh, no briathran sàmhlach iad sin. Tha sin soilleir (1) O’n àm air an deachaidh an labhairt. Bu chuilm shàmhlach, no féisd shàmhlachaidh a’ chàisg aig an robh Suipeir an Tighearna air a h-òrduchadh. Cha b’ urrainn na briathran “a’ chàisg so” (dol-thairis, passover), a bha air an gnàthachadh leis an t-Slànughear, a bhi air an tuigsinn gu litireil; oir cha robh anns a’ chuilim, ach amhàin cuimhneachadh air “dol-thairis” an Tighearna air ceud-ghin Israeil anns an Eiphit. (2) Tha Crìosd a’ gairm “toradh na fionain”—de’n fhion. (Lúc. xxii. 18.) (3) Gu soilleir is gnomh cuimhneachaidh Suipeir an Tighearna, “Deanaibh so mar chuimhneachan orm-sa.” (4) Tha an t-Abstol tri uairean, a’ gairm arain de na comharraidhean coisrigte. (1 Cor. xi.) Tha Crìosd ag ràdh “is è an cupan so an coimh-cheangal nuadh.” (1 Cor. xi.) Ach bho sin cha n-urrainnear a dhearbhadh gu’n robh an cupan air a bhrigh-atharrachadh gus a’ choimhcheangal nuadh. (6) Tha cainnt shàmhlach air a gnàthachadh gu tric anns an Sgriobtuir, mar sin theirear gur cuilean leòmhain Iudah, no sàmhlachear Iudah ri cuilean leòmhain.2

1 Lúc. xxii. 14.—Agus an tràth thàinig an uair, shuidh e slos, agus an dà abstol deug maille ris. R. 15, Agus thubhairt e riu, Le mòr-thogradh mhiann-aich mi a’ chàisg so itheadh maille ribh roimh dhomh fulang. R. 16, Oir a ta mi ag ràdh ribh, nach ith mi dhith tuilleadh, gus an coimhlonar i ann an riogh-achd Dhé. R. 17, Agus ghlac e cupan, agus air dha buidheachas a thabhairt, thubhairt e, Gabhaibh so, agus roinnibh eadaibh féin e. R. 18, Oir a ta mi ag ràdh ribh, nach òl mi do thoradh na fionain, gus an tig rioghachd Dhé. R. 19, Agus ghlac e aran, agus an déigh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhoibh-san e, ag ràdh, Is e so mo chorp sa a ta air a thoirt air bhu son-sa: deanaibh so mar chuimhneachan orm-sa. R. 20, Agus mar an ceudna an cupan, an déigh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan so an tiomnadh nuadh ann an fhuil-sea, a dhòirteadh air bhu son-sa.

1 Cor. xi. 23.—Oir fhuair mise o’n Tighearn an ni mar an ceudna a thug mi dhuibh-sa, Gu’n do ghlac an Tighearn Iosa aran, anns an oidche an do bhrathadh e. R. 24, Agus air tabhairt buidheachais, bhris se e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e so mo chorp-sa, a ta air a bhriseadh air bhu son-sa: deanaibh so mar chuimhneachan orm-sa. R. 25, Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an déigh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan so an coimh-cheangal nuadh ann am fhuil-sa: deanaibh-sa so, cia minic as a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan orm-sa. R. 26, Oir cia minic as a dh’iteas sibh an t-aran so, agus a dh’òlas sibh an cupan so, tha sibh a’ foillseachadh bàis an Tighearna gus an tig e. R. 27, Uimè sin, ge b’e neach a dh’iteas an t-aran so, agus a dh’òlas cupan so an Tighearna gu neo-iomchuidh, bithidh e ciontach do chorp agus do fhuil an Tighearna. R. 28, Ach ceasnuicheadh duine e-féin, agus mar sin itheadh e do’n aran so, agus òladh e do’n chupan so.

2 Gen. xlix. 9.—Is cuilean leòmhain Iudah; o’n chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom se e-féin slos, chrùb e mar leòmhan, agus mar sheann leòmhan; cò dhuigseas suas e. R. 14, Is asal làidir Isachar, a’ crùbadh sios eadar dhà eallaich. Ròm. iii. 13.—Is uaigh fhoigailte an scòrnach; labhair iad cealg le’n teangsbh; tha nimh nan nathracha nimhe fo ‘m bilibh. Isa. xl. 6.—Tha guth ag ràdh, Eigh; agus thubhairt mise, Ciod a dh’èigheas mi? Is feur gach uile fheoil, agus tha a h-òirdheirceas uile mar bhàthà na macharach. Eòin x. 9.—Is mise an dorus; ma theid neach air bith steach tromham-sa, tèarnar e, agus theid e steach agus amach agus gheibh e ionalttradh. Eòin xv. 1.—Is mise an fhionain fhiol, agus is e m’ Athair an treabhaiche. 1 Cor. x. 4.—Agus gu’n d’òl iad uile an aon deoch spioradail; (oir dh’òl iad do’n charraig spioradail sin a lean iad, agus b’i a’ charraig sin Crìosd).

C. 206.—Am bheil an Sgriobtuir an aghaidh brigh-atharrachaidh?—F.—Thà è. (1) Tha corp Chriosd air neamh, cha n-ann air an talamh.1 (2) ‘Nuair a thig Chriosd air an là dheireannach, is ann ‘an glòir a thig è.2 (3) Ma tha teagasg na brigh-atharrachaidh ceart, tha Chriosd anis air ‘isleahadh, air ‘itheadh agus air a mheirbheadh; ‘nuair a tha an Sgriobtuir ag innseadh na firinn, gu’m bheil è nis air a ghlorachadh.3 (4) Tha an t-abhlhan buailteach do ghrodadh, air an aobhar sin, ma tha brigh atharrachadh fior, tha corp Chriosd buailteach do ghrodadh, nì a tha an aghaidh an Sgriobtuir.4 (5) Tha am Biobull a’ dearbhadh nach urrainnear Dia a dheanamh le làimh duine. Tha a’ ghearrag (host) air a deanamh agus air a fuineadh.5 (6) Tha crìoch mhòr Suipeir an Tighearna air a cur air chùl; suipeir a tha chum cuimhne ‘chumail air Chriosd is é ás an làthair. Ma

1 Eòin xiv. 1.—Na biodh bhuir cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidbh annam-sa mar an ceudna. R. 2, Ann an tigh m’Athair-sa tha iomadh àite-còmhuidh: mur biodh e mar sin, dh’innisinn-sa dhuibh. Tha mi ‘dol a dh’ulluchadh àite dhuibh. Gnlomh. iii. 20.—Agus a chuireas e Iosa Chriosd d’ur ionnsuidh, a chaidh roimh-orduchadh. R. 21, Neach is éigin do nèamh a ghabhaill gu aimsiribh aisig nan uile niùhe, air an do labhair Dia le beul ‘fhaidhean naomha uile, o thoiseach an t-saoghail. Gnlomh. xx. 56.—Agus thubhairt Stephen, Feuch, tha mi faicinn nan nèamh fosgailte, agus Mac an duine ‘n a sheasamh air deas làimh Dhé. Ròm. viii. 34.—Cò a dhiteas? Is e Chriosd a fhuair bás, seadh tuilleadh fòs, a dh’éirich a ris, agus a ta air deas làimh Dhé, neach a ta mar an ceudna a’ deanamh eadar-ghuidhe air ar son-ne.

2 Mata xxiv. 30.—Agus chi iad Mac an duine a teachd air neulaibh nèimh, le cumhachd agus glòir ro-mhòir. Gnlomh. i. 11.—Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, c’ar son a ta sibh ‘n’ur seasmamh ag amharc gu nèamh? An t-Iosa so a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhuil sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol gu nèamh. Taìsb. i. 7.—Feuch, tha e teachd le neulaibh; agus chi gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e: agus ni uile threubha na talmhainn caoidh air a shon-san: gu ma h-amhluidh bhitheas. Amen.

3 Philip. ii. 8.—Agus air dha bhi air fhaghaill ann an cruth mar dhuine, dh’rioslaich se e-féin, agus bha e ùmhal gu bás, eadhon bás a’ chroinn-chéusaidh. R. 9, Air an aobhar sin dh’ardaich Dia e gu ro àrd mar an ceudna, agus thug e dha ainn os ceann gach uile ainne. R. 10, Chum do ainn Iosa gu’n lùbadh gach glùn, do nithibh a ta air nèamh, agus do nithibh a ta air thalamh, agus do nithibh a ta fo ‘n talamh. Gnlomh. ii. 33.—Uime sin air dha bhi air ‘ardachadh le deas làimh Dhé, agus gealladh an Spioraid naoimh fhaotuinn o’n Athair, dhòirt e mach an ni so, a tha sibhse nis a’ faicinn agus a’ cluinninn. R. 36, Uime sin biodh fios gu cinnteach aig tigh Israeil uile, gu’n d’rinn Dia ‘n a Thighearn agus ‘n a Chriosd an t-Iosa so féin, a chéus sibhse.

4 Salm xvi. 10.—Cha leig thu le t’aon naomh truaillidheachd fhaicinn.

5 Salm cxxxv. 15.—Is airgid agus òr lodhoil nan cinneach, obair làmhan dhaoin. R. 16, Tha beul aca, ach cha labhair iad; suilean aca, ach cha’n fhaic iad. R. 17, Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad: ni mò a tha anail ‘n am béal. R. 18, Cosmhuil riu-féin tha iadsan a ni iad, gach neach a dh’earbas asda. Isà. xliv. 16.—Cuid dheth loisgidh e san teine; le cuid eile dheth deasaichidh agus ithidh e feòil; ròstaichd e biadh, agus sàsueichear e; an sin garaidh se e féin, agus their e Aha, rinn mi mo gharadh; dh’aithnich mi an teine. R. 17, Agus do’n chuid eile dheth ni e dia, eadhon dealbh snaidhte dha-féin; cromaich e sios dha, agus bheir e aoradh dha; agus ni e ùrnuigh ris, agus their e, teasaig mi, oir is tu mo dhia.

tha corp Chriosd gu litireil a làthair anns an t-sàcramaid, cha n-urrainn an t-òrdugh so a bhi ‘n a cho-chuimhneachadh air Criosd.1

C. 207.—Am bheil dearbhadh eile agad an aghaidh brigh-atharrachaidh?—F.—Thà; na cóig càilean, no ceudfàthan a’ chuirp—fradharc, claisteachd, blasad, faireachadh agus boltanas no fàileadh.

C. 208.—Am bheil na càilean (senses) airidh air làn chreideas?—F.—Thà. As an easbhuidh cha b’urrainn fios a bhi againn air ni sam-bith. Mur bitheadh na càilean so—fradharc agus claisteachd aig na h Abstoil, cha b’urrainn iad Criosd ‘thaicinn, no ‘chluinntinn.

C. 209.—Am bheil an creidimh Criosdail air a shuidheachadh air fianuis nan càilean?—F.—Thà è. Bha uile mhior-bhuilean Chriosd air an dearbhadh leò, agus cha b’urrainnear an dearbhadh air dòigh eile. Ann an gniombraibh nan Abstol thàtar a’ labhairt air na càilean mar ùghdarras neo-mhearachdach,2 agus tha an t-Abstol Eòin ‘g an toirt mar dhearbhadh ann am briath-raibh cosmhuil ri càch.3

C. 210.—Ciamar a tha na càilean a’ deanamh fianuis an aghaidh brigh-atharrachaidh?—F.—(1) Chì fradharc na sùla nach corp duine a ta anns an abhlan-arain, no anns a’ ghearraig. (2) Tha claisteachd na cluais’ a’ dearbhadh dhuit, ma leigeas tu leis an abhlan tuiteam air an làr, nach ‘eil aige fuaim cuirp air tuiteam. (3) Tha blasad na teanga ag innseadh dhuit nach ‘eil blas feòla no fola air. (4) Ni faireachadh nan làmh a phronnadh, agus a dhearbhadh nach corp è, agus nach ‘eil cudthrom cuirp duine ànn. (5) Tha boltanas a’ toirt an dearbhadh chéudna. Tha dearbhadh a’ chreidimh Chriosdail, marso suidhichte air fianuis dà chàil—fradharc agus claisteachd. Tha mealladh na brigh-atharrachadh air a dhiteadh le fianuis nan cóig càilean. Labhraidh na Pàpan-aich air neo-mhearachdas; ach le fitinn, tha dearbhadh neo-mhearachdach againn-ne, an aghaidh brigh-atharrachaidh.—(Faic Neo-mhearachdas—IUCHAIR.)

C. 211.—Air dhuit a dhearbhadh gu’m bheil brigh-atharrachadh

1 I Cor. xi. 26.—Oir cia minic as a dh’itheas sibh an t-aran so, agus a dh’òlas sibh an cupan so, tha sibh a’ foillseachadh bàis an Tighearna gus an tig e.

2 Gnlomh. i. 3.—D’an d’rinn e mar an ceudna e-féin a nochdadh beò an déigh ‘thulangais, le mòran do chomharaibh flirneach, air dha bhi air fhaicinn leo feadh dhà fhichead là, agus e ‘labhairt mu na nithibh sin a bhuneachd do ùoghachd Dhé.

3 I Eòin i. 1.—An ni a bha ann o thùis, an ni a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilbh, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmha thaobh focal na beatha. R. 2, (Oir dh’fhoillsicheadh a’ bheatha, agus chunnaic sinne i, agus tha sinn a’ deanamh fianuis, agus a’ cur an céill dhuibhse na beatha maireannaich ud a bha maille ris an Athair, agus a dh’fhoillsicheadh dhuinne.) R. 3, An ni a chunnaic agus a chuala sinn, tha sinn a’ cur an céill duibhse, chum gu’m bi agaibh-sa mar an ceudna comunn ruinne: agus gu firinneach tha ar comunn-ne ris an Athair, agus r’a Mhac Iosa Criosd.

an aghaidh an Sgriobtuir agus an aghaidh gach uile chomas mothachaidh ann an duine; tha sinn anis a’ faighneachd an urrainn am Pàpanach féin a bhi làn-chinnteach mu fhior choisrigeadh an abhlain?—F.—Cha n-urrainn idir; do bhrigh, mar chunnaic sinn cheana, gu’m bheil Eaglais na Ròimh ag iarraidh rùnachadh a bhi anns an t-sagart aig àm frithealaidh nan sàcra-maid: Cha n-urrainn neach a bhi cinnteach gur fior shagart è, no abair gu’m bheil rùnachadh anns an t-sagart, co is urrainn a ràdh le cinneas, gu’m bheil è iomchuidh, no deasaichte gu coisrigeadh.—(Faic Ceist 126-131.)

C. 212.—Ciod a leanas, matà, mur sagart fior an sagart, no mur ‘eil rùnachadh ànn?—F.—Cha n’eil an coisrigeadh fior, agus an long sin, tha an sluagh a’ deanamh aoraidh do ni anns nach ‘eil, a-réir teagasg na h-eaglais aca-féin, ach plùr agus uisg amhàin.

C. 213.—Cia liuthad deireas eile a dh-fhaodas tachairt leis am bi an coisrigeadh air a dheanamh ‘n a ni gun bhrigh?—F.—Mur bi am plùr air a dheanamh de chruithneachd glan, no ma bhitheas am fion air a mheasgachadh, no air a thruailleadh le ni sam-bith, tha leabhar-aifirnn na Ròimh a’ teagasg nach ‘eil éifeachd anns a’ choisrigeadh. Faodaidh gaoidean eile a bhi ànn cuid-eachd, mar tha an leabhar-aifirnn céudna ag ràdh, gun fhios air-bith a bhi aig an t-sluagh air aon diubh.—(Faic Manual, t. 91.)

C. 214.—Ciamar a tha an t-abhlan air a ghabhail leis na Pàpanach?—F.—Air an teangaidh, far am bheil è air a chur le làimh an t-sagairt, agus tha è air iarraidh air an neach a ghabhas è a leaghadh ‘n a bhéul, ach gun ‘iteadh, no chagnadh le ‘fhiaclaibh.

C. 215.—Ciamar a tha an t-abhlan air a dheanamh, agus cò dheth?—F.—Tha è air a dheanamh de phlùr agus uisg; an-deigh sin, air a ghearradh, air a chomharrachadh le dealbh, no stàmp agus air a bhruch air an teine ann an inneal a ta air a dheanamh air a shon, agus a tha gle chosmhuil ri clobha-teallaich.

C. 216.—Am bheil na Pàpanach ag aideachadh gu’m faod an t-abhlan grodadh, no fàs truaillich?—F.—Thà iad. Tha leabhar-aifirnn nam Pàpanach ag innseadh gu soilleir, ‘nuair a thachaireas do’n t-sagart an t-sàcramaid (eucharist) a sgeith amach, mur ceadaich a stamag dhà a h-imleach suas, gu’m bheil na pronnagan coisrigte gu bhi gu cùramach air an dealachadh o’n chuid eile de’n sgeith, agus air an tasgadh suas ann an àit coisrigte air-chor-eigin, gus an grod iad.—(Faic Manual, t. 94.)

C. 217.—Tha eaglais na Ròimh marso, a’ teagasg gu’m faod corp Chriosd crionaidh, no fàs truaillich; ciamar a tha sin a’ dol an aghaidh labhairt shoilleir an Sgriobtuir?—F.—Tha è sgriobhte mu chorp Chriosd, “Ni mò a dh-fhuilingeas tu do d’ naomh Aon féin gu’m faic è truaillichdeachd.”—(Gniomh. ii. 27.)

C. 218.—Tha eaglais na Ròimh ag àithneadh d’ a pobull an t-abhlan a ghabhail an uair a bhitheas iad ‘n an trasgadh. Ciamar tha so mì-fhreagarrach do chleachdadh ar Tighearna agus a chuid

Abstol?—F.—Shuidhich agus fhritheal Criosd an t-òrdugh so an-deigh féisd na Càisge. Air an aobhar sin, cha robh na deis-ciobuil ‘n an trasgadh ‘nuair a ghabh lad an t-arán agus am fion.

C. 219.—Am bheil eaglais na Ròimh ag iarraidh aoradh diadh-aidh a bhi air a dheanamh do’n ghearraig choisrigte, no do’n abhlan?—F.—Thà. Tha i a’ bagradh a’ mallachd an aghaidh gach neach a their nach ‘eil aoradh gu bhi air a dheanamh dhà le Latria, sin ri ‘ràdh, an t-aoradh a’s àirde.—(Faic Manual, t. 81.)

C. 220.—Ciod i nis do bharail mu bhrigh atharrachadh?—F.—Is innleachd shàtanach i, air a sònruachadh a chum dreuchd nan sagart àrdachadh, agus a ghloir féin a spùinneadh o Dhia, le bhi gu riochdail a’ teagasg gur è an créutair cruithear a’ Chruithneir. Agus is tobar eagalach i às am bheil baoth-chreidimh agus iodhol-aoradh a’ sruthadh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice